Air An Spiris
CHA mhór nach e an an aon duan a th’ againn ’s a bh’ againn an turus bho dheireadh. Tha aobhar no dhà air a sin. Chan eil e furasda do choileach atharrachadh gairm a dheanamh a h-uile turus a dhìreas e spiris; chan urra dhuinn a bhith ro dhearg anns a’ chìrean is chan eil fuil ghorm againn a nochdas sinn, is cha dean math dhuinn a ràdh gur h-e Libearailich a th’ unnainn—chan eil gnothaich aig na cùisean sin ris an obair a th’ againn an so; chan urra dhuinn cur sìos no suas air eaglais seach eaglais—chan e an creud agaibh a tha fa-near dhuinn; chan eil dragh againn, air aon dòigh, a bheil sibh bochd no beairteach—ma tha trì tasdain a chòrr agaibh anns an ràithe a cheannaicheas Gairm.
’Se an t-aon rud a th’ againn ri chur fa ur comhair staid na Gàidhlig is staid na Gaidhealtachd, oir tha iad sin ’nar làmhan uile, is cha ghabh duine cùram dhiubh mura gabh sinn fhìn, na Gaidheil is luchd na Gàidhlig.
Tha sinn ag àireamh ’nam measg sin luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Anns na deich bliadhna a chaidh seachad bho thòisich sinn ag ullachadh Gairm ann an cùil bheag air Sràid Chrombail an Glaschu, tha ùidh agus àireamh an luchd-ionnsachaidh air fàs gu mór, mas math ar barail. Cha teid duine fada an ceàrnaidh sam bith de dh’ Albainn an diugh gun an ùidh sin a lorg—a thaing sin aig iomadach meadhon agus comunn: An Comunn Gaidhealach, am B.B. C. agus feadhainn eile. Ach air chùl gach meadhoin is gach comuinn tha aon nì a tha domhainn agus daingnichte ann an cridhe no dùthcha: ’se sin an t-iarrtas a lorgas tu thall ’s a-bhos gun gleidheadh Albainn a h-anam is a spiorad fhéin.
Ciamar as urrainn dhuinn cuideachadh leis an iarrtas so a tha cho tric do-labhairt? Is urrainn le beagan tìde a thoirt gach latha a’ daingneachadh ar dìlseachd fhéin: a’ leughadh beagan Gàidhlig; a’ sgrìobhadh litir Ghàidhlig; a’ bruidhinn prìomh chànan na dùthcha so ri duine sam bith a dh’ éisdeas ruinn, agus an còmhnaidh a’ brosnachadh an luchd-ionnsachaidh; a’ nochdadh do luchd na Beurla gu bheil dìleab againn as fhiach a gleidheil (agus chan eil an dleasdanas sin cho furasda ’s a shaoileadh duine).
Mura tréig ar misneachd sinn chì sinn piseach fhathast a’ tighinn air staid na Gàidhlig agus na Gaidhealtachd. Tha ar misneachd-ne ’ga neartachadh leis na litrichean a tha sinn a’ faighinn bho dhaoine òga an toiseach an latha agus bho bhodaich faisg air crìoch an turuis; ás na h-eileanan an iar, á Africa, á Tokyo, á Hong Kong, á Ameireagaidh, agus á Lunnainn. Roimh dheireadh an latha gheibh sinn litrichean cuideachd á oifisean móra na Stàit ann an Dun-éideann, is theid an latha leinn an uair sin!
title | Air an Spiris |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Gairm 37 %p |
parent text | Gairm 37 |