[183]

An Sgeilp Leabhraichean

Each Actor On His Assle Micheál Mac Liammóir. Clo-bhuailte Routledge & Kegan .Paul. (25/- ).

Ged a rugadh ann an Sasuinn e, agus ged nach eil an t-ainm ach air eadar-theangachadh bho Michael Willmore, chan eil móran Eireannach a tha cho Eireannach ri Micheál Mac Liammóir. Actar. Sgrìobhaiche. Dealbhaiche. Còmhraiche ann an seachd cànainean Eòrpach. Tha e math air a h-uile dad air an toir e làmh, agus tha e air làmh a thoirt air móranna bheatha.

Tha e an dràsda air chuairt feadh an t-saoghail le cluiche a sgrìobh e fhéin agus anns nach eil actar ach e fhéin—“The Importance of Being Oscar. ”Aguss fheudar gur ann an teas-meadhon na cuairt sin a chrìochnaich e an leabhar so agus a choimhlion e gach iomadh dleasdanas a tha co-cheangailte ri leabhar tomadach sam bith a chur an clò. Achs e sin an seòrsa duine a thann. Mar is trainge a thas ann as motha a e.

Tha aon rud sònraichte mu dheidhinn an leabhair so, agus is e sin gu bheil e air eadar-theangachadh bho dhà leabhar Gàidhlig a chuir Micheál an clò cho chionn bliadhna no dhà. Be fear dhiùbh (achiad earrann den leabhar Bheurla) Ceo Meala Seaca agus an dara fear Aisteoirí Faoi Dhá Sholas. Chaidh iad sin a chlò-bhualadh le Sairseal agus Dill a thug cead an cur a-mach ann am Beurla.

Is e leabhraichean-(diaries)a bha annta le chéile, oir bha e riamh mar chleachdadh aig Mac Liammóir cùnntas air gach a sgrìobhadh gach feasgar, agus sin anns aGhàidhlig Eireannaich a dhionnsaich e an uair a bha e eadar ochd bliadhna diag is fichead. ThaEach Actor On His Ass,mar a bha na leabhraichean- fhéin aruith thairis air bhliadhnaabhliadhna 1950 an uair a bha an t-ùghdar air aiss air adhart eadar an Roinn Eòrpa, far an robh e acluiche ann an dealbh-chluichean còmhla ri Orson Welles agus Eartha Kitt, agus Eirinn far an robh ena bhreitheamh aig féisean dràma no aleigeil analach ann am Baile Ath Cliath. Agus abhliadhna 1956 an uair a bha e fhéin agus Hilton Edwards leis aChompanaidh Dhràma aca fhéin air chuairt anns an Eiphit.

An uair a leugh mi achiad chuid den leabhar anns an leabaidh bha mi acireasails agàireachdaich uireads gun deachaidh mi fhéins abhean a-mach air a chéile a chionn gu robh miga cumailna dùisgs an gleoc aig trì uairean. Tha am peann aig Micheál cho aotrom mears a tha a theanga, agus foghnaidh sin; tha iad le chéile uaireannan asileadh mealas uaireannan domblas.

Cha robh duine a bha riamh aig Féis Dhràma air an dùthaich nach tuig cho fìors a tha na tha aige ra ràdh mun Fhéis ann an Killarney:–

[184]
[185]

T. Rattigans Winslow Boy tonight performed with a sort of awe-inspired enthusiasm by small group from some small country place; why do these waste their time on a polished bibelot from Kensington which demands nothing but the qualities they have not and could not ever acquire? Found myself pondering . . . . on how Aschenputtls half-sisters had chopped the toes off their feet in order to wear another womans shoes. ”

A Killarney tha e acur cuairt air an Roinn Eòrpa acluiche còmhla ri Welles agus Eartha Kitt, agus càite air an talamh am bheil dithis cho doirbh anns gach dòigh. Ach chan e mhàin na sgialachdan a tha aig Mac Liammóir mun deidhinn-san a tha adeanamh an leabhair cho math, ach achùnntas mhionaideach thuigseach a tha e atoirt air gach baile anns an do rinn iad stad.

Tha an dara leth den leabhar, mar a thubhairt mi, ag innse mu dheidhinn turus don Eiphit.

Choukri, with true Egyptian impromptu inspiration, drove us out to the Sphinx. Indescribable emotion at smelling again at last the sharp, trous perfume of the desert and at seeing again that grey, broken, mons-sweet Face I love more, I believe, than any other work of the hand of man. There she is still, floating tonight as you would think on the breast of a moony silver twilight . . . . ”

Tha sìor alt an t-sàr sgrìobhaiche aig Micheál Mac Liammóir, air an sgialachd a tha e asgrìobhadh a thoirt beò ann an inntinn an luchd-leughaidh. Ma bha na leabhraichean cho math anns aGhàidhlig agus a tha iad anns an eadar-theangachadh tha na h-Eireannaich fortanach, mar a tha an luchd Beurla fortanach am faotainn anns achainnte a thuigeas iad fhéin.


The Scottish Islandsle Seòras Scott Moncrieff. Clo bhuailte Oliver & Boyd. (21/- ).

Cha leig leas eagal a bhith oirnn gun cuir Seòras Scott-Moncrieff an caothach air duine le dad a sgrìobhas e; cha mhotha na sin a leigeas leas dòchas a bhith aca gun tog e ar spioradan gu ionadan àrda, oir tha e daonnan eadar dhà shlighe agus eadar-dha-liùnn. Tha an leabhar so coltach ri mìle leabhar siubhail a chaidh a sgrìobhadh mu dheighinn na Gaidhealtachd, agus bithidh mìle eile ann mura cuir bomaichean móra nan Ruiseanach no rudeigin eile crìoch òirnn.

S fheudar gu bheil féill air leabhraichean siubhail no cha bhiodh clo-bhualadairean acur am foillse uiread dhiubh. ’S dòcha nach bu mhisde Amaireaganach aineolachThe Scottish Islandsma tha e adol a thoirt ruith thairis air na h-eileanan eadar Sealtainn is Ile ann an dha no tri sheachdainean. Ma tha duine air leth déidheil air dealbhannan maiseach (den t-seòrsa a chunnaic e anns a h-uile leabhar-siubhail Gaidhealach eile a leugh e riamh) ’s dócha gun cuir iad so seachad uair a thìde dha, oir tha iad air an deagh thaghadh ás gach ceàrnaidh.

Airson achòrr dheth thaghainn fhéin Alastair Alpin MacGriogair uair sam bith ged nach biodh ann ach gun cuir e an fhuil abrasadhna mo chuislean an àite mo churna mo chadal. Tha mi adol a thoirt an leth-bhreac so do chuideigin air nach eil mi uabhasach measail mar thiodhlac Nollaige.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 38 %p

parent textGairm 38
<< please select a word
<< please select a page