1 Is iomadh rud a tha an cois an fhoghluim
Cha robh mi riamh ann an co-chomunn ri oileanaich ar dùthcha gus an tàinig mi air a’ bhliadhna so gu Obar-Dheadhain. Tha am baile fhéin gun teagamh air thoiseachd ann am bòichead agus ann an gloinead air baile sam bith eile a thadhail mi ’nam chuairt, ach chan ann air a sin a tha mo sheanchas.
Air dhomh a thighinn gu Obar-Dheadhain cha b’ e idir am mór-shluagh dh’ an tug mi m’ aire, ach an oigridh a chruinnich ann, á ceàrnaidhean iomallach an t-saoghail, co-dhiùbh tha iad an so dubh agus buidhe. Le sin tha e furasda a thuigsinn gu bheil iomadh caochladh dòigh a measg an grunnan cheud tha so agus iad ann ás gach treubh agus fine, á Africa agus Aràbia, ás na h-Innseachan agus na Hearadh.
Is fhada bho chuala mi ann an amhran gu robh cofaidh gu leòr ri fhaotainn ann am Brazil. Ma thà cha chreid mi nach iarr iad a h-uile gràine dheth dha na daoine pàiteach sin. Fireann agus boireann, tha iad an sud ag òl a’ chofaidh bho mhoch gu dubh. Ach tha nas miosa na sin air a’ chùis. Cha robh barrachd deathaich ann an Tigh nan Cailleachan Dubha ann an Uig na tha anns an fhàrdaich ud aig biasdan phàisdean òga smùideadh air tombaca, no mar a chanadh cailleach a dh’ aithnichinn fhìn: “a’ smùideadh air fagaigeadh.” Co-dhiùbh tha am fasan sin an diugh air a chleachdadh aig an tigh agus bho ’n tigh.
Rud eile a chuir fìor iongantas orm, ’s e sin na trusgain neònach a bhios air a’ chlann-nighean. Chì mi cuid dhiubh le sgiortaichean cho teann mu ’n tòin agus cho cuibhrichte mu na glùinean agus gu mionnaicheadh duine nach tigeadh an latha a gheibheadh an dàrna glùin seachad air an t’éile. An uair a ni iad ceum, is e fear glé ghoirid. Saoilidh mi fhìn gum biodh a’ cheart uiread a shaorsainn aca ceangailte ann am buarach. Tha cuid eile dhiubh calg-dhìreach an aghaidh sin. Tha cuairt mhór ann an earbaill nan sgiortaichean acasan agus iad làn mar siùil le deagh shoirbheas, ach cha chreid mi gur e gaoth tha ’gan lìonadh ged nach do thuig mise riamh dé th’ ann. A mach air a sin tha na stocainnean an diugh air dath dearg, gorm, glas agus dubh. ’S ann a bha ’mheas air an t-sìoda. Cha bhi fios aig balach a bheil na cuislinn cnapach tha sud anns na casan aca no nach eil. Chan eil fiù ’s cnapan nam bròg nach eil air caochladh. Tha dèanamh nàmhadach orra, àrd agus cho biorach ri ceann na taraig; mo thruaighe fear a gheibh e[260]
A thuilleadh air an aodach agus air am brògan tha na h-ìghneagan ag atharrachadh dath an craicinn agus cumadh falt an cinn gus am feumadh fear sealltainn dà uair ri té aca mus biodh e cinnteach có tha aige. Chì mi falt té aon latha ’na chuibhleachan air mullach a cinn, agus ’s maithid an ath latha gum bi e mar earball gearrain ’na leth-sheasamh a mach bho chùl a cnuacainn. Tha cuid eile aca agus chan eil mi smaoineachadh gu bheil iad a’ cur cìr ris uair sam bith. Bithidh na dosain sìos m’ a sùilean agus an còrr dheth a’ tuiteam ’na pheallagan an sud ’s an so.
Tha na tha sin glé mhì-thlachdmhor, ach ’s e tha cur a’ ghoirreiseachadh buileach orm na spuirean ìnean fada dearg a chì mi air cuid dhiubh, agus na bilean air an dearbh dhath. Chan eil cupan air an cuir iad gab air nach bi cruth agus cumadh am bilean ’na ràth dearg. Tha mi faicinn a nis gu bheil fasan ùr eile aca, agus ’s e sin a bhith a’ cur guirmein air rasgan an sùilean. An àite so snas a chur air an dreach ’s ann a tha e a’ fàgail rang dubh-ghorm mu na sùilean aca mar gum biodh iad air a bhith ’nan caithris bho raoir, air a neo air galair am bàis fhaighinn an àite-eigin. Co-dhiùbh sin an latha air a bheil iad.
Nach ann air an t-saoghal a thainig an dà latha? Ach ged tha mise sgrìobhadh so mar cheithir-cheàrnach chan eil fios nach dean iad beatnik dhiom fhathast.
CALUM MACLEOID (Nis).
title | 1 |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Calum MacLeòid in Gairm 35 %p |
parent text | Troimh Shùilean nan Oileanach |