Riaghladh An Fhreasdail
Le IAIN PEATARSON
THA mi-fhéin air tighinn chon a’ cho-dhùnaidh a thaobh crannchur na beatha so nach eil ceartas aig an Fhreasdal ’ga riaghladh idir,” arsa Dòmhnall is e a’ sìneadh a-null nan gloineachan chon an fhir-frithealaidh a bha air cùl a’ chuntair.
Bha mise air tachairt ri Dòmhnall ann an Glaschu a bhliadhna an t-samhraidh-sa chaidh, is mi air mo rathad gu tuath.
Tha esan ’na mhaighstir sgoile anns a’ bhaile, agus chan eil duine eadar am Buta Leódhusach agus crìochan Shasuinn nach aithne dha.
Cha robh sinn air a’ chéile fhaicinn o bha sinn còmhladh anns an Oilthigh roimh àm a’ chogaidh; agus cha robh dol ás agam, mar sud na mar so ach gum feumainn a dhol a-steach còmhla ris dh’ an tigh-òsda a bha so airson drama bheag air sgàth seann n-eòlais.
Bha sinn a’ bruidhinn air na companaich a bha againn anns a’ Chomunn Oiseanach, agus mar a sgap iad. Cuid dhiubh a fhuair air adhart, is cuid nach d’ fhuair; feadhainn ris an do thachair cruaidh chàs ri linn a’ chogaidh, is feadhainn a chaill am beatha, agus fear no dithis air a robh seun a thàrr ás gun fiù is a dhol ann an aona ghàbhadh.
Nuair a thìll na gloineachan làna a-nall thuirt Dòmhnall, “Thugainn a null chon an t-suidheachain ris a’ bhalla anns an oisein agus innsidh mise dhut aon rud a tha seulachadh dhòmhsa nach eil ceartas air a riaghladh idir idir.”
Thog sinn na gloineachan a-null agus shocraich sinn sinn fhéin aig bòrd cruinn a bha sin. Thug Dòmhnall a-mach pacaid thoiteanan agus shìn e té dhòmhsa. Chùm mise maidse ris fhad ’s a bha e ’ga lasadh. Thug e sglantag as a’ ghloine liùnn agus tarrainn air an toitean agus shéid e buaileag ceòthadh a mhullach an tighe far a robh na slatan soluis meadhrach còmhdaichte ann an céisean ioma-dhaithte a’ deàlradh òirnn le solus blàth.
“A bheil cuimhne agad” ars esan “air Aonghus Og?” “Plato,” mar a chanamaid ris.”
“Tha glé mhath,” arsa mise. “ ’S i a’ chuimhne as fheàrr a tha agam air e bhith gabhail òran Mhic Leòid— ‘Nuair chuir e chuairt’ —an oidhche mu dheireadh a bha sinn còmhladh air céilidh a’ Chomuinn Oiseinich.”
“Seall am fear leòmach a tha sin aig ceann shìos a’ chuntair còmhla ris a’ bhoireannach anns a’ chòta béin. An canadh tu gur e bràthair do Phlato a bha ann?”
Thog mi mo ghloine mar leisgeul agus sheall mi gu giar air an dithis mhear a bha sud, ri drabasdachd is ri droch cainnt ri ceanna-bhith an tighe. Fear is té air a robh coltas airgid gu leòr a bhith aca.
Bhiodh esan a’ plocadh ris an da fhichead bliadhna. Bha ’aodann plamach cruinn is a shliopan ruiteach gorm agus a’ bhlàth orra gun do dh’ òl e barrachd is a’ chòir de dheoch làidir. Bha a làmhan plumach bog le meuran reamhar cruinne is neul bànaidh ruadh an tombaca orra suas seachad air na h-uilt. Bha fàinne mór òir air a lùdaig chlì. Bha e sgeadaichte ann an deise dhorcha dhonn de ’n aodach a b’ fheàrr. Bha i air a gearradh is air a cumadh cho gleusda ’s a dheanadh rogha ciùird tàilleir i. Ach an déis sin cha robh i a’ freagairt air, bha i a’ coimhead mar nach robh i far am bu chòir dhi bhith, mar gum faicte aodach ùr air bodach-ròcais. Bha an t-seacaid le brollach dùbailte fosgailte a’ sealltainn a léine gheal shìoda agus na tai leathainn dhearg glacte ann an cleaspaich òir, sìos gu bann na briogais. Ach bha na buill-a- raghdainn a bha an cùl na h-amhach aige os cionn far an robh an fheòil a’ bòiceadh a-mach air uachdar a’ choileir a’ breugnachadh an atharrais a bha aigesan air duine uasal.
’Se sgonbhair de bhoireannach mór cnàmhalach a bha innte-se. Bha falt fad dualach air dath an eòrna fhoghair sìos air a leth-cheann. An taobh nach robh rium dhe h-aodann chithinn anns an sgàthan a bha air cùl na sgeilpeadh air a robh na streathan bhotuil.
Crochte ri a cluais, a bha ris, bha bubaide de dh’ fheilbheig a’ ruigheachd sìos letheach slighe gu a gualainn. Bha a bilean cho dearg ri cìrean coilich is a h-ìnghnean mar an scàrlaid cho fada biorach ri spuirean iolaire a’ spìonadh a’ mhionaich á uain earraich. Ach bha cruas a cainnte agus a roc ghàire a’ nochdadh nach robh anns na bha ri fhaicinn o ’n taobh a-muigh ach peant briagha air maide mosgain.
Thuirt mise rium fhéin, “Gu dearbha chan eil càil a choltas agadsa ri Plato, na aice-se ri té a bhiodh esan ’na comunn.”
’Se bha ’nn am Plato ach balach stuama, cho ciùin is cho glic ri aon fhear riamh ris an do thachair mi. Nach e a’ ghliocas a bu choireach gun tug balaich clas na feallsanachd Plato mar fharainm air. Bu mhinig a chunnaic mi e am meadhon còmhlain dhiùbh agus dreach a ghruaidhean a’ co-fhreagairt ri a sheacaid chlò chrotail. ’Se connsachadh mu “Mhath” is mu “Olc”, mu “Cheaetas” is mu “Eucoir” a bhiodh aca mar a bu trice.
Chuir mi sìos mo ghloine agus thug mi tarrainn air an toitean. “Moire! Chan eil sian a choltas aig an t-siad ud ri Plato còir” thuirt mi ri Dòmhnall.
Chuir Dòmhnall stuadh eile ris an dealbh a bha e a’ tarrainn le chorraig ann am fliuchadh a bha air a’ bhòrd— “An dà a laghachainn chan eil—ach nach i a’ chuiseag a dh’ fhàsas anns an òtraich as àirde a thogas a ceann.”
“Bha mi an dùil gur ann ás an aon eilean riut fhéin a bha Plato.” Dh’ fhàg e claigeann toisich giar gointe long chogaidh ’na stob an àird ás na stuadhan is sheall e orm—“ ’S ann, ’s ann, a bhalaich ach chan ann a rugadh e idir. ’S i banntrach Aonghuis Ruaidh far na Ceanna-mhuir a dh’ àraich e ach cha b’ i a mhàthair. Nach iongantach leat a dhuine mar a thig an fhìrinn a-mach air a cheann mu dheireadh . . .”
Stad e treis fhad ’s a bha e a’ cur beul is deireadh ris an luing. “ ’S ann o fhear a bha an urra ri tigh dhìlleachdain, a dh’ aithnicheas mi a thaobh na sgoile, a fhuair mi a-mach mar a bhà . . . .”
Fhliuch e a chorrag a rithist agus ann am falp bha an obair-àrd ’na h-àite.
“Cha robh aig an t-soideanach sin shìos—Seoc, mar a chanas té a’ chòta béin ris—agus aig Aonghus Og—Plato, mar a b’ fheàrr a dh’ aithnicheadh tu e, ach droch athair is chan i am màthair dad a b’ fheàrr.
Rugadh iad ann an crùban de thigh beag salach ann an ceàrna bhochd de Ghlaschu an àm a’ chiad chogaidh mhóir. Le misg is mì-rian thug an athair an saoghal fo cheann agus dh’ fhàg e ann an sud a bhean leis an dithis bhalach; Seoc dà bhliadhna dh’ aois agus Aonghus Og sia mìosan.
Cha b’ fhada gus an do dh’ fhalbh am màthair i fhéin le troc de shaighdeir. ’Se na polasmain a fhuair an dithis bhalach gun bhiadh gun chòmhdach a’ màgaran feadh an tighe agus iad a’ rànaich is a’ biacail leis an acras. Thugadh dha ’n tigh dhìlleachdain an uair sin iad.”
Dà sgrìob eile leis a’ chorraig ealanta ud agus bha na cruinn air am bonn. Nuair a bha na cruinn air an rigneachadh thòisich e a rithist—
“An oidhche rosaideach ud a chailleadh an “Iolaire” air Biastan Thuilm, bha Aonghas Ruadh far na Ceanna-mhuir ìnnte agus ’s e chiad fhios a bha aig a bhean bhochd air mar a thachair, iad a bhith tighinn thuice le a chorp. Leis a’ bhristeadh cridhe, bha dùil aice gun deidheadh i ás a ciall agus airson a h-inntinn a thogail smaoinich i gun gabhadh i balach mar dhalta. ’Se Plato, bràthair an fhir sin shìos, a fhuair i, agus thug i ainm an fhir nach bu mhaireann air. Dh’ fhàs e suas ’na bhalach smiorail ciatach agus ma bha mios aicese airsan bha pailt uiread a mhios aige-san oirrese. Bha ceann fosgailte aige agus choisinn e duais a thug dh’ an oilthigh e. Nuair a thòisich an cogadh roghnaich e an néibhidh agus cha b’ fhada á déidh sin gus an do chuireadh gu muir e ann an slub.”
Bha long an deilbh a’ sìor dhol an uidheam is le strìochd ghoirid bha bann mun an fhaonal aice. Mun do lean e air a naidheachd choimhead Dòmhnall oirre mar gum biodh e a’ meas a robh na tòimhsean ceart.
“ ’S ann aig balach Leódhusach ris an do thachair mi air céilidh oidhche Shathurna ann an so a chuala mi mar a dh’ éirich dha.
Bha am balach Leódhusach so ann am bàta a bha ’na còmhdhalaiche aig an slub air an robh Aonghus Og, agus dh’ aithnicheadh e glé mhath e. Nach ann a bha mac-mo-laghachainn—Seoc—a tha shìos ann an sin agad, air an slub cuideachd agus gun sian a dh’ fhios aig a h-aon seach aon aca gur e bràithrean a bha annta. ’S i piuthar a mhàthar a thog Seoc agus a réir an t-seòrsa caithe-beatha a tha aigesan feumaidh nach robh ise móran na b’ fheàrr na a mhàthair . . . .”
Thug Dòmhnall tàmadh eile air a’ ghloine liùnn agus chuir e cnap ceothadh troimh shròin a dh’ fhalaich an dealbh. Nuair a sgaoil a’ cheò bha mheòir a rithist ’ga fliuchadh agus cha b’ fhada gu robh drochaid chuimiseach air an luing——
“Ach càite an d’ rinn am fear so shìos an t-airgead?” dh’ fhoighneachd mi-fhéin.
Cha bhiodh long chogaidh gun ghunnaichean ach gun fheum is mun dubhairt Dòmhnall facal eile chuir e gunna air a toiseach is fear air a deireadh.
“A! rinn, a charaid, air a’ ghadachd is air an t-slaighdeireachd a’ reic trealaich airm á déidh a’ chogaidh, agus a rithist a’ ceannach is a’ reic sheann chàraichean. An diugh tha marsantachd mhór aige ann an càraichean agus tha mi a’ creidsinn nach eil e a’ deanamh car no cuirean eadar dà cheann na bliadhna mar a cuir e ainm an dràsda ’s a rithist ri cùnntais . . . .”
Bha an long a nise ’na làn uidheam agus cha robh air ach a cur an gréim, agus mar chomharra air a so chuir e bratach mhór a bha uiread rithe fhéin ’na deireadh. Mar gum biodh e làn riaraichte le obair a làimhe, ghéir amhairc e air an dealbh car tamuill mus do lean e air eachdraidh Aonghuis Oig . . . .
“An oidhche mus do sheòl an slub aig Aonghus Og airson an turuis dheireich bha e fhéin agus am balach Leódhusach air tìr còmhladh. Air an rathad air ais chon nam bàtaichean choinnich iad ri mo liagh, Seoc, is suaineach mhath air is e còmhla ri goillseach de nighinn.
A dh’ aindeoin is mar a chomhairlich iad dha tilleadh còmhla riutha fhéin agus aca ri bhith air bòrd roimh aon uair diag chan fhuilingeadh e strad fuar na teith dhaibh agus chan eil fhios cò an t-àite truagh anns an do chuir e seachad an oidhche.
’Se a thainig ás a sin gun do sheòl an slub ann an coinnimh còmhlain a bha a’ tighinn á Ameireaga agus gun sgial air Seoc. Is ann air an t-slighe dhachaidh is iad mu chiad gu leth mìle an iar-thuath air cladach Eirinn a chaidh an slub ás an rathad. Bu mhath a bha cuimhne aig an Leódhusach air an dearbh mhadainn; madainn fhuar earraich le fliu de shneachda o ’n ear-thuath, agus ars e fhéin, “Cha b’ e sùgradh a bhith ’ga chothachadh is tu ’na do chrùban air cùl gunna mhóir a’ stampadh do chasan fiach an cumadh tu an neibhealaich as na h-òrdagan.” Dhe na bha sud a bhàtaichean bha dàimh aig an Leódhusach ris an t-sluib bhig shuas air an fhuaradh, agus fhios aige gu robh Aonghus oirre. Ach càite an robh an giud so shìos ach ’na laighe ann an ospadal gu seasgair blàth le dotairean ’ga fhrithealadh airson galair a thug e air fhéin le a dhol a-mach.”
Bhog Dòmhnall a mheòir a rithist agus chuir e seòladair àrd stobach ’na sheasamh an coinnimh na gaoithe air toiseach an t-soithich. So dèante thionndaidh e rium a rithist:
“Thuirt am fear Leódhusach rium gu robh call na slub seachad ann am priobadh na sùla; cha robh aige ach aon sealladh dhith a’ dol suas ’na h-aon spùt teine. Nuair a ràinig iadsan an làrach cha robh ri fhaicinn ach flò mór ola agus sprodagan mhaidean is bonaidean sheòladairean air an siabadh mar sud is mar so air uachdar na mara.”
Chuir Dòmhnall a’ ghloine liùnn air a cheann agus chrìochnaich e na bh’ ìnnte. Chuir e sìos le snag i agus shàth e null bhuaidhe i tarsainn a’ bhùird agus bha an long-chogaidh air a dubhadh ás.
Cha robh fhios ’am gu dé a theirinn, ach mun d’ fhuair mi gréim air facal bha ar n-aire air an dorus agus Seoc is té a’ chota béin a’ falbh a-mach. Chuala mi a-miosg na cabraich a bha orra ise ag ràdh ris an òsdair gu robh i fhéin agus Seoc a dol suas dha ’n Ghàidhealtachd airson mìos agus gu robh iad a’ dol a chur cuairt air na h-eileanan.
Nuair a fhuair mi cothrom thuirt mi ri Dòmhnall gum b’ fheàrr dhomh a bhith togail orm, ach rinn sinn gaoim gun coinneicheamaid
Sin mar a bhà, chunnaic mise Dòmhnall a rithist ann an Talla Naomh Anndrais aig a’ chéilidh so. An sin dh’ innis Dòmhnall dhomh mar a choinnich Seoc is a chuat ri Banntrach Aonghuis Ruaidh.
Air an siubhal troimh na h-eileanan thadhail iad anns a’ Cheanna-mhuir agus chan eil fhios ’am an e bruithinneachd an latha no an e biachdadh an uisge-bheatha a thug orra stad aig tigh beag tughaidh ann an sin fiach am faigheadh iad deoch a dh’ uisge fuar; agus có an dearbh tigh a dh’ amais iad air ach tigh Banntrach Aonghuis Ruaidh.
Ged is e uisge a dh’ iarr iad cha b’è a fhuair, ach bainne cròiceach milis na bà ruaidhe. Is a’ chailleach a’ lìonadh nan timileirean air bòrd an dreasair ás an t-siuga sheipinn, chan aithneichiste oirre na chaidh i troimhe anns an t-saoghal so, ach gu robh beagan crith air tighinn anns an làimh aice. Bha iadsan a’ coimhead le annas air a’ chuibhill shnìomha agus air na rolagan agus gu h-àraid air a’ sguaib bhig mhurain a bha an crochadh ri sgeilp-an-t- simileir.
An sin laigh an sùil air dealbh a bha air an sgeilpidh os a cionn. Dealbh Aonghuis Oig is e ann an deise an néibhidh. Ma dh’ aithnich Seoc am fear a bha anns an dealbh cha do leig e dad air. Cha do rinn e ach a chùlaibh a thionndadh is tòiseachadh ri mireag le mheòir chruinn reamhar ris a’ chat a bha air tighinn a mhiodal mu chasan.
Dh’ fhoighneachd ise dhe an chailleach có an seòladair òg a bha anns an dealbh. “Tha” ars ise, “suaip aige ri Seoc timcheall nan sùl.”
Cha d’ fhuair mise an còrr dhe an t-seanchas. Thàinig fear a bhreith air làimh air Dòmhnall agus, anns a’ chlabhs a bha ann, chan fhaca mise tuilleadh an oidhche sin e, agus cha chuala mi bhuaidhe o ’n uair sin. Cha mhotha na sin a chunnaic na chuala mi an còrr iomraidh air Seoc is a chuat. Ach tha fios agam gu bheil Banntrach Aonghuis Ruaidh fhathast gu fùiseil a’ snìomh is a’ fighe stocainn is a’ coimhead ás deaghaidh na bà ruaidhe ged a tha ciabhan beagan nas gile is an crith a tha ’na làimh nas nochdaidhe.
Thachair dhomh dhol airson co-la-diag as t-samhradh-sa chaidh a dh’ Eirinn. Chuir mi seachad lathaichean ann am baile beag an cois a’ chladaich anns a’ cheann an iar-thuath. Aon fheasgar chuir mi cuairt air a’ chladh a bha timcheall na h-eaglaise am meadhon a’ chlachain. Ann an sin chunnaic mi clach uaigh seòladair.
Fo ’n drùis de dhealta an fheasgair Shamhraidh a bha oirre leugh mi: “Seòladair a chailleadh anns an dara cogadh mór.”
agus gu h-ìosal a rithist an earrainn so:
“Mar is aithne do ’n Athair mise
is aithne dhòmh-sa an t-Athair.”
Bha na h-eòin bheaga a’ seinn an òrain feasgair timcheall nan craobh iubhair a bha os cionn na cloiche mar gum biodh iad a’ tàladh an fhir ud ’na chadal sìorruidh. Chuir an suidheachadh luasgan air m’ inntinn agus shaoileam gun duirt guth o’n taobh thall rium gum b’e Aonghus Og, no Plato mar a chanadh na h-oileinich ris, a bha sìnte an sud; agus thug mi dhìom mo bhonaid ann an ùmhlachd agus chuimhnich mi air an rud a thuirt Dòmhnall rium san tigh òsda an Glaschu— “Tha mi fhéin air tighinn chon a’ cho-dhùnaidh a thaobh crannchur na beatha so nach eil ceartas aig an Fhreasdal ’ga riaghladh idir.”
title | Riaghladh an Fhreasdail |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Iain Peatarson in Gairm 37 %p |
parent text | Gairm 37 |