Gnothaich Bhoireannach
PEIGI NIC’ILLEMHOIRE
Gnothaichean tighe
A H-UILE bliadhna mu ’n àm so, tha na boireannaich a’ deanamh ùpraid mhór le nigheadaireachd, glanadh agus gearan. Feumaidh nigheadaireachd mhór a bhith ann, gu h-àraidh anns a’ bhaile mhór far a bheil smùid a’ ghuail a’ dubhadh gach cùirtear agus eile. Tha iomadh goireas airson nigheadaireachd aig mnathan an latha an diugh—eadar inneil nigheadaireachd agus detergents ùra chan eil aobhar do nì sam bith a bhith fada salach.
Tha cùirtearan le lìnig glé dhuilich an glanadh aig an tigh, agus tha e daor an cur gu tigh-glanaidh, oir tha glanadh aon phaidhir chùirtear le lìnig a’ cosg prìs dà phaidhir chùirtear gun lìnig. Tha e furasda gu leòr lìnigeadh chùirtear air dhòigh agus gum faodar an lìnig a thoirt dhiùbh uair sam bith a thogras duine. Tha an lìnig ceangailte ris a’ chùirtear le fiucain aig bàrr na h-uinneige, agus faodar gréim beag a chur an sud agus an so aig na taobhan. Is estudded tapea theirear ris na fiucain so; tha na fiucain a’ cosg leth-chrun an t-slat agus ’s math as fhiach iad sin. Ann am bùth CYRIL ann an Obar-Dheadhain tha lìnig odhar a’ cosg ceithir tasdan agus aon sgillinn deug an t-slat, ach tha lìnig àlainn uaine agus lìnig àlainn bhuidhe aca cuideachd, agus chan eil iad ach aon tasdan an t-slat nas daoire (5/11).
Ma thàtar a’ cumail an tighe glan fad na bliadhna chan eil feum air móran glanaidh anns an Earrach idir. Le bhith a’ cumail an tighe glan tha mi a’ ciallachadh a bhith a’ glanadh mullach nan dorsan, mullach nan dealbh, agus rudan beag eile a h-uile seachdain. Is fheàrr sìor obair na sàr obair. Chan fhaca mi fhathast càil nas fheàrr airson cumail gach ciste agus bòrd glan naLiquid Veneer. Chan e stuth ùr idir a th’ ann, ach tha iad airsiliconea nis a chur ’na mheasg, agus ma chuireas duine rud beag dheth air dustair a h-uile latha nuair a tha e a’ glanadh fàgaidh e uachdair gach ciste mar sgàthan. ThaLiquid Veneera’ cosg faisg air ceithir tasdan am botal. Chan eil e anns a h-uile bùth ach chan eil e idir eagalach duilich fhaighinn. Ann an Steòrnabhagh tha e ann am bùth Sheumais Chaluim.
Is eWindolenecàil cho math agus a tha ann airson gach uinneag agus sgàthan a ghlanadh. Tha D.D. T. a nis anns aWindoleneagus cumaidh sin na cuileagan air falbh (ma theid an glanadh a h-uile seachdain). Cha leig mi leas innse gu bheilWindoleneanns a h-uile bùth bho Woolworths gu Harrods.
An déidh a’ ghlanaidh mhóir bithidh na boireannaich a’ gearan gu bheil iad sgìth, gu bheil iad sud agus gu bheil iad so. Is e togail-inntinn càil as fheàrr airson gearain, agus is e togail-aodainn (face lift) càil as fheàrr airson an inntinn a thogail. Tha seanfhacal ag ràdh: “An cron a bhios san aodann chan fhaodar a chleith.” Na creidibh facal dheth!
Iarraibh sia tasdain dheug air an duine agaibh (ma chumas sibh biadh math ris bheir e dhuibh fichead) agus ceannaichibh pacaid deYeast Pac, bucas de mhin-flùir Helena Rubinstein, bucas de bhàrr[238]
Ma fhuair sibh esan ás an t-sealladh cuiribh anYeast Pacair ur h-aodann (a rèir riaghailtean na pacaid. ). Fhad ’s a bhios sin a’ cruadhachadh air ur h-aodann, cuiribh an sòda-nighe ann am pòla mór, dòrtaibh am fàile ás a’ bhotal air an t-sòda agus cuiribh rud beagCochineal ’na mheasg. Is e sinBath Salts.
Feumar a nis am pòla mór a chrathadh le na tha ’na bhroinn—chì sibh dath brèagh dearg a’ nochdadh. Taomaibh a h-uile càil a tha anns a’ phòla mhór do thuba, agus lìonaibh an tuba le bùrn gu math teth, agus fuiribh ’nur laighe anns an tuba airson deich mionaidean. Nuair a thiormaicheas sibh ur corp cha bhi lorg air sgìths. Bithidh an t-aodann a nis cho geal ri cailc agus cho cruaidh ri tarrang.
An sin feumar an t-aodann a ghlanadh a rèir riaghailtean na pacaid. SgaoilibhNiveaair ur h-aodainn, oir chan eil bàrr ann as fheàrr na e. Tha barrachd eucerin ann am bàrrNiveana tha ann am bàrr sam bith eile. Chan eil bùithtean nan cungaidh-leighis deònacheucerina reic oir ’s ann leis a tha iad a’ deanamh acuinn.
Nuair a shùghas am bàrr a-steach do ’n chraiceann cuiribh min-flùir Helena Rubinstein air ur h-aodann. ’S ann de ’n t-sìoda a tha sin air a dhèanamh—tha mìle de shìoda anns a h-uile bucas de ’n mhin. Feumar na mailgheanan agus na frasgain a nis a ghlanadh, agus cuiribh rud beag de ’n stuth dhearg air na bilean. An uair a theid an ceann a chìreadh (tha leann eagalach math airson nighe a’ chinn, agus ma tha am falt tioram chan eil nas fheàrr na rud beag ola nan crann), agus nuair a chì sibh sibh fhéin anns an sgàthan bithidh sibh dìreach air ath-nuadhachadh—chan eil diofar gu dé an aois a bhios sibh ’sann a bhios sibh coltach ri bean òg.
Cha robh Samhradh riamh gun ghrian,
Cha robh Geamhradh riamh gun sneachd,
Cha robh Nollaig riamh gun fheòil
No bean òg le deòin gun fhear.
*******
“Tha mi a’ fàs cho reamhar”
Tha an aon dhuan aig an dara boireannach a chì mi. Is e so an duan: “Tha mi a’ fàs cho reamhar, agus tha mi cinnteach gu bheil rudeigin ceàrr orm; chan e idir na tha mi ag ith—chan eil fhios agam gu dé a tha ann.”
Chan eil càil ceàrr oirbh ach gu bheil sibh ag ith cus bìdh, agus a’ chuid mhór dheth de ’n t-seòrsa cheàrr. (An dràsda ’s a rithist bithidh fàireagan ag aobharachadh reamhrachd, ach cuiridh an doctair sin ceart dhuibh). Cha tàinig duine beò á Belsen ach duine bu chaoile na chéile.
[240]Airson corp an duine a chumail an òrdugh slàn fallan, feumaidh e a bhith a’ gabhail bìdh anns a bheil feumalachdan a’ chuirp. Is eproteina their iad ri prìomh fheum a’ chuirp. Feumaidh duine móran próitinn ith mun teid mìr dheth gu reamhrachd. Cha dean próitinn a’ chùis leis fhéin—tha an corp ag iarraidh stuthaigeadh( .i. starchaguscarbohydrate), geir, viotamain, iarunn, iodine, agus rud beag no dhà eile. Is e an stuthaigeadh agus a’ gheir a tha a’ deanamh a’ chuirp reamhar ach cha dean an corp an gnothach ás an aonais. ’Sann a theid iad gu reamhrachd nuair a dh’ ithear cus dhiubh. Cuimhnichibh gur h-e an stuthaigeadh agus an t-iarunn a bheir dhuibh spionnadh agus gur h-e a’ gheir a chumas a-mach am fuachd. Mur eil stuthaigeadh agus geir ’nur cuirp ’sann fann fuar a bhios sibh.
Tha a’ mhin-flùir làn stuthaigeadh; mar sin tha rud sam bith mar aran agus bonnaich mhilis a’ cur punnd no dhà an sud agus an so, ma dh’itheas sibh cus dhiubh. Tha móran stuthaigeadh ann am buntàta cuideachd ach cha dean aon no dhà càil oirbh.
Cha chuir snèap, curran no càl aon unnsa oirbh; tha iadsan cho làn de na viotamainean ’s a tha an t-ugh de ’n bhiadh. Is ann amh as fheàrr iad. Tha iarunn anns a’ chàl, ach tha e coltach gu bheil barrachd iaruinn ann am peirsill (parsley) agus ann a spionaiste (spinach .)
Tha feòil, iasg agus ugh na circe làn próitinn. Chan eil an fheòil gu math mur eil na h-uimhir de gheir bhrèagh troimhpe. Tha e furasda iasg math aithneachadh, ach bu mhath leam faicinn nam boireannach a’ deanamh barrachd feum de ’n mhaorach, gu h-àraidh anns an Earrach:
Anns an Earrach nuair tha ’chaora caol,
’Sann a tha am maorach reamhar.
Is e càis biadh cho math agus as urrainn duine ith. Tha iomadh seòrsa càis anns na bùithtean agus tha a’ chuid mhór glé bhlasda. Tha gallan bainne a’ dol ann an aon phunnd càis. Cuimhnichibh gur h-e am pròs agus an lite as fheàrr na stuth nam pacaidean. Cuimhnichibh gur h-e a’ mhin-choirc agus a’ mhin-eòrna as fheàrr na mhin-flùir. Cuimhnichibh gur h-e an ubhal agus an ola-throsg as fheàrr na siùcaran aguslemonade. Cuimhnichibh nach deanar banas-tighe air na fraighibh falamh.
Na dìochuimhnichibh gu bheil na seann leigheasan cho math ri cuid de ’n fheadhainn ùra.
Bha mi ann am Beàrnaraigh Leódhuis an uiridh agus gu mì-fhortanach thainig rud mar siataig ’nam ghlùin. Mun do sheall mi rium fhìn thainig Aonghas Thormoid Oig, an duine còir a-steach a chur ballan orm. Tha mi a’ smaoineachadh gur h-ann aige a dh’ fhàg Bean Bhill rùn-dìomhair nam ballan. Rinn am ballan feum mhór dhòmhsa co-dhiùbh. Nuair a fhuair mi air mo chasan thainig Eachainn thugam le botal de shùgh lus-nan-laogh. Bha tiocaid (1928) air a’ bhotal. Dh’ aithnich mi glé mhath gur h-ann do Eachainn Mór a chaidh a dhèanamh. Gu cinnteach cha robh mi fada ag ath-bheothachadh agus bu mhath leam taing a thoirt do dhà dhuine uasal.
*******
Na Fasain Ura
Bha dùil agam a bhith air rud no dhà a ràdh mu na fasain ùra. Tha[242]
Le na fasain ùra cha dean duine mach a bheil an t-aodach nas fhaide no nas giorra—feadhainn ag ràdh gu bheil agus feadhainn ag ràdh nach eil. Tha cuid de ’n aodach ùr leis a’ mheadhon faisg air a’ bhroilleach agus cuid eile leis a’ mheadhon aig na cruachain. Tha feadhainn ag ràdh gu bheil na brògan ùra biorach, agus feadhainn eile ag ràdh gu bheil iad ceithir-cheàrnach. Dé a réisd as urrainn mise a ràdh? Chan urrainn ach so—tha mi glé chinnteach ged a bheireadh sibh sgrìob a Lunnainn no chon na Frainge nach deadh umhail sam bith a chur oirbh ged a dheadh sibh ann le cota-drògaid, aparan poc, agus cuarain. Tha leth bliadhna bho thainig so bho bhilean a’ bhàird—
Clann-nighean a’ bhaile mhóir ’s bòidheach a sheallas iad,
Sgiathan nan cearcan-fraoich ann an taobh nan adan ac’,
Gùintichean sìoda a’ slìobadh an rathaid orr’,
Muffaichean de bhian an ròin, ’s bòtunnan elastic orr’.
Dìochuimhnichibh am fasan. Nach b’ fheàrr dhuibh a bhith glic, ged a bhiodh sibh lomnochd?
*******
Suidheachadh nan Reul
Chan eil teagamh sam bith nach eil suidheachadh nan reul aig àm ar breithe a’ gnàthachadh na tha air a chur a-mach dhuinn. Tha na reultan-siùbhlach (Saturn , Jupiter, Venus, Mars, Mercury,a’ Ghrian agus a’ Ghealach) a’ gluasad troimh an Ghrianchrios (zodiac). Tha a dhà-dheug anns a’ Ghrianchrios, ach airson nan trì mìosan a tha tighinn is e an Rùd, an Tarbh, agus a’ Chàraid a tha a’ cunntadh. Chan eil e furasda dhomh faicinn ceart gu dé dìreach a tha dol a thachairt, oir tha sgleò mór a’ tighinn eadar mi agus na reultan. Is e sgleò siùbhlach a tha ann; is e an t-each Uibhisteach a bha ann am Breascleit an aon shamhla as urrainn mise a thoirt do ’n sgleò. Chan eil fhios nach e Ruiseanach no Ameireaganach a tha ann. Mar sin, gabhaibh mo leisgeul ma is e bhur toil e.
An Rùd— (A’ chiad latha fichead de ’n Mhàrt gus am ficheadamh latha de ’n Ghiblean). Tha sibhse ’nur boireannaich bhòidheach le nàdur mhath, ach feumaidh sibh duine nas cruaidhe cridhe na sibh fhéin a phòsadh, oir tha e glé fhurasda a dhol ’nur muinichill. Pòsaidh sibh òg agus bithidh sibh glé shona ma gheibh sibh duine do ’n aithne coimhead roimhe. Cuimhnichibh gur dìleas lotan caraid ach gur mealltach pògan nàmhaid.
Tha iadsan a rugadh air an treas latha de ’n Ghiblean glé fhortanach.
An Tarbh— (A’ chiad latha fichead de ’n Ghiblean gus an dàrna latha fichead de ’n Mhàigh). Tha sibhse àrd, caol, slàn agus glé mhath air banas-tighe an uair a gheibh sibh tigh. Chan eil sibhse a’ pòsadh òg, oir tha sibh glé fhada anns a’ cheann. Cha bhi càil ceart mun a dean sibh fhéin e. Tha e duilich eòlas a chur oirbh ach tha sibh glé dhìleas. Cuimhnichibh gur daoi nach gabh comhairle agus gur deamhain nach gabh seòladh.
Tha iadsan a rugadh air an deicheamh latha de ’n Mhàigh glé fhortanach.
A’ Chàraid— (An trìtheamh latha fichead de ’n Mhàigh gus a’ chiad latha fichead de ’n Og-mhìos). Tha sibhse glé thric beag, tiugh ach ged a tha sibh beag chan eil sibh bog. Pòsaidh a’ chuid mhór agaibh mu chóig bliadhna fichead. Bithidh an tigh agaibh brèagh glan. Feumaidh sibh duine glic a phòsadh, oir tha fasan agaibh a bhith a’ gabhail gnothaich ri rud nach e bhur gnothaich è. Bithidh iomadh trod eadar sibh fhéin agus an duine ach fuiridh sibh còmhla ri a chéile agus ni sibh mnathan glé mhath.
Cuimhnichibh gur h-ann mar a chaitheas té a beath’ a bheir i breith air coimhearsnaich.
Tha iadsan a rugadh air a’ chóigeamh latha deug de ’n Og-mhìos glé fhortanach.
*******
Ceann-teagaisg beag airson nan trì mìosan a tha a’ tighinn
Is diù teine, feàrna ùr,
Is diù an duine, mì-rùn,
Is diù dibhe, fìon sean,
Ach is diù an domhain, droch bhean.
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Peigi Nic’IlleMhoire in Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |