[271]

Parlez Vous A’ Ghaidhlig?

FIONNLAGH MACNEILL

Than tigh-òsda anns na dhfhuirich sinn gu h-àrd air achnoc. Airhùl sin tha abheinn, an Stanserhorn

IS fhada bho bha fios againn gur h-e dream àraidh da-rìribh a bha an luchd-teagaisg nan sgoilteanco-dhiùbh bha fios aca fhéin air, ma bhà gur an robh aig càch. Chan eil a thachras don mhaighstir-sgoile as doirbhe dha na nuair chanas truaghan de dhuine ris: “Nach ann agad fhéin a tha an dheth! Seall naholidaysa tha agad” (ann an Gàidhlig mhath Leódhusach.) Holidays ,gu dearbh! A bheil fhios agad, a charaid, mu ghòraiche cuid de mhaighstirean-sgoile, nuair dhùineas an sgoil is a gheibh iad cothrom air an dorus a dhùnadh greiseag air aghràisg a tha gus an cur ás an ciall? Bithidh iad uaireannan afalbh leis an dearbh bhuidheann a tha sin air chuairt don Roinn-Eòrpa, gus cothrom ceart a thoirt dhaibh airson an cluiche fhéin.

An dearbh a dhùin Ard-sgoil Ghrianaig, dhfhàg ceud de chloinn mhóir na sgoilecòrr agus tri fichead caileag agus suas ri da fhichead balachGrianaig air an t-slighe fhada don Eilbheis. Chaith sinn achiad oidhche agliogadaich agus acrathadh anns an trèan eadar Glaschu agus Lunnainn. Uine ghoirid an sin anns am faca sinn a h-uile a bu chòir do dhuine fhaicinn nuair bheir e achiad sgrìob don bhaile ùpraideach sin, agus bha sinn air an ath thrèan, eadar Lunnainn agus Folkstone. Cha tharraing an astar so ach mu uair a thìde gu leth, ach glé thric bithidh am fear-siubhail cho sgìth claoidhte mun àm so agus gun caidil e móran nas fheàrr na e anns na deich uairean eadar Glaschu agus Lunnainn.

An uair sin, nacustoms ,no andouanemar a chanas na Frangaich (chan eil Gàidhlig air an fhacal o sguir iad a rannsachadh nam màileidean ann am Mallaigagus tha sin feumail. Smaoinich fhéin adol a Leódhus gun agad ach leth-bhotal air a lùbadh gu cùramach am broinn tubhailt!) Greiseag bheag anns abhàta gu Calais, agus an déidh sin rinn sinn air an trèan gu Basle, agus bha spòrs gu leòr againn


[272] mus do dhfhalbh i. An do dhfhiach sibh a riamh ri ceud duine a bhruthadh a steach far nach eil àite ach airson ceithir fichead? Tha e feumail gu dearbh nach e na Frangaich a tha an ceann gnothaich anns an Loch Sìfort aig Féill Ghlaschu.

Clann-nighean na sgoile againn fhìn

Mu dheireadh fhuair sinn àiteanns an tigh-nighe, no shuas air an spiris far am bi na màileidean, gus an tainig Frangach beag fiadhaich a steach ag eubhachdDescendez !( “Thig a nuas man do bheath” ). La-arna-mhàireach ràinig sinn ar ceann-uidhe, baile beag den ainm Fùrigen, shuas gu corrach air beinn os cionn Loch Lucerne, agus gu dearbh bfhiach achiad sealladh fhaicinnair an loch fhéin, air na beanntan móra mu thimcheall, agus gu h-àraidh air abheinn ro-mhór ud, Pilatus, far an dfhuair, a réir sgeòil, corp Phìlat fhéin fois mu dheireadh.

Chuir sinn seachad seachdain anns an Eilbheis, atoirt sgrìob air àiteachan an suds an so, agus is iongantach gu bheil aon cheàrn den dùthaich sin nach fhiach fhaicinn, dùthaich a tha coltach agus aig acheart àm eu-coltach ris an dùthaich againn fhéin. Tha na beanntans math-dhfhaoite, nas àirde agus na glinn nas doimhne na tha iad air Gaidhealtachd na h-Alba, agus tha tighean shuas cho àrd air sliosan nam beann agus gun cuireadh iad dearg uabhas air bodach Gaidhealach sam bith a chitheadh iad. An déidh sinsna dhéidh chan eil sealladh a theid fa chomhair na sùla a bheir buaidh air iomadach sealladh an


[273] Ceann t-Sàile no an taobh-siar Siorrachd Rois. Rinn sinn tadhal air baile Interlaken, baile a tha glé mhór aig luchd-turais ás a h-uile ceàrn den t-saoghal, agus chan eil sin idirna iongnadh, oir tha e air a shuidheachadh ann an àite cho brèagha agus a chunnacas riamh, eadar loch (mar a tha an t-ainm aciallachadh) agus fo sgàil nam beann móra, còmhdaichte an trusgan lainnireach geal.

Chan eil diofar càite an téid duine, ach saoilidh e gu bheil an t-slighe dhachaidh gu math nas giorra na an t-slighe a mach bhon tigh. Sin mar bhitheas e gu nàdurrach, agus sin mar bha e againne cuideachd, ach a bharrachd air sin, chan eil teagamh nach robh seòrsa de dheagal air gach fear nuair chuireadh e a làmhna phòcaid agus a dhfhairicheadh e an sin an t-uaireadair beag snog no an camara a bha e atoirt dhachaidh leis. Cha mhór nach mionnaicheadh sinn gu robh gach trèan agus bàtanan deann chabhaig gus ar faighinn dearg-rùisgte air beulaibh fir nancustoms .

Rinn sinn Grianaig dheth mu dheireadh, gun duine dhol ás an rathad no ás a chiall, agus cha robh sinn càil ach air cas a bhualadh air sràid an sin nuair thachair deagh nàbaidh ruinn. “Well, well, matà,” ars esan, “Tha thu air tilleadh. Nach ann agad fhéin a tha ..... !”

Clann Eilbheiseach a mhuinntir Stansstad, baile ri taobh Loch Lucerne.

titleParlez Vous a’ Ghàidhlig?
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Fionnlagh MacNèill in Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page