[165]

Gnothaich Bhoireannach

MURDAG NICCOINNICH

A REIR na chluinnear, be Mòd càirdeil, àghmhor, a bha anns aMhòd mu dheireadh. Co-dhiùbh, cha chualas uimhir de chasaid, no de àrach mu suds mu sos a bàbhaist, ged is math ar fios nach robh achùis sin ann nach do chuir dìombas air cuideigin.

Bha Eóghan Macphì ann an cathair fir-riaghlaidh ACHOMUINN GHAIDHEALAICH, airson achiad àm, agus chan eil teagamh gun drinn a dhòigh, a bha gu daonnan séimh, rèidh, móran gu an Mhòd-sa a chumail cho càirdeil, gasda.

Ach, ged a be na fir a bhair thoiseach, agus mu ar coinneamh, mar bu trice, tha fios math againn nach deanadh iad achùis idir, gun am mnathan ran cùlaibh agus bha e furasda dhuinn a léirsinn gu robh bean Eóghain Mhicphì gu dìblidh ri thaobh, agus gum bu mhath a thigeadh sin dhi.

Rugadh Ealasaid Nicphì ann am Baile Dhùbhthaich, ann an Siorramachd Rois, ged a thogadh i ann am Pàislig. Be a h-athair am bàrd Gàidhlig, ainmeil, IAIN CAMSHRONa sgrìobh maille ri òran eileGleann Baile Chaoil,” —agus is ann á Manchainn Rois a thàinig a màthair. ’S e bròd na ban-Ghàidheil a thinnte, matà, brod na ban-sheinneadair, cuideachd. Choisinn i iomadh duais aig Mòdan Nàiseanta, agus, chan e mhàin sin, ach tha còir-sgrìobhta Cuirm Chiùil Ghlaschu aice, agus bonn òir is còir-sgrìobhta an Athenaeumris an abrar an diugh AN SGOIL CIUIL RIOGHAIL ALBANNACH. Faodar a bhith cinnteach gur h-ann le cluais ealanta agus le cridhe blàth do chùisean ar cànains ar ciùil, a sheas i tac ri a fear. Tha i ealanta cuideach le a làmhan, ann an obair ghréis Cheilteach an obair leathair agus crèadha. Choinnich i rinn gu ciatach, ciùin; maiseachna coltas agus tarraingeachna gné. Bha sinn uile uasal á prìomh bhan-Ghàidhealta aMhòid.

Bean Eóghain Mhicphì


[167]

Na teachdairean

Chan eil e ach nàdurrach do na Gàidheil sgrìob a thoirt gun Mhòd, ma thig aca air, ach bha sinn toilichte uimhir de luchd tadhail á dùthchannan eile fhaicinnnar measg. Chì sibh an so na ceithrir theachdairean, a thàinig a dhaon ghnothaich á Eire agus ás AChuimrigh.

Thàinig Risteard MacConchradha maille ri a bhean, agus bu tlachdmhor càirdeil iad le chéile. Bha iad luma làn molaidh air cho dàimheils a fhuair iad an sluagh, air cho clisg, ealamhs a bha na co-fharpaisean air an ruith, agus, gu h-àraidh air cho sgileils a bha chlann air an teagasg. Tha aon nighean bheag aca fhéin, aois dhà bhliadhna, agus chan eil focal aice ach aGhàidhlig. Cha chuala iad na bu toigh leotha den Ghàidhlig ann am beòil amhóir shluaigh, a machs a steachach againn a chuala?

Chòrd an turas riutha da-rìribh, agus bha an dearbh sgeul aig Siùn Mhurchùabhean-ionaid a thàinig á Eire. Tha ina ban-teagaisg sgoile; tha i trang daonnan an gnothaichean Oireachtais na Gaeilge, ach gu h-àraidh ann am buidheann Cáirde Na Cruite, a tha strì ri ceòl na cruit a chumail adol gu beothail ann an Eire.

As AChuimrigh, thàinig Maighstir Richards agus a bhean, agus Anna Weeks. Tha an dithis mhnatha-sa cuideachd sàs an gnothaichean an cànain. Be Anna Weeks bean fhrithealaidh nam fàlluinn(Mistress of the Robes)aig AN EISTEDDFOD mu dheireadh, agus is e bu taitnich leatha buileach nach robh Am Mòd cho mór ris AN EISTEDDFOD, agus, le sin dheth gun robh e comasach eòlas a chur air càch a chéile, aig céilidhean, agus cruinnichidhean a chumail le co-chomunn is cairdreabh air nach eil iadsan comasach idir. Ealantana cànan fhéin, tha i den bheachd gu bheil iadsan acur cus muinighinnnan cuid seinn, air innealan ciùil, agus gu bheil sinne agleidheil nan ceòl gu math nas dìlse, le bhith aseinn gun eiseamalachd piàno.

[168]
[169]

no a leithid sin. Chòrd na deuchainnean Gàidhlige rithe, agus bha i an dùil gum be so eile anns an robh sinn gu math air adhairt orra-san.

[Dealbh]
Bean Alasdair MhicIll Eathain

As An Ròimh thàinig an t-Urramach Alasdair Iain MacIllEathain, agus a bhean, le blas na Gàidhlige air an còmhradh, eadar gum be aBheurla no an cànan Eadailteach a bhaca. Bha iad anns AGhearasdan fad fichead bliadhna, agus be an eaglais aca an t-aon te a bha atoirt searmoin Gàidhlig, aig an àm ud co-dhiùbh, anns abhaile. Gu tubaisteach, bhiodh Am Mòd atuiteam aig àm nan òrduighean aca an sud, agus cha tàinig aca air Mòd Nàiseanta a thadhail bho chionn còrr math air fichead bliadhna. Rugadh Fionnghal NicIllEathain ann an Uig an Eilein Sgitheinich, ach chaidh a togail ann an Tobair Mhoire, ’s tha làn a clagainn den Ghàidhlig aice. Ged is ann an Gearrloch a rugadh a fear, béiginn dha aGhàidhlig ionnsachadh nuair bha e gu math na bu shine, ach chan eil neach a chuireadh an umhail sin, agus an uair a chluinneas e, mar a chuala e am bliadhna, agus e ag crathadh làmh aig dorus Eaglais An Naoimh Aindreadh san Ròimh, guth ag ràdh, “Am bi searmoin Gàidhlig an so an diugh? ”, cuiridh e a cheairt uimhir a dhiongnadh air an luchd-feòraich, ’s a chuireas iadsan airson, le, “Faodaidh gum .”

Cha bhiodh am Mòdna Mhòd idir gun chròileagan bho Chomunn Gàidhlig Lunnainn a bhithnar measg. Fhuair sinn fàilte agus furannam measg-san cuideachd, agus ar cànans ar ceòl dlùth don cridheachan, chan ann a mhàin le cianalas an dream nach eil ach greis an dùthaich am breith, ach le argamaid, ’s le deòin an tuilleadh a dheanamh ás a leth.


[170]

Mairi Rothach

Chì sibh an so dealbh aon diubhte a tha, mar mhóran de a ban-chàirdean, air iomadh latha, gu dìblidh, an sàs an gnothaichean Gàidhealta Lunnainn. Ged a rugadh agus a thogadh Màiri Rothach ach astar beag a mach á Lunnainn, is iomadh seachdain a chaith i ann an Leódhus, ás an tàinig a dithis phàrantan. Bha i eòlach air Gairm bho thoiseach tòisich. Tha Màiri agus a coimhearsnaich pròiseil ás an Gàidhlig, agus chuala sinn cliù da-rìribhga toirt air an sgil anns achànan nuair a sheinn iad. Is dòcha nam biodh beagan den smuain agus den oidheirp shunntaich, a tha iasdan acumail adol cho buanachail, chan e mhàin air beagan Gàidhlige thogail, ach air achànan aosda-sa a chumail beò, agus aig acheairt am gualainn ri gualainn ri cànanan eile anns an latha anns am bheil sinn beò, air a dheanamh ann an iomadh baile, beag agus mór, an Alba, nach biodh aGhàidhlig cho lapach anns an réis.

A measg na cloinne be clann Bharraidh a thog ar cridheachan. Gun teagamh, thug iad cuid dhinn air ar n-ais iomadh bliadhna, gu Mòid eile, le osaig ùrach, ghloin a Chuain a Siarnan guthan, agusnan aignidhean. Is e iad fhéin, gu dearbh, a thug an cunntas math orra fhéin; be seachdain mhórnam beathachan a bha sud. Ghabh achaileag a thug gu Tìr-mór iad obair chudthromach os láimh, ach chan i Ceiteag Haggerty air an cuir obair uallach sam bith. Bha i cho aoidheil aig deireadh aMhòids a bha i aig a thoiseach.

Rugadh is thogadh Ceiteag ann am Barraidh agus chaidh a teagasg anns aGhearasdan agus ann an Colaiste na Còcaireachd ann an Glaschu. Chan eil càil air an t-saoghal as fheàrr leatha na a saor-làithean a chur seachad anns abhaile, ach cha rachadh i a dhfhuireach anns abhaile mhór air dad a chunnaic i riamh.

Tha i aotrom, òg, ’na dòigh, ach anuair a thòisicheas i abruidhinn air adhbhar na Gàidhlig (anns aGhàidhlig) tha e soilleir gu bheil a cridhe anns an t-seann chànain. Cha leigeadh i smid leis achloinn ach Gàidhlig fhads a bha iad an urra rithe, agus bha abhuil sin air am fileantachd anns na co-fharpuisean anns an deach iad an gréim.

Tha Ceiteag ainmeil mar bhan-dhannsair agus cha be so achiad fhéis aig an robh i ann an Dun-Eideann! A chionns gu bheil i fhéin cho suigeartach chan ann mar bhan-sgoileir a tha achlann asealltainn oirre, agus is ann mar sin as motha a bhios a buaidh.

Ma bha amharus oirnn an dràsdas a rìs, mar chaidh am Mòd air adhairt nach robh an cànan idir cho diongmhalta, snog, no cho coitcheanns a bha am féileadh; ma bha sinn acur umhail air cho ganns a bha na buidhinn ás na ceàrnaidhean Gàidhlige; ma bheir sinn smuain a nis air cho trics a fhuair sinn freagairt Beurla, bheireamaid sùil air ais gu Di-Màirt, agus gu clann Bharraidh, agus togamaid òirnn.

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page