[213]

Rubair

le IAIN A. MACLEOID (Dun-dèagh)

Airson comhfhurtachd air chuibhlichean (Le cead bho Dunlop Rubber Co., Ltd.)

BHA e san dàn dhòmhsa mo bheò-shlainta chosnadh ann an ceàird a tha buileach eadar-dhealaichte o mo cho-aoisean ann an sgoil Tairbeart na Hearadh is Ard-Sgoil Phortrìgh. Anns acheàird so fhuair mi mion-eòlas air an stuth iongantach a thana chuspair labhairt agam an dràsda, agus tha mi an dòchas, anns na mionaidean a bhios sinn còmhla ri chéile, gun teid agam air beagan eòlas ùr, buannachdail, agus a bheag no mhór de thoil-inntinn a thoirt dhuibh.

Gabhaibh beachd airson mionaid no dhà air feumalachd rubair dhuibh féin aig an dearbh mhionaid so ri taobh bhur teine. Is iongnadh leam mur eil paidhir bhòtunnan no dhà an ceann shìos an tighe? An do lìon sibh am botul teth, ’ga chur san leabaidh mun do shuidh sibh? Chan eil móran agaibh ás eugmhais solus an dealain. Tha e atighinn do bhur n-ionnsaigh ann an ròp chaol de chopar, ach cha tigeadh e idir ás eugmhais achòta thana de rubair a tha asgaradh an ròp chopair o chéile.

Tha daoine adeanamh feum de rubair ann an còrr is leth-cheud mìle cumadh. Cha rannsaicheadh iad doimhneachd achuain is doimhneachd na talamhainn ás eugmhais; cha tilgeadh na Ruiseanaich


[214] an cuid Sputniks don iarmailt ás eugmhaisis mór an t-atharrachadh a bhiodh air eachdraidh an t-saoghail so ás eugmhais.

Cia ás matà am faighear an stuth tha so. Anns achiad àite gheibhear e an cruth bainnebainne nach eil móran eadar-dhealaichte o bhainne ri amharc air. Ach afaotainn abhainne so tha daoine a’ “bleoghainncraoibhecraobh annasach da-rìribh.

Chan ann a mhàin mar choltas fhaicsinneach a chì sinn an co-ionnanachd ri bainne achruidh. Ma dhfhàgarna sheasamh e, thig uachdar air agus an ceann ùine fàsaidh e goirt agus faodarcàisea dhealachadh bhon uisge. Gu dearbh is ann mar sin a tha rubair tioram air a dheasachadh, ach gu bheilear acur fìon-geur anns abhainne airson an gnothaich a ghreasadh air adhart.

Mun abair mi an còrr air tuathanachas an stuth, bu toil leam facal no dhà innse dhuibh air eachdraidh, oir chan eil ach ùine glé ghoirid bhon fhuair an duine eòlas air rubair, taca ri na stuthan eile air a bheil iad acur feum, mar gual, iarunn, gloinne, luaidh, fiodh is leathar.

Gheibh sinn achiad iomradh air rubair ann an criomag de na sgrìobhaidhean aig an t-seòladair sgairteil ud as aithne dhuibh uile Crìosgan Columbus. Anns abhliadhna 1493 lorg esan an Saoghal Ur air taobh thall aChuain Shiar agus am measg gach naidheachd a thug e dhachaidh bha an t-iomradh so air gillean òga Innseanach acluiche le ball coise abhochdadh air an talamh nuair abhreabadh iad e. Sheall iad dha achraobh on dfhuair iad bainne a bha atioramachadhna chnapan den stuth a bha so. Bha iad cuideachd air uairean aspuaiceadh abhainne air an casan agus air dha tioramachadh bha craicionn an sin a dheanadh deagh bhrògan dhaibh.

Am measg gach naidheachd mhór a bhaige cha dfhuair achriomag bheag a bha so móran aire.

Aig toiseach an t-siathamh linn deug nuair a bha Iompaireachd na Spàinne craobh-sgaoilte air feadh an t-saoghail gheibh sinn iomradh air na saighdearan aca, ann an dùthaich Mexico, a bhith adeanamh an còtaichean dìonach bho uisge le bainne chraobhan àraidh.

Ach co-dhiùbh bhon chiad iomradh a rinn Crìosgan Columbus air an stuth chaidh faisg air trì cheud bliadhna seachad mun do ghluais daoine ri bhi fiachainn feum a dheanamh dheth agus is ann do na Frangaich a bheir sinn an t-urram airson achiad cheasnachadh a chur air bonn. Thug na fir-ealain aca cnapan den stuth dhachaidh don Fhraing is thòisich iad air cnuasachadh.

Theireadh na h-Innseanaich Dheargacahutchuris achraoibhainm a tha ciallachadh sachànain acasancraobh nan deurdo bhrìgh mar a shileadh am bainne uaithe mar dheur nan sùil. Gus an latha an diugh iscaouthchucan t-ainm a tha air rubair anns achànain Fhrangaich agus facal glé dhlùth ris sin aig na Gearmailtich.

Anns an dùthaich againn féin is e am fear ealain ainmeil sin, an Dotair Iòsaph Priestley anns abhliadhna 1770 a fhuair achaid shealladh air criomag den stuth. Bha duilleag phaipearna dhòrn air an robh e asgrìobhadh le peann luaidhe agus air dha am paipear a shuathadh leis an stuth so ghlan e ás an sgrìobhadh. Gun dàil thug e an t-ainmrubberairan t-ainm a lean ris anns aBheurla.


[215]

Cleasachd airson na Cloinne (Le cead bhonNatural Rubber Bureau)

Be chiad eòlas a fhuair na fir ealain gun gabhadh an rubair leaghadh anns an ola ris an abair sinnturpentineagus anns an staid sin bha e glé fharasda a spuaiceadh air anart, agus air dhà tioramachadh dheanadh an tàillear còta dheth a bha dìonach o uisge.

Bha aon tàillear ann an Glaschu air thoiseach orra uileTeàrlach Mac an Tòisichtàillear a bha cho ainmeil is gun do lean an t-ainm aige eadhon gus an latha an diugh ri còta aotram a tha dìonach o uisge. Nach eòlach sibh uile air an ainmMac” ’ga ghabhail air a leithid sin de chòta.

Ach co-dhiùbh, feumails ged a bha na còtaichean annasach so, bha aon choire mi-shealbhach orra. Ann am fuachd agheamhraidh bha iadnan stob cruaidh reòta agus ann an teas an t-samhraidh bha iad afàs bog, leanailteach agus atuiteam o chéile. Be so coire a bha anns an rubair gu nàdurra agus gu dearbh cha robh e gu móran feum gus abhliadhna 1844.

Bha dithis dhaoine, Tómas Hencock ann an Sasuinn agus Teàrlach Goodyear an Ameireaga ag obair gu dìcheallach air acheist mhóir a bha so oir bha deagh amharus aca air an fheumalachd a bha anns an stuth nan deidheadh aca air cur ás don aon choire soan droch dhiòl a dheanadh fuachd is teas air.

Gun fhios da chéile dhobraich iad agus gun fhios da chéile ràinig iad an dearbh fhuasgladh agus gus an latha an diugh tha móran deasbad eadar Breatannaich is Ameireaganaich aca a bha air thoiseach.

Fhuair iadsan an t-eòlas gum faodar rubair a mheasgachadh le pronnasc (pronnasdair) agus air teas a chur ris tha atharrachadh iongantach atighinn air.


[216]

Chan eil móran buaidh tuille aig fuachd agheamhraidh no teas an t-samhraidh air, agus an as fheumaile buileach an uair a theid a lùbadh, a shlaodadh no a thoinneamh air a chéile pillidh e gu grad gu chumadh féin.

Be so an iuchair a dhfhosgail an dorus agus thòisich daoine air tuilleadh is tuilleadh feum a dheanamh dheth. Anns abhliadhna sin, 1844, còrr is ceud bliadhna air ais, thainig luchd cheud tunna a steach don dùthaich. Anns abhliadhna 1957 thainig don dùthaich luchd còrr is cheud mìle tunna!

Fàsaidh achraobh rubair ann an dùthaich a tha teth agus fliuch eadar seachd ceud mìle tuath is seachd ceud mìle deas air cearcall meadhoin na talamhainn agus aig toiseach ar n-eachdraidh bha achuid mhór de na craobhan a fàs ann an dùthaich Bhrasail ri taobh abhainn mhór Amason. Béiginn mhór a bhith aslaodadh á doimhne na coille agus le daoine a bhith deanamh tuilleadh feum de rubair cha bfhada gus an robh barrachd iarrtas na ghabhadh sàsachadh.

Bha luchd riaghlaidh ar dùthcha fo mhór chùram is chuir iad Sasunnach dam bainm Eanruic Wickham air turus gu ruige Brasail air teachdaireachd dìomhair. Aig cunnart a bheatha o ghàbhadh na coille is o shaighdearan na dùthcha thàrr e ás le còrr is tri fichead mìle de shìol na craoibhe rubair.

Rainig e Lunnainn gu sàbhailte is chaidh an sìol a chur an gàrradh Kew. On tri fichead mìle sìol dhfhàs mhìle planndrais agus thugadh iad air bàta gu Eilean Ceylon. Chuireadh san talamh iad is ghabh beagan dhiubh riamhaich is dhfhàs iad. Uathasan thugadh sìol ùr gu ruige Malaya agus chuireadh air bonn an tuathanachas mór feumail sin air am bheil an saoghal uile an crochadh. Le dìcheall is deagh aire nan tuathanach cha bfhada gus an robh na craobhan fada, fada nas torraiche na bha iad ann an coilltean Bhrasail.

Anns abhliadhna 1888 chaidh innleachd a chur air chois a bha ri atharrachadh mór a chur air eachdraidh ar saoghail agus spàirn mhór a chur ann an tuathanachas an rubair. Bha daoine adeanamh oidhirp air siubhal an rathaid air an each iaruinn (no mar a their sinn ambicycle). Le chuibhlichean cruaidh air rathaidean creagach gu dearbh béiginn a bhith suidhe air, agus dìreach ann an deagh àm chaidh aig Iain Dunlop air pìob chaol rubair a ghleidheadh gaoth, a cheangal ris achuibhill. Cha be achiad neach a smuainich air a so ach feumar an t-urram a thoirt dhàsan agus tha an t-ainm Dunlop gu minic ri fhaicinns ri chluinntinn san latha an diugh. Is math is airidh e sin, air son an t-socair a thug e do gach fear is a thanan cabhaig siubhal.

An déidh an eich iarruinn thainig an càrs an t-itealan agus is ann sna cuibhlichean acasan a tha achuid mhór de rubair an t-saoghail air a chur gu feum.

Sin agaibh matà eachdraidh an rubair gu h-aithghearr agus bu toil leam a nis facal no dhà a ràdh air an tuathanachas. Tha achraobh air a cur mar phlanndraisceud chun an acair. An ceann seachd bliadhna thathargan tanachadh gu ceithir fichead chun an acair agus tha ambleoghanatòiseachadh. Aig briseadh an latha ni am fear oibre strìoc an rùsc na craoibhe le sgian air faobhar lannsa lighicheobair sgileil oir ma theid e mìr na h-òirlich ro dhomhainn cuiridh e


[217] achraobh o fheum. Aig bonn an t-strìoc tha e aceangal cupan beag a ghleidheas mu dhà unnsa den bhainne a shileas uaithe mun slànaich an gearradh. Theid aon fhear air feadh trì cheud craobh ann an trì uirean de thìde agus an sin tillidh e le cuinneag acruinneachadh abhainne. Their sinnlatexris abhainne so. Air an ath latha theid am fear oibre gu craobhan eile ach air an treas latha tillidh e chun nan ciad chraobhan agus ni e strìoc eile fon t-strìoc mu dheireadh. Tuigidh sibh cho sgileils a dhfheumas e bhith nuair a their mi gun dean e deich strìochdan fichead ann an leud aon òirleach. Bleoghainnidh e gach craobh gach dara latha airson da fhichead bliadhna mum fàs iad tioram.

[Dealbh]
Bleothann na craoibh rubair
(Le cead bhonNatural Rubber Bureau)

Tha na cuinneaganlatexair an cruinneachadh ann an tuba mór agus an uairsin air an gortachadh le fìon-geur. An sin theid an rubairna chnap slaopach, fliuch, coltach ri cnap gruth no càise a dheanadh bean achroiteir. Tha so air a thaosnadh is air a dheagh nighe ann am bùrn. An déidh sin tha e air fhàsgadh eadar rollan làidir iaruinnna leacan tana, geala.

Tha cuid dhiubh air an tioramachadh mar sin is thig iad thugainn marcrepe rubbera chì sibh air buinn bhrògan ach tha achuid as motha dhuibh air an crochadh ann an tigh ceotha agus dìreach mar ankipper ,tha dath òrdhonn atighinn orra. Nas fheàrr na sin, tha buaidh ann an ceò fiodha a ghleidheas rubair o bhith fàs liath mar càise.

Nis, matà, tha na leacan sin air am fàsgadh ri chéile mu mheud ciste-tea agus air an cur don dùthaich so air bàta-smùid. Tha mi cinnteach gu bheil iomadach seòladair ann a tha eòlach air rubair anns an staid so. Tha mi féin eòlach air iasgair no dhà a fhuair cnap rubair ann an lìon sgadain an déidh achogaidh, á bàtaichean a chaidh a chur fodha.

Bu toil leam facail a ràdh air an deasachadh a ni sinn air rubair anns an tigh-ceàirdleithid an àite anns a bheil mi féin ag obair.

Thuirt mi mar thà gur e pronnasdair an as fheumaile a tha sinn ameasgachadh ris an rubair. Tha sinnga theasachadh is ga thaosnadh air rolair làidir iaruinn gus am fàs e bog mar photaidh agus an sin


[218] cuiridh sinn cuide ris mu thuaiream ceithir puinnd pronnasdair ri ceud punnd rubair. A rèir am feum ris an cuirear e aig acheann thall cuiridh sinn stuthan eilena mheasg, crèadh, ola, céir, dathan dearg, liath is buidhe is iomadh stuth eile. Ach is e an stuth as fheumaile dhiubh air fad sùithsùith mar sùith an teine ach air a dheasachadh o ola, oir chan eil sùith an teine meanbh gu leòr. Smuainichibh air na nithean de rubair a dhfheumas a bhith fìor-bhuan agus chì sibh gu bheil iad uile dubh le sùithis iad sin cuibhlichean charbad.

An déidh na stuthan a mheasgachadh gu cùramach ris an rubair theid e troimh innleachdan a bheir an cumadh ceart air agus mu dheireadh theid fhàsgadh gu teann agus teas a chur ris airson ùine àraidhis dòcha mu chairteal na h-uaire a rèir tighead is cudthrom.

Their sinn ris an obair sovulcanisingagus mas cuimhne leibh bhur leabhraichean sgoile bha aig na Ròmanaich a measg an cuid dhiathan aon air an robh ainmVulcan—Dia an Teine.

Anns an dealachadh dhfhàgainn agaibh smuain no dhà:—

(1) Smuainichibh air na carbadan asiubhal an rathaid. As eugmhais rubair nach ann an sud a bhiodh aghliogs aghlags aghlunngaraich.

(2) Smuainichibh air na h-itealan móra asiubhal nan speur. Cha burrainn iad an talamh a bhualadh gun rubair agleidheadh gaoithe anns na cuibhlichean.

3) Smuainichibh air na tighean eiridinn agus na h-innealan aig làimh an lighiche.

(4) Smuainichibh air na ròpan caola copair len còta tana rubair atoirt thugaibh neart an dealain; guthan air an radio; guth bhur càirdean air an telefon.

(5) Smuainichibh air an òigridh le ball-coise, golf, tennis is gach seòrsa spòrs.

(6) Ma tha fear an tighe atoirt thuige na pìob tombaca airson ceò dheireannach na h-oidhche biodh fios aige nach eil an cas chruaidh dhubh na pìoba achrubair is pronnasdair!

titleRubair
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain A. MacLeòid in Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page