Cur Fàs Agus Ath-àiteachadh Eilean Hiort
RUAIRIDH CAIMBEUL
O CHIONN còrr agus ceithir cheud bliadhna air ais chaidh sluagh bochd an eilein iomallaich so a losgadh gu bás le cuilbheartachd ghràineil dithis Ghoill a bha chòmhnaidh air an eilean aig an àm. Chan eil eachdraidh a’ toirt iomradh ro chinnteach air an dòigh san do thachair do ’n dithis dhaoine so a bhith air an eilean, ach tha e ro choltach gur h-e reubairean mara bh’ annta, oir bha reubaireachd air muir cumanta aig an àm, agus ’s ann le eagal luchd-reubaidh a chuir na Hiortaich iad fhéin anns an t-suidheachadh dhosgainnich a chosd dhaibh am beatha aig an àm. B’ e Dùgan agus Fearchar an dithis a thug léir-sgrios anns an dòigh a leanas air
Eilean Hiort.
B’ e latha grianach samhraidh a bha ann, agus bha fàbhan brèagha gaoithe séideadh o’n àirde ’n earra-dheas, gu ciùin shocrach a steach an loch. Bha na luinn a dannsadh leis an teas air gob an Dùin, agus bha trì beanntan Hiorta ri togail an cinn àrda suas do ’n iarmailt ghuirm anns nach robh fiù ’s aon sgòth bheag ri fhaicinn. Bha na h-eòin dhubha a’ gearradh shithidhean o chreag gu creig agus o uchdach gu uchdaidh, a’ nochdadh an sòlais agus an aoibhneis ann a bhith air ais eile aig eilean agus stacannan an gaoil. Cha robh luchd-àiteachaidh an eilein, cho tràth air an latha, air gluasad gu uisge no gu monadh, agus bha sàmhchair agus mór thosd ’na laighe air a’ bhaile.
Bha Dùgan agus Fearchar shuas anns na mullaich aig bearradh nan creag, eadar Oiseabhal agus Conachair far an robh Caolas Bhoraraigh aug an cuan an ear a dh’ ionnsaigh nan Eileanan Flannach agus an Eilein Fhada fa chomhair an sùla, ach cha b’ ann air an t-sealladh a bha mu’n coinneamh a bha iad idir a’ smaoineachadh. Chunnaic muinntir a’ bhaile iad a’ ruith sìos o’n bhearradh mar dhaoine air bhàinidh agus ag éigheach àird an cinn gu robh na Goill—b’ e so na reubairean mara—ann an caolas an eilein agus a’ deanamh cùrsa air beul an loch. Ghlac eagal oillteil na Hiortaich air ball, agus chruinnich gach mac agus nighean màthar a bh’ air an eilean do ’n teampall am meadhon a’ bhaile, a chum aslachadh ri ’n Cruthaidhear an teàrnadh o ’n luchd-spùillidh ana-cneasda agus neo-thruacanta so a bha tighinn a rithisd a dheanamh sgrìos orra.
Nis, b’ e iad a dhol do ’n eaglais a cheart rud a bha Dùgan agus Fearchar ag iarraidh. Cha robh bàta no coslas dragh sam bith an Caolas Bhoraraigh, ach bha fuil a’ mhortaidh a nis a’ ruith le dian chabhaig an cuislibh Dhùgain agus Fhearchair, agus cho luath ’s a chunnaic iad gu robh an sluagh uile air cruinneachadh do ’n teampall, rinn iad cabhaig sìos a dh’ ionnsaigh a’ bhaile, agus air dhaibh dorus an teampaill a dhùnadh ’s a ghlasadh o’n taobh a mach, chuir iad aithne teine ri tughadh na h-eaglais. Ann an cairteal na h-uarach bha an teampall, o cheann gu ceann, ’na smàl dheirg agus loisgeadh
An acarsaid mar a tha i an diugh.
Thòisich iad a nis gu h-innleachdach a’ dealbh uirsgeulan a chuireadh iad gu faicilleach mu choinneamh a’ Bhàillidh an uair a thigeadh e air a thurus bhliadhnail á Dun Bheagan air an ath shamhradh. Mar so smaoinich iad gun innseadh iad sgeul a’ chruadail agus naidheachd ro bhrònach do ’n Bhàilllidh mu’n chall anabarrach a thainig air an eilean. Cho luath ’s a bhuail an sgoth an cladach leum Dùgan agus Fearchar an còmhdhail a’ Bhàillidh le uirsgeulan agus bas-bhualadh, a leig ris do ’n duine sin agus d’ a luchd sgiobaidh gu robh gnothaichean fada o bhith réidh air an eilean. Bha an doilgheas is am mulad, ma b’ fhìor, cho mór is nach b’ urrainn dhaibh, car ùine, innseadh ceart mar thachair; ach an uair a fhuair iad mu dheireadh cothrom na teangaidh thuirt iad ris a’ Bhàillidh gun tainig plàigh uabhasach mharbhtach do ’n eilean, goirid as déidh do ’n sgoth tilleadh dhachaidh air an turus mu dheireadh, agus gun do chaochail gach beò-chreutair ach iad fhéin. Bha sgeul na dunaidh aca ri innse mu’n dòigh anns an do chaomhnadh am beatha fhéin, le teicheadh o ’n bhaile a dh’ ionnsaigh nan creag, agus mar a thainig iad, gu caol, troimh ’n bhliadhna le bhith ag itheadh nan eun a bha iad a’ tàrsainn air uchdaichean nam bearraidh agus an sgoran nan creag. Tha e ro choltach gun do chreid am Bàillidh gach smid dhe so mar fhìrinn, agus dh’ iarr e air an sgioba gabhail aig na daoine le biadh is deoch cho luath ’s a b’ urrainn iad.
Bha nis am Bàillidh ag iarraidh an sgoth a chur ma sgaoil leis gach
“A bheil mart air an eilean?” thuirt fear, ach bha Dùgan agus Fearchar balbh agus bodhar agus iad gus an sùilean a sgeith a mach ás an cinn ag amharc cumadh an nì so nach tug iad fa-near riamh roimhe so air an eilean.
“ ’S e duine th’ ann,” arsa fear eile.
“ ’S e boireannach a th’ ann,” ghlaodh iad an sin le chéile, ach chunnacas gun do chaochail an dithis thruagh a bha mar riutha an dreach gu h-obann, gu robh am fiaclan a’ sneagardaich agus an glùinean, ach gu beag, a’ lùbadh fòdhpa.
Thainig a nis an t-seann bhean d’ an ionnsaigh, agus dh’ innis i dhaibh uile mar thachair agus mar thug ise i fhéin troimhe, le bhith ’g falach anns na creagan air an latha agus a’ tighinn a dh’ iarraidh bìdh a dh’ ionnsaigh a’ bhaile air an oidhche. Cha b’ urrainn a nis Dùgan agus Fearchar am beul fhosgladh air dhòigh sam bith, a chum iad fhéin fhìrinneachadh, agus cha mhotha dh’ fhiach iad ris. Chaidh an cur an gréim air ball agus an ceangal air bòrd, agus sheòl an sgoth gu stac, ann an Caolas-an-eilein, a bha cóig cheud troigh air àirde, agus mu shia mìle mara o Eilean Hiort. Chuir iad Fearchar air tìr anns an staca sin gu e fhéin a thoirt beò mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh e. Bha fios aig Fearchar, glé ghasd, nach robh ann ach am bàs dha co-dhiùbh, agus thilg se e féin thar na lice do ’n mhuir air ball. Mar sin bhàthadh gu h-an-iochdmhor ’nam fianais duine aig nach robh iochd sam bith do chàich. ’S e Stac an Armainn as ainm do ’n staca so gus an la-an-diugh. Thill an sin am Bàillidh air ais a dh’ ionnsaigh Eilean Shòghaigh, eilean cruinn àrd, mar chruaich no mar bheinn ’na sheasamh gu corrach, cnuachdach air cùl Hiorta.
Bha na caoraich air an eilean aig an àm sin, mar an diugh, a chionn chan eil cunntas cuin a chaidh na caoraich bheaga so a chur air an eilean an toiseach, ach co-dhiùbh chaidh Dùgan a thilgeadh air tìr ann a’ Sòdhaigh, agus dh’ fhàgadh an sin e gu bhith beò no marbh mar a dh’ fhaodadh e. Chan fhaodar dìochuimhnich innse gun tug am Bàillidh leis an t-seann bhean á Hiorta, agus an uair a bha gach nì réidh aon uair eile shuidhich e a chùrsa air Caolas na Hearadh, agus le cuideachadh caitean gasd gaoithe o ’n àird an iar-thuath ràinig iad uile Dun Bheagan gu tèarunite slàn. Tha cunntas beul-aithris ag innse gu robh Dùgan fhathatst beò air an eilean air an ath shamhradh, nuair a thadhail sgoth a’ Bhàillidh a chum beagan de na caoraich bheaga thoirt do Dhun Bheagan gu feum an uachdarain, ach mar thig crìoch gach duine gu crìch air aon dòigh no dòigh eile fhuaradh a chnàmhan air an treas samhradh ann am bothaig bhig am fasgadh nan creag air
Bha nise Hiorta fàs fad àireamh bhliadhnaichean, agus thòisich na Hearaich agus na h-Uibhistich le chéile a’ tagairt còir air. Bha na Hearaich ag agairt seilbh air, a chionn ’s gum bitheadh am bàta-tadhail a’ gabhail a turuis d’ a ionnsaigh gu daonnan troimh Chaol na Hearadh, agus bha Dòmhnallaich Uibhist ag iarraidh còir air a chionn is gu robh Uibhist mu dheich mìle na bu dlùithe dha na cladach na Hearadh. Thainig an gnothach gu connspaid agus connsachadh mhì-eireachdail eadar na h-Uibhistich agus Clann ’ic Leòid na Hearadh, agus bha e ro choltach gu robh tuasaid gu bhith air a bonn a thaobh na cuspaireachd so a bha eatorra. Mu dheireadh chuir na Dòmhnallaich bàirlinn gu muinntir na Hearadh, a’ toirt dùbhshlan dhaibh ann an réis iomairidh gu Eilean Hiort, an sgioba a bheireadh a mach an t-eilean an toiseach gu bhith air am fàgail ’nan luchd-àiteachaidh air an eilean.
Dh’ aontaich gach taobh, gu toileach, leis an dòigh-dearbhaidh so, agus chaidh luchd-iomairidh, cho sgoinneil ’s a bha anns an dà eilean, a thaghadh le mór chùram. Bha na Hearaich anns an àm sin, mar an diugh fhéin, ’nam maraichean foghainnteach. Bha iad air an togail ri maraireachd agus móran dhiubh ag ionnsachadh seòladaireachd agus sgoil-mhara le bhith daonnan ’nan làmhan air birlinnean nan daoine móra agus nan uachdarain.
Feumar aideachadh ged a tha seòladaireachd agus maraireachd nan Uibhisteach an diugh air tuiteam air ais ann an tomhais, gu robh birlinnean Chlann ’ic Ailein, no Bhaile Raonaill, ainmeil air còrsaichean siar Alba, Shasuinn agus Eirinn aig an àm mu’m bheil sinn a’ sgrìobhadh agus cha chreid mi nach fhaod mi ràdh gur gann a bha ’n leithid idir ann.
Chaidh mar sin là shuidheachadh airson an réis iomramh so a dhearbhadh, agus a chum aig a’ cheart àm luchd-còirich an eilein a shocrachadh air dhòigh ’s nach b’ urrainn neach, taobh seach taobh, a bhith mì-theagmhach mu’n chùis. Air madainn àraidh aig deireadh an earraich tharraing dà bhirlinn dhusan-ràmhach suas ri taobh a
Bha beagan gaoithe o ’n àird an iar-thuath air taobh a muigh nan àird, agus a chionn ’s gu robh an sruth-tràghaidh, mar an ceudna, ag èaladh gu deas dh’ iarr gach stiùiriche còmhnadh an t-srutha ’s na gaoithe le cùrsa dheanamh air Eilean Héisgir, aig a’ cheart àm a’ toirt an aire nach tuiteadh iad na b’ fhaide deas, a chionn dheanadh sin an t-slighe chur gu mór am meudachd dhaibh. Aig tilleadh an t-srutha bha a’ ghaoth ’s an sruth an aghaidh a chéile agus a’ deanamh beagan cladhach anns a’ mhuir, nach robh idir ro thaitneach dhaibhsan a bha nis air an cur thuige le spiorad na strìthe agus le braisead an iomraidh.
Bha lethcheud mìle ’na astar dheuchainnich eadhon do ghàirdeanan lùthmhor an ama sin, agus thug Colla MacLeòid fainear gum b’ fheàrr d’ a chuid fhir iad fhéin a chaomhnadh cho math ’s a dh’ fhaodadh iad, gun astar a chall, gu sònraichte gus an tigeadh iad fagus do ’n eilean. Bha nis a’ ghrian seach a h-àirde agus ag iarraidh a dh’ ionnsaigh na h-àirde sin far am faicte mullaich nam beanntan Hirteach, mar gum b’ ann ’gan stadhadh fhéin a mach á aiginn a’ chuain gu fhaicinn có iad so a bha tighinn a dh’ amharc orra. Bha Cliseam na Hearadh, Mèalaiseal Leódhuis, Eubhal Uibhist agus Cuilthionn an Eilein Sgitheanaich fhathast ri’m faicinn gu glan shoilleir san àird an ear, ach bha iad a’ sìoladh ás an t-sealladh, uidh air n-uidh, mar gum b’ ann ri call sùim anns a’ mhuinntir shanntaich so a bha cur an cùlaibh riutha fhéin, agus an aghaidh, mar eilthirich, air Hiort iomallach a’ chuain.
Cha robh a nis ach deich mìle eadar iad is cladach; bha ochd uairean a thìde on dh’ fhàg iad Ob na Hearadh; bha Eilean Bhoraraigh mu dhà mhìle bhuapa air an làimh dheis, agus thòisich gach sgioba a’ cur na bha ’neart air fhàgail aca anns an obair throm a bha fhathast air thoiseach. Thòisich treum-iomairt da-rìribh an àm dol seachad air Stac an Armainn, agus mu shia mìle o ’n eilean bha fear an sud ’s an so a’ tilgeadh dheth mìr aodaich, gu e féin fhionnaireachadh
Mar tha iomadh sgeula neònach fuaighte ri móran ainmean anns an eilean iongantach so, ’s e Gob Cholla theirear fhathast ris an spuir creige so ann a Hiorta. Is iomadh budhaigir, scràbaire, làmhaidh, fulmair agus gearra-breac a ghabh sitheadh air iteig seachad air o ’n là ud, agus is iomadh borbhair, carbhanach, smalag, liù agus bodach-ruadh a bhios muinntir Hiorta, le ’n slatan goirid agus le ’n driamlaichean fada, ag iasgach ri taobh a’ ghuib ainmeil so.
(Chaidh an t-iomradh so a sgrìobhadh mus do dh’ fhàsaicheadh Hiort sa’ bhliadhna 1930. Tha e a nis, mar tha fhios aig na h-uile ath-àiteachadh a rithist.)
title | Cur Fàs agus Ath-àiteacheadh Eilean Hiort |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Ruairidh Caimbeul in Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |