Air An Spiris
UAIREIGIN an ath-bhliadhna, tha sinn an dòchas, gheibh sluagh na h-Albann cothrom am beachd a thoirt seachad air nì a tha glé chudromach: ’se sin an dòigh sam bu chòir do ’n dùthaich so a bhith air a riaghladh. Anns an là anns a bheil sinn beò tha còir aig daoine am beachd fhéin a bhith aca mu ’n chùis so. Chan e beachd an uachdarain a tha dhìth orra— ’s math nach è—no beachd duine eile. Faodaidh aona bheachd a bhith nas ionnsaichte na beachd eile, ach chan ann air ionnsachadh a mhàin a tha so an crochadh.
Tha e an crochadh, ann an tomhas mhór, air iarrtas nan Albannach a thaobh an dùthaich fhéin. A bheil iad airson gun gléidh iad an dùthaich sin beò, le cuid de na subhailcean a tha air an ainmeachadh air na daoine a th’ innte, no a bheil iad riaraichte na nithean sin a leigeil leis an t-sruth?
Fad na bliadhna so, gus a ruigear an t-suim tha dhìth orra, tha buidheann de dh’ Albannaich ainmeil gu bhith strì a chum £100 ,000 a chruinneachadh, ach am faigh sluagh na h-Albann cothrom breith a thoirt air a’ chùis so. Anns a’ bhuidhinn so tha daoine a bhuineas do gach pàirtidh poiliticeach, agus feadhainn ’nam measg a tha ’nam fìor chàirdean do na Gaidheil, leithid Iain Rollo, Tómas MacIain, Iain MacGille-na-brataich, an Ridire Tómas Tàillear.
Nuair a bhios an cruinneachadh airgid sin ullamh, tha dùil aca iarraidh air buidhinn ris an canar amPlebiscite Societyan obair mhór a ghabhail os làimh: ’se sin cothrom a thoirt do shluagh na dùthcha taghadh a dheanamh. Cosgaidh so còrr is £80 ,000.
Dé an taghadh a bhios againn ri dhèanamh? Chan ann idir coltach ri taghadh Pàrlamaid a bhitheas so. Faighnichear do gach duine, ann an litir, có a b’ fheàrr leis a bhith aig an dùthaich so (1) riaghladh mar a th’ againn an dràsda, no (2) riaghladh air leth, le ceanglaichean laga ri Lunnainn, mar a th’ aig Ceann-a- tuath Eirinn, no (3) riaghladh air leth buileach, ach gu bheil an rìgh no a’ bhànrigh ceangailte rithe, mar a th’ aig New Zealand.
Tha gu leòr ann mar thà nach eil riaraichte leis an t-seòrsa riaghlaidh a th’ againn an Albainn. Ach chan eil iad a’ sealltainn na diùmb ud aig àm taghadh Pàrlamaid, oir ’se tha rompa an uair sin Tòraidh, no Labour, no is dòcha Liberal, a chur a Lunnainn. Gheibh sinn uile cothrom an ath-bhliadhna rud eile a ràdh—rud is dòcha a bheir gu toiseach slighe ùir sinn anns an t-seann dùthaich so.
title | Air an Spiris |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |