[65]

Ceilidh Mullach Na Beinne

AM BARD BOCHD

BHO chionn oidhche no dhà bha mi stighs gun anail fo na cabair ach mi-fhìns an cats mi ann an cathair an taic an teine ri leughadh paipeir an . Gu dearbh cha robh mi ri faighinn tlachd sam bith ás na bha mi ri leughadhcogadh am Bizerta, aimhreit mu Kuwait agus ceannardan nan dùthchannan móra acur an corragan rin sròinean ri chéile airson Berlin. Co-dhiùbh dhfhalbh an cadal leam agus mar as trice ann an cadal ceàrnach chì fear rudan a chuireadh iongnadh airna dhùisg; —agus chunnaic mise.

Bha migam fhaicinn fhìn a-stigh ann an talla mór làn dhaoine, fireann is boireann, sean is òg agus de gach dath. Aig ceann shuas an talla bha àrd-ùrlar agus gu h-àrd os a chionn bha sgrìobhte ann an litrichean móraCéilidh mullach na beinne.” Air an àrd-ùrlar so bha sleaghaire de dhuine dreachmhor aig bòrd. Bhiodh e mu aois mheadhon no seachad agus bha malaidhean air cho tiugh agus cho fadas gu robh iad adeanamh brat-dubhair den chòrr de aodann. Thuirt cuideigin faisg orm gum be sud ceann-suidhe comunnach cha do thog mi an comunn, oir aig an àm sin thainig fear den luchd-frithealaidh a-steach le muga àrd gloine làn de uisge soilleir agus chuir e air beulaibh fear na cathrach e ag ràdhDeoch Chruisneo rudeigin mar sin, agus theich e. Cha do thog mise ceart thuirt e agus cha chreid mi gun do thog no fear na cathrach fhéin oir sheall e ás déidh an fhir a dhfhalbh agus sheall e an sin ris an uisge. Thog e am mugas thug e balgam ás, ’s chuir e dréin air. Sheall e a rithist ris an uisges thug e balgam eile ásbalgam na bu mhotha. Chuir e sìos am muga gu cùramach is shuidh e air ais sachathair le osna thaitnich, agus phriob e orrasan a bhanan suidhe anns na suidheachanan a bfhaisge air—— —dìreach mar gum priobadh mulan-feòir ort.

Ann am beagan ùine nuair a chiorstalaich na bha stigh iad fhéin sheas fear na cathrachs chuir e fàilt orra ann an Gàidhlig shusbainteach. “Tha fios agaibh,” ars esan, “carson a tha sinn cruinn an so a-nochd. So céilidh mullach na beinne ris am bheil móran an urra. Tha bonn òir ri a chosnadh an so agus chan e giugaire á Leódhus no, gugarlach á Barraidh a choisneas e. Tha ceithir cheannardan nan dùthchannan móra ri dol a thoirt dhuinn òran agus danns air leth— —òran a rinn iad fhéin le fonn a chuir iad fhéin air aguss e sibhse a luchd-éisdeachd na breitheamhan. Tha gach làmh a theid suas acunntadh aon chomharradh, agus feuchaibh nach bi duine agaibh cho suarachs gun cuir e suas an làimh còmhla. Cha chan mi an còrr, is bheir mi an t-urram don aois agus éighidh mi an toiseach air . . . .”

Chan eil sian a dhfhios agam co air a dhéigh e. Mar a thuigeas


[66] sibh uile chan eil aisling aleantainn air adhart idir mar sgeulachd ann an leabhar, aguss e an ath rud air a bheil cuimhnagam, faicinn fear na cathrachna shuidhena chathairs e toirt treanaidh eile air amhuga. Air an ùrlar bha bodach beag maol dèanta agus thabair gu robh am feabhladh atighinn dha. Bha corran aige anns an dara làimh agus òrd anns an làimh eile, —mar Sgiathanach ann an riochd croiteir airson nan towries. Bhuail e an corran leis an òrd agus chuir e ri chluais e agus thog e air le òran. Cha chuala mise am fonn ud gus an sud; bha e adìreadhs acromadh mar chéise-ball air fuaran ann an tigh cleasachd. Aig rann an suds an so bha a bhroilleach aséids a shùilean alasadh, agus gun abhsadh bha an corrans an t-òrd acumail ceum ri gach pong. So na thog mi dheth:

Is mise Cruis á Ruisia
Thug greis mun aona bhòrd,
Ri Melancof is Bulganin
Gun tug mi dhaibh abhròg;
S fear-riaghlaidh mór a nise mi
S chan eil air thalamh beò
Mo choimeas ann an cumhachd
Leis achorrans leis an òrd:
S toirt fianuis air achomas
A tha agam shìos is shuas,
An duine thanns aghealaich
Thug mi dhà in toll na cluais;
Is ged nach seall e chùlaibh dhuibhs
Tha dhealbh agamsair clàr,
Le gach bréid is toll is tarrag
Thair abhriogais tha mu mhàs:
Is cuiridh coin is balaich dhomh
Le fead a churnan cluais,
Mu dhusan car mun talamh so
Mus dùisg sibh ás bhur suain:
Chan ionnan sins na grìochairean
Ni bòsd le móran fuaim,
Ma chuireas iad an canastair
Carmhuiltean dhan achuan.
S tha bodaich an Taobh Siar a nis
Le deuchainn adol borb,
An dùil le bagradh bhriathran bhuap
Gun cuir iad bodach orms’:
Amaoidh gun tig na rocaidean
Gam chlàbhadh ás gach àird;
Ach spreadhaidh misgu talamh iad
Mar a spreadh mi U a dhà:
Tha geasan anns an òrd tha so
S than corran grad gu sgath,
Is leughaidh sibhn tul fhìrinn sin
S an t-soisgeul a réir Marx.

Sguir e, agus ma tha fuaim bualadh bhois aciallachadh molaidh fhuair e pailteas ged nach do shaoil mi fhìn móran de a sheinn agus na


[67] bu lugha de abhàrdachd. Co-dhiùbh rinn e beic fa chomhair an luchd éisdeachd agus choisich e le ceum iollagach a-null gu taobh chlì an àrd-ùrlair far an do shuidh e air séir.

Sheas fear na cathrach an sin agus cha chreid mi gu robh e idir cho cinnteachna cheums a bha e roimhe. Chuala mi fear air mo chùl a bha le blàthachadh math air ag ràdh: “Tha rud anns amhuga as fheàrr nam bùrn.” Co-dhiùbh ghairm fear-an-tighe air an ath fharpaiseach agus nochd ceatharnach òg tapaidh le rudha amharaichena ghruaidhean ged nach robh fiamh an toileachais air aodann. “So agaibh,” arsa fear na cathrach, “fìor Ghaidheal. Is iomadh fàd dubh Gaidhealach a bhuain a shean-seanmhair aig Abhainn na Cloich mus deach i air imrich air sguab-mhuran gan an Talamh FhuarHa-ha. Siuthad ille, suas leis, ’s dean gàire ris an luchd éisdeachd.” “Cha dèan,” ars esan, “ghoid e am fonn orm,” ’s e toirt sùil cholgach gu taobh chlì an ùrlair.

Coma leat, coma leat,” arsa fear an tighe, “ an Siarach a riamh nach deanadh a chùis air Earach. Siuthad dall air le fonn ás ùr, ’s bidh do dhuais da réir.”

Mar a thuirt, dhall e air le fonn, agus thabair fonnfonn ùr da-rìribh. Cha chreid mi gu lorgadh Uilleam MacMhathain fhéin sinnsir dha. Fhuair mi air cumail air chuimhne na leanas:

Yankie doodle, Yankie,
Yankie doodle-doo,
Mar a ceannaich mile le dollars sibh
Gun clòdh mi sibh le Us.

Chan fhaigh sibh air an t-saoghal so
An ear no deas no tuath,
Mo choimeas ann am beartas,
Ann an àrmachd no am fuaim:

Yankie doodle, Yankie . . . .

Is seasmhach airson saorsa mi;
Nach saor iad thug dhomh làmh,
Chiang Kai-Shek is Salazar,
Is Franco anns an Spàin:

Yankie doodle, Yankie . . . .

S ma bhios sibh airson dollarsan
Gu faigh sibh iad gu dearbh,
Gun phrìs sam bith ach mallachadh
Na balaich bhuidhis dhearg:

Yankie doodle, Yankie . . . .

Is caidlidh sibh gu saorsaineil,
Gu h-àraidhn tìr an fhraoich,
Is rocaidean an Uibhist leam
S polàris san Loch Naomh.


[68]

Yankie doodle, Yankie . . . .

Is ged tha cuid troimh amharus
Cur teagamhna mo rùn,
Tha càirdean leam an N.A. T.O.
Nach dean Castro orm co-dhiùbh:

Yankie-doodle, Yankie . . . .

S mar ceannaich mi ledollarssibh,
S mar clòdh mi sibh le Us,
Ni caileagan Coill Eidhinn
Sibh bhur mealladh lem priob-shùil:

Yankie doodle, Yankie . . . .

Is bidh gach neach a leanas mi
Le ionmhas mór is stòr;
Is gheibh sibh an tul-fhìrinn sin
S an t-soisgeul a réir Fòrd.

Yankie-doodle, Yankie,
Yankie-doodle-doo;
Mar a ceannaich mi ledollarssibh
Gun clòdh mi sibh le Us.

Chan eil fhios agam an robh e deiseil ach air aphong mu dheireadh a sheinn e leig am misgear a bhair mo chùl a-mach gairm achoilichCock-a- doodle-doocho àrd is cho briaghas a chuala mi riamh e air madainn samhraidh atighinn ás an tràigh-mhaidne. Ach thug an luchd éisdeachd le bualadh bhois is feadaireachd comharraidhean molaidh don t-seinneadair a lean trì mionaidean. Chan eil fhios agam na chòrd sin ris no nach do chòrd, ach choisich e air falbh gu taobh a deas an ùrlair agus shuidh e air séir an sin is aghaidh air mar rud á cridhe na h-àirde tuath ag amharc a-null air acho-fharpaiseach a bha le gàire bho chluais gu cluaisna shuidhe mu choinneamh ri toirt faobhar air achorran leis an òrd.

Sheas fear an tighes bha deagh choltas air gu robh an gnothaich acòrdadh ris-san. “Bha sud,” ars esan, “sàr mhath. Cha deanadh uiseag ceann an Téib fhéin na bfheàrr.” “Gheibh sinn a nis,” ars esan aleantainn air, “òran bho fhear a tha aithnichte dhuibh gu léir, dubh-ogha achroiteir a bfheàrr a chuir cas air spaid a riamh deas air aCharbh, no tuath air cuideachd. Tha an Gaidhealna fhuilsna ainm. Thigs thoir srannadh air a bhalaich, is seall dhaibh gun do dhith do sheanmhair lite.”

Thainig sgleò air maisling mun àm so gus na thòisich an t-seinn, ach gun cuala mi am misgear ag ràdh, “Nach e tha cumhadlugubrious, ’ge bith bha sin aciallachadh. Cha chreid mi gu robh mi


[69] buileach aineolach air an fhonn ged nach eil mi cinnteach, ach so na thog mi de na briathran:

Carson a bhios mi cuimhneachadh na làithean dhfhalbh cho bras,
Than diughnan aobhar cianalais gur iad a liath mo stais;
Mo choguis nis toirt dìteadh orm mar shlaod mi-fhìn bhur cas,
Le bhith cho tric ag ìnnse nach robh a riamh cho math:

O, och is och is ochan, mar a thuirt mo sheanmhair chòir,
Ged chuir mi càr don gharage dhut istellyair do bhòrd,
Ce mar bhios sinna shòlas dhut le fiachan suas gudshròin,
Is Ionmhasair na Rìoghachd le chuid chìs gadfheannadh beò:

O, càit an deach na muillionnan nach teirgeadh dhomh gu bràth!
Chan eil an diugh san t-seotal so aon chlóran ruadh no bàn;
S ged dheidhinn chun aCheanadachs mo bhonaidna mo làmh,
S e their e“ ’NCommon Marketort is coisinn mar ri càch:”

Mar bhàlla-ghaoith roimh chamain mi, ’gam iomain gach-a- taobh,
Ged nach bu chòir dhomh gearains gun mi annasach air gaoth
Tha ceannardan nan dùthchannan air cùl a chur ri mghaol,
S chan éisd iad anns achòmhail rium gun lùb mi dhaibh mo ghlùin:

Cha robh miseg iarraidh ach mo làmh bhith air an stiùir;
Nach be sud dual an t-Sassnaich is achòir a bhaig bho thùs?
Ach lìon na Ks le tùrsa mi ged nach fhaicear sinnam shùil,
Gan cluinntinn seinn mu U an so is iadsan cho Non-U.

Ni mi nis co-dhùnadh is gun dùil agam ri ,
Ach dorus Tigh nan Tighearnan tha miaranaich rium fhìn;
Ach cumaibh cuimhngu sìorruidh nach robh iarrtas orm ach sìth
Mar bhair an truaghan sèumarlan bha uaireigin san tìr-s. ’

Sguir e agus airson mionaid de thìde cha chluinneadh tu anailga tharraing. Bha eadhon am misgear fhéin sàmhach. Bha e mar gum biodh e air drùidheadh air na bhag éisdeachd agus air toirt làn air gach neach a chuala e. Bha an t-sàmhchair a bha sudna comharradh molaidh fada na bu chumhachdaich nam bualadh bhois a fhuair càch. Thuig an seinneadair fhéin sin. Thug e mach neapuig is shuath e a dhà shùil is choisich e gu cùl an àrd-ùrlair gun sùil a thoirt air a cho-fharpaisich.

Ach cha do lean an t-sàmhchair nuair a sgioblaich fear an tighe a chasan fodhas a sheas e, agus nuair a nochd an ath fharpaiseach, gu dearbh bha làn sùla ann, le feabhladh a chanadh tu bhiodh ro bheag do bhalach nan cóig. “So agaibh,” arsa fear na cathrach, “Gall, fear de na Goill againn fhein, ’s chan e fear de na Goill a dhaithnicheas sinne. Tha mi cinnteach gu bheil sibhga mo thuigsinn. Mar a chì sibh tha e seachd làmh choille air àird, agus faodaidh mi a ràdh gu bheil e co-dhiùbh deich làmh choillena bheachd fhéin, agus carson


[70] nach biodh; ’s ma tha an t-òran aige cho mór ris fhéins e òran mór a bhios annha-ha. Suas leis matà, a dhuine chòir, ’s cuir fonn suigeartach air”— ’se toirt sgailc dha bhos cionn nan dubhagan. Cha ruigeadh e na bàirde.

Leis an t-sùil sìos troimh shròin a thug an Gall so air shìolaidh fear an tighe air ais do chathair fhéin is gu a shùilean dhan amhuga. Chuir am farpaiseach a shròin dhan adhar agus a ghàirdeanan adol mar ghàirdeanan croiteir afeuchainn ri caora cheannairceach a chur troimh gheata caol. Thug e dhuinn:

Vìve agus Vìv;
Mi-fhìn is mi fhìn;
Chan eil ann an tìr;
Cha robh ann an tìm,
Ard uasal no rìgh,
Thig fagus domh fhìn
An gliocas, am brìgh, ’s an àrdan:

Tha fios geil e fìor,
Nach fhaighear gu sìor,
M beul aithris no sgrìobht,’
Mo cho-shamhail fhìn,
Ach aonna mo thìr
Thig dlùth do mlàimh chlì,
An nìghneagSeonag na h-Airce:

Ach cha bise Degòl,
Oir ghlacadh i beò,
S ged dhàrdaich e glòir
Gun drinneadh dhith ròsd,
Cha chuali na slòigh
Mar chuala Degòl
Ag éigheachd Degòl, “Triath nan àrd-uil’ .”

Vìve agus Vìv
Mi-fhìn is

Stad e mar gun deidheadh am peileir ann, ’s bu bheag an t-iongnadh. Rinn mac nam mallachd a bhair mo chùl fuaim le bheul mar am fuaim a dheanadh fear aleigeil na gaoithe air a shocair áit-fhithich. Chaidh na bha stigh gu gàireachdainn, ach chuir aon sùil cholgach bhon fharpaiseach clos nan eun orra. Choisich e air falbhs a shròin dhan adhar gu taobh a deas an ùrlair, far na sheas e mar charragh-cuimhne cloiche gun ghluasad gun anail.

Ach cha robh fear na cathrach fada gun cùisean a chur air dòigh. Sheas e is mhol e gach seinneadair air leth. “Cha chuala mis, ’” ars esan, “an leithid a riamh bho bha Mòd Thorgaboil ann, ’s cha chuala mi an sin fhéin e. Bha iad uile cho glannam briathrans cho binnnan ceols gu bheil mi cinnteach gum bi e doirbh dhuibhse a


[71] bhreitheamhan dealachadh a churnan comharraidhean. Mar a tha fios agaibh bha co-fharpaiseach an so bhon ear, bhon iar, bho thuaths bho dheas is maille rim bàrdachds an ceòl tha iad a nis ri dol a thoirt dannsam fear dhuinn. Bha iad cho ealanta is cho eirmiseachnam bàrdachd, ’s gun do ghluais iad mi-fhìn gu bàrdachd, is innsidh mi dhuibhna mo bhriathransna mo cheòl fhìn na dannsan a tha ri tighinn.

Nin t-Earach aCircassian
S an Siarach aCha-cha;
Is gheibh sibh sgiobaltealanta
Bhon Deasach Hula-ha;
Is gheibh sibh dannsan t-sabhail
Is an Tuathach clissan ruidhl,
Is cuiridh mise fallas dhiubh
Le port dhaibh air cìr-mhìn;
Ach feumaidh sibh bhith modhail
Fhads a . . . .

Dhfhairich mi crathadh air mo ghualainn agus chuala mi am briathran greannach:— “Carson a leig thu ás an teine” —agus tòrr a bharrachd.

Bha achailleach air tilleadh.

titleCéilidh Mullach na Beinne
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Am Bàrd Bochd in Gairm 37 %p

notesAm Bàrd Bochd = Tormod MacLeòid
parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page