[71]

Sean Eolas-Luibh

(13) EALA-BHUIDHE

ALASDAIR MACILLEMHAOIL

Tha iomadh seòrsa den lus so afàs air feadh ar dùthcha. Gheibhear e fo ainmean eile mar Allas Mhuire, Caod, Aslachan Chaluim Chille; anns aChuimrigY fendigaid (an lus beannaichte); agus saFhraingeisla toute- saine.

Faodar mar sin a thuigsinn gu robh e air a mheas mar luibh anns a robh iomadh buaidh. Bha ena chleachdadh aig na sean Ghaidheil dos dheth a ghiùlan gu fuadach a chur air gach dòlas. Bfheàirrd am bainne gaisean beag den eala-bhuidhe sachuman aig àm bleoghainn.

A réir beul-aithris be so am flùr a biomhuinn le Calum Cille, agus nam faighte an lus gun a shireadh ghleidheadh e neach bho fhiabhrus, agus cha rachadh aig na sìthichean air a thogail leò is e fo bhuaidh cadail:

Achlasan Chaluim Chille,
Gun sireadh gun iarraidh,
Cha toir iad as do chadal thu
Is cha ghabh thu fiabhras.

Air a bhruich còmhla ri alm bheireadh e dath buidhe, agus dheanadh am flùr an t-uisge-beatha dearg mar am fìon.

Agus tha an rann so atoirt teisteas air cho luachmhors a bha an lus:

Eala-bhì, eala-bhì, mo niarach neach aig am ,
Buaineam thu le mo làimh dheis, teasdam thu le mo làimh chlì,
Ge be a gheibh thun crò an àil cha bhi e gu bràth gun .

titleSean Eòlas-Luibh
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page