Uibhisteach ....
Iain A Mac a Phearsain
CHAN EIL Seonaid Alaic Mac a Phearsain cinnteach có am bad air còir dha e e fhéin ainmeachadh. Tha a mhàthair a Scalpaidh na Hearadh; tha athair a Uibhist; agus rugadh e ann an Steòrnabhagh—anns an ospadal! Gus am measgachadh a cholmadh buileach glan, chaidh e do ’n sgoil anns an Eilean Sgiathanach agus do ’n Oil-thigh ann an Dun-Eideann.
Chan eil e tomadach ann an bodhaig, agus tha coltas a’ bhalaich air fhathast ann an iomadh dòigh. Ged a nì e oidhche mhór aig Mòd no aig céilidh, tha e caran somalta ’na dhòigh is ’na chòmhradh, agus tha a smuainteanan domhainn mar a nochdas a’ bhàrdachd a rinn e airson a’ Mhòid agus leis an do choisinn e crùn na bliadhna so.
Tha e air leth deas-bhriathrach, agus ann an craobh-sgaoileadh a rinn e airson a’ Bh.B. C. and là a chaidh crùn a’ Chomuinn a chàradh air a cheann dh’ aidich e gum b’ fheàrr leis Uibhist-a- tuath fhaicinn mar a tha e—as aonais a’ Chomuinn—na fhaicinn le meur de ’n Chomunn Ghàidhealach. Dh’ aidich e cuideachd nach do phàigh e cìs riamh do ’n Chomunn gus an tàinig air sin a dheanamh an uiridh mas fhaodadh e oidhirp a thoirt air co-fharpuis a’ Mhòid. Agus cha robh e buileadh cinnteach am pàigheadh e a’ chìs tuilleadh seach gun do bhuinnig e na bha a dhìth air!
Thòisich Seonaidh Alaic a’ deanamh bàrdachd an-uair a bha e anns an Oil-thigh, agus chan eil teagamh air an t-saoghal nach eil e fìor mhath. Ma tha a bhàrdachd rud beag seànn fhasanta ’na cumadh, chan eil sin ’na chùis ìongnaidh, oir tha a cheann làn de sheann òrain Uibhist agus tha iad a’ toirt buaidh air. Air an làimh eile, an-uair a theannas e ri sgialachd a sgrìobhadh tha e fileanta anns an nòs ùr. Bithidh a’ toirt làmh air dealbh-chluichean cuideachd, agus tha ùidh mhór aige ann an dealbh-chluichean mar dhòigh air a’ chànain a chumail siùbhlach beò.
Bithidh sinn a’ cluinntinn an tuillidh bhuaithe ann an Gairm, tha sinn an dòchas, oir tha feum air Gàidheil òga anns am bheil an smior a tha annsan.
title | Uibhisteach |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Gairm 38 %p |
parent text | Gairm 38 |