Turus a Shaoghal Eile
EILIDH HAZRA
(2)KURSEONG AGUS LEDO
Sràid ann an Kurseong
AIR sgàth an fheadhainn nach do leugh a’ chuibhrionn mu dheireadh, tha mi ag ath-thogail mo sgeòil ann an Darjeeling, agus lethach slighe gu baile beag Kurseong far an do chuir mi seachad greis air mo rathad gu Assam far am bheil mo dhachaidh a nise.
An déidh dhomh an t-itealan fhàgail, chuir mi m’ aghaidh air slighe nach fhaca mi riamh a leithid.
An aithne dhuibh an t-slighe troimh Cheann t-Sàile, air an rathad gu Caol Loch Aillse? Chan eil an sin ach rathad còmhnard! Chuir mo chridhe leth-cheud car a’ mhuiltein fad an dà uair a thìde a bha mi anns a’ chàr. A’ dìreadh ’s a’ toinneamh. ’S a’ sìor dhìreadh. Gun dad fodhainn air an dara làimh ach gleann mìltean troigh shìos. Nan gabhadh na draibhearan Innseanach air an socair cha bhiodh e cho dona. Ach cha ghabh. Feumaidh iad siubhal mar gum biodh an Deamhain air an sàiltean. Bha mi dha no tri sheachdainean ann an Kurseong mun do leig an t-eagal leam a dhol a-mach ann an càr an déidh an turuis ud!
Ged a tha Kurseong an taobh a-muigh de chrìochan Nepàl, tha an sluagh nas coltaichte ri muinntir Nepàl na tha iad ri Innseanaich. Daoine grinn sgoinneil, agus cho onarach ris an òr.
Chan fhaca mi riamh caileagan cho snog, agus an uair a rachainn a mach chun nam bùthan (rud nach fhaodainn a dheanamh ann an àiteachean eile) chithinn treudan de nigheanan mar a chithinn airSauchiehall Street—ach a mhàin gu robh iad dubh! Bha a’ mhórchuid aca a’ cleachdadh pent is pudar!
Bha an tigh anns an robh sinn a’ fuireach pìos math a mach a Kurseong fhéin, suas taobh beinne. B’ ann air mullach na beinne sin a bhiodh na Buddhists agus na Hindus ag amhlacadh (no a’ losgadh) am mairbh, agus thug mi greis mun do sguir mi a chur uidheireachd air na tiodhlaigean a bhiodh a’ dol seachad air an dorus.
Cha robh na Hindus cho dona, oir bhiodh na cuirp ann an cisteachan-laighe. Ach bhiodh na Buddhists a’ cur nan corp ’nan suidhe air seòrsa de bhara-làimhe, le seòrsa de chrùn fhlùraichean air an cinn. Leis cho cas, corrach, ’s a bha an t-slighe, bhiodh na cuirp daonnan a’ tulgadh agus, ar leamsa, an cunnart tuiteam troimh mo dhorus. Bha an còmhnaidh triùir dhaoine air thoiseach air a’ chòmhlan—fear le bratach, fear a’ cluiche pìoba, agus fear a’ bualadh druma—agus cho luath ’s a chluinninn-sa iad a’ tighinn bha mi a’ sparradh an doruis mhóir!
Ach a dh’ aindeoin rudan iargalta de ’n t-seòrsa sin, b’ e na bùthan Innseanach a bu mhotha a chuir iongnadh orm an toiseach, agus b’ e Kurseong a’ chiad àite anns an d’ fhuair mi cothrom eòlas ceart a chur orra.
Chan eil annta ach stàilichean air cabhsairean puill, leis na ceannaichean ’nan suidhe, coltach ris na seann tàillearan, le ’n cuid marsantachd timcheall orra. Mura bheil duine cinnteach á rud sam bith (leithid ubhal, can) faodaidh e blasad, no fàsgadh, gus am bheil e làn chinnteach. Agus cha dean math rud sam bith a cheannach gun trod a dheanamh mu ’n phrìs!
Is ann an uair a chunnaic mi bailtean mar so a thuig mi cho math dheth ’s a tha sinne aig an tigh!
Tha na h-Innseanaich uabhasach an aghaidh badhar sam bith á dùthchannan céin, agus mar sin tha na bùthan am bitheantas lom. Gu fortanach, tha buidhnean sònraichte air tighean-ealain a thogail ann an India, agus ’s fheudar dhomh aideachadh gun do rinn mo chridhe gàirdeachas iomadh uair ri pacaidLux ,noSurf ,no eadhoinCadbury ’s. Tha an sgrìobhadh orra an còmhnaidh ann an Hindi.
Bithidh iad a’ fàgail air na Gaidheil nach eil na facail tìm no cabhag anns a’ chànain. Ach, obh-obh, na h-Innseanaich! Chan eil dà uair a thìde an sud no ’n so. Suidhidh iad a’ còmhradh air an socair fhéin uaireannan a thìde an uair a bu chòir dhoibh a bhith am badeigin eile. Chan fhaca mi fhathast boireannach Innseanach le uaireadair oirre!
Bha mise ’na mo chùis-iongnaidh ann an Kurseong. Cha robh riamh comunn aig na daoine dubha ris na daoine geala, ach le mise bhith pòsda aig Innseanach bha mi a’ tachairt ri móran de na boireannaich dhubha.
Bu mhì a’ chiad bhoireannach geal air an do chuir iad riamh eòlas. Mar sin, bha a h-uile dad mu ’m thimcheall ’na chuis iongnaidh—mo làmhan, m’ fhalt, m’ fhàineachan, mo bhrògan . . . . An uair a dh’ innsinn dhoibh gum bithinn a’ coimhead ás déidh mo thighe fhéin ann an Alba cha mhór nach tuiteadh iad ann am paiseanadh! Gann a chreideadh iad gum bi mnathan Breatannach ag altramas an cloinne fhéin. Agus cha chreideadh iad idir gum bithinn-sa a’ sgùradh an
Te a mhuinntir Assam anns an dreas ris an can iad Sari.
Feumaidh mi aideachadh gu robh e math an toiseach a bhith ’nam aon de na h-urrachan a chionn a bhith geal! Mnathan a’ beiceadh romham. Fir a’ cromadh an cinn. Aon oidhche bha mi a’ dol gu film a bha iad a’ sealltainn anns an ospadal far an robh Jyoti ag obair. Bha am film a’ tòiseachadh aig seachd uairean, ach thàinig rudeigin ás an rathad agus bha mise leth-uair air deireadh. Cha robh sin gu diofar. Chaidh am film a chumail air ais gus an do ràinig mi, agus ged a bha mi air a bhith dà uair a thìde fadalach bha an aon rud air tachairt.
Aon oidhche bha mi uair a thìde air deireadh a’ dol gu cuirm chiùil a bha mar chuimhneachan air Tagore—rud nach gabhadh leasachadh—ach cho luath ’s a ràinig mi chaidh a’ chuirm a stad agus na h-Innseanaich a chur a-mach ás na suidheachain mhatha gus rùm a dheanamh dhuinn. Cha chreideadh duine gun do dh’ fhàg na Breatannaich India riamh.
Ach math ’s ged a bha Kurseong, cha robh mi idir duilich an uair a thainig fios gun d’ fhuair Jyoti obair mhath ann an Ledo, baile beag ann an Assam—baile cho beag ’s nach lorg sibh air a’ mhap e idir. Tha e ’na dhotair aig na mèineachan, agus, mar sin, tha e ’na dhuine mór ann an so. Agus tha mise (a bha ’na mo bhan-chléireach ann an oifis an Glaschu) le tigh mór dhomh fhéin, le gàrradh, làn de chraobhan mango is guava, a’ sìneadh cho fad ’s a chì an t-sùil, agus le ceithir searbhantan gus gach nì a chumail air dòigh! Nach ann an so tha an dà là!
Chan eil Burma ach fichead mìle air falbh. Chan eil Sìna ach tri fichead mìle. Ach bithidh mi a’ fiachainn sin a dhi-chuimhneachadh.
Tha Assam bòidheach thar tomhais. Air cùl an tighe, tha na beanntan móra (far a bheil na treubhan Naga a’ còmhnaidh) a’ sìneadh cho fad ’s cho àrd ’s a chì an t-sùil. An taobh a muigh de ’n ghàrradh tha an“jungle”far an cluinn mi na moncaidhean a’ còmhradh a h-uile feasgar. Bithidhelephantssìos is suas an rathad mu choinneamh an tighe—feadhainn sholta, tha mi toilichte a ràdha.
Tha na croitearan Innseanach a’ fuireach timcheall oirnn—a h-uile croit le crodh bainne agus goibhre. Tha na boireannaich uile coltach ri Marilyn Monroe, le cìochan móra cruinne fo na “saris”: is iadsan a tha a’ deanamh na h-oibreach, ach, ’gam faicinn air an rathad mhór le ultaichean air an cinn, le bangles air an gàirdeanan, ’s le “saris” bhuidhe ’s liath is dhearg, shaoileadh sibh gur ann a tha sibh aig dealbh a rinneadh ann an Hollywood.
Tha an tigh againne air a thogail sia troighean far an talmhainn gus a chumail tioram, seasgair, an uair a thig na h-uisgeachan. Tha e air a dheanamh de chloich ghil, leis an fhiodh anns na dorsan ’s anns na h-uinneagan air a pheantadh dubh.
Chan eil dad air a’ chiad làr ach seòmar ithe agus clòsaidean. Air an ath rùm tha an seòmar suidhe leverandahmhór mu choinneamh, agus an seòmar cadail againn fhéin le seòmar ionnlaid dha fhéin ’na chois. R’ a thaobh tha seòmar suidhe eile le teine guail, seòmar mór cadail airson aoidhean (le a rùm ionnlaid fhéin) agus dha no trì sheòmraichean eile nach do chuir sinne air dòigh fhathast. Tha an cidsin cho uidheamaichte agus a dh’ iarrainn, lerefrigeratormórElectrolux ’na theas meadhon, rud air am bheil deagh fheum an àm teas!
Mi fhìn agus Anil anns an t-seòmar-suidhe, san tigh a th’againn ann an Ledo.
Air ceann nan searbhantan tha Suren (an còcaire) a ni curries a tha dìreach mìorbhuileach. Tha an uair sin Suctum a bhios a’ cumail an tighe glan. Banaltram aig nach eil dad r’ a dhèanamh ach sùil a chumail air Anil (am fear beag agam fhéin) agus a bhios a’ dol ’na chois eadhoin an uair a théid sinn a-mach a chéilidh. Agus aon duine eile—an sguabaire—a bhios a’ dol timcheall an tighe fad an là air eagal ’s gun laigh eadhoin cadag dhust. Chan eil a leithid a rud ri“Trade Union”ann. Bithidh iad ag obair bho’n àm a bheir iad thugainn an cupa tea
Bithidh na mnathan a’ spìonadh nan duilleagan tea shuas air cùl an tighe.
Tha mi fhéin a’ togail beagan de ’n chànain, ach, gu mì-fhortanach tha mi caran troimhe-chéile le Hindi agus Bengali. Agus an uair a théid mi ’na mo bhreislich tha mi buailteach Beurla a thilgeil a steach cuideachd. Chan ann aon uair a chuir mi searbhanta ’na chabhaig le“Close the dorja!” .Ach is iad na facail air an eòlaiche mi“Ow” (a’ ciallachadh “thig an so”) agus“Tigh aye” (a’ ciallachadh “ceart gu leòr. ”)
Ann am baile Ledo fhéin tha an dòigh beatha cho Breatannach ’s a ghabhas i bhith. Is iad Sasannaich as motha a tha air ceann gnothaich, agus cha mhór nach e Breatannaich uile a tha ann an tuathanaich na tea timcheall oirnn. Tha club eireachdail anns a’ bhaile far am faod na buill biadh a ghabhail, no deoch òl, nobilliardsnotennisa chluiche. Agus chan eil ann an Ledo, cuimhnichibh, ach baile beag. Ann am baile beagan nas motha, mu dhusan mìle air falbh, thaclubmór anns am bi iad a’ sealltainn dhealbh leithid“The Key”agus“St Joan”agus feadhainn de ’n t-seòrsa sin.
Bha cùisean sìtheil an uair a thàinig sinn an so, ach, mar a chitheadh sibh anns na paipearan, bhuail trioblaid agus aramach sinn. Mar a rinn an Sealbh cha do dh’ innis na paipearan Breatannach ach trian ’s de na thachair, agus mar sin cha do thuig m’ athair ’s mo mhàthair ann an Glaschu cho mór ’s a bha ’n cunnart.
(R’a leantainn.)
title | Turus a Shaoghal Eile |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Eilidh Hazra in Gairm 37 %p |
parent text | Gairm 37 |