[87]

Anns A’ Bheairt

CHAN EIL glé fhada bho chuir anScottish Gaelic Texts Societya-mach an leabhar de sgrìobhaidhean Dhòmhnaill MhicLaomainn, air a dheasachadh leis an Urr. Tómas MacCalmain, ach tha iad air adhartas math a dheanamh le clo-bhualadh den Leabhar-cheist aig Calvin, air a dheasachadh le Raibeart MacThómais, á Oilthigh Leeds, agus tha leabhar eile aca ullamh airson achlò cuideachd: ’se sin abhàrdachd aig Iain Lom, air a deasachadh le Anna NicCoinnich, á Oilthigh Obair-Dheadhain. Bu chòir do gach neach aig a bheil ùidh anns aGhàidhlig an comunn so a bhrosnachadh, agus cìs bhliadhnail a chur chun an Rùnaire (An Ridire Uisdean Watson, 16 St. Andrew Square, Dun-éideann).

Tha dùil a nis gun nochd an irisScottish Gaelic Studiesuair sabhliadhna, agus gum bi an ath àireamh anns na bùithtean mu Chàisg, 1962. Gheibhear sgrìobhaidhean anns an àireamh so bho sgoilearan Ceilteach an Albainn, an Eirinn, an Sasuinn agus an Lochlainn. Cuiribh ga iarraidh chun An Leabharlann, Oilthigh Obair-Dheadhain. Tha an iris acosg 15/- airson gach àireamh.

Tha Comunn Gàidhlig Inbhirnis fo riaghladh ùr, agus tha e coltach gum faod dùil a bhith againn gun tòisich na leabhraichean prìseil aca atighinn am follais a rithist. ’Se mór a bhiodh an sin, agus tha fadachd oirnn gus a nochd achiad fhear dhiubh. Tha e dhìth orrasan cuideachd cìs bhliadhnail fhaighinn bhuaibh (10/6, gu 28 Queensgate, Inbhirnis).

Leis mar a tha aGhàidhlig asoirbheachadh anns na sgoiltean anns na bliadhnachan so, tha leabhraichean ùra a dhìth air na sgoilearan. Tha fear dhiùbh sin anns abheairtLàithean Geala, le Murchadh MacLeòid, Fear na Gàidhlige an Siorrachd Inbhirnis, agus chan fhada gus an cluinn sibh tuilleadh ma dheighinn. Chan fhada cuideachd gus am bi an leabhar de rannans de chleasan Gaidhealach a tha anScottish Council for Research in Educationacur air aghaidh, anns abheairt, agus tha dùil sam bith tuilleadh ris an leabhar eile a tha iad so acur a-mach: Gaelic -speaking Children in Highland Schools.

Chì sinn mar sin nach eil beart na Gàidhlig idir falamh. ’Se an rud as motha a chuireas dragh air luchd-leughaidh Gàidhlig cho beags a thinnte de fhìor obair amhic-mheanmain: bàrdachd is sgeulachdan is dealbh-chluichean is a leithid sin. Chan eil fada bho chuala sinn gu bheil seann eòlach, a tha afuireach faisg air Dun-éideann, trang asgrìobhadh cunntas a bheatha fhéin, anns aGhàidhlig. Ma ghabhas so a chur an clòs fheàirrde sinn uile an cagnadh a bheir e dhuinn. An Canaidh cuideachd, tha an Caimbeulach trang, mar a gheibh e cothrom, adeasachadh eachdraidh-beatha Aonghais Bhig.

titleAnns a’ Bheairt
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Gairm 37 %p

parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page