[174]

Turus A Shaoghal Eile

EILIDH HAZRA

(3) AMHGHAIR AGUS SOCAIR ANN AN ASSAM A TUATH

THOISICH an trioblaid an uair a chaidh na h-oileanaich dhiubh fhéin a chionns gun do dhfhiach an Riaghaltas ris achànain Hindi a stéidheachadh mar phrìomh chànain na dùthcha an àite Assamese.

Tha móran Hindus afuireach ann an Assam, agus, gu tric, tha iad anns na h-àrd oifisean a chionns gu bheil iad cus nas foghluimte na muinntir na dùthcha fhéin.

An uair a ghluais na h-oileanaich, ghabh na h-Assamese an cothrom agus cha robh Hindu sam bith sàbhailte. Mar a tha fios agaibh is e Hindu a tha anns an duine agamsa agus bha sinn, le chéile, an cunnart ar beatha fad sheachdainean.

Tha Jyoti a nisena àrd dhotair aig Comunn nam Mèineachan Guail, agus, mar a rinn an Sealbh, bha e fhéin agus feadhainn de oifigich na Mèin shìos anns an toll ghuail an uair a thòisich am morts am marbhadh. Cha robh dhoibh ach fuireach an sin gus an tainig na saighdearan feasgar.

Bha mise leam fhéin anns an tigh agus cha do shàbhail mi ach gu bheil measgachadh de fhineachan timcheall oirnn. Bengalis, Nepalis, Telegus (a India a Deas) agus Nagas. Tha làmh an uachdair aca air na h-Assamese, agus, mar sin, cha do thachair an rud bu mhiosa ged a bha buidhnean de Assamese aglaodhaichs amuidheadh air taobh a muigh an tighe. Bha mi gus a dhol dhiom fhéin mun tainig feasgar agus a thug na saighdearan Jyoti dhachaidh.

Oidhche an déidh oidhche, gus an do chiùinich cùisean, bha grunnan dhaoine ageàrd an tighe. Cha robh e furasda móran earbsa chur asda oir cha robh armachd aca ach sgeinean a dhfhàg na h-Amaireaganaich, boghannan-saigheid, slatan tiugha le goban biorach leis an leigeadh iad am mionach á duine, agus corra sheann ghunna. Ach chùm iad sàbhailte sinn co-dhiùbh, agus, ged a dhith iad a h-uile gréim a bhagainn mun do dhfhalbh iad, bha mi taingeil air an son.

Tha e duilich suidheachadh den t-seòrsa so a thuigsinn ann an dùthaich chiallach shocair leithid Bhreatainn, ach feumaidh sibh a chuimhneachadh gur e cus oibreach agus dìth bìdh an rud air an eòlaiche sluagh na dùthcha so. Ged a tha iad coibhneil laghach gu leòr am bitheantas, tha iad buailteach a dhol dhiùbh fhéin an uair a gheibh iad fàileadh na fala, agus, ’nan cràdhsnam bochdainn, chan eil e buileachna chùis iongnaidh gu bheil farmad aca ri luchd an airgids nan càraichean mòras nan tighean maiseach. Math no dona, bha sinne air ar n-àireamh a-measg na buidhinn bheairtich, agus bha greis mhór mus robh mise cìnnteach eadhoin ás na searbhantan againn fhéin.

Bha sinn trì seachdainean gun phost. Dhfhàs am biadh gann agus chaidh na prìsean an àird. Thainig Nehru a-nuas agus thòisich an trod eadar Riaghaltas Bengal-a- Siar agus Riaghaltas New Delhi.


[175]

Dealbh an tighe againn; mi fhéin agus Anil air an tobhtaidh. Tha an tigh air a thogail sia troighean far na talmhainn gus a chumail seasgair an uair a thig na tuiltean.

Bhàtar afàgail air Nehru gun do thòisich an aramach a chionns nach robhar adeanamh gu leòr luath gu leòr airson nan Assamese. Thòisich a h-uile duine a bhann an uair sin atilgeil air Riaghladh Assam gu robh e lapach a chionns nach deachaidh an t-sìth a chumail bho thùs. Ged a tha cùisean sàmhach a nise, tha eagal am beatha air na h-Assamese gun crom na Bengalis orras gun toir iad a-mach an éirig.

Ach fòghnaidh sin mu chùisean ana-cneasda. Fhuair mi litir an roimhe bho the a bha aseinn còmhla riùm aig Mòd Ghlaschu ag ràdha gum faci achiad earrann de mo sgialachd ann an Gairm, agus bha i aguidhe orm tuilleadh innse mu dheidhinn mo bheatha fhéin anns an dùthaich so. Rinn mi sin anns an dara earrann ged nach robh ise air a leughadh an uair a sgrìobh i, ach tha fiosam gura toil le na boireannaich a bhith acluinntinn mu dheighinn an tighes nam bùthans rudan mar sin.

S fheudar dhomh aideachadh nach robh biadh no seirbhis riamh againn aig an tigh mar a thagainn an so.

Than fheòil air leth mathfeòil chaorach, oir, mar a bhios cuimhne agaibh, tha crodh air an dleas spioradail ann an India agus cha chuir duine bial air mart-fheòil.

Gheibh mi ceathramh féidh uair sam bith a tha e a dhìth orm, saors an asgaidh, oir tha na beanntan air cùl an tighe làn fhiadh. Tha an t-iasg air leth mathiasg aibhne a tha ann uileagus tha e cho pailts nach bi sinne acur bial air dad ach an roinn mheadhoin de na h-éisg as motha: sin a chionns gu bheil na còcairean Innseanach


[177] buailteach na h-éisg bheaga a bhruich dìreach mar a thig iad ás an uisge.

Bithidh sinn ag ithe móran sitheann chearc. Ann an so cha cheannaicheadh duine sam bith cearcan no iseanan marbh; théid an cócaire no cuideigin a-mach a thaghadhs dòcha leth-dusan eun beò anns amhargadhs théid an cur far na h-amhach mar a bhios feum orra.

Tha tigh chearc beag agam air cùl an tighe agus tha mi fhéin adol a chumail chearc de na làithean air sgàth nan uighean. Thug cuideigin dhomh ceithir cearcan Nagaann am meudachd tha iad rudeigin eadar eireag agus cearcach cha do nochd ugh fhathast. Tha an còcaire asmaoineachadh gu bheil mi ás mo chialls uighean cho saor, agus tha amharus agam gu nochd mo chearcan air abhòrd de na làithean.

Tha an t-ìm math agus saormu chóig tasdains sia sgillinn am pùnnd. Gheibh sinn na thogras sinn de ìm ùr no ìm saillte aguss mi fhéin a tha taingeil. Ann am móran àiteachanse ìm nan canastairean a bhios aca agus is beag orm e.

Chan eil móran chanastairean a gheibh sibh aig an tigh nach fhaigh sinn, oir tha móran de na companaidhean móra Breatannach air iad fhéin astéidheachadh anns an dùthaich soleithid Glaxo, Crosse & Blackwell, Brown & Polsons mar sin air adhart.

Tha sin cho math, oir tha cìs eagalach air badhar sam bith a bheirear a-steach don dùthaich bho dhùthchannan céin. Abair H.P. Sauce: chan eil àite acasan ann an India idir agus tha bhuil gu bheil botul H.P. còrr agus deich tasdain. Air an làimh eile, a cheannaicheadh sabhs botuils na sabhsaichean milis Innseanach fhéin cho blasda?

Tomatoes, beetroot agus currain, chan eil an leithid ra fhaotainn, oir cuimhnichibh gu bheil lusan is luibhean gàrraidh an so tur eadar-dhealaichte bhon fheadhainn air am bheil sibh titheach is eòlach aig an tigh, agus gu tric tha an fheadhainn a tha daor aig an tigh cianail saor an so. Chan eil Sìol-Innseanach(Corn on the Cob)ach bonnacha-sia! Agus chan eil am pine-apple as motha ach ochd sgillinn!

Airson ar biadh maidne bithidh sinn an còmhnaidh ag ithe hamas uigheancleachdadh a dhfhàg na Breatannaich ás an déidh mar a dhfhàg iad iomadh cleachdadh eile.

Aig meadhon bithidh curry air choiregin againn an còmhnaidh, le rus no lentils, agus, mar is trice bithidh measan is bàrr no bananas bhruich againn an déidh sin.

Mu cheithir uairean bithidh sinn agabhail balgam tea le bonnaich bheaga bhlasda air an deanamh le buntàtas uinneanan, no mìlsein air nach eil ainm agam ann am Beurla no ann an Gàidhliggruth ann an sireap.

Mar is trice bithidh sinn afiathachadh chàirdean airson na dìnneir fheasgair (mu ochd uairean) no bithidh sinn fhéin adol a-mach. Bithidh daonnan eadar dusan is sia duine diag cruinn aig dìnneir, agus bithidh na searbhantan adol timcheall le asaidean móra air am bheil a h-uile seòrsa bìdh air an smaoinich sibh.

Madainn na Sàbaid bithidh sinn an còmhnaidh adeanamh cadal fada gu seachd nos dòcha ochd uairean, ach ge be cuin a bhios ar bracaist a dhìth òirnn chan eil againn ach ar boisean a bhualadhs


[178] thig ambearera dhfhoighneachd a tha sinn adol a dhithes cuiridh e fhéins an còcaire gach air dòigh. Aig an tigh bhiodh Anil buailteach ar dùsgadh, ach an so tha abhanaltram acoimhead ás a dhéidh gus an éirich sinne.

Tha eagal orm nach eil móran agam mu dheighinn achuid as motha de na Breatannaich a tha afuireach an so. Mar as trice, tha iad an tòir air airgead agus air socair. Is e corra fhear nach eil ag òl tuilleadh mór is cus, agus is ann leth-rùisgte os cionn gloinnegin ’s air cùl cigarette acumail tacsa ri cuntair bàr as trice a chithear feadhainn de na boireannaich.

Tha mi làn chinnteach nach eil ach aon dòigh aig Breatannaich de mo leithid fhéin air tighinn beò an so, agus is e sin an t-seann dhachaidhs na seann dòighean a dhìochuimhneachadh gu tur, agus gabhail ri beatha an àite le gach beus agus modh a dhùirigeadh duine aig an tigh a-measg a chàirdeans a dhaoine fhéin.

Bho ràinig mi Assam tha geamhradh is foghar is samhradh air a dhol seachadlàithean luath is làithean mall, a réirs mar a bha mi acumail smachd air achianalas.

An uair a bhuail an geamhradh sinn bha e fuar, fuar. Bha aphlangaid-dealain air an leabaidh a h-uile oidhche agus bha mo chòta béin orm a h-uile turus a chaidh mi a-mach gu dìnneir. Bha daoine aig an tigh adeanamh glaoic dhiom airson a thoirt leam, ach tha eagal orm gu bheil daoine aig an tigh buailteach a bhith asmaoineachadh air India mar àite far am bheil aghrian aspealgadh nan creag an còmhnaidh. Fad agheamhraidh bha teine guail againn air a h-uile . Tha sinn alosgadh ceithir basgaidean san , agus tha na basgaidean atighinn thugainn a h-uile madainn as amhèin air an giùlan air cinn ceathrar bhoireannach.

Tha móran bhoireannach ag obair anns an toll ghuail. Bithidh feadhainn, leithid an fheadhainn a dhainmich mi, alìbhrigeadh aghuail chun nan tighean, ach bithidh feadhainn eile acladhach fon talamh. Chunnaic mi fhéin feadhainn aca aputadh bharaichean guail còmhla ris na fir. Ma tha leanaban òga aca bithidh iad crochte riutha ann an sheaghall mar a chì sìbh, uaireannan, na bana-cheardan. Ma tha boireannach trom, bithidh i asgur a dhobair an ceann an ochdamh mìos agus atilleadh an uair a tha an leanabh mhìos a dhaois eadhoin ged a tha e air achìch. Tha na trì mìosan so dheth anochdadh cho bàigheils a tha luchd nam mèineachan afàs.

Thug sinn aBhliadhnUr a-steach ann an aon de na clubaichean, agus an uair a thainig meadhon oidhche nach ann a chuala mi prógram aBh.B. C. atighinn air an radio cho soilleirs ged a bhithinn aig an tigh. Agus chuala miBig Benabualadh uair dhiag. Tha eagal orm gun do thòisich mi abruidhinn ris an te a bha ri mo thaobh cho brass a burrainn dhomh, air eagals gum buaileadh an cianalas buileach mi.

na BliadhnUire fhéin chruinnich na h-Albannaich uile aig tigh fear á Kilmarnocktha e fhéins a bhean air deich bliadhna


[179] fichead a chur seachad ann an so gun a dhol dhachaidh a dhAlba.

Dol fodha na gréine air an dùthaich mun cuairt oirnn.

Be an ath oidhche mhór a bhagainn Oidhche Raibeart Burns. Thug dotair á Glaschu aphrìomh òraid agus sheinn mi fhéin grunnan òran. Bha mi airABhradag Dhubha thoirt dhoibh mura be nach robh aon duine eile an làthair a thuigeadh òran Gàidhlig.

Nam faiceadh sibh an cruinneachadh a bha sud. Bha botulBlack and Whitemu choinneamh gach ceathramh cathair, agus cha robh cùmhnadh airAtholl Brose.Thainig amhin-choirce airson an éisg agus an taigeis air an itealan á Alba, agus bha dìnneir againn a bha sgoinneil.

Gun teagamh bha rud neònach an suds an so nach tuigeadh Raibeart Burns. Bha tri ficheadbearerInnseanach afrithealadh nam bòrd, ach bha ribein thartain ann an currachd gach fir. Be pìobaire beag Ghurka a chluich a-steach amharag, ach cha ghabhadh e balgam uisge-bheatha, rud nach fhaca mi pìobaire aig an tigh riamh adiùltadh!

Tha so, tha eagal orm, acur crìch air miomradh, oir tha agam ri dhol don ospadal airson greis. Tha dùil againn ri leasachadh teaghlaich. Achs dòcha, an uair a bhios gach air dòigh, gun sgrìobh mi cuibhrionn eile mura bheil luchd deasachaidh Gairm seachd seann sgìth dhìom mar thà.

(AChrìoch)


[176]

Dannsair Naganadheise Ghaidhealaich”, chan eil fada bhon a sguir na Nagas a shealg cheann. Tha droch dhìol aig riaghladh Nehru orra.

titleTurus a Shaoghal Eile (3)
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Eilidh Hazra in Gairm 38 %p

parent textGairm 38
<< please select a word
<< please select a page