[121]

Air Lorg Nan Reultan

IAIN A. MACLEOID

THA òran a chluinnear gu bitheanta an diugh anns am bheilslighe dhoirbh gu beanntan àrd ar n-eilein.” Aontaichidh gach Hearach a tha beò gur sud beanntan as fhiach siubhal thuca ge doirbh an t-slighe is ge garbh an dìreadh, air an tug Seumas MacCoinnich iomradh. *

Bha daoine riamh atogail an sùil a chum nam beann agus tha tarraing air leth daingeann aig beanntan air spiorad an duine. Ach an diugh is ann a tha móran shùilean air beanntan fada, fada air falbh; is an rìoghachd chumhachdach sin, an Ruis agus Amaireaga, astrì aca a chuireas achiad chas air beanntan àrd na gealaich. Ars am bàrdTha slighe dhoirbh gu beanntan àrd ar n-eileinach is beag do-labhairt sin ri taobh an cheud gu leth mìle de mhìltean eadar an talamh is aghealach.

Tha sibh uile air a bhith acluinntinn is aleughadh mun othail is an ùpraid tha dol air adhart, aig Rubha Chanaveral anns na Stàitean Aonaichte agus, tha sinn cìnnteach, na dearbh nithean ann an cùil aonarach den Ruis, air nach fhaod sùilean coigrich a bhith sealltainn.

Chan urrainn gu bheil móran air an t-saoghal nach cuala an naidheachd mhór ud bho chionn beagan sheachdainean, air mar a chaidh an Ruiseanach, Yuri Gagarin is an t-Amaireaganach Ailean Mac aChìobair air turuis rocaid don iarmailt.

Chuir na naidheachdan iongnadh air móran, eagal is uabhas air cuid eile ach, ann an Gaidhealtachd na h-Alba bha feadhainn don do ghluaiseadh an smuaintean air ais seachd bliadhna fichead: cha robh ann an tàirneanaich so nan rocaidean ach Mac Talla ag aithris fuaim a chualas a cheana am measg beanntan àrd na Hearadh.

Tha mi cìnnteach gu bheil feadhainn aleughadh so a sheas còmhla riùmsa air cladach Caolas an Scarp air samhraidh anns abhliadhna naoi ceud diagsa ceithir deug thar fhichead. Cha robh mi achnam bhalach anns an sgoil agus is dòcha nach eil mo chuimhne mion-cheart anns gach dad oir is iomadh a thachair bhon àm ud.

Bu toil leam iomradh a dheanamh air mo chuimhne fhéin air an ainmeil mu nach cuala móran agus is dòcha, a tha cuid air a dhìochuimhneachadh mu dheighinn, ach gun teagamh sam bith a chuidich gu ruige naidheachdan móra na bliadhna so fhéin.

Tha Eilean Scarp air taobh an iar na Hearadh, sgaraichte uaithe le leth mhìle den chuan, caolas a bhios garg, fiathaich ri stoirm. Chan eil an t-eilean ach beag am meud is an sluagh, ach tha e air leth ainmeil airson foghlum is sgoilearachd nan gillean a chaidh àrach ann.

Beagan ùine roimh an so, air am bheil mi abruidhinn, rugadh leanabh anns an eilean do bhean aig an robh dùil ri dithis. Dhéirich duilgheadas air choireigin agus bfheudar ullachadh a dheanamh airson amhàthair a ghiùlan gu eathar, a h-aiseag thar achaolaiss a giùlan thar amhonaidh gu carbad a bheireadh i gu tigh eiridinn Steòrnabhaigh. Aig acheann thall chaidh gach gu math is rugadh

* Tha òran eile le Seumas MacCoinnich air t.d. 143


[122] an dara leanabh leth-cheud mìle bhon dachaidh agus ann an Sgìreachd eile.

Gerard Zucker ag ullachadh na rocaid

Mar is dual, sgrìobh na paipearan móran air cruadalan nan eileanach is chuireadh ceistean ann an Tigh na Pàrlamaid air cor nan rathadan mora is nan aiseagan, ach cha bfhada gus an do dhìochuimhnicheadh an tachartas, is chaidh caitheamh beatha nan Hearach is nan Scarpach air adhart mar cheana.

Co-dhiùbh mhothaich feallsanach Gearmailteach an naidheachdfear dam bainm Gerhart Zucker. Bha esan adeanamh rannsachadh air rocaidean, gu h-àraidh air rocaidean a ghiùlaineadh litrichean gu àitean aonarach far nach robh rathadthairis air beanntan agus thar mara is aibhnichean.

Bha e gann de airgead airson na h-oibre agus smuainich e, le tighinn gu àite a bha ainmeil anns na paipearan-naidheachd mun àm so, gura dòcha gun tigeadh a chuid oibreach fo chomhair duine beairteach a chuidicheadh e gu obair a chrìochnachadh.

Bann mu dheireadh na h-Iuchair a ràinig e Tairbeart na Hearadh le dithis chompanachair feasgar Diardaoin, mas math mo chuimhne. Chaidh fios air feadh nan gillean gu robh nithean annasach gu bhith tachairt agus chruinnich sinn aig bùth-saoirsneachd Dhòmhnaill Alick, far an robh iad acur an innealan ri chéile. Leig iad leinn seasamh an sud ag amharc orra, ach ma bha facal aca mu ar deighinnnan cànain fhéin cha do thuig sinne guth.

Bha an rocaid air cumadh pìob mheatail, mu shia troighean air àirde is cóig òirlich dhiag air liad. Bha sròn bhiorach air a bàrr agus


[123] ceithir sgiathan beaga air a deireadh. Adol troimh meadhon bha pìob chaol airson an fhùdair, fosgailte chun an deiridh. Eadar an phìob bha na litrichean gu bhith paisgte.

Ann am bùth an t-saoir chuir iad ri chéile inneal de stiallan fiodha agus cearcaill iaruinn mar creathall, anns an seasadh an rocaid aig àm a losgadh. Bha ròp làidir de rubar mar clach-bhogha(catapult)airson grad-leum a thoirt don rocaid a-mach as a chreathaill. Aon uair is gu robh an rocaid air ghluasad bha inneal alosgadh an fhùdair is bha neart spreadhadh an fhùdair acur astar ìnnte gu a ceann-iùil.

Chrìochnaich iad an ullachadh air an Tairbeart is thug iad Scarp orra.

Tràth Di-luain ghabh gach carbad a ghluaiseadh sìos gu Hùisinis agus sheas achuid mhór againn aig oir na mara dìreach mu choinneamh Eilean Scarp.

Bha móran aig baile far na Galltachd a chaidh a-null chun an eileinluchd nam paipearan naidheachd, fir a seirbhis na rìoghachd is bhon arm, ceannardan aPhost Oifis a chuir an clò dealbh comharraidh ùr airson an aig prìs leth chrùin.

Chaidh faisg air cóig mìle litir a sgrìobhadh airson an giùlan anns an rocaid. Bha litir gu Righ Deòrsa, gu Prionnsa Eideard, gu daoine ainmeil na dùthcha agus bho chàirdean gu càirdean air feadh an t-saoghail gu léir. Tha cuimhne agam sinn adeanamh fealla-dhà air aphost gum feumadh e na brògan mòra tacaideach fhàgail air thalamh air sgàth an cudthrom.

Beagan astair gu tuath air far an robh sinn aseasamh, bha tràigh leathann de ghainmhich ghil air an robh Maighstir Zucker an dùil cuimiseachadh an rocaid a chur gu talamh an déidh a turuis thar achaolais.

Bho ar n-àite feitheimh chitheamaid na feallsanaich ag ullachadh na rocaid. Uair no dhà chaidh iad am fasgadh na creige agus dhfhuirich sinn sàmhach le iongnadh is eagal ach a-mach thigeadh iad a rithis a dheanamh ceartachaidh.

Mu dheireadh, is sinn acall foighidinn, is ann a ghlacadh gun fhios duinn sinn; chunnaic sinn spreadhadh de cheothaidh agusna dhéidh bhriseadh an t-sàmhchair le sgal is tàirneanaich an fhùdair.

Chaidh gach eun is ainmhidh gu othail is dhùisgeadh Mac-Talla nam beann mar nach do dhùisgeadh riamh roimhe e. Thionndaidh gach sùil gu tuath chun na tràghad ghil ghrianaich ach cha tàinig air a h-aghaidh aon lorg no smal.

Sheall sinn air ais thar achaolais gu cladach Scarp agus bann an sud a bha an sealladh. Bha an rocaidna laighe sgàinte agus oiteag ceothaidh aiste; achreathall fhiodha briste is sgaoilte fad is farsainn; is na cearcaill iaruinn air an toinneamh ri chéile. Bha an cladach geal le litrichean mar cur sneachda, agus fir aruith an suds an so acur ás nam feadhainn a bha air theine. Bha Maighstir Zucker bochd an taic creiges acheann gu muladach eadar a dhà bhois. Chuir sud crìoch air rocaid an Scarp. Spreadh am fùdar ro luath mun robh an rocaid air achreathaill fhiodha fhàgail agus ghlac na sgiathan ann an aon de na cearcaill iaruinn.


[124]

Chuir iad achoire air fùdar Breatannach a bfheudar dhoibh a bhith losgadh do bhrìgh is nach do leig Hitler leotha am fùdar ceart a thoirt a-nall bhon Ghearmailt.

A nis, tha feallsanaich ag ionnsachadh ann am fàilneachadh cho math ri ann an soirbheachadh. Beagan mhìosan an déidh so, chunnaic mi iomradh air Maighstir Zucker alosgadh rocaid eadar Eilean Wight agus ceann a deas Shasuinn, agus shiubhail i so troimh an iarmailt ged nach so chùm i cùrsa mar bu mhiann leis.

Thill e don Ghearmailt is cha chualas an còrr iomraidh air. Chan eil teagamh agamsa nach deachaidh a chur gu obair ann am baile Peenemunde bhon tàinig na rocaidean móra sgriosail V 2 aig deireadh achogaidh, len eallach de stuthan spreadhaidh acur móran de Bhaile Lunnainn gu fàs.

Bha mise uair no dhà am Baile Lunnainn nuair a thainig dhiubh gu talamh, agus tuigidh sibh carson, aig an àm sin, a shiùbhleadh mo smuain gu grianach samhraidh ri taobh Caolas Scarp. Air an aon dòigh, ann an naidheachdan na bliadhna so fhéin len cuid rocaidean is cainnt air siubhal gu ruige na gealaich cha robh dhòmhsa is do mèolaich a leth-uimhir de chùis-iongnaidh is a bha do chuid.

Tha coltas gun cluinn sibh tuilleadh is tuilleadh mu dheighinn siubhal adhair anns na làithean air thoiseach òirnn agus, bu toil leam facal no dhà a ràdh air achuspair, oir, bho thoiseach eachdraidh, chì sinn miann an duine a bhith atàrr ás bhon ghréim a tha aig an talamh air a chorp.

Chaidh móran a mharbhadh is a leòn adeanamh sgiathan dhaibh fhéin mar eunlaith an adhair. Bann leballoonsa rinneadh achiad turus adhair, pocannan móra de phaipeir a ghleidheadh gaoth. Chan eil ach naoi fichead bliadhna bho rinn Steuphan agus Iosaph Montgolfier anns an Fhraingballoon, ”a lìon iad le gaoith theth, le teine a lasadh fodha, agus ann am bascaid ceangailte ris shiubhail iad cóig mìle, aig àirde cóig ceud troigh os cinn na talamhainn. Ged is ann acasan a tha an t-urram, tha amharus againn gu do rinn na Sìnich an dearbh bho chionn cóig ceud bliadhna.

Lorg na feallsanaich an eileamaidHydrogena tha móran nas aotroma naghaoth agus is ann leHydrogena lìonadh na luing adhair air am bheil sibh eòlach; naZepellinsaig na Gearmailtich agus an fheadhainn BhreatannachR 34agusR 101.” Cha tàinig luing adhair riamh gu móran feum oir tha iad slìgeach an siubhal, tha iad lag an aghaidh stoirm is doinnean agus tha Hydrogen air leth cunnartach do bhrìgh mar a loisgeas e.

Is fhada bhon a bha bàtaichean mara air an gluasad le inneal ris an abair sinnpropellorair am bheil an leithid de chumadh, an uair a thionndaidhear e anns an uisge tha ega shàthadh uaithe agus mar sin agluasad abhàta ris am bheil e ceangailte. An nis ged nach fhaic sibh gaoth tha cuid de nàdur an uisge innte.

Ma thionndaidhearpropelloranns aghaoith sàthaidh e bhuaithe aghaoth agus gluaisidh e, atarraingna dhéidh na luing adhair a tha ceangailte ris. Do bhrìgh gu bheil aghaoth cho tana is cho aotrom, feumaidh ampropellortionndadh aig astar air leth luath agus sgiathan leathann a bhith air an luing airson an cudthrom aice a sgaoileadh.


[125]

“. . . an cladach geal le litrichean . . .”

Biad dithis bhràithrean Aimearacanach dam bainm Wright aig am bheil an t-urram acheud turus a dheanamh. Chan eil ach tri fichead bliadhna bhon la a dhéirich an t-inneal a chuir iad ri chéile far na talamhainn, is shiubhail e trì cheud slat le tarraing aphropellor ann an aon mhionaid na h-uaire. Cha robh achiad turus so ach glé ghoirid ach dhfhosgail e rathad mór ùr don duine. Bha mise ann am baile Dayton, Ohio, anns na Stàitean Aonaichte, baile àraich nan gillean Wright agus chunnaic mi an long adhair anns an drinn iad an turus ainmeil ud agus ag amharc air na slatan fiodha, stiallan canabhais agus ròpan a bhìnnte cha biongnadh leamsa mar a chaidh móran den coimh-aoisean a leòn is am marbhadh afiachainn éirigh far na talamhainn.

Tha anAeroplanean diugh cho bitheanta is nach leig mi leas móran a labhairt mu deidhinn, ach abram facal air najetplanes.Tha iadsan as eugmhaispropellorach tha iad atarraing a-steach gaoth troimh tholl anns an toiseach, ’ga mheasgadh le ola isga losgadh ann an inneal àraidh. Tha ghaoth theth aspùtadh a-mach á tuill an cùl nan sgiathan le neart a tha asàthadh na luing air adhart. An nis feumaidhballoonagus long adhair gaoth air an seòl iad; feumaidhaeroplanegaoth air an sàth ampropelloragus feumaidhjetgaoth a tharraingeas i a-steach airson a spùtadh a-mach.


[126]

Ach chan eil àirde na gaoithe os cinn na talamhainn ach tana, tana an coimhmeas ri àirde nan speur agus mar sin chan éirich aon de na h-innealan sin ach beagan mhìltean don adharcha dìrich iad móran thar deich mìle. Tha aghealach cheud gu leth mìle de mhìltean air falbhcha deanhydrogen, ”cha deanpropellor, ”cha deanjetfeum sam bith.

Tha moran agaibh a loisg urchair neo a chunnaic gunnaga losgadh. Ann an spreadhadh an fhùdair tha an gunna aleum air ais. Chan eil ann an rocaid ach mar gum biodh gunna, pìob làn fùdair agus i fosgailte gu ceann deiridh. Ann an losgadh an fhùdair tha aphìob agluasad air adhart. Tha mór sgil ann a bhith deanamh fùdar a loisgeas gu socair is gu còmhnard, agus anns am bi neart spreadhaidh as motha airson an cudthrom as lugha. Tha sgil do-labhairt ann a bhith stiùireadh na rocaid le mìorbhuilean anradiothar astar mór de mhìltean. Chan fheum an rocaid cùl-taic sam bith ris an sàth i agus mar sin seòlaidh i fada an àird seachad air mullach na gaoithe, agus, aig tha fios, is dòcha gun ruig i aghealach fhéin -eigin. Thuirt Maighstir Ceanadach, Ard fhear-riaghlaidh nan Stàitean Aonaichte an roimhe, gun cuir an Riaghaltas aige-san mu seach còrr is trì mìle million not airson duine a chur gu ruige na gealaich is a thoirt air ais gu sàbhailte mun ruith deich bliadhna.

titleAir Lorg nan Reultan
writersJohn Angus MacLeod
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain A. MacLeòid in Gairm 38 %p

parent textGairm 38
<< please select a word
<< please select a page