Bas anns a’ bhuaile
Le FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL
CHA mhór nach bruicheadh tu ugh air a’ chabhsair ann am Barcelona am feasgar a chaidh mi gu sabaid nan tarbh. Bha aon sabaid seachad anuair a chaidh mi a steach agus bha làraidh mhór a’ sileadh bùirn agus a’ slaodadh bhruisean a’ glanadh na fala a chaidh a dhòrtadh.
Fuil is grian. Eadar na dhà bha teannachadh ’na mo chom mun do sheinn an trompaid a’ gairm an ath thairbh nach fhàgadh a’ bhuaile gu bràth air a chasan.
Leum e a steach troimh dhorus a dhùin gu clis air a chùlaibh. Mar thà, bha gath stàilinn air a sàthadh ’na shlinnean, le bratach bheag oirre ag innse có an tuathanach a bhog sròn an laoigh anns a’ bhainne an toiseach agus a dh’ araich e airson na h-ìobairt.
Beathach gleansach dubh, le adhaircean móra biorach, le coltas an donais ’na dhà shùil. Beathach a dheanadh deagh laoigh nam faigheadh e an cothrom. Sheas e tiota a’ sguabadh a chìnn agus dh’ fhairich mi crith a’ tighinn annam a bha letheach eadar truas agus masladh.
Bha na suidheachain timcheall na buaile loma lán le Spàinnich, móran dhiùbh le cloinn ’nan uchd nach robh ach gann aig ìre coiseachd. Thòisich a’ ghlaodhaich, a’ cur fàilt air an tarbh. Bha leanabh thrì bliadhna mu mo choinneamh a’ smèideadh neapaige. Anuair a thòisich an tarbh a’ gluasad, agus e air a shùilean a chleachdadh ris a’ ghréin, thuit sàmhchair.
An Toreador
Chunnaic e an toreador, ’na sheasamh leis fhéin am meadhon na buaile, agus rinn e air, a shròn ri làr is cop r’ a bhial ’s e a’ bùirean.
Cha sheasadh duine beò ris a sud. Leum an toreador air cùl balla-dìon fiodha a bha shìos mu mo choinneamh, agus chriothnaich am balla anuair a bhuail an tarbh. Spealg e bìdeagan fiodha, agus spealg e bìdeag far te de na h-adhaircean aige fhéin.
Ach an déidh sin bha e beagan na bu chiùine. Beagan. Agus chaidh an toreador a mach leis fhéin a rithist gun dad aige a dhìonadh e ach brat dhearg is phinc leis an robh e a’ dol a chluiche an tairbh.
Thigeadh an tarbh le bùirich is sitrich. Dìreach anuair a shaoileadh tu gu robh a dhà adhairc gu bhith ann am mionach an toreador ghluaiseadh an toreador gu socair a thaobh, mar dhuine a’ toirt a’ chiad cheum ann an waltz.
Sud seachad an tarbh fo achlais. Sud mun cuairt an toreador a dh’ fheitheamh an ath ionnsaigh. Chunna sibh leanaban nach robh cho ciùin agus iad a’ cluiche ri piseig le luideag air ceann srainge.
Fad an t-siubhail bha an toreador a’ beachdachadh an tairbh. Ag amharc có an taobh a bu bhuailtiche dha a dhol. Có an adharc leis am b’ fheàrr leis sàthadh. Ciamar a b’ fheàrr a ruigeadh e air anuair a thigeadh an t-àm airson a’ chlaidheimh. Agus bha mise air bhiod, ag amharc duine sgileil aon bhriobadh sùla agus aon sàthadh adhairce bho’n a’ bhàs.
Am Picador
An ceann greise thàinig dà sheabhaltach dhùr a steach do ’n bhuaile, gach fear dhiubh air muin eich. Gach fear le sleagh shia troighean ’na làimh, agus sgian ghoirid gheur air ceann gach sleagha.
Bha cuibhrige mór tiugh air cliathaich gach eich sìos, cha mhór chun an láir. Agus bha an t-sùil a b’ fhaisge air an tarbh air a còmhdach air dhòigh agus nach fhaiceadh an t-each an cunnart.
Chaidh aire an tairbh a thoirt gu aon de na h-eich. Agus ma chaidh, sud far an robh an straighlich. Rinn an tarbh air an
Ann am mionaid, chaidh an tarbh a thoirt chun an eich eile agus thòisich a’ cheart strì.
Bha còir aig a’ chuibhrige an t-each a dhìon ach aon turus chunna mi adhairc an tairbh a’ tighinn a mach dearg fo ’n chulbhrige.
Fad an t-siubhail bha am picador gu h-àrd a’ sàthadh ’s a’ sàbhadh le ceann geur na sleagha, gu mionaideach faiceallach a’ gearradh féithean slinnein an tairbh, a’ dol cho domhainn ’s a b’ urrainn dha ’s e a’ dreannadh fhiaclan. Agus bha an fhuil a’ dòrtadh sìos gualainn an tairbh agus i a’ reothadh air fhionnadh. Bha so airson an tarbh a lagachadh. Bha na Spàinnich a’ glaodhaich. Agus thainig a’ ghòmadaich ormsa.
Na banderillos
Anuair a thug iad air falbh na h-eich thainig na banderillos a steach. Daoine beaga, grinn air an casan, agus is iad a dh’ fheumadh. Bha triùir aca ann. Agus aig gach fear bha dà ghath mu shlait am fad le sgian air chumadh dubhain an ceann gach gath.
Fear an déidh fir sheas iad agus mhag is mhaoidh iad air an tarbh gus an deach e an sàs annta. Rinn e air a’ chiad fhear. Dhanns am banderillo a mach ás an rathad agus anuair a bha e mu shlat bhuaithe gheàrr an dannsaiche boc agus stob e an dà ghath ann an slinnean an tairbh.
Rinn an dara fear an aon rud. Agus an treas fear. Agus anuair a bha iad ullamh bha sia gathan ribinneach crochte ris an tarbh. Chan fhaigheadh e caoiteas iad a chionn ’s gu robh na dubhain ’gan cumail ’na fheòil. A h-uile turus a ruitheadh no a leumadh no a chrathadh an tarbh a cheann bha na gathan a’ gliogadaich.
Bha àm a’ mharbhaidh a’ tighinn faisg.
Thainig an toreador a mach aon uair eile le bratach dhearg flanain aige crochte fo bhioran, agus claidheamh caol fada am falach ri taobh a’ bhiorain. Thòisich a’ chluiche mu dheireadh.
Ged a bha an tarbh lag bha e fhathast cunnartach, agus bha am pian agus fàileadh na fala ’ga chur dheth fhéin. Turus an déidh turuis thug e roid air an toreador. Turus an déidh turuis thug an toreador ceum a thaobh, uaireannan a’ leigeil an tairbh seachad fo achlais, uaireannan ’ga leigeil seachad air a chùlaibh, e fhéin uaireannan a’ dol air aon ghlùin agus adhairc an tairbh a’ dol seachad r’ a bhus. Bha an toreador a’ coimhead rag fuar le faiceall mar a chì sibh uaireannan cat aig am bheil rodan ann an cùil.
Am Bàs
Mu dheireadh thall thionndaidh an toreador agus sheall e an claidheamh do ’n t-sluagh fhad ’s a bha cuideigin eile a’ tarraing aire an tairbh. Dh’ iarr e cead air ceann-suidhe na sabaid an tarbh a mharbhadh.
Thug an tarbh ionnsaigh an déidh ionnsaigh. Rinn an toreador sàthadh an déidh sathadh. A h-uile turus bha an claidheamh a’ dol a steach troigh no ’n còrr, ach bha e a’ dubh-fhaileachdainn air an toreador an dearbh àite a lorg. Bha fuar-fhalus air mo bhasan, agus ghlac mi mi fhéin ri leth ùrnuigh, a’ guidhe gun deanadh e cabhag agus gun cuireadh e a’ bhrùid ás amhghair.
Chithinn glùinean an tairbh a’ fàs glagach. Mu dheireadh thall, rinn e nuallan nach robh ach coltach ri nuallan laoigh. Thionndaidh e, agus mar thrughan air an daoraich choisich e air a shocair chun an doruis air an tainig e steach bho chionn leth-uair. Ach mun do ràinig e, ghéill a ghlùinean agus laigh e agus bhàsaich e.
Bha an sluagh a’ maoidheadh ’s a’ magadh-fheadaireachd oir cha bu toil leotha toreador nach do mharbh a tharbh.
Thainig trì eich a steach ’s shlaod iad air falbh a’ chlosach.
Thainig làraidh an uisge ’s nam bruisean a dheasachadh na buaile airson an ath tairbh. Agus anuair a dh’ éirich mise gu falbh bha aois nan trì bliadhna air an t-suidheachan mu mo choinneamh a’ briseadh a chride a’ caoineadh, agus chan éisdeadh e r’ a athair a bha a’ cur an céill dha cho uasal ’s a bha a’ bhùidseireachd.
title | Bàs anns a’ Bhuaile |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 34 %p |
parent text | Gairm 34 |