Moladh ’Ic Aoidh
IAIN GRIMBLE
’S E nì cho diamhair ’s cho iongantach ’s a tha ’nar n-eachdraidh gun tug Gaidheil Eirinn, ris an abradh aig an àm na Scotaich buaidh air na Cruithnich a dh’ fhairtlich air cumlachd nan Ròmanach. Cha toir sinn ach tuairmeas air ciod de ’n bhuaidh so a thàinig bho chathachadh, agus dé uiread dhith a bha mar thoradh air a’ chaidreamhachd ’s air an eòlas a bha taisgte ann an cànan an luchd buaidh. Chan eil cinnt againn ach air gun tainig na Scotaich le dualchas catha na Féinne agus le eòlas eaglais Chaluim Chille. Nach àluinn an smuain a their gun robh aig an àm sin am peann na bu treise na an claidheamh, ’s gun robh eòlas nan Scotach á Eirinn, a thug buaidh cho mór san Roinn-Eòrpa, comasach air na Cruithnich a cheannsachadh gun móran fala a dhòrtadh.
Cha do stad na Scotaich aig oir a tuath tir-mór ach rinn iad ionnsaigh taobh Arcaibh is Shealtainn is eileanan nam Faroes agus Iceland. Mar a b’ fhaide an ceum o Eirinn ’s ann bu lugha a rinn iad de làrach, agus ’s iongantach mur e sin as coireach cho beag ’s a tha de fhreumhan na Gàidhlige ann an cainnt Iceland an diugh an coimeas ri na gheibhear an cainnt nam Faroes.
Bhon tha na h-eileanan sin uile an diugh Lochlannach ’nan gné, is dòcha gur e suidheachadh nan àitean a chuir crìochan roimh ’n sgaoileadh Ceilteach mu dheireadh san àird a tuath. Tha e glé choltach gur e so a bha ’n inntinn an fhir a rinn dealbh-dùthcha air an sgìr so san t-seachdaimh linn deug. ’Na àm-san, b’ e Strath-Nabhair, a bha gabhail a steach a chuid bu mhotha de airthir a tuath Alba agus a bha na bu mhotha na iomadh siorramachd am Breatainn, an daingneach Ghaidhealach a b’ fhaide tuath. Rinn e dealbh air an dùthaich so air a cuairteachadh le beanntan àrda bho chladach gu cladach, mar gum biodh e de ’n bheachd gun robh beanntan do-ghlacadh eadhon mur an robh eileanan. Am broinn a’ chearcaill bheann so bha an Taobh Tuath no Dùthaich ’Ic Aoidh, air an tugadh an t-ainm, Strath-Nabhair mar thoradh air an abhainn a bha sruthadh troimh mheadhon. A deas air an Taobh Tuath bha “Sudurland,” an iar air bha na “Sudurey’s” nach biodh fhathast, ’s dòcha, ’nan Innse Gall Gàidhlige mur b’ e gun deachaidh aig an daingnich Cheiltich air tir-mór air i féin a ghleidheadh bho na Lochlannaich a bha mu a timcheall.
Có an cinneadh ris an robh an daingneach so air a h-earbsa? B’ iad sluagh chun an do chuir Donnan agus Maol Rubha teachdairean Crìosdaidh ged nach do thadhail iad fhéin riamh air an Taobh Tuath. B’ iad daoine a bha eòlach air àrd-ghrinneas obraichean-snaidhidh no gràbhalaidh na h-eaglaise Ceiltich, agus muinntir a chùm air cuimhne litreachas gaisgeil na Féinne. Nuair a thòisicheadh an toiseach air a bhith a’ taghadh ainm cinnidh, thug iad orra fhéin ainm a bha sean agus urramach. Gheibhear an t-ainm Aodh cho fada air ais ri fionn-sgeul “Bàs Chloinn Lir.” B’ e Aodh a b’ ainm do ’n rìgh mu dheireadh a chrùnadh aig Teamhair ann an 1592, agus b’ e an t-ainm ceudna a bh’ air ceann-cinnidh mór Ulaidh air an deachaidh call-catha aig Cinn t-Sàile ann an 1602. B’ e Aodh, a chaochail sa’ bhliadhna 1571, an ceann-cinnidh mu dheireadh de ’n ainm sin a bh’ air Cloinn ’Ic Aoidh, agus tha freagarrachd mhuladach an lùib sin, oir b’ e a’ chiad ceann-cinneadh a thugadh fo ìochdranachd do na Sasunnaich.
Tha na seann sgeulachdan Lochlannach a’ deanamh soilleir gun do chuireadh bacadh air adhartas na “Vikings” ann an Dùthaich ’Ic Aoidh. Ged a chaidh iad a steach do chridhe na dùthcha a chur catha cha b’ urrainn dhaibh tuineachadh an sin. ’S ann a mhàin an àiteachan anns an gleidheadh iad bàta, fo dhìon an uachdranachd air muir, a tha ainmean-àite tha cumail cuimhne air tuineachadh nan Lochlannach. Tha na sgeulachdan a’ toirt tarraing air ceann-cinnidh Ceilteach do ’n b’ ainm Moddan agus is dòcha gur ann uaithe-san a thug Clann ’Ic Aoidh an sloinneadh neònach sin “Clan Morgan.” Tha e soilleir, cuideachd, nach ruigeadh dìoghaltas air ànraich is fògarraich a theicheadh gu fasgadh an Taoibh Tuath. Nuair a sguir bagraidhean nan Lochlannach thòisich maoidheadh nan Sasunnach bho dheas. Stéidhich iadsan iad fhéin ann am baile a dh’ ainmich iad air righ Edwin á Northumbria. Ghabh iad orra fhéin an t-ainm Scotaich, ged nach bu ghnàth le luchd ceannsachaidh iad fhéin a sgeadachadh le craobhan-cosgair an t-sluaigh a smachdaich iad gus am biodh an ceannsachadh coimhlionta. Thug na Sasunnaich cùmhnant-fearainn do chach a chéile air talamh nam fìor Scotach, agus air Sealtainn is Arcaibh cuideachd nuair a thug tubaisd uachdranachd cothrom dhaibh. Ghabh iad na cùmhnantan-fearainn sin mar lethsgeul a bhith tuasaid an aghaidh an luchd-àitichidh dhligheach, agus cho-éignich iad gach ceann-cinnidh Ceilteach de ’n d’ rinn iad tràill gu sabaid an aghaidh a nàbaidhean a bha fhathast gun cheannsachadh.
Airson ùine mhór thàrr Clann ’Ic Aoidh ás o’n sgrios so. Thug iad a’ cheart aoidheachd do Uilleam an Leómhann ’s a thug iad do na Lochlannaich, agus chan eil teagamh nach tug muinntir Dhun-Eideann dùil-thairis gun rachadh aca air Strath-Nabhair. B’ e an teaghlach làidir Sasunnach sin, Gòrdon, a ghabh còir troimh mhort air iarlachd Shutharlainn, a fhuair tighearnas air Strath-Nabhair, anns an t-siathamh linn deug, troimh chealgaireachd is shlaightearachd.
Mar sin ’s ann an toiseach na seachdaimh linn deug a chuireadh Clann ’Ic Aoidh, mar ìochdarain nan Gòrdonach, a chogadh as leth nan Sasunnach an aghaidh Aodh Ni Néill ann an Ulaidh, agus an aghaidh Chloinn ’Ic Leòid an coimhearsnaich ann an Leódhus.
’S ann a nuas bho ’n linn sin a choisinn na Gaidheil, oighreachan an dìleab Cheiltich, fìor inbhe gaisgealachd. Anns an ùghdarras, a thug Rìgh Seumas VI airson an turuis air ’n do chuireadh Clann ’Ic Aoidh agus feadhainn eile an aghaidh Leòdach Leódhuis, bha na faclan “cuir á bith.” Aig an àm sin dhealbh agus sgrìobh na Gòrdonaich innleachdan air a’ Ghàidhlig a chur á bith. Nan robh an latha air a dhol leis an riaghaltas an Dun-Eideann chan eil teagamh nach robh iad air a’ Ghaidhealtachd ’s a’ Ghàidhlig a sgrios gu tur, ’s cha bhiodh air fhàgail ach ainmean-àiteachan troimh ’n deanadh na h-àil ri teachd tuairmeas air an eachdraidh. Cha bhiodh sgeul air pìobaireachd no air òrain mhóra no air luinneagan Dheirdre agus na Féinne. ’S dòcha nach biodh eadhon dearbhadh sam bith air fhàgail nach b’ e sluagh borb agus aineolach a bh’ anns na Gaidheil. B’ e sin beachd nan Gall orra san t-seachdaimh linn deug agus cha bhiodh rathad air am beachd sin a bhreugachadh. B’ ann mar sin a thachair an Arcaibh agus an Sealtainn agus chan eil air fhàgail ach cànan is litreachas nam Faroes gu taobh na fìrinn a ghleidheadh.
Ach cha robh e gu tachairt sa’ Ghaidhealtachd airson trì cheud bliadhna eile. Ann an Strath-Nabhair fhéin thòisicheadh a’ deanamh laoidhean spioradail ann an Gàidhlig aig a’ cheart àm a bha am fear riaghlaidh Gòrdonach a’ feuchainn ri Beurla chur orra do ’n aindeoin. Tha e air innseadh dhuinn gun b’ iad laoidhean Iain ’Ic Aoidh á Mughdal a bhrosnaich Dùghall Bochanan anns an linn ’na dhéidh. Thug Dòmhnall Mór MacCriomain na buinn dhith gu Strath-Nabhair an déidh losgadh Chille Chrìosd agus ’s ann uaithesan a thug Ian Dall agus Aonghas MacAoidh an ealain bho ’n tàinig móran de phìobaireachd Chloinn ’Ic Criomain air am bheil lorg againn an diugh. Dh’ fhàg Rob Donn againn ceithir cheud duilleag de bhàrdachd a tha deanamh deilbh air dóighean is cor an t-sluaigh an Strath-Nabhair san ochdaimh linn deug. Ann an Leabhar na Féinne tha dà cho-chruinneachadh mhór de òrain ghaisgeil á Dùthaich ’Ic Aoidh. Cha b’ ann gus an naoidheamh linn deug, nuair a thugadh an seilbh bho mhóran Ghaidheal ’s a chuireadh iad thar chuan, a chuireadh crìoch air obair Rìgh Seumas VI, ’s a chaidh Strath-Nabhair á bith ’s a shlugadh suas i ann an siorramachd mhóir Shutharlainn. Agus an uair sin bha iad fadalach, oir eadhon ged a thigeadh latha anns nach bi mac màthar de Chloinn ’Ic Aoidh san Taobh Tuath aig am bi facal Gàidhlig ’na chlaigionn, tha dearbhadh gu leòr a nis nach b’ e teanga dhaoine borb allaidh a bh’ innte agus gun do mhair i ’na cànan anns an robh taisgte mór shaibhreas eòlais, teòmachd agus ealain. Faodaidh e bhith nach ceadaichear a chaoidh do ghineil Chloinn ’Ic Aoidh an eachdraidh ’s an litreachas fhéin fhoghlum anns na sgoilean; ach mairidh iad a dh’ aindeoin sin.
Chan eil eachdraidh Strath-Nabhair gun choimeas dhi. Dh’ àraich ceàrnan eile pìobairean a b’ ionmholta agus bàird a bu lìonmhoire. Dheanadh àiteachan eile uaill á buaidhean cogaidh a b’ iomraidiche agus á diadhairean a b’ ainmeile, ach bhon tha a’ Ghàidhlig a’ dol an comhair a cùil gus am bheil na h-eileanan fhéin ann an cunnart, tha e mar ìmpidh oirnn eachdraidh Strath-Nabhair a chumail ’nar cuimhne.
’S e Strath-Nabhair an t-oisean as iomallaiche de ’n Ghaidhealtachd, agus ghleidheadh e airson mìle bliadhna a dh’ aindeoin iomadh seòrsa deuchainn. Nan robhas air a bhriseadh aig àm sam bith bho theachd na Vikings chun an latha an dé, có aig tha fhios cia mheud daingneach eile a bha air géilleadh cuideachd.
Goirid an déidh a’ chogaidh mu dheireadh sgrìobh Wallace Notestein, àrd-ollamh an Ameireaga, leabhar d’ am b’ ainm “The Scot in History” agus anns an leabhair sin tha e ag ràdh gun dh’ fhairtlich air smuain-aonachaidh sam bith a lorg an eachdraidh Alba; cha d’ fhuair e idir innt an aonachd a tha cho soilleir an eachdraidh Shasuinn ’s a tha deanamh na h-eachdraidh sin cho tlachdmhor! ’S e a dh’ fhaodadh sin a ràdh, oir tha gach nì a bhuineadh do fhìor stéidh eachdraidh Alba air am fàgail gu tur a mach ás an leabhar. Tha iomadh facal ann a sgrìobh Raibeart Burns, Bhaltair Scott agus sgrìobhaichean Beurla eile, ach chan eil aon lideadh ann bho Ghaidheal. Chaidh aig Goill na h-àird an ear-dheas air a’ bheachd a sparradh air oilthigh Ameireaganach gum b’ iad féin na fìor Scotaich—air an sàrachadh le trioblaidean dhaoine allaidh an taobh tuath.
’S e aon nì a mhàin a tha comasach air mealltachd a’ bharail sin a nochdadh. ’S e sin misneach is cruadal nan Gaidheal troimh iomadh linn—a’ mhisneach a tha toirt na h-aonachd do eachdraidh Alba a dh’ fhairtlich air Wallace Notestein a lorg. Chòmhraig na Gaidheil eadhon nuair nach robh dùil sam bith aca ri buaidh. Rinn iad litreachas nuair bha innleachdan clò-bhualaidh air an àicheadh orra agus chùm iad beo an eòlas agus an ionnsachadh nuair a bha na ceithir oilthighean Albannach a’ leigeil orra nach robh a leithid de eòlas ann.
Is dòcha gun toir buill-airm ùra an latha an diugh, an ràdio agus telebhisean, buaidh thairis orra. Faodaidh gun tig latha anns nach cluinnear ach Beurla ann an Strath-Nabhair agus ann an àiteachan eile as tèaruinte. Ach choisinn na Gaidheil anns na trì cheud bliadhna a chaidh seachad buaidh nach urrainn iad a chall a nis; buaidh a thug iad fada roimhe ’n so air na Cruithnich. Tha samhla de ’n bhuaidh so ri a faighinn an diugh am baile Thokyo an Japan, far am bheil fear teagaisg Beurla san Oilthigh aig na nì e ag ionnsachadh na Gàidhlig.
(Dh’ eadar-theangaicheadh an t-iomradh so le Murchadh MacSuain).
title | Moladh ’Ic Aoidh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Iain Grimble in Gairm 34 %p |
parent text | Gairm 34 |