[275]

Sean Eolas-Luibh

(15) AN T-SEAMRAG

ALASDAIR MACILLEMHAOIL

Le seamragan is le neòineinean,
S gach lus a dhfheudainn ainmeachadh,
Cur anbharra dhreach bòidheach air.”

Baithne do dhaoine san linn a dhfhalbh an t-seamrag fo ainmeannan eile mar samh, biadh-an-eòinean, agus feada-coille.

Timcheall thulmanan diamhair
Mam bi am biadh-eòinean afàs.”

Is dòcha gur e so an lus a thagh an Naomh Pàdraig mar shamhla, nuair a bha e ateagasg sluagh Eirinn mu dheidhinn na Trìonaide. Co-dhiùbh, tha e tri-bhileach, agus eadhon roimh àm an Naoimh bha e air a mheas mar luibh seunta. Theirear cuideachd gur ann le a chumhachd a chaidh na nathraichean fhuadach ás an tìr.

Bha ena chleachdadh aig saighdearan o shean dos seamraig a cheangal mu thimcheall aghàirdein a bha giùlan achlaidheimh, anns abheachd gun deanadh so abhuaidh cinnteach dhaibh.

A chionns gu bheil an duilleag air cumadh achridhe, bha i air a meas mar leigheas air gach eucail cridhe.

Tha na duilleagan maoth anabarrach mothachail air atharrachadh sìde, agus dùnaidh gach a bileagan ri chéile ann an aimsir dubharach no roimh fhrasan uisge. Tha an seann ràdh atoirt teisteis air a so:—

Than t-seamrag apasgadh a còmhdaich,
Roimh thuiltean dòirteach.”

titleSean Eòlas-Luibh
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page