[187]

Dónall Og, Taighde ar an amhrán, le Seosamh O Duibhginn (An Cló-chomhar Tta., Baile Atha Cliath. 134 t.d. 6/- .)

Tha sinn eòlach air Seosamh O Duibhginn mar aon den ghinealach ùr a dhàraich an Saorstát gu fìor mheas a chur air cainnt is ceòl is litreachas bhunaidh Eirinn, is e sin air aGhaeilge, agus air litreachas is ceòl na Gaeilge. Bi aBheurla achiad chainnt a bhaige, ach an diugh is fheàrr leis gu mór Gaeilge a labhairt agus a sgrìobhadh, agus tha deagh alt aige air sin a dhèanamh. O chionn greis tha e air a bhithna Eagarthóir, nona Fhear-deasachaidh, air amhìosachan Feasta, aon de phrìomh phaipearan Gaeilge na dùthcha.

Bann an Campa an Churraigh, prìomh chàmpa an Airm an Eirinn, a chuala O Duibhginn an toiseach an t-amhran Dónall Og. Bha clas Ghaeilge aig Máirtín O Cadhain, an sgrìobhaiche ainmeil, an sin, agus nuair a thug e an t-amhran so dhaibh chòrd e gu h-anabarrach ri O Duibhginn agus thug e leis air mheamhair e. Thòisich e an ceann ùine air gach lethbhreac a lorgadh e a thional, á làmh-sgrìobhainnean is á leabhraichean, is á taifeidean is clàir a chruinnicheadh le muinntir abheòil-aithris ann an Eirinn, agus ged nach do lorg e an t-amhran gu h-iomlan ann an Albainn, fhuair e sgeul air amhrain Ghàidhlig, no air bloighean dhiubh, aig a bheil dlùth cheangal ri Dónall Og. Anns an leabhar so tha e atoirt cunntais air lethcheud lethbhreacs a seachd, feadhainn dhiubh goirid agus feadhainn eile nas fhaide, ged nach eil gin dhiubh cho fada ris an lethbhreac a bhaca an Campa an Churraigh, agus da fhichead ceathramhs a trì ann. Tha e cuideachd atoirt dhuinn ceòl an òrain.

Tha O Duibhginn den bheachd gum faodadh e bhith gur h-e duine eachdraidheil a bha ann an Dónall Ogis dòcha Dónall Og O Dónaill a bhana phrionnsa an Tír Chonaill sabhliadhna 1258ach chan eil dòigh air dearbhadh soilleir fhaighinn air a so. Agus ged a be, chan eil gach lethbhreac den amhran mu dheighinn an duine sin, oir is e an cuspair a thaca air fad mar a thréigeadh caileag òg le a leannan falaich, agus ise an déidh trom ghràdh a thoirt dhà, agus an déidh a cliù a chall air a sgàth. Cuspair fìor chumanta an eachdraidh gach cinnidhis beag an t-iongnadh ged a gheibhte amhrain den t-seòrsa so anns gach ceàrn de Ghaidhealtachd Albainn is Eirinn.

Ged a tha an sheòrsa Gàidhlig a nis air a bhith greis mhath sgarte bho chéile, ann an amhrain den t-seòrsa so chì sinn gu furasda an dlùth dhàimh a tha eatorra. So agaibh grunn cheathrannan á lethbhreac Mhuimhneach (áCóigeamh Mumha na h-Eireann,” an duirt an t-òran Uibhisteach):

A Domhnaill Oig, theidhir thar fairrge
Beir féin leat, is déin de dearmad,
Is beidh agat féirín aonaigh is margaidh,
Is inghean Ríogh Gréige mar chéile leaptha agat.

Do gheallais damhsa, nídh ba dheacair duit,
Luingeas óir chrann-seoil airgid;
Dhá bhaile dhéag de bhailtibh mhargaidh;
Is cúirt bhreagh aoldha cois taobh na fairrge.


[188]

Do gheallais damhsa, nídh nár bhfhéidir,
Go dtiubharthá laimhinne de chroicean éisg dam;
Go dtiubharthá bróga de chroicean éan dam;
Is culaidh dhen tsíoda ba dhaoire i nEirinn.

A Dhómhnaill Oig, bfhearr dhuit mise agat
bean uasal uaibhreach iomarcach,
Do chrúdhfainn agus do-ghéanainn cuigean duit,
Is, mba cruaidh é, do bhuailfinn buille leat.

Is moch ar maidin do chonnac-sa an t-óigfhear
Ar muin chapaill ag gabháil an bhóthair;
Níor dhruid liom is níor chuir na stródh orm;
S ar mo chasadh abhaile dhams eadh do ghoileas mo dhóthain.

Siúd é an Domhnach do thugas grádh dhuit,
An Domhnach díreach roimh Dhomhnach Cásga;
Is mise ar mo ghlúinibh aléigheadh na páise
S eadh bhí mo dhá shúil asíorthabhairt an ghrádh dhuit.

mo chroidhe-sa chomh dubh le háirne,
No le gual dubh a bheadh i gceárdchain,
No le bonn bróige bheadh ar hallaíbh bána;
S gur dheinis lionn dubh dhíom os cionn ma shláinte.


[189]

Do bhainis soir dhíom, is do bhainis siar dhíom,
Do bhainis romham, is do bhainis imdhiaidh dhíom,
Do bhainis Gealach, is do bhainis Grian díom,
S is -mhór meagla gur bhainis Dia dhíom.

Ged nach eil an sin ach taghadh de na ceathrannan tha iad ag innse earrann mhath den sgeulachd dhuinn, ach tha iomadach leudachadhga dheanamh oirre anns na h-amhrain eile a fhuaradh ann an Connacht, an Ulaidh agus an Albainn. Tha e soilleir gu bheil ceangal aig acheathramh mu dheireadh shuas ris acheathramh againne:

Thug thun ear dhìom is thug thun iar dhìom,
Thug thughealach is thug thughrian dhìom,
Is thug thun cridhe a bhanam chliabh dhìom,
Cha mhór, a ghaoil, nach tugs mo Dhia dhìom.

Tha O Duibhginn alorg dlùth cheangal eadar Dónall Og agus Fear aBhàta, agus mar an ceudna dhfhaoite ceangal a lorg eadar Dónall Og agus Fail il ó agus ro éile, agus Os s gura thair maire, agus Hug órann óro gur toigh leam fhìn thu, agus òrain eile cuideachd.

Is dòcha, ceart gu leòr, gu bheil cunnart ann a bhith atogail shreathan á amhrain agus ag ràdh gu bheil ceangal aig na h-amhrain ri chéile, oir tha e furasda aithneachadh gu robh móran de shreathan, is de cheathrannan, a rinn siubhal, mar gum beadh, bho amhran gu amhran. Seall na sreathan so, á Dónall Og:

Nuair a chluinim cáil ar na mná dhá lua leat,
Titeann bun agus bárr mo ghruaige,

agus cuir rin taobh na sreathan á Coisich a rùin, a rèirs mar a sgrìobh K. C. Craig iad ann an Orain Luaidh, is e air an cluinntinn bho Mhàiri Nighean Alasdair ann an Uibhist a Deas, uaireigin eadar 1942 agus 1949:

Nan cluinninn eile luaidh riut,
Spìonainn bun is bàrr mo chuailein.

Ach a rèir coltaiss ann air Seon Caimbeul ás na Hearadh a bha aire na bana bhàird an so. Tha leithid nan sreathan sin adearbhadh dhuinn cho rèidhs a bha an t-slighe, do na h-amhrain, eadar Albainn is Eirinn. Is dòcha nach robh na seabhaltaich a bha sgrìobhadh ann an Oisean, o chionn ghoirid, fada ceàrr idir nuair a mhol iad dhuinn tuilleadh eòlais a chur air na càirdean as fhaisge oirnn air an taobh so den Chuan a Siar.

Co-dhiùbh, tha sinn an comain a h-aoin diubh, Seosamh O Duibhginn, airson an leabhair so aige.

R. McT.

title2
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 34 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page