Gnothaich Bhoireannach
Le CEITIREIN NICMHATHAIN
BITHIDH mo mhàthair gu tric a’ fàgail orm gur e an aon choltas a th’ agam ri taobh Chloinn Mhic Coinnich de ’n teaghlach “nach tig gean orm gus am faigh mi mo bhiadh.”
Biodh sin mar a bhitheas, feumaidh gu bheil creutairean le fuil Chloinn ’Ic Coinnich nas pailte na sóbhraichean an t-samhraidh. Thig na“towrists”do ’n bhaile againn ’s iad cho greannach a’ foighnich ciamar a tha sinn a’ tighinn beò anns an toll mharbh so: ach an déidh dhoibh iad fhéin a shàsuchadh le biadh math Gaidhealach bithidh iad a’ falbh ’nam plàigh a’ coimhead airson tighean-croite falamh, ’s iad a’ moladh a’ bhìdh ’s an t-sluaigh ’s an àite. Ach, an còmhnaidh, am brù an toiseach.
Na“towrists” !Chan eil fhios ’am ciamar a bha daoine a’ cur seachad an t-samhraidh mun tàinig iad mar dealain-dé ag itealaich bho àite gu àite feadh na Gaidhealtachd! ’S an uair a dh’ fhalbhas iad chan fhàg iad ach sguain de aodach leapa a’ crathadh air na ròpan gus gu bheil gach sabhal is bathach anns an sgìre fo sheòl mar gum biodhregatta .
A h-uile bliadhna tha “àm nan towrists” a’ tòiseachadh nas tràithe ’s nas tràithe ’s a’ leantainn nas fhaide, ’s mar sin tha e nas fhasa do dhaoine biadh aimsireil (a tha nas saoire a chionn gu bheil e aimsireil) a lòrg dhaibh. Bho ’n Ghiblin chun an Dàmhair tha am pailteas timchioll òirnn, mar a tha maorach, sitheann fhiadh, sgadan, bradan, lachan, agus mar sin air adhart. ’S fhada bho mo chridhe gu faigheadh duine sam bith ann an crois ri linn so a leughadh, ach . . . . “breac a linne, slat a coille, fiadh a fireach, meirle as do ghabh Gaidheal riamh nàire” . . . . !
’S a’ bruidhinn air bric . . . .
Mar is trice, tha am breac dìreach air a ghoil no air a reòstadh ’s air a shadadh air truinnsear. ’S i fìor chorra bhoirionnach nach eil airdietno nach eil a’ cur pent is pùdar air a h-aodann airson i fhéin a dheanamh nas tlachdmhora. Nach airidh am breac bochd an aon seòrsa sgeadachaidh? Agus seach gu bheil sìbh a’ toirt a mhionaich as, nach biodh e cho math a chruth a thoirt air ais dha le lìonadh rud-eigin mar so.
Coilleagan air am pronnadh.
4 spàinean de sprùidhleach arain.
2 spàin de gheir phronn.
1 spàin mionnt pronn.
1 spàin fionnas-gàraidh.
Cadag de chnò-meannt, salann, piobar, craicionn liomaid, ugh, is bainne.
An déidh an reòstaidh cuireabh còta grinn air de lionradh geal air a dheanamh blasda le sùgh eisg, capers agusanchovy essence.
Tha e a’ cur ìongnadh mór orm nach eil na Gàidheil nas fhaisge air ealantas nan Eòrpach ann a bhi a’ deanamh biadh nàdurra na[168]
“B’ eòlach do sheanair air luibhean is lusan” cluinnidh mi cuid ag ràdha. ’S dòcha nach b’ eòlach, ach tha mi cinnteach gu robh mo shìn-seanair eòlach orra ’s gan cur gu feum ann an deasachadh bìdh, ann an leigheas is eile. Ach cha robh mo shìn-seanair a’ call uaireannan an uaireadair a’ feitheamh ri “bhanaichean làn thunaichean.” Bha agus tha an crodh ’gan lìonadh fhéin le lusan is luibhean air am bheil sinne a’ deanamh tàire. Carson nach eil a’ chlann ’gan cur a-mach a chruinneachadh ’s a thiormachadh lusan a chuireadh am màthraichean gu feum an àite a bhi ’gan ceannach ann am botuill a dh’ ullaicheadh ann an dùthchannan leithid Iapan.
An uair a théid Gàidheil gu dùthchannan céin, tha dùil aca ri beusan eadar-dhealaichte fhaicinn agus biadh dùthchasach a bhlasad. Mar sin, tha an coigreach a thig do ’n dùthaich so a’ faighinn briseadh dùil mór an-uair nach fhaigh e ach an seòrsa bìdh air am bheil e eòlach aig an tigh. Tha e ann an inntinn mac an duine, anns a h-uile dùthaich, gu bheil iteagan bòidheach air na h-eòin as fhaid as, agus chan eil e air a dhòigh an-uair nach lorg e ach an ceànn ròcais a dh’ fhàg e as a dhéidh ’na dhùthaich fhéin.
Chan eil a h-uile duine coltach ris a’ bhodach a Camus-tianabhaig a chaidh a Phort-rìgh agus a fhuairminceairson a’ chiad uair. An uair a dh’fhoighnich iad dheth carson nach robh e ’ga ithe, fhreagair e “Am fear a chagainn e, faodaidh e ithe.”
Tha sitheann fhiadh saor ri ceannach agus math ri h-ithe, bho ’n Iuchar chun an Dàmhair. Tha móran dhòighean air a deasachadh. So aon dhiùbh . . . .
Dean da phùnnd sithinn ’na sliseagan tana.
Pronn da shliseig de mhuc-fheòil réisgte.
Reòist iad le leth-phunnd uinnean ann am margarine.
Ris a so cuir da spàin de fhionnas-gàraidh, salann,
is piobar, spàin de fhìon-geur agus copan suigh.
Cuir a h-uile dad a th’ ann ann an àmhuinn theth airson cairteal na h-uarach.
Carson nach eil sinn a’ cur a’ bhìdh timcheall nan cladaichean againn gu barrachd feum? Tha iarraidh gu leòr air mu dheas a réir nam prìsean matha a gheibh an fheadainn a tha ag obair air faochagan is maorach eile. Carson nach tionail sibh maorach, agus nach cuir sibh ann am fìon-geur i mu choinneamh “àm nan towrists.” Bhitheadh feadhainn ag ràdha bùrn teth do ’n fhaochaig is goil gu leth do ’n fhiasgan. Cha bhiodh sin ach blian. Gu de mu dheidhinn so . . . ?
Goil muir-sgian no fiasganan ann am beagan uisge airson leth-uair.
Dean lionradh-geal le ùnnsa min-fhlùir, ùnnsa ime, leth pìnnt de shùgh maoraich. Ris so cuir spàin tea de fhìon-geur, capers, fionnas-gàraidh, salann
Omelette Choilleagan
Da dhòrlach choilleagan air am bruich. Ceithir uibhean. Salann. Piobar. Lusan-measgaichte. Càise (ma throgras sibh). Bruicheabh iad anns an dòigh àbhaistich airson omelette chumanta.
Nan robh mi a’ dol a thòiseachadh air dòighean bruich Gaidhealach a thoirt dhuibh, lìonainn Gairm agus dheanadh sin ùpraid! Ach tha leabhraichean taitneach ann leithidHighland and Other Recipesleis an Athair Urramach R. MacDhòmhnaill, aig trì is sia sgillinn (3/6) . Tha e math leabhar còcaireachd Gàidhealach fhaicinn a tighinn bho pheann Gàidheil.
Ach gu de mu dheidhinn na seànn mhin-choirce, fìor bhiadh a’ Ghàidheil. Tha taois min-choirce math air mullach stew.
Da ùnnsa min fhlùir.
Da ùnnsa min choirce.
Suath a-steach da ùnnsa ime.
Salann is piobar.
Dean taois thiugh le bùrn.
Feumaidh an luchd-tadhail an là a chur seachad air dhòigh air choir-eigin. Carson nach cuir sibh a-mach a dh’ iasgach iad, no a bhreacach, no a thrusadh maoraich? Agus cuireadh sìbhse gu feum am biadh a ghlacas iad. Tha mi mionnaichte gu falbhadh iad dhachaidh ag ràdha“Frightfully jolly fun, old chap. Went quite native. Amazing customs these people have, but frightfully good value as cooks. ” ’S cha chuimhnich iad gu bràth gu robh iad a’ pàigheadh airson a’ bhìdh a chruinnich iad fhéin.
Ma chuireas sìbh crìoch air biadh sam bith (ach a mhàin bracaist, ’s dòcha) le coifi Gàidhealach cha bu chòir adhbhar gearain a bhi aig fear-tadhail sam bith. So agaibh e . . . .
Drama uisge-bheatha.
Coifi dubh, làidir, teth.
Siùcar.
Barr (no uachdar).
Leigibh an t-uachdar air mullach a’ choifi air ’ur socair far cùl spàine.
Chan eil paipear gu leòr air fhàgail airson reseit an uisge-bheatha a thoirt dhuibh! Ach ma bhios “àm nan towrists” probhaideach, fàbharrach do na h-uile duine agaibh, mar a tha mi an dòchas gum bì, ’s dòcha gum bì e nas sàbhailte agus nas saoire aig a’ cheann thall an t-uisge beatha a cheannach.
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Ceitirein NicMhathain in Gairm 38 %p |
parent text | Gairm 38 |