Gael-Linn
PADRAIG O BAOIGHILL
IS mór na dh’fhuiling Eire an déidh na Gorta Móire anns a’ bhliadhna 1847. Chaidh móran de na Gaidheil a null thairis, agus leis gach imrich agus cruadal agus acras chreachadh an teanga. Ann an aon cheàrnaidh an Eirinn bha 141,004 de luchd-labhairt na Gaeilge an 1821, ach an 1891 cha robh ann ach 6,680. Thuit àireamh an luchd-Gaeilge anns an dòigh cheudna air feadh na tìre, ach a mhàin an cois a’ chladaich far a bheil Gaeltacht an là-an-diugh. A réir Phàdraig Mhic Phiarais thòisich ath-bheothachadh an Eirinn le stéidheachadh Connradh na Gaeilge an 1893; an déidh sin stéidhicheadh agus neartaicheadh C.L. C.G. , agus aig a’ cheann mu dheireadh thainig an t-Ar-a- mach anns a’ bhliadhna 1916 agus chuireadh gu bàs àrd-cheannardan na saoirse. Thuig am Piarsach agus na ceannardan eile gum b’ e an teanga bonn-stéidh an nàisinn agus gu feumadh Eire a bhith “chan e a mhàin saor ach Gaidhealach cuideachd.” Rinn an cogadh cathardha agus gach nì a thainig ’na lùib milleadh air an tìr agus briseadh air a’ chànain, agus an uair a chuireadh air bhonn Riaghaltas san t-Saorstàit cha do rinn e uiread ’s a dh’ fhaodadh e gus a’ chànan a neartachadh. Leis an fhìrinn innse, tha e duilich dhuinn a chreidsinn gu robh an Riaghaltas idir an da-rìribh mu ath-bheothachadh na Gaeilge, nuair a bheir sinn fa-near na rinneadh de dh’ obair ann an sia bliadhna le comunn a tha ag obair air a shiuc fhéin, mar a tha Gael-Linn.
Cha bu chòir dhuinn a ràdh gun tug an luchd-riaghlaidh an cùl gu tur ris a’ Ghaeilge. Chaidh móran de dh’ obraichean fiùghail a chur air chois: a’ toirt cuideachadh do dhaoine gus tighean a thogail air Ghaeltacht, agus duais chóig notaichean do phàrantan gach pàisde aig a robh a’ Ghaeilge; a’ neartachadh dràma an Gaeilge ann an Gaillimh agus an àitean eile (leis a’ Chomhar Dramaíochta); stéidheachadh a’ chomuinn chlo-bhualaidh ris an canar An Gúm; a’ cuideachadh leis an Oireachtas, féill nàiseanta na dùthcha; a’ cur air bhonn Comhdháil Náisiunta na Gaeilge agus Bórd na Leabhar Gaeilge; a’ toirt cuideachadh gus Colaistean Gaeilge a thogail sa’ Ghaeltacht, agus iomadach rud eile. Ach math ’s ga robh na h-obraichean sin, cha deach a chosg orra ach fuidheall suarach de mhaoin na Stàite.
Anns a’ bhliadhna 1953 chumadh cruinneachadh de àrd-chomhairle a’ Chomhchaidrimh (comunn de bhuill ’s de oileanaich nan oilthighean ’s nan colaisdean Eireannach a stéidhicheadh an 1936) anns an tigh-òsda, anImperial, an Corcaigh, agus aig a’ choinneimh sin chomhairlich Dónal O Mórain oirnn “linn peile” (nopools) a chur air bhonn, co-cheangailte ris na cluichean Gaelach, agus gum biodh a’ phrothaid air a cur gu feum gu leas na cluichean Gaelach, Dh’ aontaicheadh ris a’ chomhairle sin, agus chuireadh Gael-Linn air bhonn ann am mìos na Bealltainne, an 1953.
Thaghadh O Mórain—a tha ’na fhear-lagha, ’na chlo-bhualadair agus ’na dhuine sgilear an gnothaichean airgid, —mar fhear-cathrach air a’ Chòmhlan Urrais. Cuide ris air a’ Chòmhlan sin bha
Duaisean Sgoileireachd
B’ e a’ chiad rud air an tug Gael-Linn aghaidh duaisean a thairgse chum clann a thoirt gu ruig an Ghaeltacht, agus chaidh aca air dà phàisde dheug ar fhichead a chur chun na Gaeltacht airson trì mìosan. Roimhe so cha chumadh na duaisean a bha air an tairgse dhaibh ach cealla-deug no mìos air a’ Ghaeltacht iad (a mach o Chomhaltas Uladh, a bha a’ tairgse sia mìosan), agus mar sin cha robh cothrom aig na pàisdean móran eòlais a chur air luchd bruidhinn na Gaeilge. Dh’ éirich gu math do ’n scéim so aig Gael-Linn, agus thainig na pàisdean so dhachaidh a’ bruidhinn Gaeilge gu fileanta. Tha na duaisean so (airson trì mìosan) a nis air an tairgse gach bliadhna, agus tha deagh chothrom aig pàisde sam bith far Galldachd, a gheibh tè dhiubh, air cànan na dùthcha fhoghlum. A thuilleadh air a sin, tha Gael-Linn a’ toirt seachad duaisean airson dà mhìos do “mheadhon-sgoilearan” á Ceann-a- tuath na h-Eireann, ach an cuir iad ri an eòlas air a’ Ghaeilge. Am bliadhna thugadh piseach as ùr air scéim nan duaisean sgoileireachd, nuair a thòisich Gael-Linn ag obair an comh-bhoinn ri Coisde na Páistí, comunn á Baile Atha Cliath a tha a’ cur nan ceudan pàidean gu ruig an Ghaeltacht gach bliadhna.
Filmichean
Bha Gael-Linn airson dearbhadh gu robh còir aig a’ Ghaeilge a h-àite fhéin a dhleasadh anns an fhicheadaibh linn, agus thòisich iad a’ cur a mach filmichean-mineachaidh gach mìos, a’ cleachdadh na Gaeilge anns an fhuaimlorg. Thug so a’ Ghaeilge a steach do phioctair-lannan na dùthcha, agus thug e cothrom do ’n luchd-coimhead a bhith a’ faicinn rudan air nach robh iad eòlach gu ruige so. ’S e Cuideachd Rank a chraobh-sgaoil na filmichean so, agus bha iad ri ’m faicinn anns gach pioctair-lann far a robhUniversal News. Cha b’ fhada gus a robh Cuideachd Rank deònach film a thaisbeanadh gach cealladeug, agus an ceann greise thug an Riaghaltas fa-near gu robh Gael-Linn a’ deanamh obair thàbhachdach do ’n teanga ’s do ’n tìr, agus ghabh an Riaghaltas orra fhéin na filmichean so a dhèanamh.
A measg na filmichean-mìneachaidh anns an t-sreath “Amhairc Eireann” bha feadhainn mu thimcheall Aerphort na Sionnaine, Mèinichean Thráigh Dhá Abhainn, Iasgairean san Sgoil, Féis Ciùil,
Cùrsa Ostaireachd, Caiseal na Rí, Iasgaireachd an Dún Mór agus mar sin air adhart.
O chionn ghoirid thòisich Gael-Linn air filmichean-naidheachd a dheanamh an Gaelige; agus aig Féis Filmichean Chorcaigh choisinn film-fada a rinn iad— “Mise Eire” —duais air leth. ’S e cuspair an fhilm so na h-aimsirean carraideach ann an eachdraidh na h-Eireann, agus bu chòir gum biodh móran deasbaid ann mu dheidhinn an Eirinn anns an àm a tha ri teachd. Leis an fhìrinn innse chan eil móran dhùthchannan eile ann aig a bheil film mar so a tha air a stéidheachadh air eachdraidh na tìre aca.
[Dealbh]
Tigh oibreach Ghael-Linn an Conamara.
An Ghaeltacht
Duine sam bith aig a bheil eòlas air gnè is eachdraidh chànanan, tuigidh e gur e an teanga anam na tìre, agus ann an seagh ’s i a’ Ghaeilge anam na h-Eireann. Thòisich Gael-Linn air Obair Chárna an Gaelacht Chonamara, a chum leas na Gaeltacht agus na dùthcha air fad. Chuir iad obair an tairgse luchd-àiteachaidh na Gaeltacht, agus chuir so stad ann an tomhas mhór air an imrich. Tha iad air factoraidh àlainn a thogail ri bruaich na mara, gus iasg agus lusan-gàrraidh a reothadh, deiseil gu an cur do ’n mhargadh sa’ bhaile mhór agus a null thar lear gu Ameireaga agus tìrean eile. Thug Gael-Linn cothrom do na h-iasgairean an Gaeltacht Chomamara bàtaichean a cheannach air prìs reustanta. Tha na mìltean de ghiomaich a’ dol gu tìrean céine gach bliadhna. Tha an talamh bochd agus tha an fhairge an so ’na meadhon beairteis do luchd-àiteachaidh na dùthcha.
An Gaeltacht Thìr Chonaill cheannaich Gael-Linn oighreachd Duffin, a bha ann an làmhan nan gall fad cheudan bliadhna, agus a nis tha dùil aca iasgachd locha, aibhne agus fairge a chur air adhart, a thuilleadh air feum a dheanamh de ’n talamh-àitich: scéim mhór
Do ’n cheàrnaidh so, far a robh a’ Ghaeilge a’ dol rud beag á cleachdadh o chionn greis a nis.
An Dràma
Bha móran dhaoine de ’n bharail nach fhaighte luchd-éisdeachd do dhràma Ghaeilge am Baile Atha Cliath, gus an do chuir Gael-Linn air bhonn anDamer Halla chum dealbh-chluichean a nochdadh gu cunbhalach do Ghaeil a’ bhaile. Dh’ fhasdaidh iad Proinnsias Mac Diarmada, a bha ’na Iar-dhealbhadair ann an Amharclainn na Mainistreach(Abbey Theatre)agus aig a’ Bh.B. C., agus chuir iad dràma air an àrd-ùrlair a chumadh a choinneal uair sam bith ri dràma a bha air a dealbhachadh ann an cainnt sam bith eile anns a’ bhaile. Agus gach bliadhna tha luchd-cluiche Ghaoth Dobhair a’ tighinn á Gaeltacht Thír Chonaill agus a’ nochdadh dràma fad seachdanach sanDamer Hall. Tha iad sin a’ togail tigh-cluiche ùr an Gaoth Dobhair, agus tha e ’na dheagh chomharra air gean-math Ghael-Linn do ’n Ghaeltacht gu bheil iad air £1000 a thairgse do ’n luchd-cluiche so, a tha air a bhith cumail an àirde na dràma Gaeilge fad bhliadhnachan. Agus a chum an dràma a chraobh-sgaoileadh air feadh na tìre, mar mheadhon air a bhith a’ neartachadh na teanga agus na h-aigne Gaelaich, thug Gael-Linn cobhair-airgid agus sgiath do cheithir Féisean Dràma anns nach robh dad air a nochdadh ach dealbh-chluichean Gaeilge. Shoirbhich iad so, ach is e Dún Geanain san taobh-tuath as soirbheachaile dhiubh uile. Ged nach robh móran cothrom aca air a’ Ghaeilge ionnsachadh an so, bha dà dhealbh-chluich ar fhichead anns an fhéis an uraidh, agus bu mhath a chaidh iad riutha. Tha Proinnsias Mac Diarmada a’ dealbhachadh dràma leis an luchd-cluiche so a nis, agus theid a foillseachadh thall ’s a bhos air feadh an taobh-tuath.
Ceòl
O chionn grunn bhliadhnachan, aig àm an Tostail, bha Oidhcheannan Seanchais aig Gael-Linn ’gan cumail anns anDamer Hall, agus bha iad a’ toirt luchd-ciùil, dannsairean, luchd-seinn agus sgeulaichean sean is òg, á ceàrnaidhean eadar-dhealaichte na Gaeltacht gu ruig Baile Atha Cliath, a chur an céill do mhuinntir Eireann gu bheil cultùr òirdheirc againn dhuinn fhìn ach a thighinn g’ a lorg.
Tha Gael-Linn an déidh dà shreath de chlàir-gramafon a dheanamh—a’ chiad shreath de amhrain agus de cheòl o bhial-aithris, agus an dara sreath de cheòl nuadh-aimsireil le Tomás O Suilleabháin agus Còmhlan-ciùil Aotrom Ràdio Eireann. Tha sreath eile de amhrain agus de cheòl bho bhial-aithris, deiseil aca a nis: Seán Mac Lochlainn á Armagh, Co., Aontroma, agus Johnny Pickering á Co. Ard Mhacha an luchd-ciùil, agus Aodh O Duibheannaigh agus Aine Ní Ghallachobhair á Tír Chonaill an luchd-seinn.
Tha Gael-Linn a’ deanamh a dhìchill a chum an ceòl Gaelach a chaomhnadh agus a chraobh-sgaoileadh; tha dà phrógram aca air a ràdio gach seachdain, agus ann an aon de na prógraman sin tha móran aca ’ga thoirt dhuinn de cheòl dùthchasach nan dùthchannan eadar-dhealaichte san Roinn-Eòrpa. Tha iad a’ cur air adhart co-fharpaisean ciùil air feadh na tìre gus spéis na h-òigridh ’nan ceòl dùthchasach a dhùsgadh. Tha co-fharpais nàiseanta aca airson luchd-
Gu minic as t-samhradh, nuair a tha gach àite trang le cuairtearan a’ lorg ceòl-gàire is cuideachd, gheibhear ann an tighean-òsda na dùthcha so fear a’ cluich air a’ phiàno agus ri abhachdas eile. An uraidh thòisich Gael-Linn, fo stiùireadh Dhiarmuid Uí Bhroin, air Cabaret Gaelach a chur gu tighean-òsda móra na dùthcha. Thug an Cabaret so do na cuairtearan sealladh nas fheàrr air mór-stòras ar ciùil, agus leig e fhaicinn do dhaoine á tìrean eile gu robh ceòl agus dannsa againn a bhuineadh dhuinn fhìn, agus a ghabhadh samhlachadh ri rud sam bith de ’n aon ghnè a bha a’ tighinn bho ’n Roinn Eòrpa.
Oideachas
Cha bheag an obair sin a chaidh a dheanamh ann an sia bliadhna—ach cha do rinneadh luaidh ach air cuid de na rudan móra. Chuir iad clàir-gramafon a mach am bliadhna a chuideachadh le sgoileirean anns na meadhon-sgoilean: a thaobh Gaeilge a labhairt le blas nas fheàrr, agus a thaobh barrachd spéis a chur anns a’ bhàrdachd.
Tha iad a’ cur air adhart deasbaireachd anns na meadhon-sgoilean air feadh Eirinn gu léir—deas is tuath—agus bithidh so ’na chuideachadh mór leis na sgoileirean nuair a thig orra labhairt gu follaiseach. Tha scéim eile de ’n aon sheòrsa aca airson Macra na Feirme agus Macra na Tuaithe.
Chuidich iad ann a bhith a’ togail meadhon-sgoil ùr ann an Gaeltacht Mhuigheó—àite anns na rinneadh dearmad gu tur leis an Riaghaltas, agus is dòcha gum faicear toradh na h-obrach so an ceann ùine. Tha Foras na Gaeilge aca am Baile Atha Cliath, agus tha cothrom air a thoirt do dhuine sam bith a tha airson a’ Ghaeilge ionnsachadh teachd a steach ann. ’S e luchd-teagaisg ás a’ Ghaeltacht aig a bheil eòlas àraidh air an t-seòrsa teagaisg so a tha a’ toirt seachad nan leasanan.
B’ e Gael-Linn an aon chomunn Eireannach a chuir a steach airson cead-craobh-sgaoilidh an Telibhisean. Tha Gael-Linn airson co-oibreachadh le neach sam bith a tha a’ strì as leth na Gaeilge; chan eil gnothaich aca ri polataics no ri roinnean-creideimh. Tha iad airson gun cuir muinntir na h-Eireann an airgead gu feum le bhith a’ toirt obair as fhiach an t-saothair do ’n daoine fhéin aig an dachaidh. Tha iad airson còir na Gaeilge a sheasamh anns an linn anns a bheil sinn beò.
Tha Gael-Linn a’ neartachadh gach gnè de ’n chultùr Ghaelach le bhith daingneachadh na Gaeilge mar chloich-stéidh airson ath-thogail an nàisinn. Tha iad a’ dol o neart gu neart gach là.
Tha Gael-Linn airidh air cuideachadh o gach Eireannach.
(Ma tha duine airson tuilleadh eòlais fhaighinn air Gael-Linn, bu chòir dha sgrìobhadh gu 54 Grafton St., Baile Atha Cliath, Eire.)
title | Gael-Linn |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Padraig Ó Baoighill in Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |