Air An Spiris
CHAN ann a h-uile bliadhna a tha bàrd aig a’ Chomunn Ghaidhealach a tha cho sgaiteach, deas-bhriathrach ri Seonaidh Mac a’ Phearsain air am bheil iomradh air duilleig eile anns a’ Ghairm so. Faodaidh gu fàg cuid air gu bheil e a’ glamhadh na làimhe a tha ’ga chlaparan, ach bithidh móran, eadhoin anns a’ Chomunn fhéin, nach gabh gu h-olc na tha aige r’ a ràdha.
Ann an aon de phrógraman a’ Bh.B. C. thuirt Seonaidh gum b’fheàrr leis Uibhist-a- Tuath, far am bheil a’ Ghàidhlig fhathast riatanach fallain, fhaicinn gun mheur de’n Chomunn Ghaidhealach. Oir, ’na bheachd-san, tha feum air a’ Chomunn co-ionnan ri fàilnigeadh anns a’ chànain. Tha teachd an lighiche, mar gum b’ eadh, a’ ciallachadh gu bheil tinneas san àrdaich.
Chan eil sin, ann an dòigh, a’ cur coire ás leth a’ Chomuinn, oir is e aon de phrìomh rùintean a’ Chomuinn na sailthean a neartachadh far am bheil an lobhta a’ bolgadh. No, a’ tilleadh gu samhla an lighiche, ionnlaid a shuathadh far am bheil an lot ag iongarachadh.
’S e a tha a’ cur dragh air Seonaidh, agus air móran eile, am bheil sin gu leòr? Tha sinn an dòchas gur h-e a tha a’ cur dragha air muinntir a’ Chomuinn fhéin an uair a tha iad a’ sireadh rannsachaidh a dheanamh air dòighean oibreachaidh na buidhne fiach an giùlan a’ churachd ’s an t-saothair barrachd toraidh.
An uair a théid an rannsachadh so a dhèanamh tha sinn ag earb ’s ag àithne gun suidhich an Comunn plana sònraichte airson nan Eileanan an Iar, far am bheil a’ Ghàidhlig fhathast tapaidh an taobh a-muigh de Bhaile Steòrnabhaigh.
Chan e céilidhean is Mòdan a tha dhìth idir; bha céilidhean ann fada mus robh Comunn ann. Is e a tha dhìth gach ìnnleachd a chumas sluagh sona tapaidh anns na h-Eileanan, agus, aon uair ’s gu bheil an teachd-an-tìr tèaruinte, a bheir dhoibh goireasan is sochairean an là ’n diugh. Tha na sochairean sin a’ ciallachadh an tuilleadh radio agus an tuilleadh mór telebhisean anns a’ Ghàidhlig, oir ged a bhiodh na h-Eileanan a’ taosgadh le luchd Gàidhlig cha sheas a’ chànain ma tha i air a bagradh le còmhradh is ceòl, adhradh is àbhachd, ann an cainnt choimhich air a leac-an-teintein fhéin.
Ghuidheamaid air a’ Choimisean Rannsachaidh a tha An Comunn a’ dol a chur air chois sùil a thoirt air dà oidhirp chéin—Gael Linn ann an Eire a tha a’ tairgse oibreach mar thacsa do ’n chànain, agus dùthaich bheag Iceland far am bheil a’ chànain slàn beòthail gnàthasail a dh’ aindeoin suirighe bheairteach nan Amaireaganach a tha nas miosa cus na bagraidhean na Beurla air Gaidhealtachd na h-Albann.
title | Air an Spiris |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Gairm 38 %p |
parent text | Gairm 38 |