Dealbh-Tharraing Nan Seapánach
Leis an Ollamh Tokusaburo Nakamura (Tokyo)
(air eadartheangachadh le CATRIONA NICFHIONGHUIN)
THA mi cinnteach g’ eil cuimhn’ agaibh uile air earrann ann aHighland River,le Neil M. Gunn, far a bheil e a’ bruidhinn mu pheinteireachd nan Sìneach, agus ag ràdh mu na dealbhan de dh’ eòin a rinneadh leotha gur e faireachdainnean nan eun iad fhéin e tha air an nochdadh dhuinn. Tha so a’ leigeil fhaicinn dhuinn gu bheil fìor thuigse aige de na rudan as motha buaidh ann an saor-ealdhainean na h-àirde an Ear.
Agus dh’ fhaoidte g’ eil cuimhn’ agaibh cuideachd air an dà òraid a sgrìobh e airson anSaltire Review,mun tainig crìoch air an leabhrachan sin. ’SeHerons ’ LegsagusHighland Spacena tiodail a th’ orra, agus tha iad a’ foillseachadh gu bheil fiosrachadh neo-chumanta aige mu ghnè nan saor-ealdhan Seapánach, agus mu dhòigh-smuain nan Seapánach.
Dh’ fhaoidte, mata, gum bu toigh leibh rudeigin a chluinntinn mu pheinteireachd Sheapánach. Tha mi ’n dòchas gum faic sibh gu bheil na Gaidheil agus na Seapánaich glé choltach ri chéile ann an iomadh dòigh.
’Se seann sluagh a th’ anns na Seapánaich, agus tha an eachdraidh a’ dol air ais tuilleadh is dà mhìle is sia ceud bliadhna. Bha iad ainmeil mar ghaisgich chalma, ach cha robh iad borb oir bha iad teò-chridheach ’nan nàdur is uarraidh gaolach air bòidhchead. Gu dearbh, bha na saor-ealdhainean acasan caigeann cheud bliadhna mun d’ rugadh Crìosd.
Tha iad a’ fuireach air ochd eileanan a tha uile san roinn measarra de ’n t-saoghal, agus tha an t-sìd glé chiùin, gun a bhith ro-bhlàth no ro-fhuar. Tha maise na dùthcha gun choimeas. Chan eil leathadan nan cnoc cas, ’s tha na machraichean uaine, flùranach. B’ e “dùthaich nam flùr” a bh’ air an t-Seapáin, agus b’ eHorai no shima (Eilean Phàrais) a bh’ aig na Sìnich oirre. Bha Marco Paulo de ’n bheachd gur e El Dorado a bh’ innte, ach bha e am mearachd anns a’ bheachd sin.
Co-dhiùbh tha a talamh sìolmhor, torach, agus leis a sin tha na daoine tha còmhnaidh ann dòchasach, sìothchail, agus glé fhialaidh. Mar bu chòir, bha iad cho coibhneil ri coigrich ’s gun tug an eachdaire SìneachKunshi no Kuni (an sluagh as uaisle) orra. Tha na boireannaich sònraichte “bòidheach, gaolach, agus dìleas.” Tha na comharraidhean sin a bhuineas do ’n chinneadh ri ’m faicinn anns na saor-ealdhainean, gu h-àraid anns na rudan a chaidh an dèanamh (leithid nan ionmhasan roimh-eachdrail) mun tainig saor-ealdhainean nan Sìneach no nan Innseanach ’nam measg. Tha iad ri ’m faicinn cuideachd anns na saor-ealdhainean a chruthaicheadh on a sguir ùghdarras na Roinn-Eòrpa anns na nithean sin: faodaidh sinn gabhail mar eiseimpleir na saor-ealdhainean an déidh aimsir Fujiwara. Ach cha deach na comharraidhean sin buileach á fianuis eadhon nuair bha buaidh na Roinn-Eòrpa aig àird a cumhachd.
[163]Anns an obair so, ’se gaol Nàduir an rud as comharraichte. Tha na Seapánaich anabarrach gaolach air Nàdur, ’s tha so ri fhaicinn san dòigh anns a bheil iad a’ dealbhadh rudan nàdurra ’nan saor-ealdhainean. Tha e mar gum biodh brath-ribeachan do-fhaicsinneach bho ’n inntinn a’ beantainn ris na cnuic, na raontan agus na h-aibhnichean, ri craobhan, lusan, agus dìtheinean, ainmhidhean, biastagan agus eòin, ’s ’gan cniadachadh. Ann an dealbhan Seapánach tha na beanntan ’s na cnuic, mar gum biodh, a’ smèideadh ort, na h-eòin a’ seinn dhuit, na flùraichean a’ fàs ruiteach mu d’ choinneamh, agus saoilidh tu gu bheil na h-uisgeachan a tha sruthadh seachad duilich a bhith ’gad fhàgail. Tha a h uile rud còmhdaichte le faireachdainnean blàth, ciùin.
An coimeas ri peinteireachd nan Seapánach tha na Duidsich a’ peinteadh le ’n sùilean air a’ chuspair fad na h-ùine, ’s tha an dealbhan de nithean nàdurra mar gum biodh iad air an tarraing le camara. Ach tha ’m peintear Seapánach a’ cur an céill a fhaireachdainnean fhéin ’na pheinteireachd, agus tha na dealbhan aige impriseanach.
’Se an cleachdadh so an dara rud a tha a’ comharrachadh saor-ealdhainean na Seapáin. Tha na peinteirean a’ feuchainn ri dathan is cruthan a dhealbhadh, ach air thoiseach air sin tha iad a’ feuchainn ri fhoillseachadh dhuinn am faireachdainnean ’s an smuaintean fhéin nuair a sheallas iad air an cuspair. A réir beachd clasaiceach mu shaor-ealdhainean, tha móran chudthruim air a chur air an dearbh phuing so.
A thuilleadh air so tha meas àrd aca air dealbhadh neo-chearbach de nithean nàdurra. Ach chan eil so a’ ciallachadh gu bheil iad a’ sealltainn air rudan ann an Nàdur le sùilean an t-sientist, ach le blàth ghaol is mìn bheachdachadh.
Tha Yoshida-Tokoku, am peintear ùr ainmeil de ’n Sgoil Nanga, a’ gleidheadh ’na ghàrradh peucagan, easagan, corran, corra-ghriadhaichean, seabhagan, tunnagan Mandairin, pioghaidean, comhachagan, lachaich, agus móran chreutairean eile. Tha mion-eòlas aige air an nàdur, air na faireachdainnean no na miannan as lugha aca. Tha Anayama Shodo, peintear ùr eile, de ’n Sgoil Yamatoe, mum peint e craobhan-giuthais, a’ coiseachd fad ùine mhóir ’nam measg, gus am fairich e gaol bràithreil agus companas leotha.
Cuide ris an t-subiochtachas so, tha gaol litreachais ri fhaicinn ’nan obair. Tha a’ chuid as motha de na peinteirean Seapánach gaolach air leughadh, agus glé fhiosrach mu dheidhinn seann litreachais, ’s gu dearbh tha feadhainn ’nam bàird iad fhéin. Chan eil na peinteirean aig nach eil tuigse no gaol sam bith air litreachas ach a’ peinteadh na chì iad, agus chan eil meas sam bith air an obair, ach tha na peinteirean a tha gaolach air bàrdachd a’ tarraing dealbhan nas grinne. Tha so fìor gu sònraichte mu na peinteirean a bhuineas do ’n Sgoil Nanga. Tha iad a’ cur seachad barrachd ùine a’ leughadh ’s a’ smuaintinn, na tha iad a’ peinteadh.
A thaobh ealantais, tha cudthrom mór air a chur air an dòigh a tha na sgrìoban air an tarraing, agus dh’ fhaoidte g’ eil so co-cheangailte ri dòigh-sgrìobhaidh nan Seapánach. Feumaidh fìor smachd a bhith aig na peinteirean air na bruisean a tha iad ag uisneachadh. Eadhon an uair a tha dathan deifirichte air an spoirteadh air canbhas sìoda no
A nis, mu dheighinn na h-òraidean aig Neil M. Gunn, tha a shuim ann an saor-ealdhainean na h-àirde an Ear, ar leam, a’ foillseachadh rudeigin mu ’n sgrìobhadair aibhseach so: ní ’na obair anns a bheil mór thàbhachd. Tha e a’ sealltainn air a h-uile rud le sùilean na h-inntinn, ’s chan eil e toilichte le coslas ghnothaichean, na chì sinn air an uachdar. Tha e a’ toirt an aire de ’n h-uile rud. Ach chan eil a shùilean fuar, ach blàth. Tha peinteirean na h-àirde an Ear mar so cuideachd, ged nach eil iad a’ ruighinn inbhe-san ann. Tha e ag altrum a leithid de ghaol airson na Gaidhealtachd, agus tha e uarraidh déidheil air Nàdur, dìreach mar tha na peinteirean Seapánach. Tha e ’na bhàrd ’s ’na fheallsanach gu nàdurra, agus ann an dòigh tha na peinteirean Seapánach ’nam bàird cuideachd. Dh’ fhaoidte gu bheil e a’ faicinn nan nì a tha falaichte an aigeann pheinteireachd na h-àirde an Ear, agus a’ tuigsinn nam faireachdainn domhainn aig na peinteirean Seapánach, nach eil iad a’ cur an céill ’s nach gabh cur an céill. Co-dhiùbh, tha aon nì cinnteach, g’ eil rudeigin dìomhair ’na inntinn a tha a’ co-fhreagrachadh na bàrdachd ’s na feallsanachd ann am peinteireachd na h-àirde an Ear.
title | Dealbh-tharraing nan Seapánach |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Catrìona NicFhionghuin in Gairm 38 %p |
notes | Translation. |
parent text | Gairm 38 |