Leasachadh Innis le Siol-Chur Uachdrach
(Air a dheasachadh le Colaisd Tuathanachais Ceann-a- tuath Alba, agus air eadartheangachadh le Iain M. MacIlleMhaoil agus le Iain M. MacLeòid, Sgoil Liurboist.)
B’ E Mgr. Alasdair Ailein, Murfad, an Dotair Clouston agus Mgr. Aonghus MacLeòid, ball de Cholaisd Tuathanachais Ceann-a- tuath Alba, a chuir air bonn roimh ’n chogadh mu dheireadh an dòigh air an innis a leasachadh le bhith a’ cur feòir an uachdar na talmhainn. Cha deachaidh móran a dhèanamh aig àm a’ chogaidh, oir cha robh an luchd-ùghdarrais a’ brosnachadh an t-sluaigh gu bhith a’ cur na talmhainn fo fheur gun bhith ’ga threabhadh. Gu o chionn glé ghoirid ’s ann sa’ Ghaidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar a chaidh a’ chuid bu mhotha de shìol-chur uachdrach a dhèanamh o dheireadh a’ chogaidh.
Airson feum na h-obrach a dhearbhadh cha robh móran éifeachd ann a bhith a’ cur achaidhean beaga le croitearan fa leth. Ann an 1947 dh’ atharraich Mgr. Grannd, Fear-seòlaidh na Ceàrnaidh, agus Mgr. Aonghus MacLeòid, ball de ’n Cholaisd, an gnàthachas so, gu bhith ag obair ann an co-bhuinn ri bailtean iomlan air còirichean nam bailtean; mar bu bhitheanta a’ cur mu fhichead acair gu ìre còmhla. Dhearbh so do na croitearan an luach a bh’ ann an leasachadh innis.
B’ ann am Barbhas Leódhuis a chaidh a’ chiad achadh de fhichead acair a stéidheachadh airson luach na h-obrach a shealltainn; thug Mgr. Boots seachad an t-airgead a chosg oirre. Chaidh achaidhean eile co-ionnan ri so a shuidheachadh ann an sia ionadan sna h-Eileanan an Iar agus air Taobh Siar na Mórthir—a’ chosgais air a tarraing á Ionmhas Comunn Leasachadh na Talmhainn. ’Na dhéidh sin thainig cosgais achaidhean-dearbhaidh á Ionmhas MhicAmlaidh—ann an Dail-bho-thuath, Ceann-a- tuath Bhradhagair, Siadair an Rubha, Suaineabost, Breascleit, Grabhair, Cearsiadair, Cromór, Leumrabhagh, Lacasaidh agus am Baile an Truiseil. Chosg a’ Cholaisd fhéin air achaidhean na bu lugha, ann an caochladh bhailtean. Air tàille Ionmhas MhicAmhlaidh bha e comasach barrachd de achaidhean-dearbhaidh a chur air chois an Leódhus na an àite air bith eile.
Thug na croitearan greis mun do lean iad an eiseamplair so, ach a nis tha iad glé dheònach air còirichean am bailtean a leasachadh. Cha mhór nach eil 4,000 acair an diugh fo shìol-uachdrach an Leódhus.
Croitean agus Croitearan Leódhuis
Tha croitean Leódhuis bochd—chan eil móran de thalamh-àitich ann. Mar as tric ’s e mòintich staoin le fraoch a’ fàs air uachdar an réisg a tha ann an còirichean nam bailtean. ’S e riasg rùisgte th’ ann an cùl a’ mhórchuid de na bailtean. Mar as bitheanta tha uachdar na talmhainn fliuch.
Chan eil an Leódhusach a’ cur seachad ach cuid de thìde ag oibreachadh na croit. Mar as tric cha ghabh e gnothach ri leasachadh innis ach mar fhear-pàirt ann an obair baile, ged a tha grunn chroitearan
’S e an fheadhainn a leanas, mar as trice, a tha a’ gabhail os làimh Obair Leasachaidh air Innis:—
l. Breabadairean a tha a’ cosnadh mu £10 san t-seachdain nuair a tha féill air a’ chlò, no £3 — £5 nuair nach eil cùisean a’ soirbheachadh. Chan eil iadsan a’ faotainn tiodhlac-airgid nuair a tha iad dìomhain. Tha a’ chaochlaideachd so ’nan teachd-an-tìr ’na deagh aobhar gun leasaicheadh iad an talamh ach tha i cuideachd ’gam bacadh.
2. Luchd-obrach sna mùillean a tha cosnadh, sa’ chumantas, faodaidh e bhith £10 san t-seachdain. Tha an teachd-an-tìr-san nas cinntiche co-dhiùbh tha iad ag obair no tha iad dìomhain, ach tha iad a’ frithealadh uairean agus tha iad a’ call móran tìde a’ siubhal eadar an dachaidh ’s an obair. Chan eil móran tìde aca dhaibh fhéin anns a’ gheamhradh.
3. Iasgairean, seòldairean agus luchd-tòir na muice-mara.
4. Am fear aig a bheil carbad-slaodaidh, ceannaiche 7c. sa’ choimhearsnachd—daoine bheir seachad rudan air dàil: rud a tha glé chudthromach.
Dòighean air Rian a chur air Obair Leasachaidh Innis.
Tha trì nithean ann a tha a’ deanamh Leódhuis freagarrach airson sìol-chur uachdrach:—
1. Tha an aimsir blàth agus fliuch.
2. Chan eil sa’ mhòintich ach sgrath thana le fraoch a’ fàs oirre.
3. Tha tiùrran math de ghainmheach shligeach ann.
Tha an obair a’ dol air adhart mar so:—
Theid deich tonna chun na h-acair de ’n ghainmheach shligeach a thoirt le làraidh ás an tiùrr as fhaisg—eadar l agus 35 mìltean air falbh—agus theid sin a dhòrtadh ri taobh an rathaid. Tha i an uair sin air a toirt troimh mhòintich a’ bhaile chun an làraich le tractair, le bara-cuibhle, le eathar no le na croitearan fhéin ann am pocannan air am muin, a réir càite a bheil an làrach, agus theid a dòrtadh ’na tiùrran beaga. Chan fhaigh tractair gu cuid de na làraich agus tha an rathad cho briste gu feadhainn eile is nach gabh luchd nan tractairean an obair os làimh. Gu ruige so tha am baile ag obair mar-aon. An déidh sin tha an làrach air a roinn ’na earrannan, agus thatar a’ cur croinn air na h-earrannan. As déidh sin tha e air a dhleasadh air gach fear aig a bheil co-roinn san obair, an aol, a’ ghainneamh, an todhar is an sìol a sgaoileadh air a’ chuibhrionn a thainig air. Tha e an uair sin furasda gu leòr fhaicinn càite bheil dearmad agus obair rapach, agus tha farmad a’ nochdadh a cinn. A chùl air sin tha buidheannan eadar 3 agus 5, le ceannard, air an suidheachadh agus gabhaidh iadsan a rithist os làimh cuibhrionn de ’n obair-lann leis an aon toradh. Tha an todhar is an sìol air an cur aig àm sam bith eadar a’ chiad latha de ’n Ghiblein agus an latha mu dheireadh de ’n Iuchair, agus ma ghabhas e bhith dèante theid eadar 30 agus 50 caora chur air an talamh gun dàil, ach an stàmp iad e.
STEÒRNABHAGH AGUS NIS.
EÒROPAIDH (40 Ac.)
Cóig Peighinean (28 Ac.)
Cnoc Ard (40 Ac.)
EÒRADAL (30 Ac.)
LÌONAL D. (35 Ac.)
Sgiogarta (34 Ac.)
TÀBOST (70 Ac.)
Suaineabost (80 Ac.)
CROS (50 Ac.)
DAIL FO TH. (40 Ac.)
DAIL FO DH. (30 Ac.)
GABHSUNN (83 Ac.)
BORGH (11 Ac.)
BORGH (100 Ac.)
SIADAIR (110 Ac.)
BAILE AN TRUISEIL (100 Ac.)
BARBHAS (37 Ac.)
BARBHAS (40 Ac.)
BRÙ (37 Ac.)
TOLSTADH (75 Ac.)
BHATASGEIR (40 Ac.)
COL (22 Ac.)
TUNGA (100 Ac.)
LACASDAL (90 Ac.)
STEÒRNABHAGH
STEINIS (43 Ac.)
GARRABOST (30 Ac.)
SIADAIR (32 Ac.)
AN CEANN BEAG (5 Ac.)
NEWLANDS (30 Ac.)
PORT VOLAIR (35 Ac.)
AN ÀIRD (40 Ac.)
SEISIADAIR (25 Ac.)
PABAIL (100 Ac.)
SUARDAIL (25 Ac.)
AN CNOC (40 Ac.)
RARNIS (11 Ac.)
LIURBOST (57 Ac.)
Achaidhean-feòir
Ac. – Acair fearainn
- -- -- Ròidean
Uig agus An Taobh Siar
Bhaltos (20 Ac.)
Crùlabhaig (20 Ac.)
Eilean Bheàrnaraigh
Tobson (17 Ac.)
Hacleit (30 Ac.)
Breacleit (25 Ac.)
Loch a’ Ghainmhich (40 Ac.)
Breascleit (150 Ac.)
Tolstadh a’ Chaolais (50 Ac.)
An Cnoc (40 Ac.)
Càrlabhagh
Siabost (140 Ac.)
Bradhagair (Ceann a deas) (65 Ac.)
Bradhagair (Ceann a tuath) (60 Ac.)
Arnoil (50 Ac.)
Brù (37 Ac.)
Barbhas (40 Ac.)
Tha an ùine bheirear ris an obair ’s gach àite glé eadar-dhealaichte—eadar 3 agus 8 mìosan—agus tha iomadh aobhar air sin. Ann am baile iomallach far a bheil iasgairean, seòldairean agus luchd-tòir na muice-mara a’ còmhnaidh, faodaidh e bhith gun dèan iad an obair còmhla agus ann an ùine glé gheàrr. Ann am baile anns a bheil a’ mhór-chuid ’nam breabadairean a dh’ fheumas na h-uimhir de chlòitean a chumail ris na mùillean, math-dh’ fhaoite nach bi e comasach dhaibh obair a dhèanamh ach an déidh trath-dìnneir Di-Sathuirn anns a’ Gheamhradh, agus san fheasgar san Earrach agus san t-Samhradh. Tha an oidhirp as motha, acair air an acair, air iarraidh o na bailtean far a bheil na daoine a’ siubhal gu mùillean Steòrnabhaigh a h-uile latha. Tha iad a’ fàgail na dachaidh tràth agus a’ tilleadh anmoch, agus gu minig tha e duilich dhaibh an obair-innis a chrìochnachadh. Tha e duilich do chuid de bhailtean air na Lochan làrach còmhnard gu leòr a lorg, agus uaireannan ’s fheudar do gach duine uimhir ri deich tonna gainmhich a làimhseachadh o thaobh an rathaid chun an làraich.
Feumaidh gach duine mu £5 a liùbhraigeadh do ’n Chléireach agus feumar rudan eile fhaighinn air dàil sa’ choimhearsnachd gus am faigh iad an subsadaidh. * Bithidh iad a’ fiachainn ris a’ ghainmheach fhaighinn air dhàil o ’n fheadhainn aig a bheil làraidhean agus tractairean. Bithidh iad a’ faighinn ghnothaichean-lann, todhar agus sìol air dhàil o luchd-malairt ghnothaichean-fearainn sa’ choimhearsnachd, o bhancaichean agus gu dearbh aig amannan o dhuine sam bith san àite a tha math dheth. Anns a’ cheann thall cosgaidh e eadar £3 agus £5 agus leth-cheud uair a thìde dh’ obair gach acair, do ’n chroitear.
Tha an subsadaidh a’ tighinn o Choimisean nan Cmitearan agus o ’nAgricultural Lime Department.
An Dòigh air Leasachadh Innis a chur air Chois
Tha Comhairlich na Colaisd a’ tadhal air gach Cléireach is ’ga sparradh gu ionnsaigh chur air na croitearan a thighinn gu coinneamh-baile. Aig a’ choinneamh so bithidh Comhairliche na Colaisd a’ mìneachadh gach nì tha an cois na h-obrach agus tha gach neach a tha a’ gabhail pàirt air a mhisneachadh gus a bheachdan a thoirt seachad. Thatar a’ fiachainn ri lorg fhaighinn air neach sam bith a tha an aghaidh na h-obrach agus gheibh esan eisdeachd cuideachd. Tha bhòt an uair sin air a gabhail, gun an Comhairliche bhith làthair, agus ma rùnaicheas am baile dhol air adhart leis an obair cuidichidh an Comhairliche ri a cur air chois agus a cumail suas.
Cumail Suas na h-Obrach
Faodaidh e bhith nach eil càil ann as cudthromaiche bliadhna sam bith na cumail suas nan achaidhean-feòir a chaidh a chrìochnachadh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Ma theid aon dhiubh so a dholaidh millidh e càch uile. Tha e air a chur air na Cléireachan gun cruinnich iad an t-airgead bhuapasan a tha a’ gabhail pàirt, airson todhar gach bliadhna agus airson ionaltraidh gach beathaich a tha aca air na h-achaidhean-feòir.
NA LOCHAN
Airigh a’ Bhruthaich (10 Ac.)
Bail’ Ailein (56 Ac.)
Lacasaidh (40 Ac.)
Ceòs (12 Ac.)
Clìb Cheòis (31 Ac.)
Gearraidh a’ Bhàird (21 Ac.)
Cearsiadair (20 Ac.)
Grabhair (30 Ac.)
Leumrabhagh (10 Ac.)
Cromór (30 Ac.)
Rarnis (11 Ac.)
Liurbost (57 Ac.)
A Steòrnabhagh
Toraidhean
Anns gach baile aig a bheil achaidhean-feòir a tha co-dhiùbh trì bliadhna a dh’ aois, tha an àireamh cruidh a’ meudachadh. ’S e as aobhar do ’n so gu bheilear a’ cumail nan laogh ’s nan aighean. ’S e
Tha an fheadhainn a tha a’ strì ris an obair-sa mothachail gu bheil beathaichean nas fheàrr aca airson na margaidh, agus tha am mnathan a’ faicinn gu bheil barrachd bainne aig a’ chrodh— ’s e am barrachd feòir prìomh aobhar air so. Tha cothrom aca air gréigheireachd nas fheàrr a dhèanamh—cumail uan-reithean fo smachd, a’ geamhrachadh othaisgean, àite-breith airson nan caorach, muilt an òrdugh nas tràithe 7c.
Tha an sean-fhacal ag ràdh“ ’S e farmad a nì treabhadh,” agus tha e fìor gur h-e còmhstri eadar bhailtean a nì sìol-chur.
Obair ri Teachd
Faodar an t-uabhas obair a dheanamh fhathast an Leódhus a leasachadh innis, agus bithidh na croitearan air am misneachadh gu leantainn air an adhart a’ cur feòir air a’ mhonadh. Ach ’s e a’ chùis as cudthromaiche a th’ ann gun teid faicinn gum bi a’ ghréigheireachd nas fheàrr, gus am bi am feur math a tha ri fhaotainn air a chur gu feum mar as fheàrr a ghabhas.
Feumar fuil nas fheàrr fhaighinn anns an stoc, agus feumar am beathachadh as fheàrr a thoirt do na beathaichean. ’S e an aon dòigh anns am pàidh a’ ghnothaich do ’n chroitear gum bi stoc fallain agus tarbhach aige.
title | Leasachadh Innis le Sìol-chur Uachdrach |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Gairm 35 %p |
parent text | Gairm 35 |