[135]

Leodhusach ....

Alasdair F. MacLeoid

RUGADH Alasdair Fionnlastan MacLeòid ann an Aird-Tunga, an Eilean Leódhuis, o chionn còrr is ceithir fichead bliadhna. ’Se Alasdair Aonghais Ruaidh a theirte ris an sin, agus bha Aonghas Ruadh pòsda aig Anna, nighean Mhurchaidhic Aonghais Oig. ’Se iasgaire a bhann an Aonghas Ruadh, is bithidh cuimhne aig feadhainn ann an Leódhus fhathast air an ainm éibhinn a bhair abhàta aige, an Nothing. ’S fheudar gu robh fealla-dhà an cois abhaistidh sin, agus bu tric a bhiodh Alasdair òg atarraing á athair air sgàth an ainm neònaich a thug e air abhàta-iasgaich.

Chuir Alasdair seachad achiad chuid de a shaoghal ag obair ann an Leódhus, ach mar a bha an fhéill a bhair achlò-mhór asgaoileadh fad is farsaing, bfheudar do na muillnean luchd-reic a shocrachadh thalls a-bhos gus gréim a chumail air na marcaidean luachmhor a lorg iad do phrìomh bhadhar an eilein. ’Se so a chuir Alasdair MacLeòid a Lunnainn, aguss fheudar gu robh e math air a ghnothaich. Cha bann gun aobhar a choisinn e am farainmLever Beag.” Thug e bliadhnachan móra mar so, a-mach bho Mhuilinn Newall ann an Steòrnabhagh.

Ach cha be an clò-mór a mhàin a bhaga cheangal ri Leódhus. Coltach ri iomadach duine eile a dhfhalbh ás na h-eileanan, agus ás aGhaidhealtachd, rinn an eilthireachd fadadh air gràdh-dùthcha agus air dìlseachd do chainnt na h-òige. Tha deagh chuimhne aige fhathast air an tàir a bha aGhàidhlig afaighinn anns an sgoil an làithean òige. Bha e air a thoirmeasg dhaibh aGhàidhlig a bhruidhinn air àrainn na sgoile, agus bha e air innse dhaibh gu tric nach deanadh iad beòshlaint a chaoidh leatha. Thà a bhuil. An diugh chan eil e furasda luchd-Gàidhlig a lorg gus na beàrnan a lìonadh, gu h-àraidh anns amhinistrealachd agus anns na sgoiltean.

Bha Alasdair gu math dìleas don Ghàidhlig, agus bha ena Cheann-suidhe air Comunn Gàidhlig Lunnainn agus air Club Gaidhealach Lunnainn fad iomadh bliadhna. Tha e nisna Cheann-feadhna air aChlub. Guma fada mhealas Gaidheil Lunnainn a chompanas agus a chomhairle.

titleLeódhasach
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Gairm 38 %p

parent textGairm 38
<< please select a word
<< please select a page