[205]

An Sgeulachd A Choisinn An Duais

’S e Iain Mac a’ Ghobhainn a choisinn an duais de £20 a thairg sinn air sgeulachd anns an nòs ùr. Cha robh e furasda dhuinn a thighinn gu codhunadh mun chùis. Bha naodh sgeulachdan far comhair, agus bha grunn ann a bha fìor mhath. Chì sibh cuid dhiubh anns na Gairmean ri teachd.

An Solus Ur

le IAIN MAC A’ GHOBHAINN

BHA an duine ’na shuidhe air beulaibh na h-iuchrach a bha ag ràdh OFF.Cha robh duine anns an rùm ach e fhéin. Ri thaobh bha ceithir telefonanaon gheal, aon bhuidhe, aon dhearg agus aon uaine mar ghunnachan a dhfhaodadh spreadhadh mionaid sam bith. Nuair a thòisich acaseirm thog e gu chluasan is dhéisd e.

Chan eil cinnt agaibh a réisd?” thubhairt e. Chuir e sìos an telefon, ’s chaidh e chun na h-uinneig. ’S e oidhche bhòidheach shamhraidh a bhann, ’s chitheadh e na daoine afalbh air na sràidean móra, ’s chluinneadh e an cuid bhrògan atàirneanaich air achloich. Os cionn nan tighean bha an solus uaine, is grian òir anns an adhar. Air oidhcheannan mar so shaoileadh duine gun robh an saoghal gun mheang, mar leug phrìseil. Muillionan de dhaoine agabhail seachad, mar rionnagan anns an iarmailt, muillionan de dhaoine . . . Smaoinich e air an adhar, gun fhios nach robh, aig an àm ud fhéin, rocaidean . . . . ’s an iarmailt acoimhead cho neochiontach cuideachd!

Stad e. Bha gnog aig an dorus.

Thig a steach,” dhéigh e, ’s thainig Soames a steach. Be Soames a sheirbhiseach pearsanta. Bhe e giùlan sgàlna làmhan agus air an sgàl bha cupan cofaidh. Leig e sìos an sgàl air abhòrd bheag ri taobh na h-uinneig. Cha robh móran fuilt air cùl amhaichs e lùbadh a chinn.

Ur cofaidh,” ars esan. Be duine àrd tana a bhannna aodach dubh. Bha e falbh a mach nuair a chuir am fear-riaghlaidh stad air.

Soames?”

Sheall Soames ris le ceistna ghuth.

Suidh sìos.”

Shuidh Soames sìos.

Thug am fear-riaghlaidh a mach pacaid thoitean.

Eil thu riutha?”


[206]

Chan eil.”

Bha làmhan Shoamesnan laighe air a ghlùinean.

Carson a dhiarr e air Soames fuireachd? Cha robh fhios aige chanadh e ris.

Tha mise cho trang,” thòisich e. Cha dubhairt Soames smid, ach bha e sealltainn ris mar gum biodh e feitheamh ri òrdugh. Cha robh ann an saoghal Shoames ach saoghal òrdughan.

Tha mi cho trangs nach urrainn dhomh . . . .” thòisich e rithist.

Nach urrainn dhuibh eòlas fhaighinn air mo leithid-sa?” arsa Soames.

Seadh,” ars esan, “sin e dìreach.” ’S thug e sùil gheur air Soames mar gum biodh e air dol a steach do inntinn airson achiad uair.

ás a thàinig thu,” ars esan,” thù?”

Mise?” arsa Soames. “Rugadh is thogadh mi sabhaile so fhéin.”

Agus mise,” ars am fear-riaghlaidh, ’s e cur ás an toitein cha mhór mus do las e e.

Eil teaghlach agad?”

Aon mhac.”

Dhfheuch e ri smaoineachadh air mac Shoames ach cha rachadh aige air.

Tha e anns acholaisd,” thubhairt Soames.

Smaoinich e air acholaisd anns an robh e fhéin uair, agus air na leabhraichean a leugh e. Dante, Vergil, Hómer . . . . Bha iad ann an saoghal eile.

na leabhraichean a bhios e leughadh?” ars esan, ’s e sealltainn a mach air an uinneig.

Leabhraichean? Eil fhios agaibh, chan e sgoilear dìleas a thann,” fhreagair Soames, ’s eg aomadh chuige anns achathair, ’s aig acheart àm dhaom e fhéin air falbh bho Shoames mar nach biodh eg iarraidh éisdeachd ris an sgeòil a bha tighinn. Bha cus dhaoine anns an t-saoghal, is -rian do-aithris.

Leis an fhìrinn innse,” arsa Soames, ’s a ghuth afàs na bu treise, “chan eil móran spéis aige de chàil ach ball-coise.”

Stad es thubhairt e: “Achs e dèagh bhalach a thann. ’‘

Ball-coise! Cuin a chluich e fhéin air ball-coise?

Bha an saoghal làn de dhaoine mar Shoamess a mhac aig nach robh spéis de chàil ach ball-coise.

An t-seachdain a chaidh,” arsa Soames, “thàinig e dhachaidhs eg ràdh gun dfhuair e tairgse dhol a chluich do . . . . Ach tha gu leòr agaibhse ri . . . .”

Chan eil, chan eil,” ’s ega mhallachd fhéin airson iarraidh air Soames fuireachd.

Ach cha cheadaich sinn sin dha idir,” thubhairt Soames. “Tha sinn suidhichte gu lean e an sgoil. Bha trod mhór againn, ’s dhfhalbh e machs cha tainig e steach gus an ath-mhadainn. Chan eil fhios càite na chaith e an oidhch’ .” dhaithnicheadh sin air Soames fad na seachdain ud? mhothaich an trioblaid sinna ghnùis?


[207]

Agus air a shon fhéin, cha robh càil a dhfhios aige càit an robh Ealasaid fad na seachdain ud: cha robh tìdaige.

Nach eil sin iongantach,” ars esan.

?”

O, bha mi smaoineachadh.”

“ ’S cha robh fhios aig amhàthair a dhèanadh i. An tigh-eiridinn no am polas? . . . . Cha robh fhios. Ach thàinig e mu dheireadh, ’s chan innseadh e càit a robh e. Chan eil e ach seachd deug.”

n aois a bha Ealasaid, smaoinich e.

Tha mi duilich sin a chluinntinn,” ars esan mu dheireadh. Bha Soames mar gum biodh e afeitheamh ach an ùine ghoirid thubhairt e:

“ ’S fheudar dhomh a bhith falbh.”

Chan fhalbh, chan fhalbh. Suidh sìos, suidh sìos. Tha tìde gu leòr againn.”

An deidh dhà-na-trì mhionaidean thubhairt e:

Bu chòir dhuibh leigeil leis.”

Leigeil leis?” arsa Soames mar nach biodh e atuigsinn.

Seadh. ’S e sin a tha eg iarraidhball-coise . . . . agus is cinnteach . . . .”

Bha a shùilean asealltainn thairis air Soames mar nach biodh ega fhaicinn.

Cha leig sinn leis,” arsa Soames, ’s eg éirigh ás achathair. “Chan aithnich sibhse am balach ann. Chan eil fhios agaibh. bha e dol a dhèanamh, co-dhiùbh? Thog sinn e, ’s cha leig sinn dhà e fhéin a mhilleadh.”

Bfheàrr leam gu suidheadh tu sìos.” Nach en saoghal a bha -rianail, daoine mar Shoames a falbh air fheadh len cuid mhuladan.

ris a tha e coltach, do mhac?” ars esan. Gu grad, thug Soames dealbh ás a phòcaid, ’s sheall e dhà e. Bha am balachna sheasamh air beulaibh carbaid dheirgs bonaid acharbaid fosgailt. Bha solus geal adòrtadh timcheall airs ena léine air latha samhraidh. Nuair a chunnaic e am falt dubh slìobachs an t-aodann fosgailte ann an gàire thug e bruadar a choreigin gu inntinn ach cha ghreumaicheadh e air.

“ ’S e balach grinn a thann,” ars esan, ’s e toirt an deilbh air ais do Shoames. Rinn Soames gàire mar gun còrdadh so ris.

Ach dhèanadh tu nam biodh an saoghal atighinn gu cheann a màireach?” thubhairt am fear-riaghlaidh gu grad.

Atighinn gu ceann?” dhfhoighnich Soames. Nach en duine a bha slaodach. Cha tàinig an smuain a riamh a steach air!

Seadh. Nam biodh an saoghal atighinn gu ceann,” thubhairt e rithist. “ dhèanadh tu mu dheidhinn do bhalaich?”

dhèanadh e fhéin mu dheidhinn Ealasaid?

Chanainn ris gu feumadh e leantainn na sgoile an aon rud,” fhreagair Soames leis an aon rag-mhuinealas.

Bha an adhar air taobh muigh na h-uinneig afàs dearg an déidh a bhith uaine.

Smaoinich e air Ealasaid, a nighean fhéin. Cha robh càil a dhfhios aige càit am biodh i aig an àm ud ach gun smaoineachadh thog e


[208] an telefon uaines dhiarr e an tigh. Dhéisd e airson mionaids bhruidhinn e ri cuideigin ach mu dheireadh chuir e sìos an telefon. Cha robh i stigh. Càit an robh i? Ann am priobadh na sùla smaoinich e gu math dhfhaoite nach fhaiceadh e i tuilleadh, ’s dhéirich a h aodann mu choinneamh mar dheur. Anns amhionaid so fhéin bha adìreadh an adhair mar nathair ann an gàrradh sgòthan? Chuir e làmh air an telefon a rithis airson a thogail ach cha do thog e e. Cha robh rian nach fhaiceadh e i rithis!

Tha rudeigin acur dragh oirbh,” arsa Soames.

Chan eil,” ars esan, “chan eil.” Thubhairt e na facail gun smaoineachadh ach an déidh na facail a ràdh dhatharraich e inntinn.

Thaars esan, “tha rudeigin acur dragh orm.” Ach ciamar a burrainn dha so innse do Shoames? Thionndaidh e air falbh.

Ann an guth ìosal thubhairt Soames, “cha leig sibh a leas innse dhòmhsa.”

Nach en fhìrinn a bhaig Soames: carson a dhinnseadh? Ach thionndaidh e bhon uinneig agus chunnaic e mar gum bann am bruadair Ealasaidna seasamh far an robh Soames. Chuir so uimhir de dhiongnadh airs gun theab e dhol suas gu Soames gu faiceadh e bhann.

Tha mi smaoineachadh mu dheidhinn Ealasaid,” ars esan mu dheireadhs nuair a thubhairt e na facail dhaithnich e gun leum astar gun ainm.

Ur nighean?” arsa Soames, ’s shaoil am fear-riaghlaidh gun tainig blàths gu aodann Shoames mar theine adèarrsadh.

Chunnaic e airson achiad uair gu robh peann uaine am pòcaid-broillich Shoamess gun robh e coltach ris an uaine a bhanns an adhar.

Seadhars esan, “Ealasaid.” Agus chunnaic ena inntinn tighean alosgadh mar chairtean mar gum biodh teine cho luath ri inntinn aruith thairis orra. Chuala e sgriachail dhaoines chunnaic e iad aruiths an cuid aodaich aslaodadh riutha. ’S chunnaic e Ealasaid mar aon bhoinne bùirn air an talamh.

An robh do mhac-sa fada gun choiseachd?” ars esan. Cha robh e tuigsinn bha eg ràdh, ach bha Soamesga thuigsinn: gu h-iongantach bha Soamesga thuigsinn.

Bhà,” ars esan, mar gum biodh acheist nàdurrach gu leòr, “bha e cho trom, is ceann mór air. Bhiodh e tuiteam gun sgur,” ’s thòisich eg gàireachdainn mar gum biodh ega choimhead.

Bha Ealasaid mar sin,” ars esan. “Tha cuimhnagam aon latha theab i tuiteam don teine. ’S bha minam shuidhe asgrìobhadh nuair a thachair e. Tha iomadach bliadhna bhon latha sin.”

Bha Tormod an aon dòigh,” arsa Soames. “Ach bhiodh sinnega chumail air falbh bhon teine.”

Bhiodh.”

Bha e fada gun bhruidhinn cuideachd.”

Cha robh Ealasaid,” ars esan. “Bha i luathna dòighean.”

Stad es an ceann greiseig thubhairt e:

Tha sibh ceart. Cumaibh ris an sgoil e. Seallaibh ás a dhéidh. Tha sibh ceart.”


[209]

Mus robh na facail ceart a mach ás a bheul thòisich an telefon aseirm. Ben uaine a bhanns cha robh eagal air. Thog e i.

A,” ars esan, “Ealasaid. Tha thu stigh?” Rinn Soames airson falbh ach stad e e.

Bfheàrr leam gun tigeadh tu nuas cho luaths as urrainn dhut,” ars esan ri Ealasaid. “. . . . Ceàrr? Chan eil càil ceàrr? . . . . Chan urrainn dhut a thighinn? Carson? . . . . O chan eil difeir ann, ach . . . . Uh, uh . . . . tha thu dol gu . . . . Well, chan eil cothrom air . . . . Cuin a bhios achùirm deiseil? Chan eil fhios agad . . . . Chan eil, chan eil càil ceàrr . . . . Co-dhiùbh chì mi thu . . . . Mar sin leat . . . .” Chuir e sìos an telefon air abhòrd.

Chan urrainn dhi a thighinn,” ars esan. Mu dheireadh shuidh e sìos air cathair mu choinneamh Shoames.

Innis dhomhars esan, “innis dhomh mi.”

Na inntinn chunnaic e Ealasaid adìreadh don charbaids e adeàrrsadh tarsainn rathaidean an t-saoghails e fhéin asealltainn ás a dhéidh mar nach tilleadh e tuilleadh.

Tha thu feitheamh ri rudeigin,” arsa Soames, ’s ega sgrùdadh gu geur.

Thàars esan, “tha mi feitheamh ri fios a bheil rocaidean anns an adhar, ’s ann am mionaidean bidh agam ri . . .” Bhuail smuain air anns amhionaid sin fhéin agus thubhairt e:

Tha e furasd rocaidean a chur air falbh. Chan eil càil cho furasd ri rocaidean a chur air falbh.”

mi?” ars esan ri Soames.

Ach fios a bhaig Soames?

“ ’S fheàrr dhomh cupan cofaidh eile fhaighinn dhuibh,” arsa Soames. Ged a bhiodh rocaidean anns an adhar cha smaoinicheadh Soames air càil ach cofaidh. Cha do dhionnsaich en còrr.

feum a ni cofaidh?” ars esan. “Tha mi duilich,” thubhairt e an ath-mhionaid. “Bha dùil agam . . . .”

Mas urrainn mi ur cuideachadh . . . . ,” thòisich Soames.

Tha sin ceart gu leòr,” ars esan, “ach chan eil difeir ann. Co-dhiùbh, “thubhairt e,” tha mi cinnteach gu bheil thu ceart mu dheidhinn do mhic.”

Thòisich an telefon aseirms chlisg e, ach chunnaic e gur ann bhon telefon uaine a bha an seirm atighinns thog e i gu grad.

tha so?” ars esan. “Ealasaid?” ’S thòisich e gàireachdainn leis an toileachas. “ ’S urrainn dhut a thighinn a dhaindeoin cùis? . . . . Tha thu cinnteach? . . . Cuimhnich nach eil miga do thoirt air falbh? . . . . Chan eil . . . Tha mi toilicht . . . . Cuin a bhios dùil agam riut? Ann am fichead mionaid? Seadh matà. Fichead mionaid.

Tha mi cho toilichte gun urrainn dhut a thighinn. Cho toilicht . . . . ? . . . . Ha, ha, ha. Cha do chaill . . . . cha do chaill mi mo thonaisg idir.”

Chuir e sìos an telefon.

Tha i tighinn,” ars esan ri Soames.


[210]

Tha mi toilicht,” arsa Soames, “tha mi glé thoilicht.”

Siuthad,” ars esan, “gabh toitean. Ged nach do ghabh thu fear a riamh. Siuthad.” Stad Soames airson mionaid ach mu dheireadh chur e mach a làmh.

Gabhaidh,” ars esan.

Ghabh e maids airson an toiteins thòisich e casdaich, ach cha do chuir sin casg air. Am meadhon na casdaich, thòisich an telefon aseirm a rithist. Ruith am fear-riaghlaidh a null, ’s an toiteanna làimh, ach dìreach air dhà a làmh a chur air an telefon uaine dhaithnich e gur en dhearg a bha seirm.

Mus do thog e an telefon thionndaidh e gu Soames, ’s chan fhac Soames air aodann duine— ’s chan fhaiceadha leithid de dhoilgheass a chunnaic e abristeadh, mar sholus dallaidh, air an aodann ud.

titleAn Solus Ur
writersIan Crichton Smith
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page