[155]

Sean Eòlas-Luibh

(18) SAIL-CHUACH

ALASDAIR MACILLEMHAOIL

THA còrr is deich seòrsachan den fhlùr so rim faighinn air feadh ar dùthcha, agus tha iad fo dhealachadh ainm marFail-chuach, Dail-chuach, agus Sàil-chuach.

Bha ena chleachdadh saGhearmailt an leabaidh-pòsaidh agus achreathall a sgeadachadh leis an dìthean, agus tha e coltach gu robh an dearbh ghnàths aig na Ceiltich agus na Greugaich o shean.

Tha e air aithris gun do thuit dubhar aChroinn-cheusaidh air an lus, agus gu bheil sinna aobhar air a cheann a bhith crom fo bhròn. Ann an Innse Gall bha meòg, anns a robh sàil-chuach air a bruich, air a thoirt mar dheoch-leighis air fiabhras.

Be so am flùr a bannsa leis an fhàidh Mahomed, agus gus an latha-an-diugh tha e measail aig a luchd-cuideachaidh. Anns aGhaidhealtachd bha sàbh dheth mùirneach aig na mnathan, agus cha biongnadh sin oir bu mhór a bhuaidh.

Sàil-chuach is bainne ghobhar,
Suath ri taghaidh,
S chan eil mac Rìgh air an domhain
Nach bi air do dhéidh.

Nan robh sùgh an luibh air a chur air rosgan neachna chadal, thàlaidheadh sin aigneadh a dhionnsaigh achiad chreutair air an laigheadh a shùil.

titleSean Eòlas-Luibh
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 38 %p

parent textGairm 38
<< please select a word
<< please select a page