[82]

A’ Bheilg (Belgium)
TORMOD BURNS

LEUGH miDùthaich nan Iomadh Cainntle Hans Weber an Gairm agus smaoinich mi gu robh na sgrìobhaidhean sin fìor thaitneach; ach a bheil fios agaibh gu bheil dùthaich eile san Eòrpa far am bruidhnear ceithir cànanan? Is e so a’ Bheilg, dùthaich bheag eadar an Fhraing agus an Olaind; dùthaich nas lugha na’n Eilbhis, ach dùthaich le 8.700.000 de shluagh (tha 4.700.000 a mhàin san Eilbhis). Tha ceithir fichead pearsa ’s cheud a’ còmhnaidh air gach mìle cheàrnaich sa’ Bheilg, agus tha deich pearsa ar ochd fichead a’ còmhnaidh aig gach mìle cheàrnaich an Albainn.

Is e Rìoghachd Chaitligeach a tha sa’ Bheilg; agus ’s e Baudouin, Rìgh nam Beilgeach, an rìgh caitligeach mu dheireadh san Roinn-Eòrpa. Tha a’ Bheilg ’na dùthaich nuadh. nan linntean meadhonach cha robh rìoghachd far a bheil a’ Bheilg a nis; bha iomadh prionnsachd annArtois, Braban, Flandre, Luxembourg agus an Olaind. An déidh sin bha na prionnsachdan so aonaichte leis na Spàinntich. Aig àm an Ath-leasachaidh dhealaich An Olaind ris an Spàinn agus fhuair i a saorsa. Ach dh’ fhuirich a’ Bheilg fo reachd na Spàinn agus an déidh sin fo reachd na h-Austria gu deireadh na h-ochdamh linn deug, nuair ghabh feachd Fhrangach seilbh de ’n dùthaich. Anns a’ bhliadhna 1815 bha a’ Bheilg aonaichte ris an Olaind a rìs ann an Rìoghachd Aonaichte nan Talamh-Iseal, ach cha robh an rìoghachd nuadh soirbheachail, oir bu Phròsdanaich na h-Olaindich agus Caitligich na Beilgich; agus ’sa bhliadhna 1830 bha Ar-a-mach Mór am Belgium agus fhuair i a saorsa.

aimsir Leopold 1 (1831–1865) bha crìochan na dùthcha socraichte le Cùmhnant Lunnainn a rinneadh sa’ bhliadhna 1839, cùmhnant a bhriseadh leis na Gearmailtich ’sa bhliadhna 1914 agus a rìs an 1939. Bha Leopold air pòsadh a rìs an déidh bàs a mhnà Charlotte, agus bu


[83] nighean Rìgh nam Frangach, Louis Philippe, a bha ’na mnaoi aige. Bha a mhac Leopold a Dhà ’na rìgh bho 1865 gu 1909, agus b’ e fhéin a cheannaich an Congo am meadhon Africa, is a dh’ fhàg e ’na thiomnadh do ’n Bheilg. Is aithne do gach neach an rìgh a lean, Rìgh Albert (1909–1934), oir b’ esan a chuir an aghaidh nan Gearmailteach gu misneachail sa’ bhliadhna 1914. Agus tha a mhac Leopold a Trì ainmeil cuideachd, ach airson aobhair eile. Sa’ bhliadhna 1940 thug e a’ Bheilg suas do na Gearmailtich, agus dh’ fhuirich e an sin a’ Chogaidh Mhóir. An 1951 thug Leopold suas an crùn agus ghabh a mhac Baudouin àite mar rìgh.

Tha 8.700.000 de shluagh sa’ Bheilgtha Fraingeis aig 3.500.000, Flamandais aig 4.200.000, Gearmailteis aig 500.000 agus Wallonais aig 500.000. Tha Fraingeis agus Flamandais ’nan cànanan oifigeil agus tha na h-achdan Pàrlamaid gu léir, agus sanasan oifigeil eile an Riaghaltais sgrìobhte anns an chanan, agus am Bruxelles no Brussel, Prìomh-bhaile na dùthcha, tha na sanasan uile sgrìobhte anns an chànan. Tha stéisean ràdio náiseanta agus stéisean telebhisean ann; ach tha stéiseanan ràdio cuideachd an Anvers (Antwerpen) agus Gand (Gent) a chuireas prógraman a mach anns an Fhlamandais; (no an Olandais, oir is e Olandais cànan an litreachais sa’ Bheilg agus Flamandais cànan an t-sluaigh). Cuiridh stéiseanan an Liège agus Namur agus Arlon prógraman a mach anns an Fhraingeis, an Wallonais agus anns a’ Ghearmailteis.

Tha ceithir Oilthighean san dùthaich. Is e Oilthigh saor a tha an Oilthigh Bruxelles (Fraingeis) agus an Colaisde Anvers (Flamandais), agus is ann Caitligeach a tha Oilthigh Louvain (Fraingeis) agus Oilthigh Gand (Flamandais). Tha Oilthigh Louvain air aon de na colaisdean Caitligeach as ainmeile san t-saoghal. San taobh tuath de ’n dùthaich bruidhnear Flamandais, a tha ’na cànan Gearmailteach, coslach ris a’ Ghearmailteis fhéin agus ris a’ Bheurla; bruidhnear Flamandais anns an Fhraing cuideachd, cho fad ri Dunkerque (Duinkerk). An taobh deas na dùthcha bruidhnear Fraingeis. Bruidhnear an chànan am Bruxelles, agus san dùthaich uile tha 2.000.000 de shluagh a mhàin aig a bheil an chànan. An taobh an ear na dùthcha bruidhnear Gearmailteis. Bha na tìrean so ’nan siorrachdan Gearmailteach roimh ’n Chogadh Mhór 1914–1918, agus ghabh na Beilgich seilbh nan Siorrachdan (Eupen agus Malmédy) an déidh a’ chogaidh mar dhìoladh.

Bu Cheiltich na seann Bheilgich, mun do sgrìobh Caesar san leabhar “De Bello Gallico,” agus gus an ’n diugh tha iarmad Cheilteach san t-sluagh so fhathast. Is e sin na Wallonaich a tha a’ còmhnaidh san taobh deas de’n dùthaich eadar Liège, Mons agus Namur a measg nam Frangach. Tha Wallonais ’na cànan a thainig o ’n Laidinn mar a tha Fraingeis cuideachd, ach ’na dòigh-labhairt chan ann Frangach a tha i, agus tha móran fhacal Ceilteach innte. (Tha beanntan nan Ardennes san taobh deas ’nanArd-bheinn. ”) Is e an aon ainm a tha Wallon agus a tha againn an Wallace, Wales (Cuimrigh) agus Wallachia (san Romania) agus cuideachd an Galicia (san Spàinn), Galatia, Gaul, Gaidheal. Cumar féisd gach bliadhna an Siorrachd Hainaut“Fete des Gilles”no Féis nan Gillean; agus tha móran eisimpleirean eile de ’n oighreachd Cheilteach sa’ Bheilg.

titleA’ Bheilg
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Tormod Burns in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page