[115]

Oiteagan A Albainn Nuaidh

CALUM IAIN MACLEOID

Cladh Gleann a’ Bhàird ann an Albainn Nuaidh.

Is ann an so a tha am bàrd Iain MacGilleathan air a thiodhlacadh.

O CHIONN seachdaine no dhà fhuaras sgial bàis Chaluim Bhig Ratharsair, no Calum Mac Gille-Eathain. Ged nach robh Gàidheil Eilein Cheap Breatainn eòlach air Calumna phearsa chuala iad fathann thalls a bhos air an obair ionmholta a bha e adeanamh ann a bhith adìoghlum seann bhial-aithris a tha fhathast am bial an t-sluaigh an Innse-Gall, ’s an Gàidhealtachd na h-Albann. Bha làn-dùil againn ri Calum fhaicinn an Albainn Nuaidh air an naoidheimh diag den t-Sultuin, 1960, oirs ann air an sin a bha Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, an Antigonish, adol a thoirt dha an onoir a bàirde a bhanan cridhesnan comas airson a shaothrach. Cha robh an turus-cuain sin an dàn dha; mar a thuirt am bàrd Murchadh Mór Mac Mhic Mhurchaidh:—

Dìomhain bhur léigheann, bhur léirsinn a bhàn,
Dìomhain bhur geurchuis sna speuraibh gu h-àrd,
Dìomhain bhur tuigse tha tuisleach a ghnàth,
Dìomhain gach aon an uair thigeas am bàs.”

THA mi cinnteach gun do thadhail cuid agaibh san t-Seann Dùthaich, uair no uaireigin, an Tigh Madame Tussaud, an Lunnainn, far a bheil ìomhaighean nan daoine allail san t-saoghal air an gràbhal


[116] adh an céir. Uill, chan eil tigh mar sin aca an Albainn Nuaidh fhathast, ach, a dhaindeoin sin, tha fear ris an abrar Azor Vienneau, an Halifax, air ìomhaigh a shnaidheadh den Fhamhair MacAsgaill, a chaochail an Eilean Cheap Breatainn sabhliadhna ochd ciad diag, trì ficheads a trì. Nuair a sheallas tu gu giar air an ìomhaigh so cha mhór nach saoil thu gu bheil Aonghus adol a bhruidhinn riut. Bha Aonghus iomraiteachna airson a neirt. Bha e thairis air seachd troighean an àirde. Bha na brògan aige ochd òirlich dhiag air fhad, is bha e fhéin acothromachadh faisg air cóig ciad punnd. Tha cuid an Eilean Cheap Breatainn ag ràdh nach eil an ìomhaigh chéireach so idir coltach ri Aonghus. Their iad gu bheil a shamhla coltach ri Gearmailteach, is gum bu chòir do Aonghus a bhith air a éideadh san deise Ghàidhealaich an àite còta a tha aruighinn a ghlùinean, briogais, siosacot, agus léine chaol. Tha feadhainn ann cuideachd a tha acumail a mach gur h-ann an Eilean Cheap Breatainn a rugadh Aonghus MacAsgaill; cuid eile gur h-ann san Eilean Mhanannach a dhfhosgail e a shùilean an toiseach. Mas math mo chuimhne, ar leam gur h-ann am Beàrnaraigh na Hearadh a rugadh am Famhair ainmeil Aonghus Mac Asgaill, an àite ris an abrar Seabaidh. ’S e Beathag nighean Alasdair, bean-ghlùine iomraiteachna , a bhana banaltrum dha, boireannach a bha mion-eòlach air an Dotair Alasdair MacLeòid, no an Dotair Bàn. Be athair Aonghuis, Tormod Mac Aonghuis Mhic Néill Mhóir, is cha chreid mi nach e ban-Fhearghusdanach a bhana mhàthair á Eilean Phabaidh, faisg air Beàrnaraigh. Tha fios gu bheil móran dhaoine anns na Hearadh an diugh a tha càirdeach do MhacAsgaill, gu h-àraidh am Poll an Oir, ’s air aMhachair, ’s am Port nan Long, an Uibhist a Tuath. Tha luchd-dàimh aige an Eilean Cheap Breatainn cuideachd, achuid mhór dhiubh am Framboise, an siorramachd Richmond. Bha daoine treuna, starbhanach, taiceil, atuineadh sna Hearadh ri linn MhicAsgaill. Chuala mi mo sheanamhair atoirt tarraing air Dòmhnall is Fionnlagh MacGillMhoire á Tarabhig; Iain Mac Diarmaid as aMhachair; Alasdair MacGillMhoire ás an t-Srannd, agus Dòmhnall Mór Mac Alasdair Mhic Andaidh á Gearraidh na Crèadha.


MA théid a h-uile mar is miann bidh tombaca afàs an Albainn Nuaidh an ath-bhliadhna. Tha Bòrd an Fhearainn air chùl aghnothaich, agus thug iad seachad fhichead acaire mar thràth airson toiseach-tòiseachaidh an àite ris an abrar Kentville, baile beag an iar thuath air Halifax. ’S e Olaindeach air a bheil Ted Driessen mar ainm, a thana cheannard air gach iomairt a thann. Bha eòlas farsaing aige-san air fàs tombaca nuair a bha e an Ontario o chionn bliadhna no dhà. Bha mi aconaltradh ri Driessen an roimhe, is thuirt e rium gu bheil gné na talmhainn an Albainn Nuaidh air leth freagarrach airson fàis tombaca, “ ach,” ars esan, “feumaidh sinn aimsir fhaighinn a bhios cuidhteas reothaidh. Feumaidh sinn, co-dhiùbh, sia fichead gun sgath reothaidh idir mu àm an Fhogharaidh, is chan eil sin furasda fhaighinn sacheàrnaidh so den t-saoghal.”

Tha iad abuain an tombaca san t-Sultuin. Chan e buileachbuaina their iad ris achtaghadh.” ’S e obair chruaidh a tha so,


[117] obair a tha trom air an druim, oir tha agad ri na duilleagan tombaca a thaghadh on bhun ìosal a tha air friamhachadh san talamh, ach, mar a thuirt an seanfhacal, ’s e lìonmhorachd nan làmh a dhfhàgas an obair aotrom, agus is iongantach cho acfhuinneach, sgiobalta, ’s a tha an luchd-taghaidh adol an gréim na h-oibre. Tha an luchd-taghaidh acur nan duilleagan buidhe air slaod a tha air a tharraing le each, ach, chan eslaoda their iad ris achbàta.” Nuair a tha am bàta làn, tha clann-nighean aceangal trì no ceithir de na duilleagan ri chéile, agus, an sin, ’gan crochadhnan gagan ri maide, cleas mar gun cuireadh tu smalagan ri tiormachadh air an t-sìoman. As a sin, tha na maidean gaganach air an crochadhnan sreathan san àth airson seachd . An àite ceò na mòna a bhios atiormachadh nan smalagan, tha uidheam-teasachaidh “propane” am broinn gach àth. Nuair a tha aphicilleadh so seachad, tha na duilleagan gaganach air an tarraing sìos o na maidean, agus air am pasgadh am pàipear donn, ’s air an cur air falbh don fhactoraidh. Ri tìde, ma bhios fàs an tombaca soirbheachail, faodaidh a h-uile tuathanach a tha saMhórroinn so sìneadh air cuid den fhearann aige a chur fo thombaca. Feumaidh e mhìle dolair gun teagamh airson àth a thogail, ach, a mach air sin, cha bhi móran cosguis eile slaodadh ris oir bheir Bòrd an Fhearainn seachad luchd-taghaidh nan duilleagan an asgaidh an uair a thig àm na buana.

CHA mhór nach eil breacan ùr aig a h-uile Mórroinn an Canada dhi fhéin a nis. Tha iadga reic airson seachd dolair an t-slat, agus tha na Ameireaganaichga cheannach mar as luaithe a théid aca air. Tha cuid de na dathan sna breacanan ùra so air leth taitneach, ach, ’s e cnag na cùise nach e fìor bhreacanan a thannda idir oir cha do chuir an Ridire Tòmas MacAonghuis, Fear Leatharnaidh, àrd cheannard nam breacans nam fear-chinnidh, an Dùn-Eideann, a sheula ri gin de na breacanan ùra sin, ach a mhàin, breacan na h-Albann Nuaidhe.

S en Tìr Ur Nodha, no Newfoundland, aMhórroinn mu dheireadh an Canada a tha astrì ri breacan ùr a thionnsgnadh is h-abair sibh-se gu bheil cogadh abhreacain ri buille gu brais an dràsda an Newfoundland oir tha bhreacan aca ri clàr a nis, agus tha muinntir an àite eadar an t-euradhs an t-aimbeairt ach m breacan a thaghas iad aig acheann thall. So agaibh na dathan a tha sachiad bhreacan:—

(l) Uaine, mar shamhla air achraoibh-ghiuthais.
(2) Or, air son gathan na gréine.
(3) Geal, mar chomharradh air sneachd fuaraidh, neimheil agheamhraidh.
(4) Donn, airson an iaruinn ás an talamh, agus
(5) Dearg, acur an céill suaicheantais an rìgh.

So agaibh na dathan sabhreachan eile:—

(l) Dearg, geal is buidhe, na dathan a tha air an tionnsgnadh an suaicheantas Newfoundland e fhéin.

(2) Dearg, geal is gorm, afoillseachadh comh-fhlaitheachd Bhreatainn.

(3) Uaine, geal is bàndearg, datha a tha sabhratach aig Newfoundland o shean.


[118]

(4) Bàndearg airson nam Pròstanach.

(5) Uaine airson nam Pàpanach, agus

(6) Geal, afoillseachadh, agus ag innse dhuinn gu bheil a nis sìth eadar na Pròstanaich agus na Pàpanaich. Sin agaibh sin, agus mar a thuirt Gàidheal á Arasaig, faisg air Antigonish, rium, Di-Luain-sa chaidh, ’s sinn abruidhinn air cogadh abhreacain an Newfoundland, “ ’S ann aig Dia fhéin tha brath is fios m breacan a bheir buaidh aig deireadh an .”

A RIAMH on a bhuail achiad soitheach-seòlaidh á tìrean-chéine feamainn chìreanach is barra-stamh na h-Albann Nuaidhe, dhfhidir na daoine gu robh an leithid de ghalar an aorabh an t-sluaigh ris an canadh iad an tachas-tioram. Tha Jacques Cartier fhéin ag ìnnse dhuinn gun do chaill e móran de na maraichean aige leis an tachas-tioram san dùthaich so. Sabhliadhna cóig ciad diag, ceithir ficheads a trì diag, fhuair an Ridire Ruiseart Hawkins a mach gun dèanadh sùgh an òrmheas léigheas air an tachas-tioram, ach, sabhliadhna so fhéin, an Albainn Nuaidh, bha thairis air deich thar fhichead duine cloinne san ospadail, an Halifax, loma-làn den tachas-tioram. Tha na lighichean ag ràdh gur e dìth “Vitamin C” a thair achloinn, is gum bu chòir do gach màthair aig a bheil duine beag, sugh an òrmheas a thoirt dha cho luaths a ruigeas e sheachdain a dhaois. A réir nan dotairean, chan eil bainne na idir cho iomlanna bhiadhs a thàtar am beachd, is gur h-e bainne na cìche as fheàrr uile gu léir airson beathachaidh nan naoidhean.

THA trì bliadhna air a dhol seachad a nis on a chaidh Cathair na Gàidhlige a stéidheachadh an Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, an Antigonish, Alba Nuadh. Anns an Oilthigh so thàtar ateagasg Gàidhlig na h-Albann, Eachdraidh nan Ceilteach, is Litreachas nan Ceilteach. Anns abhliadhna a chaidh seachad bha trì fichead oileanach agabhail nan cuspairean sin, isnam measg bha duine dubh á tìr Basuto a bha ameòrachadh air aPhrionnsa Teàrlach, Fionnghal NicDhòmhnaill, agus am Morair Seòras Moirreach. Chaidh an duine dubh air ais gu tìr Basuto ach mun drinn e breacan-á- baile thug e urras dhuinn gun dèanadh e spàirn chruaidh air eachdraidh Bliadhna Theàrlaich a theagasg do chloinn na sgoile an tìr Basuto. Thog e beagan Gàidhlig nuair a bha e cuide ruinn cuideachd, is sheinneadh eAm Ministears am Bàillidh,” le dreach is le suigeart a dhaindeoin blas beurla Basuto an suds an so am measg nan ceathramhnan.

NAN abradh duine ás an t-Seann Dùthaich gun robh e ri bìtheadh fad an , thuigeadh duine gu robh e sìos aig achladach, no faisg air laimrig abìtheadh, no atearradh bàta, ach, san dùthaich so, ma their thu gu bheil thuabìtheadh,” tha sin aciallachadh gu bheil thu asgrìobadh á cairt nan craobhan giuthais, ’s e sin ri ràdh, an giuthas-Lochlannach. Nuair a tha abhì air a cruinneachadh o na craobhan, tha na boireannaichga sgrìobadh, isga


[119] glanadh gu cùramach gus nach bi lorg sam bith air cairt nan craobhanna measg. Gheibh iad reic don bhì anns na Stàitean Aonaichte airson dolar gu leth am punnd. Bidh na fir afalbh sachoillidh abìtheadh fad mìos no dhà, agus is iomadh naidheachd éibhinn a bhios aca nuair a thig iad dhachaidh. Bha dithis a muigh abìtheadh aon uair, is chaidh aonan diùbh air seachran. Streap e suas gu bàrr craoibhe, is shìn e ri éigheach ri a chompanach. An ceann greise fhuair e freagairt á dìomhaireachd na dlùthchoille, is thòisich an guth ateannadh nas fhaisge dha. Mu dheireadh chrom e ás achraoibh, agus an sinna sheasamh gu stobach an làrach na coille, bha math-ghamhainn cho mórs cho dubhs a chunnaic e riamh aspleuchdaireachd air eadar an shùil.


AN ceann trì seachdainean eile bidh a h-uile seòrsa cuirm, fàilte is fleadhachais air chois an ceanna-bhaile Shidni, an Eilean Cheap Breatainn, oir, mun àm sin, bidh baile Shidni ciad, trì ficheads a cóig bliadhna diag a dhaois. Chan eil luchd eachdraidh idir cinnteach achiad duine geal a fhuair lorg air Eilean Cheap Breatainn an toiseach. A réir cuid, bha iasgairean á ceann an iarthuath na Frainge aseòladh thairis gu Eilean Cheap Breatainn air eiriridh an truisg mun tàinig fios no forfhais air Columbus no Iain Cabot. Nuair a ràinig Iain Cabot na còrsaichean againn bha dùil aige gun robh e an Asia, is mar sin chuir e iongnadh air nach robh sgial air na sìodan luachmhor, agus na seudan prìseil mun cuala e iomradh. Tha amharus againn cuideachd gu robh,

Lochlannaich threun toiseach bhur sgéil,”
Sliochd solta bhair freumh Mhànuis,”

mar a thuirt Màiri nighean Alasdair Ruaidh, ag èaladh timcheall air na cladaichean againn mu chóig chiad bliadhna mun tàinig Columbus don Mhórroinn so. Chan eil a mach air seachdain on a chunnaic mi itealan beag, buidhe, ag itealaich gu mall is ìosal thairis air Acarsaid MhicFhionghuin, an Eilean Cheap Breatainn. a bha so ach an Dotair Helge Ingstad a tha afiachainn ri lorg fhaiginn air fearann-àiteachais nan Lochlannach. Tha e coltach gu bheil e móran nas fhasa gnothach mar so a rannsachadh on adhar na bha e air tìr. Tha dùil aig an Dotair Ingstad gun tàinig na Lochlannaich air tìr an Labrador, no an Quebec, no an Albainn Nuaidh.

S e am Màidsear Ioseph Desbarres achiad àrd-riaghladair a bhairEilean Cheap Breatainn, is thug e an t-ainm Sidni air prìomh-bhaile an Eilein mar chuimhneachan air fear dam bainm, “Am Morair Sydney,” a bhana Rùnaire Stàite airson nan Eilthireach. Thachair so sabhliadhna seachd cia diag, ceithir ficheads a cóig. An déidh Desbarres bha an Còirnealair MacCarmaigna àrd-riaghladair air Sidni, agus tha esan ag ìnnse dhuinn gu robh ceithir mìle duine afuireach an Sidni nuair a bha esan an ùghdarras. Cha robh dìth no deireas air an t-sluagh oir bha an t-iasg pailt, is bha na méinean-guail ag obair dìreach mar a tha iad an diugh. Dhfhaodadh duine sitheann-féidh, ’s e sin ri ràdh, “caribou”, no an lon Ameireaganach, a cheannach airson trì sgillinn am punnd.


[120]

THA iasgach nam bànagans nam breac gu math am bliadhna. Tha na bànagan atòiseachadh ri ruith suas na h-aibhnichean mu dheireadh mìos aGhiblein. Gabhaidh iad boiteag aig bial na mara ach nuair a ruigeas iad suas gu còmhnardan uachdrach na h-aibhnes e am maghar as fheàrr leotha. H-abair sibh-se gur e faghaid ghrinn a thann nuair a shìneas iad ri riobadh. Gabhaidh iadAm Feòladair Airgid,” mar a thagaibh-se san t-Seann Dùthaich, achs eAm Para Belle,” agus anJerry Ma Diddler,” na sùileagan as docha leotha sachèarnaidh so den domhan.

Tha iasg eile againn an so a bhios asnàmh a steach on mhuir, agus atadhal nan aibhnichean mun àm so den bhliadhna ris an abrargaspereaux.” Their na h-InnseanaichKiacksriutha, aguss e sgadan-garbh an t-ainm a chuir Gàidheil Cheap Breatainn orra. Tha iad càirdeach ris an sgadan an gnés an cumadh, ach gu bheil iad nas motha. Tha na h-iasgaireangan glacadh le lìon-iadhaidh isgan reic ri na giomadairean airson biadhaidh. Tha feadhainn eilegan glacadh an cléibh, car coltach ri cléibh-ghiomach, ach tha na cléibh so lethchiad troigh air fhad, is fichead troigh air liad. Tha muinntir Eilein Eòin afeannadh nan gaspereaux, ’gan sgoltadh, ’gan gearradh an òrdan, ’gan sailleadh, ’gam pacadh am baraillean, isgan aiseag a null do na Stàitean Aonaichte, do na h-Innseachan an Iar, is don Roinn Eòrpa. ’S e glé bheag a dhitheas gaspereaux an Canada, ach tha sluagh na Roinn Eòrpa anabarrach fhéin measail orra. Bidh iadsangan-itheadh cuide ri bàrr goirt agus fìon.


O CHIONN deich bliadhna air ais bha e furasda gu leòr teisteanas fhaighinn airson carbad-ola a stiùireadh an Albainn Nuaidh. Dhfhaodadh duine air leth-shùil is air leth-chois cead fhaighinn ach, an diugh tha riaghailtean ùra air bonn a tha acur ceannsachaidh air an fhear nach bu chòir a bhith air chùl cuibhle air an rathad mhór. A bharrachd air sgrùdadh fhaighinn air ciamar a stiùireas tu carbad, tha agad ri ceasnachadh a sgrìobhadh air reachdan-siubhail an rathaid-mhóir, is gus a faigh thu làmh-an-uachdair air na cnapan-starraidh sin, chan fhaigh thu cead carbad a làimhseachadh idir. Nuair a tha sin ás do dhéidh, tha Lagh nam Pongan romhad a h-uile uair a ghluaiseas tu on tigh ann an carbad. Tha fhichead pong ann uile gu léir, is ma chailleas tu deich ás an fhichead bidh do theisteanas-stiùiridh air a thoirt bhuat airson sia mìosan. So cuid de na pongan-dìtidh a bhiosnad aghaidh ma bhristeas tu na riaghailtean:—

(l) aonan, afalbh aig astar thairis air trì fichead mìle san uair: trì pongan.

(2) a dhà, astiùireadh acharbaid nuair tha smùid ort: sia pongan. Air uairibh, ma tha thuga do sheann dalladh, ’s e deich ar fhichead saphrìosan a bheir iad dhut, gun chothrom idir air càin a phàidheadh, is chan fhaigh thu cead-stiùiridh fad bhliadhna an déidh sin.

(3) a trì, afàgail àite san rathad mhór far an do thachair sgiorradh: trì pongan.

titleOiteagan à Albainn Nuadh
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Calum Iain MacLeòid in Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page