Seann Sràid ann an Tossa de Mar.
Blaths anns a’ ghrein agus anns a’ ghaire
Le FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL.
ANN an samhradh 1951 chuir mi fhéin agus a’ bhean romhainn a dhol air chuairt do ’n Fhraing an ath bhliadhna. An ath bhliadhna bha ise cho trang ag altamras agus ag atharrachadh bhadan agus nach d’fhuair sinn fiù ’s siolpadh taobh Loch Laomuinn. An ath bhliadhna a rithist bha an té bu shine a’ dol do ’n sgoil. Agus riamh bho ’n uairsin tha rudeigin cudthromach air a bhith ann. ’S ged nach bitheadh idir, a Thì Mhóir, bha an sàiltean troimh am brògan no an uilnean troimh am frogaichean ’s bha an Caolas Frangach a’ fàs na bu leatha do Fhionnlagh.
A dh’ ìnnse na fìrinne cha b’ i eadhoin an Fhraing a bha fodham, ach an Spàin cuideachd!
Bha mi riamh rudeigin lachdunn anns a’ chraicionn, agus an uair a bhiodh so a’ cur dragha air mo mhàthair theireadh mo sheanmhair (air taobh mo mhàthar) “Tut, ’s gu dé an t-iongnadh ’s fùil nan Innseanach ann air taobh athar.”
Bha mi greiseag aoise mun do thuig mi gur e Innseanach a bh’ aig mo sheanmhair air duine sam bith a rugadh an taobh a muigh de ’n rìoghachd so (cha robh i eadhoin cìnnteach as na h-Eireannaich)
Tha e coltach gu robh boirionnach sgoinneil ann an Scarasta bho chionn fhada air an do dhubh dh’ fhailich fear a lorg. Bha i a’ fuireach leatha fhéin ann am bothan sgrath an iomall a’ mhonaidh, a’ tighinn beò air éiginn, agus an eiseamail connaidh ach na thigeadh leis a’ mhuir-làn. Là de na làithean, anns a’ bhliadhna 1588, bha i a’ sireadh a’ chladaich an uair a thuit i air loirean beag duine bàthte anns an tiùrra. Chuir i car dheth le gob a bròige, agus nach ann a leig e osna bheag fhiadhta!
Thilg i thar a guailne e, agus rinn i air a bothan mar gum biodh an teine biorach air a sàilean. Dh’ fhàisg is thiormaich i e, agus nach ann a thainig e thuige. Cha robh facal Gàidhlig aige (seòladair Spàineach far na h-Armàda) agus mar sin cha robh cothrom diùltaidh aige . . . .
Sin an dithis bho ’n tàinig mise, agus riamh bhon a chuala mi an sgialachd tha an Spàin air a bhith ’ga mo tharraing.
Am bliadhna, ’s am màl gun phàidheadh ’s cìs a’ feitheamh thall ’s a bhos, thuirt mi ri Maireid gu robh sinn a’ dol le chéile do ’n Fhraing ’s do ’n Spàin. Agus mun tainig i mun cuairt bha mi air a’ fón ag òrdachadh an aiseig.
Cho luath agus a bha sinn far an talmhainn, anns an itealan a thug sinn fhéin ’s an càr thar a’ Chaolais gu Le Touquet, bha mi seulaichte gun do rinn mi an rud ceart. Thainig a’ bhan-stiùbhard timcheall a’ tairgse dhuinn uisge-beatha aig not am botull aguscigarettesaig tasdan is sia sgillinn a’ phacaid. Chan eil an t-astar adhair ach fichead mionaid, agus gann a bha an iomlaid ’na mo phòcaid an uair a bha sinn air talamh na Frainge.
Tha na h-Eòrpaich, mar a tha fios aig a h-uile duine, a’ draibheadh air an taobh cheàrr de ’n rathad. Tha iad a’ deanamh so a dh’ aon ghnothaich. Cha do chuir e dragh sam bith ormsa, oir bhitheamaid a’ deanamh caran an aon seòrsa anns Na Hearadh. A mach a rinn sinn agus sròn a’ chàir a deas—air Poix. Bha na polasmain a’ feadarachd gu h-uabhasach, ach shaoileam gum b’ e an gliocas cumail romham a’ smèideadh riutha ’s blìon orm. An uair a thog mi facal no dhà Fraingeis thuig mi gu robh mi a’ dol suas sràid aon-rathadach, ach bha sin tuilleadh is fadalach. Cha do rug iad idir orm.
Thainig òirnn frith-rathadan a ghabhail gu Poix ri linn ’s gu robh an rathad mór ’ga leudachadh no rudeigin. Mar sin chaidh sinn troimh bhailtean beaga iomallach air an Somme nach robh sinn air fhaicinn air a chaochladh. An sud ’s an so bha tighean fàs le tuill nam peileirean ’s nan gunnachan móra anns na ballachan. Ach anns a’ chòrr de ’n Fhraing chan eil sgial air an dà chogadh mhór a reub an dùthaich.
Tha Poix mu mheud Steòrnabhaigh. Anns gach dòigh eile tha an dà bhaile tur eadar-dhealaichte. An uair a ràinig sinn aig meadhon oidhche bha na cabhsairean mu choinneamh nan tighean-seinnse làn le daoine aig ithe ’s ag òl, agus càraidean an sud ’s an so an gaol ’s a’ dannsa.
Bodach, ann an ceann-a- tuath na Frainge, a’ treabhadh le dà dhamh. Gu tric bithidh an crodh-bainne ’gan cur an gréim.
Bha seòrsa de dh’ iongnadh orra anns an tigh-òsda an uair a nochd sinn, oir leis cho leibideach ’s a bha an Fhraingeis agamsa bha mi air an là ceart ach a’ mhìos cheàrr ainmeachadh anns an litir a chuir mi thuca ag iarraidh seòmair. Ach chan e rud cho beag sin a chuireas Frangach sìos no suas. Ann an tiota bha caileag bheag mhiadhta nach cuireadh sibh a thogail mhòna a’ bochdail suas an staidhre le baga mór uabhasach anns gach làimh agus baga beag tomadach fo gach achlais. “Non, non, monsieur”ars ise an uair a dh’ fhiach mi ri làmh chuideachaidh a thoirt dhi. Tha sin a’ ciallachadh “Teann, chan fhaicinn ás mo rathad thu”.
Ged a tha Mairead fileanta ann am Fraingeis, cas dhith cha rachadh a mach còmhla rium an là ’rna mhàireach an uair a lorg mi gu feumainnplugùr airson mo ràsarelectric. (An uair nach urrainn dhomh ach gann a chur ann an Gàidhlig, ciamar air an t-saoghal a bha mi a’ dol ’ga chur ann am Fraingeis?) Lorg mi bùtha fhreagarrach, ach an déidh dhaibhrefrigeratoragus gramafon agushoovera thairgsinn dhomh rinn mi an rud glic. Thill mi chun an tigh-òsda agus thug mi an ràsar air ais chun na bùtha. Abradh sibhse“Oui, oui”an uairsin. Tha mi an dùil gu leigeadh Frangach, le làn a chìnn de Bheurla, leat bàthadh mur a b’ urrainn dhut cuideachadh iarraidh ann am Fraingeis.
Ràinig sinn Paris mu mheadhon là air Di-Sathuirne fliuch, an uair a bha na càraichean air na sràidean ’nam mìltean, agus, cho fad ’s
Chaidh mi timcheall air an Arc de Triomph ceithir uairean oir cha b’ urrainn dhomh an corr a dhèanamh. An uair a bha dùil ’am gu bithinn a’ dol mun cuairt fad an là mar speileig air ceann sraingean mu cheann balaich bhig, fhuair mi siolpadh de ’n Champs Elysées, agus, arsa mise rium fhéin “Beatha no bàs!” Dhùin mi mo shùilean agus bhreab mi anexhilarator (mar a bh’ aig bodach an Obain air) ged a bha càraichean a’ tighinn orm bho thuath ’s bho dheas. Stad iad. Agus ann an tiota dh’ ionnsaich mi draibheadh ann am Paris. Cùm ort, agus thoireadh càch an aire orra fhéin!
An Seine fo ’n ghealaich. An Louvre. Notre Dame. Am Moulin Rouge. Cha do chuir duine a sgrìobh riamh briag orra. Tha sìth agus gàire agus maise agus eachdraidh agus beannachd air an colmadh ann am Paris mar nach eil iad ann an àite eile air an t-saoghal. Tha e daor ma throgras tu. Tha e saor ma throgras tu. Lorgaidh tu gach nì a réir do rùin fhéin. Tha mi an dùil gu robh sinn air fuireach far an robh sinn mar a b’ e gun do thòisich i a’ sìleadh, agus thòisich teas a’ Mhuir Mheadhon-thìrich ’gar tarraing a deas.
Sìos leatha, sìos troimh ghleann an Loire far am bheil an abhainn mhór ’ga toinneamh fhéin troimh na ceudan mìle de fhìon lios. Na fìonain a’ fàs ri fàl an rathaid. A’ ghrian a’ fàs nas teotha. Sìos troimh Vouvray far am bheil fìon na dùthcha r’ a bhlasad an asgaidh ann am bùthan beaga ri taobh an rathaid mhóir. Bha a’ tighinn ormsa stad gu math tric, oir bha i teth, teth, agus mar sin bha gach oidhche ’gar glacadh ’s gun sinn cho fada ’s bu chòir.
Chan e gu robh còir ann. Chuir sinn romhainn nach robh sinn a’ dol g’ar marbhadh fhéin le cabhaig. Anns a’ mhadainn cheannaicheamaid botull fìon (tasdan is sia sgillinn), trì troighean de aran Frangach (gròt), bìdeag ime agus càise agus ubhal no dhà, agus dh’ itheamaid ar biadh far am buaileadh an t-acras sinn. Gach oidhche bha sinn ag ithe dìnneir mhóir, ach sud mar a bha sinn a’ deanamh fad an là.
Cha do rinn sinn ullachadh roimh làimh ann an àite sam bith deas air Paris, agus cha do thilleadh sinn air falbh bho aon tigh-òsda far an do rinn sinn foighneachd. Bha cuid dhiubh math agus cuid dhiubh neònach, ach, fad an t-siubhail, bha sinn a’ taghadh àiteachan nach robh tuilleadh is daor. Cha dìochuimhnich mi gu bràth Le Dorat.
Thainig an oidhche oirnn gun fhios duinn, oir mar a b’ fhaide deas a bha sinn ’s ann bu ghiorra a bha an là a’ fàs. An uair a ràinig sinn Le Dorat, air nach cuala mise no duine eile ach muinntir an àite, guth riamh, stad sinn agus chuir mi Mairead( ’s i cho fileanta) a steach a dh’ fhoighneachd am faigheamaid seòmar. Thainig i a mach agus a sùilean air stoban. “Cóig tasdain” ars ise “agus tha e a’ coimhead snog. Tasdan airson a’ chàir.”
Bha an seòmar snog agus glan le leabaidh mhór le boghstair itean. Fhuair sinn brod na dìnnearach cuideach, ach a mhàin gu robh amharus
Bàtaichean nansardinesann an Collioure. Chì sibh na solais air am bheil mi a’ bruidhinn an crochadh air deireadh nan eathraichean.
Cha dìochuimhnich mi gu bràth a’ chiad sealladh a fhuair mi de ’n Mhuir Mheadhon-thìreach, gorm agus gathan na gréine a’ leumadraich air. Tha neart agus torman agus, air uairean, sìth anns a’ mhuir air an eòlaiche mise, ach tha blàths anns a’ Mhuir Mheadhon-thìreach a tha ’ga do thàladh gus d’ òrdag mhór a bhogadh ann.
B’ e ar ceann-uidhe baile beag iasgaich, Collioure, faisg air crìoch na Spàine. Cha robh ann aon uair ach baile beag iasgaich ach thòisich luchd-turuis a’ cromadh air cho luath ’s a fhuair luchd-turuis a mach gum biodh Picasso a’ cur seachad greisean ann agus a’ peantadh ann. Ach a dh’ aindeoin luchd-turuis tha Collioure fhathast mar bhaile iasgaich sam bith eile. Chitheadh sibh seabhaltaich ann an seann léintean liath (an àite geansaidh) agus air an casan-ruis (an àite bhòtanan) a mach ’s a steach a measg nam bikìnis mar gu robh iad socharach
Bha bàtaichean nansardinesair an tarraing air an tràigh a measg an luchd snàmh agus gréinidh. Tha iad tur eadar-dhealaichte bho na bàtaichean iasgaich againne, cus nas giorra anns an druim agus le bascaid mhór anns am bheil solus crochte thar deireadh gach té aca. Is ann leis an t-solus a tha iad a’ deanamh an iasgaich. Tha an làmpa a’ tarraing nansardinesagus thàtar an uairsin ’gan sguabadh a steach ann an tàbh.
Fhad ’s a bha sinn ann an Collioure cha do dh’ ith sinn gréim am broinn an tighe. Bha i cho blàth aig meadhon oidhche agus gum bithinn ’na mo shuidhe ás mo léinidh aig bòrd beag ri taobh na mara, le gloinne fhìon ’na mo làimh agus am BBC agus Gairm mìle mìle air falbh.
Bha dùil ’am gu rachadh Mairead ás a ciall air an rathad do ’n Spàin. Lean sinn rathad na mara, rathad caol càm an crochadh ri cliathaich na beinne ceithir mìle troigh os cionn na mara. Rathad cunnartach.
Tha an Spàin, fo riaghladh Franco, fo spòg an airm, agus tha saighdearan le gunnachan air an guailnean air gach oisinn. Théid do stad ann an teas-mheadhon a’ mhonaidh, mìltean bho chlachan no bho thigh-còmhnaidh. Tha so rudeigin mì-chneasda an toiseach, ach mar as trice cha dean na saighdearan ach sùil a thoirt air do phassport, ach gu mì-fhortanach tha iad buailteach a bhith dùr greannach agus cha chan iad fiù ’s “là math”. Tha iad a’ siubhal nan rathaidean an tóir air meàrlaich ’s air ceanarcaich a tha fhathast anns na beanntan, no a’ cumail sùil air na ceàrdanan (mar a their sinne riutha) a tha a’ siubhal na dùthcha ann an dròbhan a’ tighinn beò mar as fhèarr a dh’ fhaodas iad.
Tha barrachd shaighdearan anns an roinn san robh sinne na tha ann an àite sam bith eile san Spàin. B’ i Catalonia an stàit a b’ fhaide a sheas an aghaidh Franco agus, mar sin, tha sùil ’ga cumail oirre fhathast. Tha na Catalans uasal, pròiseil, agus measail air saorsa, ach chan eil mi an dùil gu bheil aimhreit air thalamh fa-near dhaibh an diugh. Bha mi a’ bruidhinn ri fear a chaill a mhaoin agus a theaghlach ann an cogadh Franco, duine a bha beairteach thar tomhais ’na òige ach a tha nise ’na bhuidealair ann an tigh-òsda. “Ach!” ars esan “Tha na seann làithean seachad. Agus ged a chaill mise na bh’ agam feumaidh mi aideachadh gun do shàbhail Franco an Spàin agus gun do leasaich e staid an duine bhochd.”
“Am bheil saorsa agaibh?” arsa mise.
“Thà” ars esan. “Faodaidh sinn an rud a throgras sinn a dheanamh fhad ’s nach can sin ‘Tigh na Galladh air Franco’ .”
Tha mi a’ dleas nan làithean a chuir mi seachad ann an Spàin mar na làithean bu shona a bh’ agam riamh. Tha an sluagh càirdeil agus gàireil. Cha chuir dad sìos no suas iad agus tha iad a’ dol gu uchd an dìchill gus an luchd-turuis a thoileachadh. A dh’aindeoin sin, chan eil iad dìblidh no tràilleil, agus chan eil an làmh a mach airson a’ bhuinn-duaise mar a tha anns an Fhraing.
An tràigh agus an seann chaisteal ann an Tossa.
Ri lìnn agus gu bheil an dùthaich bochd tha prìsean ìseal. Trì tasdain thar fhichead airson rùm do dhithis (leis a h-uile biadh) ann an tigh-òsda fìor mhaith. Seachd sgillinn airson gloinne searaidh. Cóig sgillinn airson gloinne bhranndaidh. Deich tasdain fhichead airson paidhear snog de bhrògan bhoireannach.
Ann an Cadaquez thachair mi ri duine cho laghach ’s a chunna mi riamh. B’ e iasgair a bha ann an Sebastian ach bha e a’ cur seachad an t-samhraidh a toirt luchd-turuis air cuairtean mara ’na bhàta. Deich tasdain airson uair a thìde co-dhiùbh a bha dithis no dusan anns a’ chuideachd.
Gheall mi dha gun coinnicheamaid e aig dà uair, ach chaidh rudeigin ceàrr agus bha e trì an uair a ràinig mi an lamraig. Bha Sebastian an sud a’ feitheamh gu ciùin, socair, gun uallach air thalamh. Mar a tigeadh an Senor cha tigeadh e. Gu dé an diofar?
Cha robh stiall air ach luideag de léinidh agus briogais chanabhais. Bha an craicionn cho cruaidh ris an leathar air a chasan. Cha robh aon fhacal Beurla aige, agus aig an t-Sealbh fhéin a tha fios ciamar a rinn sinn seanchas, ach sinn fhéin a rinn. Thug e a mach á bàgh Chadaquez sinn sìos an cladach gu Port Lligat far am bheil an tigh aig Salvador Dali. Agus b’ e sin an tigh, ’na sheasamh ann an gàrradh mór de chroinn-ola. Bha Sebastian cho uasal á Dali agus ged a bu mhac dha fhéin e, agus ged nach fhaca e gin de na dealbhan aig Dali riamh.
An uair a ràinig sinn tìr thug mi Sebastian suas gu cafe mór brèagha làn de luchd-turuis agus thairg mi drama dha. Thuirt e gun gabhadh e gloinne anisette agus an uair a dh’ fhoighnich mi dheth an gabhadh
Bha Sebastian titheach air dealbh fhaotainn dhe fhéin ’s de’n Senora.
Dh’ fhuirich sinn cho fada anns an Spàin agus gun do theab mi mi fhéin a mharbhadh a’ draibheadh air an t-slighe dhachaidh, uaireannan a’ siubhal suas ri cóig ceud mìle ann an là. Ach cha do rinn mi gearain agus cha dèanadh air dad a chunna mi riamh. Is ann a tha mi taingeil do ’n té ud (ma bha a leithid ann) a lorg an duine beag lachdunn anns an tiùrra agus a thug dhachaidh e. Mur a b’ e ise ’s dòcha nach robh mise air an Spàin fhaicinn fhathast.
title | Blàths anns a’ Ghrèin agus anss a’ Ghàire |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |