Sop as gach seid
AILEAN MACGILLEATHAIN
’S i naidheachd glé éibhinn a chòrdas ri duine nach aithnich na daoine bho ’n tàinig i. Ach tha cuid de naidheachdan cho soilleir agus gu saoil sibh gum b’ eòlaich na daoine ged nach fhaca sibh riamh iad.
Tha mi smaoineachadh gur h-i so té bu mhotha thug a ghàireachdaich air fear nan “naidheachdan éibhinn” a chuala e riamh—agus am fear bho an tainig i ’s e fhéin a b’ fheàrr air gàireachdaich a chualas, Ruairidh Aonghais Oig air an Luachair.
Bha bodach an Uig an Leódhus a’ tiodhlacadh na seachdamh mnatha an Eadar-a- fhaodhail. An uair a bha na fir a’ cladhach na h-uaghach thainig cnàimh a-mach air té de na spaidean. Thog fear an cnàimh agus bhathas a’ gabhail beachd ach dé seòrsa rud a bh’ ann, có-dhiùbh a bhuineadh e do dhuine no dh’ ainmhidh. An ceann tacain thainig fear a’ bhròin e fhéin a-nall. Rug e air a’ chnaimh ’na làimh agus thug e sùil air. “O ’s e dìreach,” thuirt e, “peirceall na té duibhe thug mi á Arasaig.”
Nach saoil thu gu faic thu an té dhubh thug e á Arasaig?
Chan eil fios càite ás an “tug” e na sia eile! Mur eil lorg aig Uilleam.
Duine a b’ éibhinne gu seanchas a chunnaic mise riamh ’s e Iain Peigi sa’ Scarpa. An uair a bha Iain òg, chàidh e a Ghlaschu agus ghabh e air a’ Pholice. Bha e fuireach còmhla ri bràthair athar dhòmhsa anns a’ bhaile. Cha robh e fada air a’ Pholice an uair a thainig e dhachaidh aon oidhche. Shìn e a-mach a dhà làimh agus thuirt e: “Seall thusa air mo dhà làimh-sa! Tha iad air fàs cho geal ri làmhan maighstir-sgoile. Tha mi ’falbh dhachaidh.”
Rinn e dìreach sin. Dh’ fhalbh e air ais do ’n Scarpa agus chuir e seachad a shaoghal ris na giomaich le ràmh shia troighe diag ’na dhòrn bho mhoch gu dubh. Bha Iain leasg ’na dhòigh ach an uair a chuireadh e a chas ri tobhtaidh ag iomradh, ge mór am facal e, cha robh ’shamhail ann.
Chaidh e turus gu Taobh Siar Leódhuis a cheannach bà agus mac a bhràthar còmhla ris. Chan eil cho fada bho ’n là sin ach choisich na fir ud á Caolas an Scarp gu Siadair agus air ais le mart air thaod cho beag cùram agus a théid sinne cuairt sìos am baile an diugh. An uair a ràinig iad an ceann-uidhe an Siadair thug bean an tighe dhoibh bóla mór le bàrr is gruth no min-eòrna am fear. Dh’ ith am fear òg na chaidh aige air ach dh’ fhàg e barrachd sa’ chuaich na thug e aiste. Thionndaidh am bodach Siarach ri Iain Peigi agus thuirt e ris: “Siuthad, a dhuine, gabh còrr do mhic: daoine òga an la an diugh chan eil mionaichean aca.”
Bha sinn là dipeadh chaorach mu Shamhainn. Bha reatha aig Iain Peigi agus adhaircean fada farsainn air, gun iad a’ tighinn a-steach
Am bodach a bha seanchas air a’ Bhlascaid Mhóir an Eirinn mus tugadh na daoine dhith bha e ag ràdh “Cha bhi ar leithid-ne ann gu bràth tuilleadh.” B’ fhìor a labhair e.
Chaidh misionaraidh ás na Hearadh a dh’ Uibhist turus agus goirid an déidh dha dol ann chaidh e a-mach rathad na mara leis a’ ghunna. Chunnaic e eathar a-nuas ris a’ chladach agus dithis ’ga h-iomradh. An uair a bha i dol seachad air a’ mhisionaraidh agus astar math oirre leis na ràimh dh’eubh e ris na fir a bha air bòrd, “Tha sibh math air an iomradh.”
Stad am bàta. Agus thuirt an t-Uibhisteach bu shine agus bu treasa, “Chan eil nas fheàrr agaibh sna Hearadh co-dhiùbh”!
“Cuir a-steach a deireadh ach am faic sinn,” thuirt am Misionaraidh. A nis chan eil ach glé ghoirid bho chaochail am Misionaraidh—Iain Beag na Luachrach. Cha mhór anns an Hearadh no Lèódhus do nach b’ aithne Iain Beag agus chan eil duine a bha eòlach air nach can gun do thachair a sheise ris an Uibhisteach.
Ghabh Iain Beag an ràmh a bha aig a’ ghille: thòisich an t-iomradh agus an co-iomradh. Cha b’ fhear a dheanadh briag Iain Beag ann, agus, a réir a sheanchais, bha an gille ’na deireadh agus duan aige ag éibheach air Dia leis an spàirn a bha air an dà laoch ris na ràimh. “Chuir mi air i mu dheireadh,” thuirt Iain Beag: “Ach bha e glé mhath air iomradh.”
title | Sop ás gach Seid |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Ailean MacGilleathain in Gairm 38 %p |
parent text | Gairm 38 |