An Staran
RUARAIDH MACTHOMAIS
SAOILIDH mi gu bheil gath soluis a’ tighinn thugam fhathast bho ’n bhliadhna naodh ceud deug, fichead ’s a h-ochd deug—bliadhna mun deach na soluis ás. Tha an gath sin ’na laighe air staran eadar tigh ann an Leódhus agus an rathad-mór, agus ’se oidhche na bainnse a bh’ ann. Nuair a smaoinicheas mi air, tha fhios agam nach robh mi a’ tuigsinn dé bh’ ann banais, agus tha fhios agam cuideachd nach robh càil a bhreithneachadh agam gu robh an saoghal ud an ìmpis a dhol ’na smàl. Ach ’se sin nàdur an fhéin-fhiosrachaidh: gun toir an aon sholus air ais thu air slighe dhìrich, ann am priobadh sùla, fichead bliadhna no còrr, agus an ath mhionaid aithnichidh tu gu bheil an solus sin briste is sgapte, air a phrannadh ’s air a chruth-atharrachadh mar a tha gach solus nàdurrach eile a tha air a leigeil ma sgaoil troimh ’n iarmailt. Ged a tha an solus sin ’na laighe gu còmhnard air staran na h-oidhche ud, tha staran eile ann le iomadach ceum a’ falbh ’s a’ tighinn air. Chan urrainn dhomh mar sin a bhith buileach cinnteach dé thachair an oidhche ud agus dé chuir mi air an staran an déidh làimh.
Bha coileid gu leòr air an oidhche ud. Mun do ràinig mise an tigh bha a’ bhanais air a bhith a’ dol cóig uairean a thìde co-dhiùbh. Bha an t-seirbheis-pòsaidh seachad, is bha am ministear air a bhiadh a ghabhail, ’s air facal no dhà a ràdh, ’s air falbh dhachaidh. Bha a chuid-san dhith seachad, ach cha robh an oidhche ach òg do luchd na bainnse. Bha a’ chàraid nuadh-phòsda ’nan suidhe aig ceann a’ bhùird, is iad a nis air an trìtheamh bòrd. Bhiodh trì eile ann co-dhiùbh mus deidheadh iad a laighe, is tha mi a’ creidsinn gu robh iad a’ fàs sgìth. ’Se falt mìn gleansach dubh a bh’ oirrese. Bha a’ chuideachd aigesan agus a’ chuideachd aicese air am biadh a ghabhail, is bha a nise duine mar a thigeadh e a’ dol chon a’ bhùird. Bha feadhainn de na cailleachan a bha mu’n chreagan ’nan suidhe a’ còmhradh an ceann shìos an tighe, is bha na bodaich a’ gabhail ceò, agus gloinne leann an urra aca ’ga thraoghadh air an socair, agus athair bean-na-bainnse ’ga riaghladh orra, ’s air gach duine a thigeadh, gun e fhéin fhàgail falamh. Bha clann-nighean an àite ’nam màl a’ deasachadh ’s a’ frithealadh, is bha sgeulachdan is naidheachdan, ceòl is gearradaireachd, a’ dol air gach taobh. Na làmpaichean“Tilley”a’ sainnsearachd, duine a’ tighinn bho ’n chruaich le ultach mònach
Mar a bha na caileagan frithealaidh a’ dol a-null ’s a-nall seachad orm, dh’ fhairichinn fàileadh geur cùbhraidh an fhallais bho ’n craiceann ’s bho ’m bodhaigean, is saoilidh mi gu bheil mi ’ga fhaireachdainn fhathast.
Bha gu leòr a’ falbh ’s a’ tighinn. Feadhainn a’ dol dhachaidh tràth; feadhainn a’ dol a-null air an rathad gu tigh eile air cheann-gnothaich; bha an crodh ri ’m bleoghan, anmoch ’s ga robh e; bha clann òga a’ ruagail ’s ri falach-fead, ’s a’ toirt sùil a-steach air dorus an t-sobhail ach a faiceadh iad dé bha dol. Bha na Fir Chlis a’ leum a-null ’s a-nall air raointean fuara an adhair, is chluinneadh tu cù a’ deanamh comhairt ris a’ ghealaich aig ceann thall a’ bhaile. Chluinneadh tu fada bhuat air an oidhche reòta sin, ach ged a chuala mi dithis bhalach, a bha air a thighinn dhachaidh bho sheòladh, a’ bruidhinn air Hitler ’s air cogadh cha do chuir e smuain orm, oir bha fàileadh geur cùbhraidh na h-òige ’nam chuinnleanan, agus cha robh tuigse agam dhà.
Cha robh dad a dh’ eòlas agam air deoch aig an àm ud, ged a bha mi naodh bliadhna deug a dh’ aois. Ach chaidh gloinne uisge-bheatha a thairgse dhomh aig a’ bhòrd agus dh’ òl mi e, agus fhuair mi ’n uair sin gloinne leann an déidh mo shuipear a ghabhail. Is dòcha gun deach bloigh dheth ’nam cheann, le cion a’ chleachdaidh, ach co-dhiùbh fhuair mi de mhisneachd na thug do ’n t-sobhal mi. ’S ann a sin a bha an ceòl ’s am fleadhachas ’s cha b’ ann a-stigh. Bha“Tilly”crochte ris na sparran, ach cha chluinneadh tu fuaim bhuaithe nas motha na chluinneas tu bho sholus an dealain an diugh, oir bha an t-àite làn de cheòl ’s de bhruidhinn ’s de ghàireachdainn. Bha cnap de bhalaich ’s de ghillean aig an dàrna ceann, bonaid air fear an sud ’s an so, balaich òga a’ fiachainn air na fags is gun móran eòlais aca air mar a dheanadh iad an gnothach orra, corra fhear is “rowl” air leis a’ chiad bhloigh daoraich a bh’ air a riamh.
Bha a’ chlann-nighean aig a’ cheann eile, le ’n dreasaichean sìoda is cotain orra, fìor chorra thé le beagan de ’n chloich-dheirg air a beilleagan, ach bha a’ mhór-chuid mar a dh’ fhàg am bùrn ’s an siabunn iad. A’ bruidhinn ’s a’ bruidhinn, ’s thigeadh sgread gàire a-null thugainn an dràsda ’s a rithist. Feadhainn shocharach ’s feadhainn eòlach. Agus dh’ fhairich mi àile gheur chùbhraidh a rithist, ’s cha robh fhios agam glé mhath dé bh’ ann.
******
An ath bhliadhna thòisich an cogadh, is chaidh mo thogail gu math tràth an déidh dha tòiseachadh. Thug mi greis an càmpaichean an sud ’s an so, a’ deanamh droch ionnsachadh air ceàird a’ mharbhaidh, a’ bleith buinn mo chasan ris an làr, a’ sgùradh is a’ glanadh chlòsaidean, a’ toirt ghunnachan beaga ás a chéile ’s ’gan cur ri chéile a rithist, a’ caitheamh ghrenéid gun fùdar annta, ’s ag éisdeachd ri facal an Tighearna air an t-Sàbaid. Bha mi aig an aon àm a’ cur ri m’ eòlas air innealan radio. An ceann greise bha mi ’nam shaighdear, is dh’
Ma bha cianalas a’ bualadh thugam corra uair ann an càmpaichean Shasainn cha do chuir e móran dragh orm aon uair ’s gun ràinig mi na h-Innseachan. Bha an saoghal a bha sin cho ùr dhomh, ’s a’ cur thairis leis gach annas agus beartas agus tàladh, agus shaoilinn nach fhaighinn mo leòr dheth a chaoidh, ged a leanadh an cogadh fichead bliadhna agus mise beò. Ach O charaid ort, nach iomadh facal faoin a chanas duine, is smuain mhì-thoinnte a theid troimh a cheann, gu h-àraidh nuair a tha an òige aige, agus uinneagan na h-òige fosgailt, a’ leigeil a-steach gach sealladh is boladh is ceòl a tha mun cuairt air. Sud mar a thachair dhòmhsa.
Thug mi greis ann am Bombay, agus bha sin fhéin iongantach gu leòr. Bha beartas is bochdainn an taic a chéile an sud air dhòigh nach eil furasda a thuigsinn do dhuine sam bith ás an rìoghachd so. Chitheadh tu na marsantan móra agus iarmad nam prionnsachan Innseanach le ’n tighean òirdhearc làn maoin, agus na mnathan fìnealta, seanga a’ gluasad air an àile, mar gum b’ ann, le ’n aodach bog fionnar a’ snàmh mu bhuill am bodhaig, agus am ball-seirc beag dearg sin air am maoil a’ leigeil fhaicinn dhut gu robh inbhe aca air leth bho chàch. Agus an ath cheum a bheireadh tu chitheadh tu bodach seacte, piullach, gun dad air ach luideag, ’na chrùban ri oir na sràide mar sgithinn leth-fhosgailte, ’s e a’ fiachainn ri dòrlach de ghrìogagan no de threallaichean eile a reic. Bha a’ chaoile ’s an t-sult aghaidh ri aghaidh, gun aon seach aon a’ toirt buaidh, no feart, air a chéile.
Bha na sràidean an còmhnaidh cho làn, a’ taomadh thairis le daoine is clann is badhar, agus ged a bha mi air a bhith an Lunnainn barrachd air aon uair, cha robh mi a’ tuigsinn an toiseach co ás a bha na bha sin de shluagh a’ brùchdadh. Fhuair mi sin a-mach ri tìde: bhà á bothain bhochda bu ghann a sheasadh iad air am maidean truagha. Bu bheag an t-iongnadh ged a bha galairean a’ falbh gu follaiseach air na sràidean sin: typhus is malaria, a’ bhuidheach ’s a’ chlap.
Ach thigeadh an sin an oidhche, is thogadh tu do shùilean chun nan nèamhan, is bha na rionnagan cho faisg ort, ’s an àile air a glanadh bho gach truaillidheachd, agus corra uair bhuail seòrsa de chianalas orm, nuair a chuimhnichinn air na fir-chlis againn fhìn, is bha mi ’n uair sin air staran eile, fad air falbh.
******
Ach cha b’ ann am Bombay idir a thachair mi rithe, ged a thainig i uair no dhà gu m’ inntinn anns na mìosachan sin. Chaidh ar cur fada gu tuath, gu àite beag an ear-thuath air Lucknow, agus an ìre mhath faisg air a’ chrìch a tha ruith eadar na h-Innseachan agus dùthaich Nepàl. Cha robh fhios aig an àm sin dé an taobh a leumadh na Ruiseanaich, is bhathas a’ cumail faire orra, agus air dùthchannan a dh’ fhaodadh a thighinn fo am buaidh. Bha mise air beagan eòlais a thogail
Ged a bha sinn, anns a’ chàmpa bheag ud againn, iomadach mìle air falbh bho bheanntan na Himalayas, shaoileadh tu uaireannan gu robh iad gus tuiteam ás an adhar air do mhuin; bha iad cho àrd ’s cho uabhasach ’s gur gann a chreideadh tu gum buineadh iad idir do ’n talamh so. Tha cuimhne agam aon fheasgar dùsgadh á dùsal cadail agus am faicinn mar sin, is bha dùil agam an déidh làimh gu h-ann an trom-laighe a bha mi.
Bha an trom-laighe a’ tighinn orm an ìre mhath tric anns na mìosachan sin, agus thòisich so air dragh a chur orm. B’ e an t-aon trom-laighe a bha tighinn orm an còmhnaidh. Bha mi ’gam fhaighinn fhìn ann an sobhal bainnse—an sobhal sin air an tug mi tarraing roimhe—agus nuair a bha an ceòl agus an dannsa aig àirde, agus mise dannsa le bean-na-bainnse, thigeadh a’ chreach ud ás na speuran, thuiteadh mullach an t-sobhail air an luchd-dannsa, bha gach nì a’ fàs dorch airson tiota, agus thòisicheadh an teine an uair sin, a’ snàmh ann an aodach nan nigheanan, agus an sin a’ leum ’s a’ slugadh, gus a robh an t-àite uile ’na aon chaoir theine, agus an té a bha ’nam ghàirdeanan ag éibheachd rium a sàbhaladh, ’s cha b’ urra mi dad a dheanamh.
******
Dh’ fhàs mi tinn mu dheireadh—b’ e sin a tinneas a bha ’g obair orm fad nam mìosachan sin—agus chaidh mo thoirt gu tigh-eiridinn ann an Lucknow. B’ ann an sin a choinnich mi rithe mu dheireadh thall, an oidhche ás déidh dhomh dhol a-steach do ’n tigh-eiridinn. Bha e anmoch air an oidhche ’s bha na soluis ìosal, is càch ’nan cadal. Chunnaic mi i a’ coiseachd troimh ’n ward, le aodach banaltruim oirre, is beannag gheal m’ a ceann, mar cheannabheart bean nuadh-phòsda, agus i a’ toirt sùil air duine ma seach, a’ leughadh nan cairtean a bha os cionn nan leapannan aca, a’ fàgail rian agus fionnarachd ás a déidh.
Nuair a thainig i chun na leapa agamsa bhruidhinn i rium agus dh’ fhaighnich i an do chaidil mi idir an oidhche ud, agus thuirt mi rithe nach do chaidil, ach cha do leig mi orm gu robh mi ’ga h-aithneachadh. Dh’ fhalbh i a leughadh na cairte agam, agus thug i an ath shùil orm agus dh’ aithnich i mi, agus an sin bhruidhinn i rium anns a’ Ghàidhlig, agus rinn sinn gàirdeachas ri chéile ann an tìr na fadachd ás.
******
Thainig piseach orm gu luath an déidh dhomh dhol do ’n tigh-eiridinn, agus cha b’ fhada gus a robh mi air mo chois a rithist, ach cha robh cabhaig air na doctairean mo chur air ais do ’n chàmpa, gun fhios nach tigeadh an aon rud orm a rithist. Ach fhuair mi cead a bhith dol a-mach ás an ospadal gach là nan tograinn, is bha mi a’ deanamh feum far a robh mi.
Bha e nàdurrach gum bithinn tric ann an cuideachd Catrìona. Chaidh ar togail anns an aon bhaile, agus cha robh i ach dà bhliadhna na bu shine na mi fhìn.
Ach bha lathaichean air a dhol seachad mus d’ fhuair mi air faighneachd dhi dé dh’ fhàg ann a sud i. Cha robh i fhéin air dad a ràdh mu’n duine aice, is cha robh i air cus a ràdh mu ’n àite againn fhìn, ach faighneachd airson mo mhàthar. Cha robh fhios aice gu robh i air bàsachadh.
Bha fhios agam gu robh i dìreach air dreuchd na banaltruimeachd a thoirt a-mach mun do phòs i, is dh’ fhaighnich mi dhith an latha-sa dé chuir air ais do ’n t-seirbheis i. ’S ann an uair sin a dh’ innis i dhomh gun do chailleadh an duine aice tràth ann an 1941. Bha ochd mìosan deug bho ’n uair sin, ach cha robh mi air an naidheachd a chluinntinn idir.
’S ann aig muir a bha e, agus bha iad air a dhol air thigheadas a Ghlaschu nuair a phòs iad. Gu dearbh cha d’ fhuair iad móran cothrom air eòlas a chur air a chéile: bha e air bhòidse a dheanamh null thairis goirid an déidh dhaibh pòsadh, is an sin thainig an cogadh, ’s chan fhac i ach aon uair tuilleadh e. Chaidh an t-soitheach aige fodha ’s gun iad ach latha a-mach á Durban.
Bha ise air a bhith ag obair anns an Ospadal Rìoghail an Glaschu, ach an uair a fhuair i an naidheachd smaoinich i gum b’ fheàrr dhi an rùm a bh’ aice an Glaschu a leigeil bhuaipe. Bha feum gu leòr air a leithid aig an àm ud, agus ghabh i dh’ an Arm, is an ceann greise chuireadh a-null do na h-Innseachan i.
Thug mi greis mhór an oidhche ud a’ smaoineachadh air a h-uile nì a dh’ innis i dhomh, is ged a tha nàir orm innse cha do chuir e dubhachas sam bith orm. Eadhon nuair a smaoinichinn air an t-soithich ud a’ dol fodha anns a’ chuan mhór an iar air Africa, cha do lean mo smuain ris a’ chuspair mionaid, is bha port-a- fead agam rium fhìn ’s mi coiseachd cho suigeartach ’s ged a bhithinn air mointeach Leódhuis. Nuair a bheirinn sùil an àird chithinn na beanntan móra sin fada bhuam is cha robh eagal orm. Agus dh’ aithnich mi anns a’ mhionaid ud gun do chaill mi mo chridhe rithe.
Bhithinn ’ga faicinn a h-uile latha, agus an ceann ùine bhig bha sinn a’ dol chuairtean, ’s a’ fàs na b’ eòlaich air a chéile, is bha eagal mo bheatha orm an uair sin gun deidheadh mo chur air ais do ’n chàmpa agam fhìn. Bhiodh sinn a’ còmhradh ’s a’ còmhradh: uaireannan mu na bliadhnachan mus do phòs i, ’s nuair a bha sinn anns an sgoil còmhla. Cha b’ e gu robh móran eòlais agam oirre an uair sin: bha i dà bhliadhna na bu shine na mi, ach bha gu leòr ann a chumadh còmhradh ruinn, is shaoilinn bho dheireadh gu robh mi eòlach oirre a riamh. Bha cuimhne agam a bhith anns an tigh aca corra uair nuair a bha mi a-mach ás a sgoil, agus thigeadh an staran sin gu mo chuimhne. Ach cha b’ ann idir air oidhche na bainnse. Cha mhór gu robh mi cuimhneachadh air a sin idir.
Cha mhotha bhiodh sinn a’ deanamh móran bruidhinn air Glaschu, na air a’ ghreis ud a thug mi fhìn ann an càmpaichean Shasainn. Bha ise an Glaschu an uair sin. Ach bha bruidhinn gu leòr againn mu na h-Innseachan. B’e so an saoghal ùr againn, is an cuan mór is leth an t-saoghail eadarainn is sud.
******
Nuair a tha thu ann an dùthaich chéin, gun duine de na seann eòlaich timcheall ort, ’s gun thu a’ tuigsinn ro-mhath dé ’n seòl-beatha a th’ aig an t-sluagh tha mun cuairt ort, tha e dualtach gun caill an seòl beatha a bh’ agad fhéin a ghréim ort. Agus an àm cogaidh tha so nas dualtaiche buileach tachairt. Mean air mhean tha do chogais ’ga mhùchadh, ’s an rud a chuireadh sgàig ort an toiseach smaoineachadh air, fàsaidh tu eòlach air sin a bhith ’nad inntinn, agus aon uair ’s gum bi an t-eòlas sin air do shiubhal chan eil ach ceum goirid eadar rùn agus gnìomh. Chunnaic mi iomadach duine a’ falbh na slighe sin: feadhainn aca nach tugadh mionaid ris, agus feadhainn eile a dhiùltadh cothrom an déidh cothroim is a dh’ fhalbhadh aig a’ cheann thall. Tha mi creidsinn gu robh e réir an togail a fhuair thu is an dèanamh a bh’ ort. ’S iomadh là a chuir so dragh orm. Ach bha mi a’ fàs na bu shine, is na bu dàine.
******
Dà mhìos a bh’ agam ann an Lucknow. ’Se aimsir nam blàthan a bh’ ann. Bithidh dùil agam uaireannan, ’s mi cuimhneachadh air a nis, gun tug mi ùine mhòr ann. Ach ’se as coireach ris a sin gun do thàth mi ris an dà mhìos sin iomadach smuain a thainig thugam roimh ’n àm sin, agus smuaintean a bh’ agam ás a dhéidh, is chan eil fhios agam an tainig crìoch orra sin fhathast.
Nuair a thuirt an lighiche rium gum faodainn a nis tilleadh do ’n chàmpa agam fhìn cha mhór nach duirt mi ris gun deanainn barrachd feum far a robh mi. Ach cha duirt mi sin ris. Cha do rinn mi càil ach taing a thoirt dha. Taing.
A’ chiad oidhche a bha mi air ais anns a’ chàmpa, sud an oidhche bu dorra dhomh a bh’ agam a riamh. Mu dheireadh, nuair nach seasadh mo chorp ris na b’ fhaide, thainig an cadal orm, ach cha b’ e an cadal a bh’ ann, ach an trom-laighe. Bha an lighiche os cionn na leapa, leis an sgithinn ’na làimh. Bheireadh e an straonadh ud leatha, is nuair a shaoilinn gu robh e air m’ amhach a ruighinn dh’ fhairichinn an sgathadh sin, is thuiteadh ultach de bhlàthan air m’ aodann, ’ga mo mhùchadh cha mhór. Ach cha b’ e blàthan iomadhathach na dùthcha ud a bh’ annta. Bha iad dubh.
******
’S ann thuige ’s bhuaithe bha mi anns na mìosachan sin. An dàrna latha bhithinn ceart gu leòr, ’s mi ’g obair air na h-innealan agam, ’gan toirt ás a chéile ’s ’gan càradh ’s ’gan gleusadh, gus an togadh iad gach cagair a bha na tonnan-adhair a’ toirt thuca. Ach an ath latha bhiodh mo cheann làn de chòmhraidhean eile: na balaich a bh’ ann a ward an tigh-eiridinn, Catrìona is na banaltruimean eile, na lighichean, ’s air chùl sin, glòr shràidean Bhombay, ’s na b’ fhaide air chùl sin, ach a’ sìor thighinn na b’ fhaisge, gleadhraich na bainnse ud bho chionn fhada, is sàmhchar na maidne nuair a sgaoil i.
Bha an cianalas orm gun teagamh—cianalas airson Lucknow. Agus an-fhois. Bha mi ceithir bliadhna fichead, is bha mi air a bhith beò ro fhada air smuaintean ’s air bruadairean. Bha mo cheann a nis a’ fàs corrach leotha.
An ceann dà mhìos no mar sin fhuair mi cead airson dha no trì lathaichean, agus thog mi orm gu Lucknow. Rinn mi dìreach air an
Chunnaic mi i an ath latha. Bha i uabhasach duilich mar a thachair. Bha fear de na lighichean air iarraidh oirre a dhol gu dìnneir còmhla ris. Ach mar a chaidh an latha air adhart thainig mi fo ’n t-seun aice a rithist, agus rinn sinn an àirde gun deidheadh sinn gu ruige Delhi an ath uair a bhiodh cead againn còmhla.
Chaidh mi air ais do ’n chàmpa agam. Bha aimsir nam blàthan nise seachad.
******
Cha b’ fhada mhair an aighear sin. Nuair a bha mi air ais anns a’ chàmpa thòisich mi rithist air mo smuaintean a bhleith ri chéile, is an ceann greise chaidh mi bho fheum buileach, is chuireadh do ’n tigh-eiridinn a rithist mi. Ach cha robh mi ann ach seachdain nuair a chuireadh Catrìona air imrich, gu ospadal ann an Delhi. Agus trì seachdainean an déidh sin fhuair mi fios bhuaipe gu robh i dol a phòsadh. Agus b’ e an duine a bha i dol a phòsadh an lighiche a chuir dhachaidh mi an toiseach á tigh eiridinn Lucknow—am fear dh’ an tug mi taing. Thug i cuireadh dhomh chun na bainnse, ach thuirt i mura robh mi airson a dhol thuice gun tuigeadh i glé mhath. Is thuirt i gu robh i duilich airson gach nì a thachair.
Goirid an déidh dhomh an litir so a leughadh thainig seòrsa de sholus thugam, agus neart ás ùr. Shaoileadh duine, is dòcha, gur h-ann an rathad eile a bhiodh e, ach tha inntinn an duine ag obair ann an dòighean iongantach. Bha mi a’ faireachdainn mar gum bithinn a’ tighinn faisg air crìch an rathaid ud, a thòisich ’na staran beag ann an Leódhus, bho chionn ceithir bliadhna gu leth. Sgrìobh mi thuice is thuirt mi gun deidhinn chun na bainnse nam faighinn cothrom.
Mar a thachair, fhuair mi an cothrom sin ann an dòigh ris nach robh dùil agam. Thainig fios thugam gu robh mi ’gam chur air ais a Bhreatainn, air soithich-adhair, is muinntir an Airm an dùil nach deanainn tuilleadh feum anns na h-Innseachan. ’S ann á Delhi a bha mi gu falbh, air feasgar là na bainnse. Chaidh mi thuice.
Cha robh mi air a bhith aig banais bho ’n té ud ann an 1938, agus shaoilinn a nis gu robh mi ann an saoghal eile, is bha mi ann a sin. Cha robh ceannabheart gheal air Catrìona an turus so; ach bha a falt cho dubh, lannireach ’s a bha e a’ chiad turus. Ach ’s ann orm fhìn a chuir mi ’n umhail a bu mhotha. Bha mi air a chuile ceum a choiseachd, cha mhór, a-mach air ceann an starain, a-null an rathad mór, troimh ’n bhoglach a tha eadar an rathad cumhang ’s a’ bheinn, is cha mhór nach deacha mi fodha anns an t-suil-chruthaich, ach bha mi nis aig ìochdar na beinne ’s a’ tòiseachadh ’ga dìreadh. Mar a bha mi a’ dìreadh ’s a’ dìreadh, is mar a b’ àirde bha mi a’ dol ’s ann bu lugha bha gach nì a’ fàs fodham. Chaidh na bùird ás mo shealladh, agus na daoine a bha ’nan suidhe aca, ann an deiseachan an Airm, is an cèice mór geal, is falt dubh bean-na-bainnse, is an togalach mór anns a robh a’ bhanais, is bailtean móra nan Innseachan a’ cur thairis le beatha is bàs. An
Cha tug an turus fada, agus cho luath ’s a ràinig sinn an dùthaich so fhuair mi dhachaidh a Leódhus air fòrladh. ’S e deireadh an t-samhraidh a bh’ ann, an 1943, is bha boladh an fheòir ’s nan sìtheanan mar a bha e ri mo chiad chuimhne. Nuair a bha mi a’ dol seachad air tigh Catrìona bha a h-athair ’na sheasamh aig ceann an tighe, is chuir e fàilte orm. Sheas sinn a’ còmhradh greiseag bheag, ach an uair a bha mi dol a dh’ innse dha gu faca mi a nighean o chionn trì latha cha tigeadh na facail gu mo theanga.
Tha ochd bliadhna deug bho ’n uair sin.
title | An Staran |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 38 %p |
parent text | Gairm 38 |