[134]

A’ Bheithe

ALASDAIR I. MACILLEMHAOIL

THA sgrìobhaiche Ròmanach, a bha beò anns a’ chiad linn a’ toirt iomradh air a’ bheithe, agus ag agairt gur anns an Fhraing a chinn i air tùs. Chan eil cinnt no dearbhadh sam bith gu bheil sin ceart, ach co-dhiùbh tha a’ bheith an diugh ri faighinn air fad is farsaingeachd an t-saoghail. Air cho bochd neo-thorach ’s am bi an talamh, fàsaidh i an sin, agus chan iarr i móran fasgaidh. Anns a’ Ghaidhealtachd gheibhear i air na monaidhean àrda, gu ìre 3000 troigh


[135] os cionn na mara, agus is i an aon chraobh a sheasas ri fuachd coimheach Roinn-a- tuath an t-saoghail.

’Na h-òige tha rùsg na craoibhe mìn, geal, agus mar sin tha i so-fhaicsinneach a measg nan craobhan eile sa’ choille. Agus nach do mhothaich cho cùbhraidh ’s a tha an t-àile an cois na coille-bheithe; gu h-àraidh an déidh frasan maoth an t-samhraidh.

Tha fiodh na beithe air a thoirt a steach do ’n rìoghachd so ás Ameireaga agus á Canada, bho chionn greis air ais, agus bhatar a’ deanamh àirneis de gach seòrsa dheth. Bha cuid de ’n fhiodh air leth brèagha, dealbhach, agus fo làimh an t-saoir ’s an fhir-lìomhaidh thigeadh e dlùth air bòidhchead mahogany fhéin. Ach ’s ann ’na fhiodh-fillte as tric a chì sinn e an diugh.

An toiseach a fàis cuiridh a’ bheith mu throigh gu leth gu throigh ri h-àirde gach bliadhna. Ruigidh i a lànachd ann an leth-cheud bliadhna, agus seasaidh i mu thimcheall leth-cheud eile.

Bha ’n rùsg air a cur am feum gu bhith cairteadh leathrach. Dheanadh an rùsg uachdrach, méilleag mar a theirte rithe, leus soluis, agus am plaosg a stigh clàr sgrìobhaidh. Tha iomradh air fear, Numa Pompilius, rìgh na Ròimh seachd ceud bliadhna Roimh Chrìosd, a dh’ fhàg sgrìobhaidhean air a leithid so de chlàir.

Ri linn na seilg ’s na catha borba o shean, dh’ iarradh am fear-bogha saighead beithe, agus ri àm calanais gheibhte a’ chuibheall-shnìomh air a deanamh de ’n fhiodh cheudna.

Tha e air a ràdh gu bheil sìoman de shlatan-beithe cho righinn ri ròpa cainbe, ma tha iad air an ùr ghearradh agus air an toinneamh gu teann.

Bheir teine beithe teas fuathasach, agus b’ e so connadh teallach na ceàrdaiche mus robh gual air a chleachdadh.

Tha e coltach, cuideachd, gun tugadh na Gaidheil seòrsa de dheoch as a’ chraoibh. Thug fear-turuis gu Innse-Gall, anns an ochdamh linn deug, cunntas air mar a bhiodh muinntir nan eilean a’ tarraing sùgh aisde agus a’ togail dighe làidir deth. Tha e toirt mion-sheòladh dhuinn mar a bha so air a dhèanamh agus a’ crìochnachadh leis na briathran: “Is i deoch fhiùghantach, thaitneach tha ’n so, agus bhitheadh e ’na aobhar toileachais nan cleachdtadh i an àite ’n uisge-bheatha phuinnseanta.

Mu dheireadh an earraich tha na cluigeinean, no na dosan, froise, fo làn bhlàth, cuid dhiubh fireann, agus feadhainn eile boireann, agus chithear iad ruiteach dearg air na seang-mheanglan. Tha móran fhlùran anns gach aon dhiubh, agus nuair a phlaosgas iad, sgapaidh am pollen no a’ mheanbh-mhin, a torach an sìol anns an dìthean bhoireann.

An déidh sin tachairt tha sìol air ullachadh gu bhith air a ghiùlan fad is farsaing leis a’ ghaoithgach cnò bheag le sgiath mhaoth, mar meanbh-chuileig, air a luasgadh a null ’s a nall. Ach, air a’ cheann thall, tuitidh i gu talamh, agus ma bhios cùisean soirbheasach freumhaichidh i an sin. Thig a’ ghrian is blàths an t-samhraidh is cinnidh craobh ùr san fhàsach.

Bithidh a’ bheith faisg air fichead bliadhna dh’ aois mus giùlain i meas, ach an déidh sin bheir i mach toradh gach earrach.

titleA’ Bheithe
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Alasdair I. MacIlleMhaoil in Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page