[179]

Criochan Farsaing

CAILEIN T. MACCOINNICH

CHUIR am bàta-adhair a sròn ris na rionnagan, sgeith i sraonadh teine o h-earball agus ghluais i gu socair air falbh on talamh. Gu socairach asìor ghlacadh astairna dìreadh.

Cha bi achiad te nan dara te. Bha iomadh bliadhna a nis on rinn a chiad long-adhair an turus cian gu Màrs, Iupiter, Neptune, Saturn agus eadhon Pluto fuar dorcha air iomall achrios gréine.

Ach cha shàsaichear mac an duine fhads a bhios anail beathann. Cha bu leòr leis planaidean achearcaill-gréine aige fhéin a ruigheachds a chur fo chìs. Dhfheumadh e sìneadh a mach thun nan criosan eile anns achruinne.

Bha real-chrios Andromeda, Centaurus agus mìltean den leithidga shìor tharraings cha robh a dheasbhuidh ach an ìnnleachd a ghiùlaineadh e thar astair nach gabhadh tomhais ann am mìltean nàdurra.

Astar siubhal soluisastar is luathas a tha doirbh do ìnntinn is tuigse duine a ghabhail a steachso an t-astar a dhfheumadh an duine a ruigheachd, ’s fhàgail ás a dhéidh, ma bha dùil aige na buill chian ud a thoirt a steach don iomaire air an robh eòlas aige a cheana.

Ach le foighidinn is saothair lorg e mu dheireadh nach robh e idir do-dhèanta briseadh a mach o chuibhrichean Tìm. Thug e gu solus laghannan a bha folaicht, dìomhair o na ginealaich a thriall. Rinn mion-sgrùdadh, is oidhirp ás déidh oidhirp, soilleir nach robh ann an tìm ach a bha suidhichte cho fads a bha tuigse dhaoine agluasad anns an aon chlais shònraichte.

Aon uairs gun do luaisgeadh mac-meanmna an duine a mach ás achabhsair san dfhàg na lìnntean e, chunnaic e gu soilleir sìmplidh gu robh ena chomas crìochan tìm a shìneadh na a chuingealachadh a réir a thoil is fheuman fhéin.

Bi am báta-adhair so aon de thoraidhean a rannsachaidh.

Bha i air a dealbh air mhodh àraidh a bha cur an neo-shuim tìm agus astair. Fhads a bha i fo tharraing na talmhainn na aon eile de na planaidean cha robh diofarna gluasad o ghluasad bàta-adhair sam bith eile. Ach aon uairs gu robh i saor on tarraing cha robh anns an astar soluis féin ach màirnealach, slaodach an coimeas ri a siubhal troimh dhoimhne na speur.

Anns an t-seòmar bheag far an robh gach uidheam stiùiridh, gach cairt-iùils gach inneal a bhuineadh do làimhseachadh abhàta air an suidheachadh, bha triùir fhearnan suidhe.

Bha Fòlan, am fear bu shine, ageur amharc air achlàr-amharc far an robh grioglachan Andromedana bhoillsgeach soluis nach bu mhotha na bonn leth-chrùin aig an astar.

Ri thaobh bha Dùbhal, Frangach caol dorcha sachraicionn, aire aig uairean air achlàrs aig uairean eile air an leabhar naidheachd a bha e o àm gu àm adeanamh oidhirp a leughadh.

Bhan treas fear den chuideachd, eadar a chadals a dhùisg, a chasan sìnte cho fadas a cheadaicheadh meud an t-seòmair. Cha robh[180]


[181] Natan a’ creidsinn ann a bhith toirt ás a chorp a shaothair ach na bheireadh an éiginn air.

Thaghadh an triùir, dithis Bhreatannach agus Frangach, airson an turuis so, chan ann a mhàin airson calmachd cuirp is eagnaidheachd inntinn ach mar an ceudna airson farsaingeachd am fiorsachaidhs an eòlais air seòladh bhàtachan-adhair o chionn còrr is fichead bliadhna. Chan eil e dualach don leithid saoghal fada a mhealtainn: cha robh dearbhadh air coimeasan an triùir so na bu mhotha na gun tainig iad sàbhailte troimh ghàbhaidhean nam fichead bliadhna.

Dhùin Dùbhal an leabhars shìn e féin a chasan uaithe. “Chan eil móran ann as urrainn dhuinn a dhèanamh a nis ach an t-sròn a thoirt dhi,” ars esan; “Than cùrsa air a shuidheachadhs chan eil ni as urrainn dhuinn a dhèanamh tuilleadh, ceart neo ceàrr e, gus am faigh sinn a chiad chaismeachd gu bheil i fo tharraing reult na planaid.”

Rinn Natan gàire. “Ach guidhe air an Fhreasdal gur tarraing planaid a chiad tarraing a ghlacas i. Tha e glé mhath a bhith sìneadh air Saturn, Neptune na Pluto le cìnnt gur ann air falbh on ghréin a man cùrsa, ach chan eil mi idir cho saorsnail acuimseadh air crios gréine ùr, ’s beò an dòchas gum bean sinn ri tarraing planaid mu ruig sinn tarraing na gréine tham meadhon achearcaill.”

Thog Fòlan aire on chlàr, ’s thug e sùil air a chompanaich. “Nach aoidheil a chuideachd sibhars esan, “Than cùrsa cinnteachchan urrainn mearachd a bhith ann. Trì seachdainean on diugh, a réir tomhais tìme na talmhainn, aig cóig uairean feasgar bithidh am bàta agus sinne, tha min dòchas, an taobh a stigh de tharraing na planaid as iomallaiche an Andromeda. ’S a nise, tha dol a ghabhail a chiad aig achòcaireachd?”

Chaidh na làithean seachad mar sin. Leughadh, cadal, aconnsachadh mun chòcaireachd.

Cha robh móran eile a burrainn na fir a dhèanamh. Corra chluich air chairtean na tàileasg; ach bha an triùir eòlach air a leithid a shuidheachadh, bha iad an cuideachd a chéile air an talamhs am farsaingeachd na speur o chionn bhliadhnaichean. Sheòl iad an luingeis-adhair air turuis a mhair suas ri bliadhna na còrr.

Cha robh an trì seachdainean ach ùine ghoirids chaidh na lathaichean seachad cho luath sin.

Dìreach air an s aig an dearbh uair a dhainmich Fòlan sheinn chaismeachd air feadh abhàta.

Gun chuideachadh o làimh duine shocraich an long i féin an cearcall réidh còmhnard mu thimcheall na planaid, afeitheamh ri toil a luchd-stiùiridh gu toirt gu cala. Chaidh na fir air ghluasad. Ghabhadh tòimhsean, rinneadh geur sgrùdadh air cumadh is dealbh na planaid, beachdaich iad air cudthrom is dùmhlachd an adhair mu timcheall, ’s mu dheireadh theann iad ritoirt gu talamh gu socair, faiceallach.

Laigh i am meadhon raoin chòmhnard còmhdaichte le feur goirid liath-ghlas. Troimh na h-uinneagan chitheadh iad craobhan is flùran, creagan is cnuic, sruthain is lochan uisge.

Cha robh dreach na dùthcha idir cho eu-colach ri dreach na talmhainn on tàinig iad, ach a mhàin an dath. Am meudachds an cumadh


[182] cha robh an diofar mórach an dath! Bha na craobhan trom dhearg le duillich cho geal ris an t-sneachda. Bha na flùrans na blàthan air dhath purpuir fo speuran a bha air fhiamh de liath nach fhacass nach fhaicear am feasd air an talamh.

Cha do rinn na companaich ach geàrr bheachdachadh air an roinn sin den phlanaid air an do laigh iad an toiseach. Ghluais am bàta suas a rithisd agus aig àirde mìle troigh theann i ri cuairt a chur air aphlanaid.

Cha robh beanntan àrd orra idir, ’s cha robh feum air àirde an cùrsa atharrachadh. Ach bha an sùilean gu geur, beachdail alorg comharra air àiteach na obair làmh-dhèanta mar dhearbhadh air creutairean reusanta a bhith còmhnaidh air aphlanaid.

Thainig an dearbhadh na bu luaithe na bha dùil ris. ’S gann a nochd am baile riutha, na stad am bàta mar gum beireadh làmh duine orrana cùrsa.

A dhaindeoin gach oidhirp gu toirt fo bhuaidh na stiùrach, ’s a gluasad air slighe eile fo treòir féin, sheòl i gu sèimh socair a dhionnsaigh abhaile, laigh i air creathail mhór stàilinn a bhaga feitheamhs dhfhosgail a prìomh dhorus leis féin.

Thachair gach cho aithghearrs nach dfhuair na fir móran cothrom gluasad, a dhaindeoins cho deass a bha iad ann an éiginn a réir cleachdaidh is àbhaist. Ach cho luaths a dhfhosgail an dorus rinn gach fear grad ghréim air a chlogad-cinn: so prìomh smuain is ceud dhleasdanas gach fir-adhair a lorgas e féin gun dìon fo speuran planaid choimhich.

Ach mun dfhuair iad na clogaid a chur orra bhuail oiteag ghaoithe iad troimh an fhosgladh; oiteag thlàth fhallain, cùbhraidh le boltradh bhlàth. Gun smid chuir Fòlan sìos a bheairt-cinns lean càch eisimpleir. Sheall iad air a chéile. Bhan suidheachadh uile gu léir ùr dhaibh. A mach air crìochan an saoghail féin so achiad uair a thachair iad air planaid a bha freagarrach gu beatha altruim an dòigh nàdurra.

Thigibh a mach a chàirdeans na biodh eagal sam bith oirbh.” Thàinig an guth on taobh a muigh, ciùin, sìbhealtaagusnan cànan féin. Gu fàth fiata nochd iad a mach troimhn dorus agus chrom iad gu talamh.

Sheall iad mun cuairt orra ach cha robh neach san t-sealladh.

Bham bàtana laighe am pàirc bhig am meadhon abhaile. Co-dhiùbh am meadhon nan tighean, oir cha robh móran coltais beatha baile air an àite an dòigh sam bith.

Co sìbh tha labhairt, na càite bheil sibh?” Bhaghuth cruaidh foirmeil eadhonna chluasan fhéin, ’s faireachadh aig Natan gum bu toibheum dha labhairt an sàmhchair bheannaichte an àite so.

Rug Dùbhal air ghàirdean air. “Dean air do shocairars esan fo anail. “Na biodh eagal oirbhars an guth a rithisd, “ ’S e ur beatha don àite, ach tha eagal orm nach eil móran as urrainn sinne thairgse dhuibh mar aoidheachdco-dhiùbh a thaobh feuman ur cuirp.”

Bha sàmhchair bhalbh ann airson mionaid na dhà. Labhair an guth a rithisd.


[183]

Chan eil aobhar dhuibh a bhithgar lorg le bhur sùilean, a chàirdean. Chan eil sinne faicsinneach do shùilean nàdurra. Tha mìltean bliadhna on bhris sinne air falbh o chuibhrichean achuirp thalmhaidh as aithne dhuibhse. Eadhon nuair bha sinnnar còmhnaidh an céis cuirp cha robh e comasach do shùil sam bith ach ar sùilean féin ar dath a ghlacadh. Ach chan eil sin gu dragh. An aithghearrachd, lorg sinn dòigh air inntinn is mac-meamnna a sgaradh on chorp o chionn fhadatha sinn a nisnar spioradan. Co-dhiùbhs e sin am facal as fhaisge a lorgas mi airson ar staid a chur an céill ann bhur cànan-se.”

Ghlac Dùbhal misneach gu ceisd a chur. “Ach a bheil sibhsegar faicinn-ne?” “Thà,” ars an guth, “Ghléidh sinn buadhan àraidh a bhuineadh don chorp. Blàths na gréine, fàile cùbhraidh nam flùr, dathan maiseach nàduirtha mothachadh againn orra, ach an diofar dòigh uaibhse. An cois an atharrachaidh lorg sinn cuideachd cumhachdan àraidh nach robh againn sachorp. Tha fiosrachadh agaibh air a h-aon dhiubh.” Stad e agus chunnaic na companaich an long aca ag éirigh mu lethcheud troigh on talamhs alaighe gu socair a rithisdna creathal stàilinn.

Sin a h-aon dhiùbhars an guth. “Aon eile, than cothrom againn siubhal troimhn doimhne o reul-chrios gu reul-chrios am prioba na sùlach. Stad a chur air an innleachd as cumhachdaiche a dhealbhadh riamh air planaid sachruinne, daoines creutairean atharrachadhach carson a dhàireamhainn iad uile?” A rithisd bha tosd mun cuairt dhoibh.

Labhair Fòlan; “Tha sin aciallachadh gun do ràinig sibh an saoghal againne. Gu bheil enur coimeas cuideachadh a dheanamh leis san t-suidheachadh dhuilich sa bheil e?”

Tha, ’s chan eilars an guth. “Tha lagh ceartaisnar measg a thagar bacadh o bhriseadh a steach air còraichean is toil cinneadh eile. Ach tha e comasach dhuibhse sin a dheanamh. Ma tha sibh deònach bheir sinne dhuibh gach comas a tha againn féingun de ur coguis na ur saor thoil a thoirt bhuaibh. Faodaidh sibh tilleadh gu ur saoghal féins an cothrom a chleachdadh mar chì sibh iomchuidh, —a chum maith nan uile.”

Stad an guth.

Bhan triùir bog balbh.

S an sin, mar aon ghlaodh iad— “Tha sinn deònach.”

Shéid stoirm gaoithe is teine mun cuairt dhoibh. Far an robh iadnan seasamh cha robh ri fhaicinn ach meall beag le dhuslach mìn. Chaidh a chuairt-ghaoth ceudna mu thimcheall abhàta-adhairs leaghna duslach.

Eadar crios Andromeda is boillsgeadh fann nan cearcall a tha mun cuairt na planaid Saturn, bha trì ghuthan gun chuirp fhaicsinneachnan lathair adian chòmhradh mu na dòighean air an gabhadh an saoghal ath-nuadhachadh.

titleCriochan Farsaing
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Cailein T. MacCoinnich in Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page