[109]

Ri Taobh an Teallaich

RUAIRIDH MACLEOID

CHAN EIL air thalamh as docha leam na bhithnam shuidhe anns achathair mhór ri taobh an teine air feasgar gaillionnach ann an dùbhlachd agheamhraidh le pìob mhath thombacanam bheul agus cluasag chomhfhurtail do mo cheann. A muigh tha fead sgriachail aig aghaoith anns an tughadh agus tha na neòil dhorcha asileadh dheur gun sgur, gun fhosadh air an talamh lom. Ach a stigh tha braidseal teine anns achagailtgad dhìon o fhuachd agheamhraidh agus a chreideadh gu bheil stoirm dhoinionnach an Fhaoiltich cho faisg air làimh.

An déidh suipeir bhlasda de bhuntàta is sgadan saillte, is beag an t-iongnadh ged a thigeadh neul beag cadail air do shùileans ged a thòisicheadh do cheann air cromadh.

Is e so abhliadhna naoi ceud deug, ceithir fichead is naoi deug, agus tha a nis ceithir bliadhna bhon a thàinig crìoch air aCheathramh Cogadh Mór. Achs dòcha gur fheàrr dhomh nochdadh air tùs agus carson a tha mi ag innse na naidheachd so. Is mise an Seanailear Murchadh MacMeanmna, M.B. E. Bann air mo chùram-sa a bha na réiseamaidean Gàidhealach gu léir nuair a thòisich achòmhstri gheur ud, ach thachair -shealbhach a thug bhuam gach ùghdarras agus ceannardachd a bhagam, agus a dhfhàg mi nis a bhith tighinn le beò bhith adèanamh chuinneagan-staoin anns na caistealan canabhais faisg air prìomh-bhaile nan Leódhusach.

Bho chionn fhichead bliadhna air ais bha ena chleachdadh aig gach seanailear a bhith asgrìobhadh leabhair a chur an céill don t-saoghal uile mar a fhuair esan buaidh air na Gearmailtich le ghaisges le theòmachd fhéin. Ach anns na làithean adhartach so tha sgrìobhadh air dhol ás an fhasan a chionns gu bheil e afàgail làmhan duine sgìth, agus an telebhisean cuideachd, oir tha e annabarrach draghail do na sùilean bhithgan cumail fosgailte cho fada. Air an aobhar sin, matà, tha mise air Ràdio Rònaidh a nochd acraobh-sgaoileadh an sgeòil so.

Bidh cuimhne agaibh uile gu a baobhar don chòmhraig nimheil so eadar na Goills na Gaidheil. Anns na làithean àmhgharach aimhreiteach air a bheil mi alabhairt bha cànan nan Gaidheal adol o neart gu neart agus bha i a nis an impis aBheurla a stambadh fo a casan. Bha Rìgh nan Gall ann an imcheists e afaicinn cànan a dhùthcha asìor dhol bàs gach latha. Cha robh duine air fhàgailna rìoghachd a bhruidhneadh aBheurla gun i bhith air a breacadh le facail Ghàidhlig agus gnathasan-cainnte na Gaidhealtachd. Bha an Rìgh air uabhasachadh a chionns gu robh na naoidheanan òg gu h-iomlan acaoineadh ann an Gàidhlig. Cha toireadh na coin Ghallda facal feairt air maighstir a bhiodh acleachdadh na Beurla agus is mór an troimh-a- chéile a bhiodh aig co-fharpuisean nan con chaorach air sgàth sin. Air eagal gum biodh aBheurla cho marbh ris an Laideann ann an ceann bliadhna no dhà chuir an Rìgh sanas a dhionnsaigh Iompaire na Gaidhealtachd adhfhaighneachd am faigheadh e cead Mòd Beurla a chur air chois airson an t-seann chànan a bhrosnachadh.


[110]

Ach cha do chòrd an teachdaireachd ris an Iompaire agus chuir e fios air ais gu cabhagach gu lùchairt an Rìgh ann an Dunéideann: “A Rìgh nan Gall agus uaislean na Galldachd, cùmnur cuimhne gur sinne Tighearna na h-Albann uile, agus chan eil enur comas Mòd a chur air bonn gun chead is ùghdarras fhaotainn bhuainne. Fad iomadh linn bha na Gaidheil adeanamh strì is spàirn as leth an cànain fhéin gus an tug iad a mach abhuaidh-làrach aig Blàr nan Rocaidean bho chionn fichead bliadhna air ais. Riamh on latha ud, le còmhnadh an Fhreasdail, tha aGhàidhlig air a bhith afaighinn lamh an uachdair. Bha uair ann an eachdraidh an t-saoghail nuair a bha luchd-àiteachaidh na talmhainn, eadar bheag is mhór, abruidheann na Gàidhlig gu snasail fileanta, agus a rèirs mar tha cùisean an ceartuair, cha bhi e fada gus am bi sinn air ais anns an t-suidheachadh thaitneach shòlasach sin. Uime sin, is i so gu h-aithghearr mo chomhairle-suas leis aGhàidhlig; suas leis aGhàidhlig; sìos leis aBheurla’ !”

Nuair a chuala Rìgh nan Gall mar a thachair chaidh e air bhoil. Bha a shùilean beaga seòlta adeàlradh le feirg agus uisge-beatha. Leig e fhaicinn nach géilleadh e don òrdugh a dheòin no a dhaindeoin, agus bha e soilleir do na h-uile nach tigeadh as achonnspaid ach cogadh oillteil uabhasach.

Agus sin mar a thachair, agus thaghadh mise a bhithnam cheannard air feachdan nan Gaidheal a chionns gur mise an t-aon oifigeach air nach robh sgall no feusag, agus aig nach robh fiaclan-fuadain. Chaidh crois-tàraidh a mach air feadh tìr nam beann, agus ann an ùine ghoirid thainig na mìltean de Ghaidheil ghaisgeil ghleusda a chum an dùthaichs an cànan a theasairginn o na nàimhdean ladarna. Ach mus robh na saighdearan ùra air an leigeil a steach do arm an Iompaire bha ena fhiachaibh orra trì ceisdean a fhreagairt:

(1) Chan eil Mòd aig Mac an Tòisich a h-uile latha, agus carson a réisd a bhiodh Mòd aig na Goill?

(2) A rìbhinn, a bheil cuimhnagad?

(3) Cia meud meur a thair làmh coille?

Chaidh an triùir a fhreagair na ceisdean gu toinisgeil a chur dhachaidh, agus fhuair an fheadhainn a bhair fhàgail cead a bhithnan saighdearan ann an armailt an Iompaire.

Mar a bhios fios agaibh uile, an déidh achogaidh mu dheireadh thainig rìoghachdan an t-saoghail gu co-dhunadh gum bu chòir stad a chur air bomaichean, rocaidean, brògan le sàilean àrda agus buill-airm sgriosail den t-seòrsa sin, oir chuir an tartar teicheadh air gach guga a bhair Sùla Sgeir. (Nuair a ràinig na Nisich an t-eilean an ath bhliadhna cha dfhuair iad lorg air guga no sgarbh no fiù dreathan donn. Ach a dhaindeoin gainne nan eun, dhfhan iad ceithir-la-deug ann— ’s dòcha gur e na togsaidean Vodka a fhuair iad air achladach a bu choireach.) Mar sin bha claidheamh stàilinneach aig gach Gaidheal agus targaid nan dual chum a dhìon o lannan nan Gall.

Chruinnicheadh na Gaidheil an ceann a chéile air monadh farsainn mu fhichead mìle o Inbhir-ailein air amhór-thir. Bha na saighdearannan làn éideadhs bha na brataichean sìoda ri srann anns aghaoith. Ann an cairteal na h-uaire bhiodh da fhichead trèan atomachgan giùlan gu luath gu Loch nam Muc air iomall na Galldachd far an robh


[111] buidhnean nan Gall acampachadh. Thug mi àithne don Mhàidsear Tómas MacTalla na saighdearan fhaighinn air bòrd nan each iarainn gu deas dòigheil. Cha chreid mi nach e Hearach a thanns aMhàidsearco-dhiùbh bhiodh e atogail a chasan glé àrd on talamh.

Bha aghrian adol fodha sachuans bha an dorchadas atighinn. Shuidh mi tiotan air cùl cnuic, oir bha fios agam nach biodh cothrom no ùine agam manail a leigeil nuair a thòisicheadh an cath. Dhùin mi mo shùilean agus smaoinich mi nach robh ceàrn den dùthaich cho socair ris amhonadh so agus bha mi ceart oir chan eil bad air aGhaidhealtachd nach eil air àiteachadh a nis ach an t-àite far an robh sinn. Nuair a bha na Leuboraich ariaghladh Pàrlamaid na Gaidhealtachd bha iad an dùil tighean-oibreach a thogail an sin airson maragan dubha a dheanamh ach mus tainig an innleachd gu buil bha na Tòraich air buaidh fhaighinn anns an taghadh. Bha iadsan am beach an talamh a thoirt do thuathanaich, ach bha na Libearalaich an aghaidh so oir bha iad ag iarraidh faiche-golf a dheanamh samhonadh a chum gum biodh cur-seachad aig aphrìomh-mhinistear Ameireaganach a bha atighinn air chuairt don Ghaidhealtachd. Ach mar is tric a thachras le innleachdan móra den t-seòrsa sin cha robh sìon air a dhèanamh agus tha am monadh fhathast fàsail.

Dhfhosgail mi mo shùilean aguss ann a bha crith orm leis an fhuachd. Déirich mi agus thug mi sùil mun cuairt orm ach cha robh mi afaicinn no acluinntinn . Choimhead mi air muaireadair agus theab mi tachdadh leis mar a chlisg mi. uair samhadainn! Agus an seanalair mór cliùiteach air chall a measg an fhraoichs an rainich nuair a bha a shaighdearan acòmhrag gu curanta cheud mìle air falbh. Nach ann air aodann an Iompaire a bhiodh an snodh-gàire nuair a dhinniseadh iad dha mar a thachair. ’S nach ann air a bhiodh amhoits e ag aithris an sgeòil aig gach cuirm agus céilidh bliadhnachan an déidh so.

Chùm mi air madhart anns an duibhre gus an cuala mi abhainn asruthadh seachad. Sheas mi an sin arannsachadh gu bha mi adol a dhèanamh. Chuala mi fuaim air mo chùlaibh ach mus deach agam air tionndadh dhfhairich mi cuideigin aputadh claidheamh ri mdhruim agus bha guth tùchannach adùrdail gu feargach. Bha an guth afàs na bfhiadhaiche, ach cha robh an sàthadh deireannach atighinn.

Nuair a bha min so ri uchd bàis smaoinich mi air gòraiche mòige, air na nithean olca a rinn minam bheatha. Thainig iad uile air ais thugaman latha a leig mi fa sgaoil gobhar na Cailliche Biges dhith e léine amhinisteir air an ròp-anairt . . . . An t-òran-gaoil a chuir mi guTeachdaire Hirtle ainm Alasdair Uaine agus bha an duine bochdna chuis-mhagaidh aig na h-eildearan eile . . . . An latha a phòs mi Ceit Chàm, ’s mhnaoi agam mar thà.

Bha mi ann an droch staid leis an eagal nuair a thainig achamhanaichs a dhéirich aghrian acur blàths air gach àite. Ann am blàtha na gréine fhuair mi misneach agus thug mi sùil thar mo ghualainn air an nàmhaid a bhagam chumail ann an teinn. Thug mi sùil eiles rinn mi gàire. Agus le fiamh-gàire fhathast air mo bhilean agus taingealachdnam chridhe ghluais mi air falbh o nead na corra ghridhich.

titleRi Taobh an Teallaich
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Ruairidh MacLeòid in Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page