[140]

A’ Bhreith

IAIN MACLEOID (GLASCHU)

BHA e a’ fàs dorcha an uair a thainig Mairead a-stigh don chidsin le ultach mòna.

Thug mi sùil oirre”, ars ise, aleigeil sìos na mòna. “Tha i mar a bhà i, ach cha bu chòir gum biodh i fada a nis.”

Bha i glé mhath leis an laogh mu dheireadh co-dhiùbh”, arsa Niall, asadadh bun na siogaireid anns an teine.

Be sin achiad uair a bhruidhinn iad ri a chéile bho an deaghaidh àm dìnnearach an uair a dhfheuch e ri a cuideachadh leis abhasgaid aodaich.

Ach fàg agam fhéin i”, thuirt i, agus an fheargna guth.

Shad e sìos abhasgaid agus chaidh e a-mach don bhùthainn a rithist, an dàrna cuid de a inntinn làn de dhfheirgna h-aghaidh agus achuid eile duilich gun do dhaithnich i gur e a baobhar dha a bhith ag iarraidh a cuideachadh gu robh e afaireachadh ciontach nach robh e afaireachadh da h-ionnsaigh mar bu chòir dha.

An uair a chunnaic e i adol a thogail nam peileachan bainne sìos don chlòsaid thug e tomhadh air éirigh, rinn e stad, agus an uair sin chaidh e null agus thug e bhuaipe na peileachan.

Ni mise sin,” thuirt e.

Ach bha thu trang anns abhùthainn an diugh.”

Bha a guth coibhneil leis achoibhneas a bhios an guth duine an uair a tha e faireachadh gu robh an fhearg airs nach robh còir aige.

Tha i cho trangthuirt e ris fhéin, agus e anns achidsin a rithist agus ega cluinntinn adòrtadh abhainne anns na miasan. “Ach dòcha gu bheil i a cheart cho toilichte ris na mnathan eile. Dòcha nach eil ann ach soadol timcheall o latha gu latha gun a bhith afaireachadh an dàrna cuid ro thoilichte no ro dhubhach.”

Thuirt Ina rium gu coimheadadh i fhéin agus Alasdair a-stigh a-nochd,” arsa Mairead atighinn a-stigh don chidsin a rithist agus acur dhith a h-apran salach.

Dhéirich Niall.

Fhalbh thusa ma tha, agus cuir umad. Ni mise am bòrd a sheatadh.”

Glé mhath. Gheibh thu tubhailt ghlan an draghair abhùird.”

Bha e mar gun do rinn iad còrdadh, gun guth a radh, nach deanadh e feum sam bith a bhith abigearachd air a chéile, ach bha fhios aig Niall nach robh a h-aon aca càil nas toilichte.

Is ann an uair a bha e agluasad feadh achidsin aseatadh abhùird a smaointich e air Ealasaid.

Chuimhnich e air mar a dhfhairich e an uair a thuirt i ris gu robh i adol a phòsadh Dhòmhnaill. Bha dùil aige nach fhaigheadh e seachad air abhuille sin gu bràth, ach fhuair. Am bitheadh e nas toilichte an dràsda nan robh e air Ealasaid a phòsadh? Bha fhios aigena chridhe nach bitheadh.

Bha fhios aige gu robh nàdur nas coibhneile aig Maireid na bha


[141] aig Ealasaid, agus bha cuimhne aige cho toilichtes a bha iad an toiseach, ach bha e mar gum biodh Mairead ciontach ann an dòigh anns nach robh Ealasaid.

Thainig Mairead a-stigh a rithist agus am froca uaine uimpe.

Ni mi fhéin sin deiseil”, ars ise. “Dòcha gum bu chòir dhut léine ghlan a chur umad. Cha bhi iad fada a nis.”

Bha e ateàrnadh na staidhreach a rithist an uair a chuala e an acomhartaich agus bha Alasdair Mór agus Ina a bhean atighinn a-stighIna beag, dorcha, aigeannach, agus Alasdair acromadh atighinn a-stigh air an dorus.

Rinn Ina air achidsin a choimhead air Maireid.

Ciamar a tha abhó? ”, arsa Alasdair.

Cha bu chòir gum biodh i fada a nis”, fhreagair Niall. “Bha mi dìreach adol a choimhead oirre. Faodaidh tu tighinn cuide rium.”

Théid gu dearbh”.

An uair a bha Niall acoimhead air a charaid abruidhinn agus agàireachdaich an dorus na bàthaich bhuail badhg e. Cha mhór nach duirt e, “A bheil gaol agad air do bhean?”

Ach bha fhios aige nach canadh e rud mar sin ri Alasdair agus nach canadh Alasdair rud mar sin risan ged a bha iadnan companaich on bha iad adol an sgoil còmhla, an t-aon sgoil anns a robh Alasdair fhéinna mhaighstir a nis. Bhitheadh e na bfhasa a radh ri cuideigin nach baithne dha idir.

Tha sinn air ar cuairteachadh”, ars esan ris fhéin, “la balla de ghàireachdaich agus de throd troimh nach eil creutair beò eile afaicinn ach glé ainneamh”.

Fad na h-oidhche abruidhinn agus agàireachdaich cuide ri càch bha inntinn Nèill air an aon ruith. Bha e mar gum biodh Alasdair agus Ina eadardhealaichte bhon Alasdair agus an Ina a baithne dha. Bha dàrna leth inntinn agabhail pàirt anns achòmhradh agus an leth eilega choimhead fhéin agus càch mar gum be cuideigin acoimhead a-stigh air an uinneig a bhiodh ann.

Bha e atoirt faochaidh dha a bhith adol a-mach a choimhead air abhoin an dràsda agus a rithist, agus bha e taingeil an uair a dhfhalbh an luchd tadhail.

Is e aon sùil a thug Mairead air an deaghaidh do chàch falbh, ach bha fhios aige gun do dhaithnich i mar a bha inntinnna boil.

Cha robh càil a burrainn i a dhèanamh. Thionndaidh i air falbh.

Tha e cho math a dhol suas”, thuirt i. “Bheir sinn sùil oirre an dràsdas a rithist.”

Bheir”, arsa Niall. Cha burrainn dha an còrr a radh. Bha e duilich air a son agus aig an aon àm bha an fhearg air. Bha e mar gu robh i asìor iarraidh air a bhith afaireachadh rud da h-ionnsaigh nach burrainn dha.

Chan urrainn don h-aon againn a leasachadh”, thuirt e ris fhéin. “Chan urrainn duine beò a leasachadh.”

Cha mhór nach do shad e na brògan air abhalla leis an fheirg, ach chuir e stad air fhéin, chuir e gu socair fon t-séithir iad agus dhìrich e an staidhir le ceann trom.


[142]

Bha iongnadh air an uair a dhùisg e gun do thuit e seachad cho luath. Thug e an aire gu robh àite Maireid falamh. An uair a choimhead e air an uaireadair chunnaic e gu robh e uair samhadainn.

Dhéirich e agus chaidh e sìos an staidhir. Bha dorus na bàthaich fosgailte. An uair a chaidh e a-stigh chunnaic e gun drugadh an laogh. Bha ena chnap fliuch air an fheur agus a mhàthairga imlich.

Cha tug Mairead an aire dha an toiseach, thainig e a-stigh cho socair. Bha i air a glùinean ri taobh an laoigh. An uairsin thug e an aire da h-aodann.

Bha i acoimhead air an laogh agus a sùilean làn de ghràdh agus de dhiochd don chreutair bheag. Cha robh smaoin aice oirre fhéin, no iarrtas sam bith oirre air a son fhéin.

Las rudeigin an cridhe Nèill agus chuimhnich e gum faca e an t-aon choslas air a h-aodann roimhe.

An uair a chuir e a làmh air a gualainn choimhead i suasna aodann agus fiamh ghàire oirre.

Chrom e sìos ri a taobh. Chuir e a-mach an làmh eile agus shuath e ceann an laoigh. Bha fhios aige gum biodh cuimhne aige air amhionaid sin fhads bu bheò e.

Bha e mar gum faca iad le chéile a rithist rud air an robh fhios aca roimhe agus a dhìochuimhnich iad: nach eil dòigh air ach a bhith atoirt seachad gun smaointeachadh air achosgais. Is e sin an t-aon dòigh air gràdh a thoilltinn.

titleA’ Bhreith
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain MacLeòid in Gairm 38 %p

parent textGairm 38
<< please select a word
<< please select a page