[27]

Banais Aig An Tigh

MAIRI MHOIREASDAN

THA fios gu banais tlachdmhor leam ge be air bith n àird ás a nochd e— ’se sin ma tha cothrom nàdurrach ann faighinn chun na bainnse. Ach nuair is fios e gu banais aig an tigh nach mór a bharrachd toileachas a ni mi? Bha feagal orm o chionn bliadhna no dhà gu robh iad sin sìor dol á fasan is nach bfhada bhiodh daoine an dùil gu robh iad air a snaidhm a dhaingneachadh ceart mur deidheadh iad a Ghlaschu a phòsadhneo a Steòrnabhagh co-dhiùbh. Ach o chionn bliadhna phòs Magaidh Aonghuis aPhublaig agus Mairi Isaac aig an tigh. Agus a nis, agus gu freasdalach am meadhon ceadna-sgoile, bha mo bhana-nàbaidh Seonina Chaluim adol a phòsadh. Bu mhór a rinn an smuain mo chridhe a thogail measg dheuchainnean Obair-Dheadhain.

Co-dhiùbh, dhachaidh gun tàinig mi“ ’s mo chas air a bàrr,” an dubhairt am bàrd. Bha gnothaichean cheana an gluasad is an latha mór an amharc abhaile. Bha seachdain fhathast ri dhol seachad, ach bha tigh Chaluim gach oidhche le luchd-tadhail agus bèasgaidh Bean Chaluim agus na caileagan atoirt aoigheachd dhaibh. Bha napreasananmar a chanas sinn, romhainn ann an aon rùmagus abair thusa gibhtean riutha! Chan eil mi creidsinn gu bheil bean òg sabhaile mhór afaotainn trian na bha far comhair an sin: plaidichean, is anart de gach seòrsa, soithichean agus fiùs àirneis-tighe. Bha so anochdadh suim an càirdean do bhean is fear na bainnse. Fear na bainnse? O, chan eil math a dhìochuimhneachadh, rud is tric a thachras mu bhanais! Besan gille àrd dorch snasail feir Càrnan ShiaboistCalum Beag Choinnich Uilleim. Bha sinn acur eòlas air riamh bhon chiad latha stad a chàr aig staran Chaluim. A nis bha shuirghe coimhlionta agus bha an bhaile is na càirdean eile cur meal-an-naidheachd air achàraid leis na tiodhlacan luachmhor bha so.

Bann Di-ciadain, an latha roimhn bhanais, a thòisich an fhìor obair chruaidh agus le sin an toileachas, am fuaims an dibhearsan. Ged nach robh an latha ro mhath bha na mnathan a-muigh aig na praisean san fhasgadh, deas gu smùid a chur ás na cearcan mar a thigeadh iadoir be so latha Spìonadh nan Cearc. Be feòil nan cearc, maille ri feòil chaorach, na h-annlain. Abair gum biodh pailteas ann! Agus abair cuideachd gum biodh obair aig na mnathangan deanamh deiseil. Cha be mo leithid-sa a bhan urra ris an obair ealanta chudthromach a bhan so, ach Curstaidh Aonghuis Ruaidh, Anna Fìdhleir, Mairi Anna Ruairidh Thormoid is feadhainn eile aig a robh fios math air an gnothaich. (Bha sin cho math: an déidh ruaig


[28] mhór fhuair mi fhìn is Seonag an ìobart againne, an coileach mór, an cùil, ach thainig air ar màthair is i cuagach gréim a dheanamh air dhuinn. “Clann-nighean an latha-an-diugh,” ars ise, ag osnaich). Ach eadar marbhadh, glanadh, spìonadh, dadhadh is bruich, bha na mnathan cho sgiobalta ri “conveyor belt,” agus bha iad inntinneach, làn spòrs, cuideachd.

Bha feadhainn eile sàs ann an phoca buntàta air cùl an tighe, ’gan rùsgadh. Bha Sarah, Bean Alasdair Choinnich Uilleim ann nach buineadh don Ghaidhealtachd idir ach a ghabh ri ar cleachdaidhean mar an t-eun ris an iarmailt. Bha Coinneach Isaac ann le sgian-arain seach nach lorgadh en còrr, Noraidh Ruairidh Thormoid agus Alasdair fhéin, is cha bfhada gus a robh gach sìolag geal rùisgte agus deiseil.

A-stigh bha obair cuideachd: bha àirneis an tighe ri chur mach ás a rathad, na bùird ri chur air dòigh agus an t-àite ri dheisealachadh airson na cuirme. Bha buidheann gu trang acòcaireachdeanbhruich leis an fheòil, “trifles” is nithean milis eilegan deanamh. Bha na thainig le cearcan is tiodhlacan eile afaotainn blasd bidhe is dibhe a bha blasda da-rìribh, is an obair asìor dhol air adhart. Ach cha robh cabhaig no boil anns achùis, bha tìde ann son seanchas beag an suds an so anns an dol seachad, airson coinneachadh càirdean nach fhacas o chionn fhada a thachras tric air banais.

Latha na bainnse, dhaithnich sinn gu robh preasan eile air a bhuileachadh. ’Se Freasdal fhéin thug do Sheoninas do Chalum an aon latha math a bhann air amhìosmìos anns a robh na rùghain mònach bog air na puill. Bha an Di-ardaoin grianach, gaothach, dìreach mar a dhiarramaid ach am biodh gach duine air a dhòigh a-muighs a-stigh, agus na brataich a bhan àird aig gach dorus adannss abuiceil ann an ruidhle dhaibh fhéin.

Bha Seonags mi fhìn air fios fhaighinn chun aphòsaidh, is mar sin bha sinn shìos air an staran aig 2.30 a-measg achòmhlain a bha falbh air na carbaidean gu Eaglais Bharbhais. Thainig Seonina a-mach air ghàirdean air a h-athair agus gu cinnteach bha an trusgan geal atighinn math dhi. Bha aghrian asoillseadh agus fhuair gach camaranar measg an deagh dhealbh dhith fhéin, den Chairstìona, de Pheigis den dithis bheaga a bha mar nigheanan comhailteach. Bha Dòmhnallan Biodaidh ann leis aphìob mhóir, cur ceòl ri dealbh cho brèaghas a chunnaic Bradhagair o chionn fhada. Chaidh iadsan gu léir sìos gu na càraichean a bhair an toiseach. Lìon na bhagainne sia bhanaichean agus bhus air an cùlaibh agus air falbh gun ghabh sinn. Chunnacas bean na bainnse asmèideadh gu sònraichte a dhionnsaigh geata air taobh shìos an rathaid, far a robh a seanmhairna seasamhga coimhead.

Bha an t-seirbheis pòsaidh sìmplidh, sòlamaichte mar as bitheanta an so. An uair a dhfhàg achàraid òg Dhòmhnallach an eaglais chruinnich sinn gu léir chum meal-an-naidheachd a chur orra. Thog Dòmhnall air aphìob a rithist agus air ais gu na carbaidean gun ghabh sinn. Air ais do na carbaidean leinn uile agus a-mach á so air sreath a chéile a-null thar mòinteach Bharbhais a Steòrnabhagh. Bfheàrr leam gu robh dealbh agam den adbhans udan réiseamaid de innealan


[29] siubhalnan deann, gach aon le rubanan sìoda geala asùgradh ris aghaoith, le neapaicean is balùnaichean acrathadh, gach aon le farum is ceòl is móran séideadh den chonacag. Thog muinntir Bharbhais bonaidean is làmhan is ràcan ruinn anns an dol seachad. Stad iad de obair an Lacasdail son smèideadh. Agus mar sin a-steach am baile far a robh deilbh na bainnse gu bhith air an togail. Bha uair a thìde saor againn a dhol an taobh a thogradh sinn. Agus tha iomadh taobh a dhfhaodas duine a dhol an Steòrnabhagh, mar tha fios agaibh.

Thog sinn oirnn air ais aig a sia, cheart cho aighearachs a dhfhalbh sinn co-dhiùbh. Seach gu robh am pìobaire againn ann a bhan Móragain, bfheàrr na stad aig Tom Roisneabhat gu ruidhle a dheanamh? Bu ghrinn Iain Iainan Ceit is Aonghus Iain Tólas acur nan caran. Steach a rithisd gu ruige Barbhas agus bu mhór ar sunnd atilleadh.

Air ais an tigh na bainnse bha bòrd aphòsaidh an toiseach, gach fo rian Mhairian Biodaidh, an deagh bhean-tighe a bhan urra ri gach fhads bha càch air falbh. Leughadh na telegrams is ghabh an càirdean achiad bhlasd maille ris an dithis ùr-phòsda. O sin air adhart bha na bùird adol, bòrd na waitearan, bùird na cloinne, agus bùird do na h-aoighean uile, aig a robh iad air an sàsachadh le gach biadh tha math do chorp an duine. Chòrd achùis gu ro-mhath ris na h-aoighean, a réir coltais. Shaoil leinn gu robh còrr is cóig ceud air suidhe aig bòrd. Ach chan eil mig àicheadh nach robh an com-pàirt a bfheàrr buileach againne a thug an oidhche awaitigeadh a-stigh. Bha ceòlaireachd gach bòrd againne, agus chuala sinn gach òran a sheinn Anna Dholaidh, Ceiteag Bhuirgh, Fionnlaghan Philip agus na seinneadairean eile. Bfhiach sud chas ghoirt gu cinnteach, agus bhiodh iad air a bhith nas cràitiche nam biodh sinn air an oidhche a thoirt adanns maille ris na h-aoighean eile.

Bha an latha geal ann an uair a dh’ éirich am bòrd mu dheireadh agus a chuir sinn gu léir ar cùrs air an dachaidhclann le moit orra son gun d’ fhuair iad an àirde cho fada, gun d’ fhuair iad a-steach do dhanns nan daoine móra, gun d’ fhuair iad orainsearan is ùbhlan is làn am broinn, òigridh a bha air ith is òl is danns is fealla-dhà, cailleachan is bodaich nach robh air danns on bha ’bhanais mu dheireadh sa’ bhaile. Chan fheumadh duine aca crònan no turraban gu cadal. Chaidil mi gu grad cuideachd, is rinn mi mocheirigh, aig deich uairean. “Cha bhi duine air chois romham an diugh,” arsa mise leam fhìn. Ach sùil gan tug mi, bha Anna, Bean Chaluim, sìos an Tigh-sgoile leis achrodh. Cha bfhada bha ise atilgeil a sgìos dhith.

Their cuid nach deanadh iad banais aig an tigh air na chunnaic iad riamh. Tha obair ann nach beag, is saothair is uallach. Tha e cur an tighe bun os cionn. Chan e idircoisich a-steachmar anns abhaile mhór. Ach nuair a tha iad ann comasach agus deònach air toil-inntinn a thoirt don bhaile, tha sinn toilichte thighinn còmhla is a ràdh, mar ri Seonina is Calum:

Slàinte a h-uile duine, sìos air an dàrna taobh is suas air an taobh eile. Slàinte dhaibhsan a choisinn so dhuinn.”

titleBanais aig an Tigh
writersMary Morrison
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Màiri Mhoireasdan in Gairm 37 %p

parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page