Sean Eolas-Luibh
(14) AM BEARNAN BRIGHDE
ALASDAIR MAC’ILLEMHAOIL
Is e so flùr eagach na Ban-Naoimhe Brìghde, agus theirteadh gum biodh an lus fo bhlàth air Latha Fhéill Brìghde—an dàrna latha de ’n Fhaoillteach.
Tha brìgh an luibh air a chleachdadh fhathast mar ìocshlaint. Anns an Fhraing nithear feum de ’n duilleig mar biadh-lus, agus ann an cuid de cheàrnaibh tha am bun air a chur anns a’ chofaidh gus am blas a leasachadh. Bha uair dheth, cuideachd, anns an deantadh leann de na flùirean. Tha iomradh air an lus fo ainm eile—spéir—mar leigheas air goirteas sùla:—
Luibh Chaluim Chille agus spéir,
Meannt agus trì-bhileach còir,
Bainne atharla nach do rug laogh,
Bruich iad is càirich air bréid,
’S cuir sud air d’ shùil aig trath-nòin.
Air an Athair, am Mac agus Spiorad nan Gràs,
’S air Ostal na Seirce, bidh do shùilean slàn,
Mun éirich a’ ghealach ’s mun till an làn.
Cha do rinn Donnchadh Bàn dìochuimhne air a’ Bheàrnan Brìghde, oir am measg gach dìthean eile ann an Coire Cheathaich thug e luaidh air:—
Am beàrnan-brìghde ’s a’ pheighinn rìoghail,
’S an canach mìngheal ’s am mìslean ann.
Nuair a thug Linnaeus, an lusadair ainmeil Suaineach, fa-near uaireadair dhìthean a dheanamh, thagh e an lus so gu bhith comharrachadh a mach sia uairean sa’ mhadainn, oir sgaoileadh e a bhlàth aig an àm sin.
title | Sean Eòlas-Luibh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 34 %p |
parent text | Gairm 34 |