Muileach ....
Iain MacCarmaig
BHA rudeigin riamh ann an Clann ’IcCarmaig Mhuile, có-dhiùbh a bhiodh iad ri sgrìobhadh dhealbh-chluichean no a’ strì ri polataics. B’ e fear dhiùbh an Dotair Iain MacCarmaig a chaochail bho chionn ghoirid ann an Glaschu—duine sgileil tonaisgeil do ’n robh spéis aig a h-uile duine. B’ e fear eile Caiptean Dùghall MacCarmaig a chuir seachad a’ chuid bu mhotha de’ bheatha ann an Astràilia ach a thill dhachaidh an déidh a’ chogaidh agus a bha ’na fhear-taice ann an Céilidh nan Gàidheal.
Bha Dùghall ’na sgialaiche air leth agus, a dh’ aindeoin nam bliadhnachan a bha e air falbh á Muile bha a’ Ghàidhlig aige cho siùbhlach coimhlionta ’s a bha i riamh. Bha, agus a’ Beurla siùbhlach a réir sin. Gu dearbha, sgrìobh e leabhar beag bàrdachd Beurla cho snog ’s a chunnaic sibh riamh—“Little Laddie”—rannan a chuir e an altan a chéile gus am balach beag aige a chumail air a dhòigh.
B’ e ainm a’ bhalaich bhig, Iain. Tha Iain an diugh ’na sgrìobhaiche dhealbh-chluichean cho ealanta agus a tha anns an dùthaich, agus bithidh a chuid oibreach daonnan air telebhisean a’ Bh.B.C.
Rinn e ainm dha fhéin an toiseach le grunnan dhealbh-chluichean fo ’n ainm “The Liberators”—cluichean a bha a’ cur an céill nan dòighean anns an do bhuin an cogadh ri daoine cumanta có-dhiùbh a ghlacadh anns an arm iad no a ghlacadh iad ann an gréim nàmhaid a ghabh seilbh air an dùthaich. Leis na cluichean sin choisinn MacCarmaig prìomh dhuais na bliadhna airson dealbh-chluichean telebhisean. Rinn e cuideachd beag fhortan dha fhéin.
Bho chionn beagan sheachdainean chunnaic sinn “The Hunted” agus“The Affair at Kreekville. ”Anns an te mu dheireadh dhiùbh sin bha e a’ nochdadh nan cùisean gràineil a tha a’ dol air adhart ann an Afraca-a- Deas.
Ge be có air an toir e làmh tha alt an fhìor-sgialaiche aig Iain MacCarmaig, agus cha b’ e a ceannach a rinn e.
title | Muileach |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Gairm 38 %p |
parent text | Gairm 38 |