[51]

An Darna Aite Dha’n Deach Mi

*Air a recòrdadh le BEAN NILL

BHA a bhean laghach coibhneil rium, bha mi faighinn barrachd dhan tuarasdal bhuaiche airson fuireach ann, on a bha mi car bragail air abhodach. Neor thaing nach robh e laghach, ach bha e gabhail na deoch; bha e uabhasach dona gu deoch, gu h-àraid an àm breith uans ligeil a mach reitheachan, bha amannan sònraichte aige. Bhiodh e tarraing dìreach phigeachan chóig galain, bha e fada bho hotel no sian, ’s bhiodh na pigeachan aige ann asiod; nuair a thòisicheadh e, cha robh ciall sguir aige.

Amhadainn a bha ann asheo, bha iad adol a thrusadh, agus iad adol a dhippeadh, achchuala mi fhìn ùpraid shìos as arùm, agus pronnadh is bristeadh eagalach; cha deachaidh mi sìos no sian, ’s dhfhairich mi feadhainn adìreadh na staighreadh; cha ligeadh an t-eagal dhomh a dhol sìos. Thànaig esan an sin a nuas, rug e air gualainn orms ghabh e ceathramh òrain.

Bheil siod agad?” ars esan.

Chaneilarsa mise.

Mura bheilars esanbheir taigh na galladh ort!”

Cha ruig mi leasarsa misetha mi ann mar thà!”

Dheanadh e dìosgan le fhiaclans chuireadh e eagal air duine sa bith, an sgread a dheanadh e le fhiaclan. Thill en seo sìos. “ ’S fheàrr dhuinnars esana dhol a dhippeadh nan reitheachan.”

O, chan eil fhios agamsaarsa mise.

Dhfhalbh e; fhuair e air dòigh. Cha do chuir e sian air a bhialaibh, no sian; thòisich sinn ri dippeadh nan reitheachan; bha esan abreith air areithe, agus bha ega leagail mar sin air a dhruim dìreach, agus bha e fhéin abreith air cheann air, agus bha mise aig na casan aige; agus nuair a bha mise breith air a dhà chois, bha sinnga chur air a dhruim dìreach as an troch. Agus bha aon reithe an siod aige, aguss e fearprizea bhann, phàidh e naoi notaichean air ann an Cill Fhinn. Chunna mi fhìn an reithe nuair a chaidh e suas dhan diopair, e dol mu seach mar siod, mar seo.

O,” arsa misefeumaidh gu bheil an reithe mór bochd.”

Sheall esan. “O, nach eil e diabholta!”

Dhfhalbh sinnbha abhainn pìos mór bhuainndhfhalbh mi fhìns e fhéin leis an reithe eadarainn, agus cha be sin an t-ultach beag! Dhfhalbh sinn leis an reithe, agus nigh sinn anns an abhainn e; leigeadh air ais e on abhainn.

Hala,” ars esandhachaidh agus abair ris amhiosdras glainuisge bheatha thoirt dhut.”

Dhfhalbh mi fhìn a null.

a nist a chreutairars isea rinn thu ceàrr?”

O, cha do rinn sianarsa miseach bha mac an donais agearain nach do chuir mise cearb air” ’S eadh, aparan a theireadh am bodach, ’s theireadh e daonnanCarson nach do chuir thu cearb orm, a nighean?”


* Air a recòrdadh le Fear Chanaidh. Faic Gairm, Leabhar VIII, 314, airson sgeulachd eile bho Bhean Nìll.


[52]

Thug i an sin dhomh glainuisge bheatha agus fhuair mi fhìn druthag a dhòl mifiachars isegum bi thu tapaidh.”

O, mac an deomhainarsa misecha dearg mise air!”

Ach co dhiù, bha sin seachad, agus thànaig na caoirich a stigh an sin agus chaidh na reitheachan a mach, agus bha an reithe mór atuiteam air aiss air aghaidh mar seo, mar gu robh bacagan adol air, ’s mun robh e naoi uairean a dhoidhche, chailleadh an reithe.

Ach a meudail, air lar-na-mhàrach bha iad an seo adol a thrusadh air ais. Ach a Dhia! ma bha ùpraid an ann, ’s ann a bha ùpraid an latha sin shìos as arùm! Agus dhfhairich mi dìreach mar gum bithtebhrist en grèat, mar seo a bhann, tharraing e coire air agus bhrist en grèat, agus bhanoisena truaighe ann! Ach co dhiù, thànaig fear dha na gillean a nuas, fear air an robh Cailean, agus ghabh e a mach mar siod seachad orm as achitsinn. Agus cha duirt e guth!

Dhfhalbh mi fhìn a mach dhan tobar, ’s dhfhairich mi an uinneagga togail as mo chionn gu h-àrd.

O, a ghalghadars a bhean, ’s i cur a mach a ceann air an uinneig, “O, a ghalghad, na bi slac dha, neo gheobh thu ceart urad riumsa. Mionnaich, agus bheir an sagart mathanas dhut.”

Mac an fhir-saarsa misecarson a tha mise dolga mhionnachadh?”

Oars isema bhios tu slac dha, gheobh thu ceart urad riuma!”

Thàna mi stigh, ’s bha esan shìos, abruidhinn leis fhéin. Thànaig e nuas.

Eil thu ann an sin, a nighean?” ars esan.

Thaarsa mise.

Trobhadars esan, “trobhad.”

Well, dhfheumainn car a fhreagairts a chomhairle a ghabhail. Bha e an deis toll a thoirt air an dorus, fear dha napanel doors, bha e an deis a chas a chur reimhe, ’s bha toll ann. Rug e air gualainn orm.

Cuir do cheann ann ashiod!” ars esan.

Cha chuirarsa mise.

Cuir do cheann ann!” ars esan.

Cha chuirarsa mise, ’s mi fàs na bu tapaidhe.

Mura cuirars esanbheir ifhrinn ort!”

Well, tha mi glé fhaisg air mar a thà miarsa mise.

Thill mi a nuas. Bha esan shìos, bha e cur nam both dheth shìos! Thànaig en seo àm na dìnnearach, ’s thòisich mi air deanamh dìnneir dhan fheadhainn a bha samhonadh, ’s rùisg mi am buntàta. Thànaig na gillean a stigh dhan fhang, ’s na caoirich aca. Nuair a chunnaic esan na gillean:

Halaars esanagus abair ri Cailean gu bheil miga iarraidh? Sin am fear a thug e fhéin tàchadh air adolga thachdadh, an gille aige fhéin. “Abair ri Cailean gu bheil misega iarraidh.”

Dhfhalbh mise is dhéibh mi do Chaileantha tathairgat iarraidh.” O, cha be fhreagairt a bfheàrr a fhuair mi. Dheanadh e.


[53]

spiorachdadh dha athair. Ach co dhiù, nuair a thill mise a stigh, bha dìnneir nan gillean air a cur mar sin air an ùrlar air an aiseat, agus cóig abhaig ag obair air a h-iche, am buntàta a bha mi air a rùsgadh. Chuir esan a cheann a nuas air an dorus, agus thuirt e:

Rinn mi siod, a nighean, ort letrick!”

Rinn thu siod, a mhic ifhrinnarsa mises mi breith air aphoker, “le spaoid, ach thig a nuas a sin, agus am fear ud mise mura toir mise an t-sròn dhiot! A mhic an fhir-sa!” Cha robh cùmhnan uair sin air a dhamnadh!

Ach co dhiù, dhfhalbh en seo, bha iad ann ashin. Thragh iad an seo beagan sìos. Chruinnich iad ri chéile, agus thòisich iad ri deanamh , feasgar; thànaig esan a nuas. Bha e coma, dìreach, ach rudeigin a dheanamh orm, tha mi smaointinn. Bha mi an deis an t-àite a thoirt suas. Theireadh e daonnanCha chan mise riutsa a nighean gura h-olc.”

Oarsa misechan eil mig iarraidh ort ach mar a choisinn mi.”

Cha chan mise gura h-olctheireadh esan.

Hala, nigheanars esanagus till na beothaichean tha shìos air an Dail Bhàn an siod.” Dhfhalbh mise; dhfhàg mi àsan aig an . Nuair a thàna mi nuas, thàna mi stigh air dorus achitsinn, ’s bha ena sheasamh, dìreach, air miadhain an ùrlair, agus a bhean ma choinneamh. Agus bha saithichean an air an cur a nuas gus an dugainn-sa sìos dhan sgularaidh iad. Rug e air trì chupannan agus trì tuinnsearan air muin a chéile, ’s thog e mar siod iad; lig e as iad. Thuit àsans dhfhalbh iad mar gum falbhadh deigh, ’nam pigeachan!

Trus siod, a nigheanars esan.

Trus è!” arsa misebha e na bu truiste mar a bha e reimhe. Chan eil agad ach a bhithga thrusadh!”

Ah, nach eil thu diabholtaars esan.

Thug e mach an sin bocsa mhaidseachan. “Trobhad,” ars esan“ ’s gun cuirinn ann ashiod thu. Trobhad!”

Cha robh misega radha guth. Thàinig en seo car a null goirid dhomh, is thionndaidh a bhean ris:

An ann adol a bhualadh na h-ighinn a tha thu?” ars ise.

Buaileadh esan misarsa misemac ifhrinn, agus cha bhuail e rithist mi. ’S e car as duilghe dha rinn e riamh o rugadh e, a mhiar a chur orm.”

A-a- a-hars esanchan eil unnad ach an diabhol. ’S e— —a thunnadars esan.

Wellars esan. “ ’s ann aig— —a tha mi, cuideachd, fhads a bhios mi agadsa!”

Bha mi fhìns am bodach an deoghaidh sin réidh gu leòr, bha sinn cho réidh ri dithist, ach bha sin aigloggerheadsgu math tric bho thaobh na deoch! O, thug mi bliadhna aige, cho donas gu robh e; ach bha a bhean math. Bha i truagh.

titleAn Dàrna Aite Dha ’n Deach Mi
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Bean Nìll in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page