[27]

Am Balbhan

IAIN DOMHNALLACH

CHA b’ ann idir airson gu robh e balbh no bodhar a thugadh am farainm air, ach a chionn nach biodh fuaradh adol air a bheul a latha no dhoidhche. Cha bu ghann nach robh e fileanta an Gàidhlig ach cha robh aBheurla aige cho maths a bha cànan a mhàthar. Bha e afuireach san Eilean Sgitheanach agus is e bu cheàrd-samhraidh dha a bhithna ghille-coise aig na Sasunnaich. Bhiodh ena thàmailt leis isna nàire dha nach burrainn e cainnt a chumail ris na h-uaisleans iad atighinn a shealg is a dhiasgach an coinneamh na bliadhna.

Aon gheamhradh chaidh e far an robh maighstir-sgoile abhaile agus dhiarr e iasad de fhaclair Beurla air. Thug e fad agheamhraidh ag ionnsachadh a h-uile facal a bfhaide na chéile. Nuair a thainig an samhradh, chaidh ena ghille-coise còmhla ris na Sasunnaich cleas na h-àbhaist. Cha bfhada gus an do chuir e uabhas am beatha air Gall is Gaidheal. An dràsdas a rithist leigeadh mo liagh buatham as, le suth de na facail a bha e air a thogail as an fhaclair. Cha robh facal abeantainn ri fuaim, agus bha na gillean eile air an nàrachadh. Thuirt fear aca ris, “A bheil thu atuigsinn tha thu ag ràdh!” “Chan eil, chan eil,” arsa am Balbhan, “ach is e sgoilearan matha tha annta fhéin, is tuigidh iad e.”

Coma leat co-dhiùbh, an oidhche sin fhéin rinn na gillean eile cleas leis an toireadh iad bonaid a nuas don Bhalbhan. An -rna-mhàireach bha Sasunnachs gun e air a bhith riamh roimhe san àite adol a dhiasgach air Loch nan Uamh. Rinn na balaich guim gun cuireadh iad am Balbhanna ghille thuige. Thuirt iad ris nach robh smid cainnte aig an t-Sasunnach, agus chuir iad teachdaireachd chun an t-Sasunnaich gur e balbhan a bha gu bhithna ghille-frithealaidh aige, ach gu robh fhios aige air a h-uile toll is tonnag a bha air grunn an locha, agus gu robh e cho eòlach air far am biodh am bradan atàmh is a bha e air a leth-chois.

Samhadainn choinnich an bhalbhanaig an uair shuidhichte. Thòisich an Sasunnach asuabadh a làmh mar fhear a bhiodh ag iasgach agus alùbadh a ghàirdean mar fhear a bhiodh ag iomradh. Bu leòr sin airson a chéile a thuigsinn agus cha bfhada gus an robh na seòid an uidheam iasgaich. Rinn iad air taobh an fhuaraidh den loch, an Sasunnach gu socrach somalta an deireadh an eathair, am Balbhan sna ràimh, ’s e asmaoineachadh ann fhéin gum bfhada an latha, a bhith còmhla ri fear gun chainnt.

Mun gann a leig an Sasunnach a mach an driamlach ghabh am bradan air. Chunnaic am Balbhan leis an dreinneadh a bha air an driamlaich agus an spàirn anns an robh an t-iasgair, gur e iasg trom a bha aig an fhear eile. ’S ann aige-san a bhiodh an t-inneas air an iasg mhór an tigh nan gillean an oidhche sin. Mar e dóbhran tha aiges e ròn a tha aige, no eadhoin uile-bheist Loch Nis is e air tighinn gu Loch nan Uamh gun fhios gun fhaoidh gun fhaireachdain, an talamh-toll air


[28] choreigin! Bha an t-iasgair is am bradan acleasachd ri chéile fad tràth-maille agus cuid mhath den fheasgar.

Nuair a bfheàrr a bha na seòid air an dòigh is dùil aca gu robh am bradan gu toirt thairis, thugrìgh Loch nan Uamhsiabhradh as ris nach robh dùil. Bha an t-slat a bha cho cruinn ri cearcall a nis cho dìreach ri saighead, is a bàrr asméideadh beannachd leis abhradan. Rinn am Balbhan achiad sruth ghuidheachan an Gàidhlig, an ath shruth de na facail Bheurla. Leig an Sasunnach clostar den t-slait air beul an eathair, agus chaidh e air a dhà ghlùin, atoirt taing don a chruthaich e, nach robh linn nam mìorbhail seachad fhathast. Thionndaidh sùilean aBhalbhain gealna cheann, ’s a bheul cho fosgailte ri fiaclan na h-àirde an Iar is coltas an-uair oirre. Chuir e a dhà chois an tacsa ris na rangan, chuir e an spuinnse ud air fhéin. Mar peileir a bheatha dhiomair e an t-eathar chon achladaich. Shàth e a toiseach air tìr, agus thug e na buinn dhi a mach dhachaidh, a cur roimhe nach cuireadh e làrach nam bonn air an fhonn chianda. Cha chuireadh an t-Arm Dearg tuilleadh e gu Loch nan Uamh, a dhiasgach còmhla ri Sasunnach.

titleAm Balbhan
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Iain Dòmhnallach in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page