Air Slainte Na Waiterean
THOGADH an dealbh so aig suipeir de bhuntàta is sgadan an Lunnainn. ’S e Coinneach a tha leis a’ bharaill, ged as e port-a- beul as trice a tha aige. Math-dh’ fhaoite gun aithnich sibh feadhainn eile a tha san dealbh. Bha iad ann á Póland ’s á Poll-iù, á Eirinn ’s á Eirisgeidh, á Ceann-a- deas Ameireaga ’s shuas o thaobh Cheann Phàdruig. ’S ann ás an “Argentine” a tha an te a tha ri taobh Choinnich; ’s e Barabal as ainm dhi is tha Gàidhlig gu leòr aice
Bha cóig chiad gu leth sgadan ann gu léir, ach ’s ann bho Chalum M. Thormoid Chaluim Mhóir ann an Dun Eideann a thainig am baraille-sa. Cha chuala sinn dé a thug e orra fhathast. Tha sgadan saillt uabhasach gann sa’ bhaile so ’s nach ann a thachair dithis rium dol sìos gu sràidean “Shoho” a lorg sgadan. Tha móran ag imeachd sràidean “Shoho” a latha ’s a dh’ oidhche, ’s chan e sgadan saillt a tha iad a’ sireadh. Cheannaich an dithis so dà sgadan a bha ochd sgillinn am fear ’s chuala mi gura h-ann glé phronn a bha iad nuair a bhruicheadh iad. ’S e sgadan Iùdhach a fhuair iad, ’s dé feum a dheanadh iad sin do na Barraich ’s na Sgitheanaich—b’ eòlach an seanair air! Cha robh sgian neo greumaire air a’ bhòrd, ach bha nighean òg ann á Steòrnabhagh aig an robh ìnean fuadain. Bithidh iad a’ glaodhadh nan ìnean fuadain so air uachdar nan ìnean nàdurra agus cha robh iad glé mhath air lannadh a sgadain idir.
Chaidh seòrsa de dh’ òran a dheanamh mu ’n oidhche, ’s bha Ceit glé thoilichte gun deach iomradh a thoirt oirre fhéin ’s air na h-ìnean fuadain san oran. Tha dusan rann ann is ’s e so an deireadh aige.
“Chan eil maraichean gu leòr
An diugh ann chuireas bàt’ fo sheòl,
’S chan fhaic mi iad ’nam peitean mór
’S le briogais chlò a’ Bhucaich orr’,
Ach càite an deach a sgadan saillt.
Chan eil fhios nach fhaic sibh an còrr de ’n òran an clò an Gairm uaireigin, ma gheibh iad oisean beag dha.
Bha mi faicinn tòrr lasraidhean aig na “Cameras” a’ togail dhealbh air feadh an àite, ach roghnaich Rùnaire Comunn Eilean An Fhraoich Lunnainn an dealbh-sa a chur gu Gairm.
Mise a bha ann ’s a chunnaic,
RUAIRIDH MACGILLEATHAIN.
title | Air Slàinte na Waiterean |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Ruairidh MacGilleathain in Gairm 35 %p |
parent text | Gairm 35 |