[61]

Toirt Seachad a Bheachd

( ’S ann o Mhurchadh A. MacGille-Mhoire, á Framboise a Tuath, an Eilean Cheap Breatann, a fhuair sinn an seanchas a leanas.)

O CHIONN fada, fada, nuair a bha an saoghal òg, agus mun robh seirbheis-aiseig air bhonn aig aChaolas Bheag, an Eilean Cheap Breatann, bha bodach ann a rinn a theachd-an-tìr ri bhith aiseag luchd-turuis tarsaing achaolais. Bha tigh beag an cois achladaich anns am biodh e afuireach gus an tigeadh duine an rathad. ’S e bodach crosda, greannach a bhann, a bha duilich a chumail air a dhòigh.

Bha am bodach aon fliuch, garbh fuar, anmoch mu dheireadh an Fhogharaidh, anns an tigh bheag. a thàinigna rathad bha so ach sagart a bha agabhail còmhnaidh an Antigonish. Ghuidh e air abhodach a thoirt aiseag dha ach dhiùlt am bodach an làrach nam bonn ag ràdh gun robh cus uisge, fuachd, gaoithe, is sruth ann. Nuair a chunnaic an sagart cho fadas a bha am bodachna bharail fhéin chaidh e a-steach don bhothan bheag, is shuidh e ri taobh abhodaich. Thòisich na seòid ri seanchas, ach cha robh iad fada an sin nuair a thàinig ministear ás an Eilean Mhór, is e fhéin ag iarraidh an aiseig. Dhiarr e air abhodach a thoirt a-null thar an uisge ach chaidh a dhiùltadh gun anail a tharraing.

Nuair a thuig an sagart gun robh am ministear adol air an aon shlighe ris fhéin ghuidh e air abhodach an toirt tarsaing le chéile a rithist, achs ann a chuir so am bodach thar a dhòigh gu mosach. An déidh móran dranndain is mhionnan thug e, mu dheireadh thall, cuireadh don t-sagarts don mhinistear a dhol air bòrd, is aig acheart àm shuidh e fhéin air chùl nan ràmh, ’s rinn e air an taobh thall. Bha e soilleir ra fhaicinn gun robh an dearg bhàinidh air abhodach.

Shuidh am ministears an sagart ri taobh a chéile an tobhta deiridh abhàta, is thòisich iad ri seanchas. Mu dheireadh thàinig abhruidhinn a bhann gu plàighean. An ùine ghoirid be cuspair an conaltraidh, “gu na trì plàighean bu mhiosa a thàinig riamh air an t-saoghal.”

Bha iad adeasbaireachd mun chùis greis mhór, is cha tàinig iad gu bonn sam bith mu dheighinn. An déidh dhaibh a bhith le chéile tosdach car tamull, labhair an sagart ris abhodach afeòrach gu a bharail air achùis. Fhreagair am bodach ag ràdh gun robh esan den bheachd( ’s gun robh e cinnteach gun robh e ceart), gur h-iad na trì plàighean a bu mhiosa a thàinig riamh air an t-saoghal, sagart Antigonish, ministear an Eilein Mhóir, is daolagan abhuntàta.


Gnàthasan Cainnte

Bha Calum is Teàrlach Dùghallach sna Haun, an taobh an iar Mhuile, am beachd dol sgrìob do Thobarmhoire.

Bha sgoth aca, agus dhfhaighnich Calum: “An gabh sinn an sgoth bheag no an sgoth mhór?”

Be an fhreagairt a thug Teàrlach: “Acuartachadh Rubha-na-Caillich cha mhisde sinn saidhbhireachd abhùird fo ar casan.”

Nach inich an abairt?

titleToirt Seachad a Bheachd
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Murchadh A. MacGille-Mhoire in Gairm 37 %p

parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page