[171]

Am Putan Dearg

FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL

Ann an New York bha leth-cheud mìle teaghlach afuireach ann an Tùr Iàcob, an dioglaiche-adhair a bha fichead staidhre na bàirde na Tùr Mhao ann am Peking, far an toireadh an suasaiche-dealain leth-uair an uaireadair eadar an dorus mór agus an seòmar cabrach air amhullach far an robh Einstein Brovnik afuireach maille ra mhnaoi agus a thriùir cloinne.

Bha Einstein Brovnik agus a bhean fo uallach, oir ged nach robh lagh an t-saoghail aceadachadh dhoibh ach dithis chloinne cha leigeadh an t-eagal leotha an treasa fear a chur gu tigh aghas oir thuiteadh càin orra airson a bhith cho -shealbhach agus gun do ghin iad triùir.

Cha tug iad ainm air an treas fear ann. Cha robh aca air achAChuileag.” Mar sin bha iad an dòchas nach tuigeadh clann eile an Tùir air an robh an dithis bu shine abruidhinn. Gu ruige sin bha achuileag ceadaichte mar chnuimheag tighe, oir bha e ro chosgail don Riaghaltas Mhór cur ás dith mar a chuir iad ás don luchaig is don phiseig is don chù, is do na h-ainmhidhean eile a bhiodh atoirt abhidhe á beòil achinne-daonna.

Ach bha Einstein Brovnik fo uallach. an déidh bha achrithna làmhan adol na bu mhiosa, agus a h-uile madainn anuair a rachadh e fhéin agus a cho-oibrichean chun achanteen bhiodh e aslugadh trì pilichean far nach robh càch ach agabhail a dhà.

Eadhoin anuair a bhiodh ena shuidhe air a stòl le a shùilean air an deilbh a bha atighinn thuige bho Lunar LB350MK bha rudeigin air cùl ìnntinn ag ìnnse dha gu robh am maor air a chùlaibh ag ràdha fir fhéinTha rudeigin acur dragh air Brovnik.”

Uaireannan bha e cho -chomhartail agus gu robh e adìochuimhneachadh briobadh le sùil mu seachrud a dhionnsaich Iad dha bho chionn fichead bliadhnaagus bha sin cunnartach, oir anns abhloigh tiotaidh a bheireadh duine abriobadh le shùil dhfhaodadh rocaid Shìneach éirigh ás abhìdeig de Iùpatar a bha fo chùram Einstein.

and déidh , air a rathad sìos anns an t-suasachan-dealain theireadh Einstein ris fhéinCho luath agus a ruigeas mi an stèisean tha mi adol far am bheil am maor agus adol a ràdha ristha leanabh agam bharrachd air achòir. Cuir aghas-bhanga iarraidh agus thoir achàin far mo thuarasdail. ’”

Ach a h-uile anuair a dhfhiachadh e ra bhial fhosgladh chitheadh e siolpadh ìnntinn denChuileigamàgaran a machs a steach air cùl an telebhisean. Agus chuimhnicheadh e an oidhche a thug e aphòg mhór dha bhean agus a dhìochuimhnich iad an lagh a rinn an Riaghaltas.

Aon chuir am Fear-Faire spot dhubh air an deilbh mu choinneamh Einstein. Nan robh e air a faicinn bha e air putadh a thoirt don phutan dhubh a bha aciallachadhAn aireagus mura lasadh solus uaine mu choinneamh ann an leth tiotaidh bha e air am putan dearg fhàsgadh agus an rocaid a leigeil air falbh a chuireadh á don bhìdeig ud de Iupatar a bha an urra ris-san.


[172]

Ach chan fhaca Einstein an spot.

Cha do dhfhaisg e am putan dubh. Agus bha fhios Aca-san nach robh aire air obair.

Aon turus eilears iadsanagus théid thu dhan t-seòmar.”

Agus riamh bhon uairsin bha an t-uallach air Einstein na bu mhiosa na bha e riamh.

ANN an Tùr Mhao ann am Pekingair an fhìor mhullachbha Shang afuireach leis fhéin ann an seòmar seachd troighean a dhfhaid agus ochd troighean a liad. Aig seachd uairean anns amhadainn bha truinnsear beag atighinn anuas thuige air an t-suasachan-bidhe as achidsin mhór fon talamh. Bha cairteal na h-uarach aige airson ithe mun cuireadh iad air an deochdaiche-gaoithe a bheireadh air falbh dust sam bith a bha san rùm. Agus cairteal eile airson e fhéin a sgioblachadh agus naidheachdan an domhain fhaicinn air an telebhisean mus fhalbhadh e a chur seachad an aig an dasc bheag air an robh ainm anns an togalaich ris an canadh iad Motabmobrut.

Chaidh Shang a spoth anuair a bha e sia-bliadhna diag, anuair a rinn e trom nighean a bha ag obair còmhla ris ann an raoin rus, agus iad le chéile acur a steach na mìos oibreach a bha air a chur orra leis an Riaghaltas nan cóig seachdainean a bha aca saor as an Oilthigh.

Cha do rugadh an leanabh riamh oir mhothaich na dotairean dhi.

Chaidh ise a chur bho fheum, agus, ged a bha i ainmeil mar oileanach Frangais, chaidh a cur gu obair tuathanachais air eilean ris an canadh na seann daoine Formósa.

Anuair a chaidh na clachan a thoirt á Shang leis na dotairean cuirp chaidh a chur chun nan dotairean ìnntinn gus gach smuain air boireannaich a thoirt ás.

Ach cha robh na dotairean ìnntinn cho mionaideach agus a bha càch, agus ann an cùil bhig ann an cùl ìnntinn Shang dhfhàg iad fìor-chuimhne a bha afàs agus acrìon, afàs agus acrìon, mar sìlean ann an seann atharnaich.

A h-uile madainn, air a rathad eadar Tùr Mhao agus Motabmobturastar a dhfheumeadh e a choiseachd gus a shlàinte a chumail ceartbhiodh e adol seachad air Oifis na Gineachd far am biodh na caileagan òga an dùil pòsaidh afeitheamhnan sreathan gus cairt fhaighinn a bheireadh cead dhoibh, bhon Riaghaltas Mhór, dithis chloinne a dheanamh ma bha iad slàn fallain, agus ma bha an duine a bha iad adol a phòsadh freagarrach.

Madainn an déidh madainn bhiodh Shang atoirt sùil orra agus e aliùgadh seachad air eagal agus gum biodh iad amagadh air le cion na fiasaig, agus mar a bfheàrr a dhfhiachadh es ann bu lugha a burrainn dha a shùilean is eanchainn a chumail far an cuid chalpannan is an cuid chìochan.

Bha làithean na bu mhiosa na chéile, anuair a shaoileadh e gu robh e faicinn cìoch, agus uaireannan imleag, air an deilbh a bha atighinn chun an dasc aige bho Chamara 3210 air Màrs. Cha robh ann an Shang ach gnoigean beag anns aphlan mhór agus an déidh , diog an déidh diogcha robh mar chùram air ach a shùil a chumail air an


[173] deilbh bho Màrs 3210 a bha asealltainn sìos air stèisean rocaidean ann an cùil ris an canadh iad Uibhist.

Leis mar a chaidh e triollainn leis an ud anns an raoin rus cha robh de dhearbsa aca ás na bheireadh iad dha de na camaran a bha acoimhead air Afraca-a- Deas.

Bha sùil daonnan air Shang , oir bha fios aig an fheadhainn os a chionn gun deach e ceàrr.

Aon chuir am Fear Faire spot dhubh air an deilbh mu choinneamh.

Nan robh Shang air an spot fhaicinn bha e air putadh a thoirt don phutan dhubh a bha aciallachadhAn aireagus mura lasadh solus uaine mu choinneamh ann an leth tiotaidh bha e air am putan dearg fhàsgadh agus an rocaid a leigeil air falbh a chuireadh ás do dhUibhist.

Ach chan fhaca Shang Li an spot.

Cha do dhfhàisg e am putan dubh. Agus bha fhios aca-san nach robh aire air obair.

A MUIGH ann an Uibhist cha chuala Seonaidh Ruadh riamh iomradh air Einstein Brovnik no air Shang , agus eadhoin ged a thachradh mìorbhail air choireigin (rud nach tachradh) agus gun coinnicheadh iad, cha tuigeadh aon seach aon aca gu robh am bann an treise air an t-saoghalgan ceangal agus gur e am bann sin toiseach agus crìoch an domhain.

Be Seonaidh Ruadh aghinealach mu dheireadh.

Anuair a reic a shìn-seanair oighreachd Uibhist ris na h-Ameireaganaich thugadh dha gealladh nach rachadh a theaghlach, no an sliochd, a chur far an eilein. Agus air dhòigh neònaich air choireigin chaidh an gealladh a chumail eadhoin anuair a liùbhraig na h-Ameireaganaich Uibhist an t-seann dùthaich gu léir don Riaghaltas Mhór.

Chan e gu robh an gealladh gu diofar. Abhliadhna a rugadh Seonaidh thainig an t-òrdadh nach fhaodadh aon bhoireannach fuireach ann an eilean nan rocaid, oir dhearbh na dotairean gu robh iad atoirt ìnntinnean an luchd-oibreach far an cuid oibreach.

Chaidh na caileagan singilte a sguabadh air falbh, ach thugadh cothrom don fheadhainn a bha pòsda cheana an imrich a dheanamh do Bhatarsaidheilean a bha air a chur air leth airson daoine nach robh treun ann an corp no an ìnntinn, caran coltach ris na h-àiteachan anns am biodh iad acròdhadh luibhreach anns na seann làithean.

Bha athair agus màthair Sheonaidh adol a dhfhalbh gus an cualas nach fhaodadh iad an leanabh a thoirt leotha.

Aon mhadainn thainig bhan chun an doruis agus thogadh iad le chéileaig an t-Sealbh a bha fios càiteagus chaidh Seonaidh a chur don Sgoil-inntinn far am biodh gillean os cionn shia mìosan air an àrach an dòighean agus ann am modhannan an t-saoghail ùir.

Cha robh fada gus an do sguir e chaoineadh. Agus anuair a bha e dusan bliadhna chaidh a chur an urra ri obair iriosal ann an Tùr nan Rocaid, achiad Uibhisteach riamh a fhuair obair sgileil anns an àite. Agus am fear mu dheireadh. Dhùin an Sgoil-inntin; cha robh an còrr feum oirre.


[174]

Anuair a bhiodh daoine abruidhinn Gàidhlig, bha facal acagu rachadh dualchas an aghaidh nan creagach bha dùil gun deachaidh am facal a bhreugnachadh anns an aonamh linn thar fhichead anuair a stéidhicheadh na Sgoiltean-ìnntinn a chuireadh a mach oileanaich eadar nach robh an dealachadh bu lugha ann an dòigh smuain, ann an tuigse, agus ann am faireachadhdaoine a bha tur fhreagarrach airson am beatha (tri fichead bliadhnas a trì, a réir an lagha mu dheireadh) a chur seachad ann an aon de Thùir nan innealan faire. Bha sgoiltean eile ann an àiteachan leithid New York agus Cairo agus Peking, agus anns na h-àiteachan far an robh pòsadh agus gin cloinne ceadaichte gus àireamh an t-sluaigh a chumail suidhichte fon aonadh a rinn na Cumhachdan fon Riaghaltas Mhór. Bann ás na sgoiltean sin a thigeadh an luchd riaghlaidh, na h-oifigich, agus an leithidean.

Rinneadh an aon mhearachd a rinneadh riamh ann an Uibhist. Chumadh aon Uibhisteach ag obair ann an Tùr nan Rocaid, fear de shliochd na talmhainn, air cùl an robh na mìltean bliadhna de dhualchas, na mìltean bliadhna de ghliocas an fhuinn, de chreideamh, de ghràdh teaghlaich. Agus ged a sguab an Sgoil-ìnntinn móran rudan air falbh bha aon fhreumhach bheag air nach do ruig i.

An déidh dha no tri bhliadhnachan agus an déidh de thrèanadh chaidh Seumas Ruadh àrdachadh gus mu dheireadh an do ràinig e an dasc far an robh dealbh atighinn bho chamara iarmailtich a bha acumail sùla air Peking.

Cha robh dad cudthromach anns an obair. Nam faiceadh Seumas spot air an deilbh mu choinneamh cha robh aige ach am putan dubh fhàsgadh a bha aciallachAn aire.” Chuireadh sin oifigich os a chionnnan rabhadh, agus dhfhàisgeadh iadsan putan a bheireadh rabhadh do dhfheadhainn os an cionn-san. Nan robh gach ceart lasadh solus uaine mu choinneamh Sheonaidh. Mura lasadh, dhfhàisgeadh e am putan dearg a leigeadh air falbh rocaid a chuireadh ás do Pheking.

Cudthromach ann an dòigh! Ach cha robh ann an Seumas ach cnag bheag ann an inneil mhóir.

an déidh bha e adol chun an dasc aig an aon uair. Feasgar an déidh feasgair bha e afàgail an dasc aig an aon uair. Mar spàl breabadair adol air aiss air adhart anns an t-slinne-chlar.

Madainn Earraichdhaithnicheadh tu gur e an t-Earrach a bhann leis an dath a bha atighinn air an fheur, ged is fhada bhon a fhuaras smachd a chur air is oidhches air sìdethainig góbhlan agus thòisich i adeanamh nid fo chabar os cionn na h-uinneige a bha ri taobh Sheumais.

Cha do chuir e dragh oirre. Rud a biongantaiche, cha do chuir gin de na h-oifigich, ma mhothaich iad dhi. Rug i a h-uighean agus shuidh i oirre Agus thòisich a céile gu dìleas afrithealadh oirre le boiteagans le cnuimheagan.

An ceann thrì seachdainean thainig na bigeanan, agus chan fhaca Seumas Ruadh riamh dad coltach ris an uaill a rinn na pàrantan. Agus cho fritheilteachs a bha iad. an déidh acumail bidhe ris an àl gus mu dheireadh an do dhfhàs na h-itean agus gus an do dhfhàs na sgiathan làidir, agus dhfhalbh iad.


[175]

Cha do dhìochuimhnich Seumas Ruadh riamh an góbhlan, agus mar bu mhotha a smaoinicheadh e air na chunnaic es ann bu mhotha a thòisich smaoin, no tuigse, nos dòcha faireachadh, acuachagaich air cùl ìnnntinne.

Anns an Sgoil-ìnntinn cha robh teagasg no eadhoin iomradh air Nàdur, oir cha robh ann an Nàdur ach rud a cheannsaich an cinne-daonna bho chionn fhada.

Chan fhaca Seumas Ruadh riamh boireannach, agus cha chuala e riamh iomradh air pòsadh no air gin chloinne no air ciamar a bha beatha atighinn beò.

Ach aon , agus e abeachdachadh air aghóbhlan-gaoithe agusga h-ionndrain, spreadh rudeiginna inntinn agus thuig e. Leth-thuig e carson a bha e acur sgàig air anuair a dhfhiachadh fear-eigin de na h-oifigich ri gaol a dheanamh ris.

Anns abhad, thuig e gu robh an góbhlan-gaoithe saor air taobh a muigh na h-uinneige ach gu robh esan glaiste air an taobh a stigh, agus glaiste ann an smaoin agus ann am faireachaidhean nàdurra cuideachd.

Cha robh fada gus an do mhothaich na fir faire gu robh rudeigin air ìnntinn, agus mhothaich Seumas gun do mhothaich iad. Aon mhadainn dhfhaisg e am putan dearg . . . .

ANN am Peking bha Shang acoimhead gu dùrachdach air an deilbh mu choinneimh, cho dùrachdach agus gur ann a thug am Fear-faire a shùil dheth ag ràdha ris fhéinTha Shang gu bhith ceart gu leòr . . . .”

Achs ann a bha Shang ag aisling air an te mhóir chìochaich a ghnog a ceann ris anuair a bha e adol seachad air Oifis na Gineachd. Anuair a thainig e thuige fhéin bha an spot air an deilbh mu coinneamh mu mheud òrdaig. Leig a chridhe leum ás leis an eagal. Stad a chorrag tiota os cionn aphutain dhuibh. Agus mus robh fhios aige bha e adèanamh dhfhàisg e am putan dearg . . . .

Ann an New York bha Einstein Brovnik afiachainn ri shùilean chumail fosgailte ged a shluig e ceithir pileachan.

An raoir fhéin thuirt cuideigin rudeigin ris a chuirna bhoil e gu robh fios Aca-san munChuileigagus cha do chaidil e norradh. Bha fhios aige gu feumadh e an fhìrinn ìnnse an sin fhéin. Nan innseadh e fhéin an fhìrinns dòcha nach deanadh iad ach càin a chur air.

Bha e afiachainn ris na facail a bhrathadh AChuileagam ball bu docha leis den teaghlach uilea chur an òrdughna ìnntinn fhéin, aguss ann a dhfhairich e deòir abriogadh a shùilean. Bhriob e air falbh iad, agus thug e sùil air an deilbh mu choinneamh.

Bha spot mhór dhubh os cionn Iupatar asìor fhàs mór agus thuig e gu robh e tuilleadh is fadalach gus putan dubh an rabhaidh fhàsgadh.

Na bhreislich, gun fhios aige gu bha e adèanamh dhfhàisg e putan dearg na rocaid . . . .

Ann an leth mionaid bhon àm a dhfhàisg Seumas Ruadh òrdag ann an Uibhist, chaidh an saoghalna smàl.

BHA seachd mun do sgaoil acheò. Ach air madainn an ochdamh , shìosfada shìos fon duslaich agus fon làvathòisich cnuimheag acnuasail . . . .

titleAm Putan Dearg
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page