Cumhachd An Smuirnein
Le IAIN A. MACLEOID
Feallsanaich a’ deasachadh an reactor.
AIR latha samhraidh bho chionn ceithir bliadhna deug chualas gun do leagadh inneal spreadhaidh air baile Hiroshima anns an robh cumhachd fichead mìle tunna T.N. T. Ged nach robh ann ach beagan phùnnd de uranium mharbhadh ceud mìle de shluagh Hiroshima is chaidh na ceudan mìle eile a leòn ’s a losgadh le creuchdan a bhios orra ri ’m beò.
Fhuair baile Nagasaki buille de ’n aon seòrsa an ceann trì latha agus chrìochnaich sin an cogadh.
Dh’ aithnich daoine gu robh cumhachd an so nach fhacas is nach cualas riamh a leithid. Tha an cumhachd so doirbh a thuigsinn ach bu toil leam beagan a ràdha mu dheidhinn bho ’n eòlas a tha agam fhéin air. Oir is e mo bharail gum bu chòir do gach neach aig a bheil tonaisg a bhith feuchainn ri faotainn a’ bheag no mhór de eòlas air. Mar sin, air an aon làimh fuadaichear eagal is ginear irioslachd.
Carson a tha daoine an tòir air a’ chumhachd so?
Thà airson socair is comhfhurtachd a chur ’nam beatha.
Aig an àm so fhéin tha sinn a’ deanamh feum air an neart a tha ann an gual, ann an ola, ann am bùrn is anns an dealain.
Anns na dùthchannan anns an dean an sluagh feum dhiùbh sin tha beartas, comhfhurtachd is soirbheachas. Anns na dùthchannan far nach eil aig neach ach neart a ghàirdean is gann a chumas e e fhéin is a theaghlach beò— “am fallus a ghnùise ithidh e aran.”
Tha cuimhne agaibh dé thachair bho chionn dà bhliadhna dheug air geamhraidh an reothaidh mhóir, agus nas fhaisge air làimh nuair a chaidh sinn féin is an Eipheit a-mach air a chéile is a ghearradh ás sinn bho ’n ola air taobh an ear Suez. Cha deanamaid móran nan tiormaicheadh an dà thobar mhór sin. Feumaidh sinn tobar eile.
Tha e farasda thuigsinn mar a loisgeas sinn gual is mòine is ola gus teas fhaotainn a chuirear gu feum a’ tionndadh chuibhlichean. Ach chan eil e cho farasda thuigsinn ciamar a chuireas sinn gu feum an smùirnean a tha cho beag ’s nach fhaca, is nach fhaic, duine riamh aon ’na aonar. Ann an luchd spàin-tea de stuth sam bith tha mìltean de mhìltean de mhìltean de mhìltean de mhìltean do-àireamh—àireamh as motha na gainneamh tràigh an iar na Hearadh—àireamh nach gabh an inntinn fhéin a-steach.
Is e smùirnean (no mar a their sinn sa’ Bheurla “atom”) a’ chriomag as lugha de stuth sam bith. Tha iomadh stuth anns an t-saoghal—cuid anns nach eil ach aon stuth ’na aonar mar iaruinn, òr, airgead, aluminium , oxygen, hydrogen, nitrogen, iodine, “phosphorus”is mar sin air adhart. Their sinn riutha sin“elements. ”
Tha seòrsa eile de stuthan ris an abair sinn“compounds”mar uisge, salainn, aol, clach, feur, feòil, cloimh agus ceudan de mhìltean eile. Ach nuair a rannsaicheas sinn, chan eil anns na“compounds”ach a dhà, no trì, no ceithir, no tuilleadh de“elements”ceangailte ri chéile.
An t-uisge dh’ òlas sibh, is ehydrogenisoxygenceangailte ri chéile a th’ ann, agus is nì furasda do ghille no caileag òg anns an àrd-sgoil an dà“element”a sgaradh o chéile agus an ceangal air ais a rithist mar uisge.
Anns an t-salainn a dh’ itheas sibh aig gach biadh tha dà“element”— “sodium”agus“chlorine”ceangailte—dà dhearg phuinnsean air leth bho chéile, ach, ceangailte, nì cho feumail ’s cho blasda is a th’ aig duine. Dh’ fhaodainn mìltean de eiseamplairean a thoirt dhuibh ach tha ar gnothaich ri nì as cudthromaiche.
Chan eil buileach ceud“element”anns an t-saoghal gu léir.
Thuirt mi gur e“atom”an smùirnean as lugha de stuth sam bith. Nan robh inneal agaibh a bhriseadh, abair, cnap iaruinn le bhith ’ga eadar-sgaradh nas lugha is nas lugha, mu dheireadh thall ruigeadh sibh an t-atom agus nam faiceadh sibh e dh’ aithnicheadh sibh gur e iaruinn a bh’ ann.
Ach a nis, is e so mìorbhuil nam mìorbhuilean, nan deanadh sibh eadar-sgaradh air an“atom”is ann a chitheadh sibh nach e idir cnap beag cruaidh daingeann a th’ ann. ’Na dheas mheadhon tha cnap fìor bheag, mu mheud a mhìlibh cuid de, agus thimcheall air tha cnapan beaga beaga beaga ’ga chuartachadh dìreach mar tha an saoghal is na reultan a’ cuartachadh na gréine. Eadarra is an cnap meadhon tha falamhachd. Their sinn ris a’ chnap mheadhoin“nucleus”smùirnein agus ris na cnapan a’ dol mun cuairt“electrons. ”
Chì sibh gu tric na facail“splitting the Atom”agus“nuclear fission”agus is ann ris an“nucleus”tha so tha ar gnothaich. A rithis, ged is meanbh do-labhairt e chan aon chnap e, ach móran, a tha ceangailte fìor-theann ri chéile.
Am faca sibh riamh bàta-smùid ceangailte ri lamraig is i slaodadh air an ròp làidir? Ma bhriseas an ròp leumaidh e mar nì beò is an neart a bh’ anns an t-slaodadh air a leigeil fa sgaoil. Is iomadh neach a leònadh gu goirt le ròp mar so a’ briseadh. Air a’ mhodh cheudna, ma théid againn air“nucleus”an smùirnein a bhriseadh gheibh sinn uaithe beagan de ’n neart tha ’ga chumail cho teann ri chéile.
Ach ciamar air thalamh a bhriseas duine rud cho beag ’s nach fhaic e e?
Brisidh, ma tha, le bhith losgadh peileir air—peileir a tha nas lugha na ’n“nucleus”—aon de na cnapan beaga tha ceangailte anns an“nucleus. ”Their sinn ris a’ pheileir so“neutron. ”
Tha cuid de stuthan air an t-saoghal is o ’n latha chruthaicheadh iad, tha iad a’ cnàmh air falbh gu socair, mall—cho slaodach is gun toir criomag bheag ceudan bliadhna a’ searg.
Ann a bhith cnàmh tha“nucleus”an smùirnein aca a’ briseadh agus anns a’ bhriseadh tha e a’ leigeil fa sgaoil“neutron”no dhà, a shiùbhlas aig astar do-labhairt. Is aon de na stuthan so am meatal“radium”agus ris na peileirean a leigeas e fa sgaoil their sinn“radiation. ”Tha iad a’ siubhal cho luath is gun loisg iad feòil duine agus mar sin feumar“radium”a chumail ann am bocsa tiugh de luaithe.
A nis tha galair a bhuineas ri feòil an duine ris an abair sinn“cancer”agus cuirear stad air le bhith leigeadh nam peileirean so á cnap“radium”bualadh air, agus mar sin a’ marbhadh a’ “chancer.” Ann
[Dealbh]
Tuill airson nan slatan a cheannsaicheas cumhachd nan smùirnean.
an earrainn mhór de luchd euslaint a’ chancer theid an leigheas, co-dhiùbh ma ghlacar iad an àm.
Tha meatal eile glé choltach ri“radium”ris an abair sinn“uranium”agus tha ’na ghnè gu faodar cabhag a chur ann e bhith cnàmh air falbh.
Tha dà sheòrsa uranium bitheanta— “uranium 238 agus uranium 235” —aon aig am bheil dà cheud agus ochd deug cnap air fhichead anns an“nucleus, ”is am fear eile trì a dhìth air an àireamh sin.
Anns an talamh, agus is ann glé thearc agus an àitean aonarach a gheibhear iad, tha an dà“uranium”ri ’m faotainn. Airson gach pùnnd“uranium”235 tha ceud gu leth punnd“uranium 238”ceangailte ris agus is e an“uranium”as tearca as fheumaile gu mór. Tha cosgais mhór airgid an sgaradh bho chéile agus an glanadh bho gach stuth eile tha ceangailte riutha anns an talamh.
A nis, tha e farasda“nucleus”smùirnean“uranium”235 a bhriseadh agus mìr bheag de neart a leigeil fa sgaoil. Tha cuimhne aig móran agaibh mar a thogadh maighstir no bana-mhaighstir sgoile (agus iomadh athair agus màthair) tàs leathair agus chuireadh iad neart an gàirdean ann a bhith ’ga chur air ghluasad. Dh’aithnicheadh sinn an neart so mar theas ann am bois na làimhe no air iomall eile de ar cuirp. Tha neart an smùirnein a’ tionndadh gu teas mar an ceudna. Agus ged is meanbh do-fhaicinn teas aon smùirnein cuimhnichibh an àireamh do-labhairt a th’ ann dhiubh, agus le chéile ni iad teas mar a’ ghrian fhéin.
A nis tha cothrom aig smùirnean“uranium 235”briseadh is teas a leigeil dheth agus aig an aon àm leigidh e dheth dà“neutron”a bhriseas dà smùirnean eile faisg air. Brisidh na dhà sin ceithir smùirnein, na ceithir sin ochd, na h-ochd sin sia deug agus ann am priobadh tha na mìltean de mhìltean do-àireamh air briseadh, agus teas fa sgaoil a leaghas eadhon na creagan mar a leagh e clachan togalaichean baileHiroshima .
A thuilleadh air sin tha na“neutrons”a dh’ fhalbhas ás gach smùirnean comasach air fuil is feòil is cnàmhan a mhilleadh agus mar sin is e inneal eagalach cogaidh tha so.
Ma bhitheas sgonn de“uranium 235”agaibh nas lugha na mu dhà phùnnd de chudthrom cha dean e spreadhadh idir oir gheibh na“neutrons”a leigeas e dheth ann a bhith cnàmh cothrom teicheadh bhàrr uachdar gun smùirnean eile a bhualadh is a bhriseadh. Ach ma bhios an sgonn móran nas motha na dà phùnnd tha cothrom nas motha aig na“neutrons”air snùirnean a bhriseadh agus tachraidh an spreadhadh air an do labhair mi.
A nis ann a bhith cur ri chéile“atomic bomb”feumaidh tu mar gum biodh pìob fhada agus sgonn de“uranium 235”a cheangal aig gach ceann; gach sgonn nas lugha na dà phunnd. Cuirear pocan fùdair air cùlaibh gach sgonn“uranium”agus inneal airson am fùdar a losgadh aig an àm àraidh.
Tilgear an dà sgonn“uranium”gu chéile agus buailidh iad. Tha againn an sin sgonn anns a bheil eadar trì is ceithir pùinnd—sgonn nas motha na mar a their sinn“the critical size”agus ni e spreadhadh.
A nis is e teas an spreadhaidh so a tha sinne ag iarraidh airson a chur gu feum agus chì sibh nach dean spreadhadh cabhagach mar so feum,
Dùn-reatha ann an 1959
Nithear sin, agus tha daoine a’ deanamh sin gach latha ann an innealan mu ’n cuala sibh—“atomic pile”agus“nuclear reactor. ”Tha aon dusan co-dhiùbh san rìoghachd, agus aon ainmeil anns a’ Ghaidhealtachd an Dùn-reatha an Cataibh.
Tha an“uranium” ’ga chur an cumadh slatan caola fada de chudthrom nas lugha na dà phùnnd agus air an còmhdach le céis thana de“aluminium” .
Tha iad air an seasamh dìreach air an ceann beagan òirlich o chéile ann an tuill, an cnap de stuth ris an abair sinn“graphite”—an dearbh stuth a tha ann am peansail. Tha“graphite”a’ cur maille air na“neutrons”a’ falbh ás gach slait“uranium”agus mar sin a’ toirt dhaibh barrachd cothrom air slatan eile a bhualadh. Ann an tuill eadar gach slat“uranium”tha slatan caola de mheatal“cadmium. ”
A nise tha cumhachd ann an“cadmium”a bhith tarraing dha fhéin na“neutrons”a dh’ fhalbhas á“uranium”gus nach faigh iad gu ruige na slatan eile. Tha againn, mar sin, dorus a dh’ fhosglas no dhùineas sinn air na“neutrons” .Ma thogas sinn na slatan“cadmium”an àrd ás an rathad, gheibh na“neutrons”a bhriseadh smùirnean agus gu leigeil teas fa sgaoil. Le bhith leigeil sìos nan slatan“cadmium” ,gearraidh sinn ás iad bho bhith briseadh a chéile.
O sin a-mach tha“atomic pile”dìreach mar teine guail a theasaicheas uisge airson smùid a thogail is cuibhlichean a chur air ghluasad. Tha uimhir de neart anns an“uranium”do bhrìgh àireamh do-labhairt nan smùirnean, gum faighear uiread de theas á aon phùnnd dheth ’s a gheibhear á ceud gu leth tunna guail—á aon tunna“uranium”tha teas trì muillean tunna guail. Chumadh aon phùnnd“uranium”an tigh agaibh blàth airson sia ceud bliadhna.
Chan eil am beannachd tha so gun mhallachd, agus ged tha gual salach a bhith ’ga losgadh tha e glan taca ri“uranium”ged nach fhaicear salachar an“uranium”idir. ’S e so na“neutrons”bheaga tha faigheil fa sgaoil agus a’ deanamh a leithid de mhilleadh air corp duine is ainmhidh. ’S ann airson na“neutrons”so a ghlasadh a-steach a dh’ fheumar na ballaichean móra tiugha a thogail timcheall air“atomic piles”agus tha Gaidheil Chataibh eòlach gu leòr air so oir chì iad am balla mór iaruinn a thogadh an Dùn-reatha.
Sin agaibh eachdraidh bheag shìmplidh air cumhachd an smùirnein, agus dh’ fhaodadh gun tug mi dhuibh a’ bheag no mhór de thuigse is de thoil-inntinn. Tha mi ’n dòchas nach do dhorchaich mi bhur n-inntinn gu buileach, oir is e so cuspair air an do sgrìobhadh móran leabhraichean.
Cha bhiodh e idir, tha mi ’n dùil, ás an rathad mi bhith crìochnachadh le briathran an t-seann Tiomnaidh á beul Mhaois— “Tha mi a’ gairm nan nèamh agus na talamhainn mar fhianuisean ’nur n-aghaidh air an là ’n diugh gun do chuir mi beatha agus bàs fa ur comhair—beannachadh agus mallachadh. Uime sin roghnaich beatha chum gum bi thu féin is do shliochd beò.”
title | Cumhachd an Smùirnein |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Iain A. MacLeòid in Gairm 37 %p |
parent text | Gairm 37 |