Ciod A Chuireas Mi Orm?
Le IAIN A. MACLEOID
AR réir nam feadhainn a bhios a’ deanamh feala-dhà am briathran no an dealbh, is ann air na mnathan as motha tha cùram mu sgeadachadh na bodhaig. Tha iad daonnan an teagamh dé an ad no ’n còta chuireas iad orra an diugh, agus feumaidh mi aideachadh gun d’ fhuair mi fhéin mo ghreasad an dràsda ’s a rithis, mi fhéin a sgioblachadh “air eagal gun tigeadh neach a-steach a chéilidh.”
Is iomadh lìnn bho ’n là ud a sgeadaich ar ciad shìnnsir iad fhéin le duilleagan cruinn-fhìge; agus is iomadh stuth a chuir daoine gu feum o sin gus an là an diugh mar thrusgan.
Dh’ fhaodamaid greis a chur seachad gu taitneach a’ beachdachadh air an iomadh seòrsa aodaich a tha daoine a’ caitheamh, bho mhuinntir a’ chraicionn dhorcha an tìrean teth le luideagan mu ’m meadhonan, gu Eskimos an Taoibh Tuath a tha suainte gu fìor bhidean na sròine ann am béin.
’Se tha romham-sa co-dhiùbh a bhith sealltainn air na stuthan a tha daoine a’ cur gu feum ann a bhith deanamh aodaich dhaibh fhéin. Bha cuid de stuthan aca mu’n robh iad coramach air an eachdraidh a sgrìobhadh ach tha cuid eile nach eil ach bliadhna no dhà bho ’n chruthaicheadh iad le eòlas dhaoine.
Am bheil cuimhne agaibh air cùnntas a thug mi air rubair. Thàtar a’ deanamh móran nithean de rubair, ach anns an tigh-ceàirde far eil mise a’ saothrachadh tha sinn a’ deanamh innealan de ’n rubair a chuirear gu feum an snìomh, an toinneamh, am figheadh, ann an dath agus anns gach seòl co-cheangailte ri obair aodaich. Bithidh mi a’ faotainn a’ choram a bhith ag amharc air ar cuid innealan-ne ri obair ann am muilltean anns an dùthaich so agus an dùthchannan céin, agus tuigidh sibh gur déidheil mo chnuasachadh air a’ chuspair so oir is Hearach mi is cha robh srann na cuibhle agus glag na spàil fada o m’ chluais an làithean m’ òige.
Ma tha criomag de aodach ri bhur làimh—an sìoda as mìne na lìon an damhain-allaidh no sgonn de chlò mòr nach fhaca muilinn—chì sìbh gu bheil e air a dheasachadh bho ròineagan caola meanbha. Ma bheir sìbh an t-aodach ás a chéile chì sìbh nach eil móran neairt ann an aon ròineig ’na h-aonar. Ach lag is gu bheil aon ròineag, tha cuid de ghnèthean ròineig ann a dh’ fhaodar a thoinneamh ri chéile gu bhith ’nan snàilein làidir shubailte. Is mór an t-adhartas a rinn ar sìnnsir an uair a fhuair iad so a-mach.
A nis, tha móran stuthan air thalamh a tha an cruth ròineig gu nàdurra, agus stuthan eile a dh’ fhaodar an cruth-atharrachadh gu cumadh ròineig, ach chan eil iad uile freagarrach airson aodaich. Ach ’s ann a tha mise a’ dol a bheachdachadh air na stuthan sin a tha air leth freagarrach.
Feumaidh aodach a bhith tais ris a’ chraicionn, agus a bhith comasach air uisge is fallus a shùghadh no a leigeil dheth, airson comhfhurtachd an duine. Feumaidh e a neart a ghleidheadh agus a shubailteachd,
B’ ann air aodach clòimhe a b’ eòlaiche ar sìnnsir chan ann a mhàin air a’ Ghàidhealtachd ach ann am Breatainn air fad. Ach, an diugh, tha roghainn fharsainn aig gach neach; eadhoin aigesan as bochda ’na chrannchur.
Is saoil leam gun cuidicheadh e ar beachdachadh nan sealladh sinn air na ròineagan mar bhuidheannan air leth agus bu toil leam oidhirp a dheanamh air an cur fo chóig cìnn.
Anns a’ chiad àite.
Ròineagan nàdurra a gheibhear á planndrais—mar canach, cuiseag anairt, agus mar sin.
Anns an dara àite.
Ròineagan nàdurra a gheibhear á ainmhidhean—mar clòimh chaora, sìoda, fionnadh chàmhal, fionnadh ghobhar . . . .
Anns an treas àite.
Ròineagan bho stuthan nàdurra air an ath chruthachadh le daoine—mar rayon (sioda ionnlachdach) casein . . . .
Anns a’ cheathramh àite.
Ròineagan a gheibhear ás a’ chreig, leithidasbestos.
Anns a’ chóigeamh àite.
Ròineagan a ni daoine gu buileach á gual is ola. Is iad nasynthetic fibresmar a tha nylon, terylene, acrilon is orlon.
Faodar gach stuth a chuireas duine gu feum ann an aodach a chruinneachadh fo na cóig cinn sin, agus seallamaid orra fa leth.
(1) Fo ’n cheann so is i ròineag a’ chanaich no mar a their sin “cotan” as motha a chuirear gu feum, ged tha a h-eachdraidh glé òg ri taobh eachdraidh clòimhe. Tha ròineag a’ chanaich eadar leth-òirleach is dà òirlich am fad a réir na ceàrn de ’n t-saoghal anns am fàs e. Is e an canach as fheàrr a gheibhear Canach nan Eileanan Cuain—a’ gabhail ainm bho na h-eileanan a tha ri cladach Carolina a Deas anns na Stàitein Aonaichte. Tha e eadar òirleach gu leth is dà òirlich agus tha e air leth meanbh is lìomhach. Air an làimh eile tha canach nan Innseachan goirid is garbh agus cha dean e aodach idir tha cho grinn ri seòrsan eile de ’n chanach.
Mun do rinn daoine ìnnleachdan airson an canach a chruinneachadh, bha obair da-rìribh cruaidh ann a bhith ’ga chur is ’ga thrusadh fo theas na gréine. Tha an talamh air a threabhadh tràth anns an Earrach agus an sìol air a chur mu dhoimhne òirlich. Feumar an talamh a bhith ’ga ghlanadh gu minig mun cuairt air na planndraisean. Tha dà mhìos
Is e lìnn thruagh ann an eachdraidh a’ chinne-daonna a bha sud a-nuair a bha daoine dubha bochd an Africa air an glacadh is air an cartadh thairis air a’ Chuan Shiar mar bhrùidean, gu bhith saothrachadh ann an raointean canaich Amaireaga. B’ i obair chruaidh, shlìgeach cuideachd a bh’ ann a bhith a’ sgaradh nan ròineagan canaich bho ’n t-sìol a tha croichte riutha, agus cha do rinn canach móran adhartais mar stuth airson aodach gus an do rinneadh inneal airson na h-oibre so ris an abair iad Cotton Gin.
Tha an canach a nis air a chur do ’n mhuilinn agus do bhrìgh gu bheil cìreadh, càrdadh, snìomh, is fighe rudeigin coltach ri chéile ge be dé an ròineag a tha againn dh’ fhaodainn dòighean oibre nam muiltean fhàgail gu deireadh na sgeòil. Fàgamaid ma tà canach an sin an dràsda.
Is e cuiseag anairt a’ chiad phlanndrais a chuireadh gu feum an seirbheis dhaoine, agus, ann an eachdraidh na h-Eibheit, tha fiosrachadh againn air iad a bhith a’ deanamh anairt bho lìnn nan lìnntean. Tha a’ chuiseag anairt a’ fàs, ann am meud as fhiach labhairt air, ann an Eirinn, san Fhraing, sa’ Bheilg, san Ruis agus ann an Ceann a Tuath Amaireaga. Tha a’ chuiseag a’ fàs á sìol agus anns an trusadh feumar a spìonadh leis an fhreumhaich; ma ghearrar i tha dath dorcha air an anart a gheibhear aisde. Thàtar a’ toirt dhith an t-sìl agus ’ga bogadh ann an sluichd uisge airson a chonnlach a ghrodadh, oir is ann an teas mheadhon na connlaich a tha na ròineagan caola fada a chuirear gu feum. Tha na ròineagan so, a dh’ fhàsas gu fichead òirleach a dh’ fhaid, a’ toirt dhuinn anart a tha brèagha, glan, ach do bhrìgh gu bheil canach nas saoire oibreachadh, chan eil anart lìn an diugh ’na aodach caitheamh mar a bha e aon uair. Tha neart air leth ann a tha ro-fheumail airson nithean mar siùil bhàtaichean, pìoban a ghabhas pasgadh air falbh, agus sgàil-bhratan de gach seòrsa.
Tha planndraisean eile coltach riutha sin ach tha na ròineagan garbh agus cruaidh agus chan eil iad idir freagarrach airson aodach bodhaig. ’Nam measg tha jute, airson am bheil baile mo chòmhnuidh fhéin (Dùn-dé), ainmeil; hemp agus sisal. Ni iad pocannan, ròpan, aodach-ùrlair agus mar sin.
(2) An nis, a’ sealltainn air na h-ainmhidhean, chan fhiach mise ri sgeul a dheanamh air clòimh chaorach do Ghàidheil. Ach air sgàth an fheadhainn a tha eòlach air caoraich dhubha a mhàin bu toil leam facal no dhà a ràdha mu na gnethean eile de chaora a tha againn air feadh an t-saoghail. Tha feadhainn ainmeil ann ris an abrarCheviot , Leicester, Oxford, Lincoln, South Down, agus mar sin, ach is i a’ chaora as ainmeile uile am Merino. Gheibhear bhuaipe suas ri naoi pùinnd ann an aon rùsg, agus tha na ròineagan suas ri sia òirlich dhiag a dh’fhaid.
Tha eachdraidh fhada air a’ chaora Merino. Bu bheathach Arabach i a chaidh àrach anns an Spàin, agus, airson lìnntean, chan fhaodadh duine caora no uan Merino a leigeil a-mach ás an dùthaich air eagal bàis. Dh’ fhàs rìghrean na Spàinne glé bheairteach le ceannaichean an t-saoghail a’ tighinn a cheannach na clòimhe luachmhoir so, agus a[254]
Tha caoraich ro fheumail ann an dùthaich far nach eil an talamh freagarrach airson àiteach, agus, mar sin, tha àireamh mhór chaorach air monaidhean Amaireaga agus Astràilia.
Tha ainmhidhean eile air am bheil clòimh no fionnadh a chuirear gu feum agus a réir tiughad na ròineig their sinn riutha clòimh. fionnadh, no friodhan. Nithear aodach air clòimh chàmhal, llama, vicuna, alpaca, agus gobhair, ach chan eil mi a’ gabhail beachd idir air ainmhidhean a bhithear a’ marbhadh airson am béin.
Mum fàg sinn ainmhidhean, feumaidh sinn sealltainn air an dòigh mhìorbhuileach anns an deasaichear ròineag an t-sìoda; an ròineag tha ’na bunait air an aodach ghrinn, luachmhor a bha cho prìseil aig daoine bho thoiseach eachdraidh. Ann an dùthchannan blàth na Roinn Eòrpa, agus anns na h-Innseachan far am bheil an t-eòlas dìomhair aig an t-sluagh tha tuarasdal mór ann a bhith ’g àrach na leòmann-sìoda.
Tha an leòmann a’ breith uighean, agus, asda, thig na cnuimhean sìoda. Thàtar ’gam beathachadh le duilleagan maol-dhearc a tha iad ag itheadh le acras geur fad mìos, a’ deanamh deiseil airson a’ chadail mhóir. Tha na duilleagan a’ tionndadh gu uisge ’nam maodail agus tòisichidh iad air an t-uisge a spùtadh a-mach á dà tholl mheanbh ’nam pearcaill. Tha so a’ cruadhachadh an dà ròineig mheanbh shìoda a tha a’ chnuimh a’ suaineadh mun cuairt is mun cuairt a cuirp mar shlige. An déidh mu shia ceud slat sìoda a shuaineadh mun cuairt oirre fhéin tha i a’ cadal anns an t-slige agus ann an cóig-la-diag tionndaidh a’ chnuimh gu leòmann agus brisidh i a-mach ás an t-slige. Ach mun dean i so tha an tuathanach ’ga marbhadh le teas agus tha caileagan le mór sgil ’nam meuran a’ toirt nan ròineagan fada sìoda ás a chéile is a’ deanamh ceairlean dhiubh airson fighe.
Nan leigeadh iad leis an leòmann dùsgadh is an t-slige a bhriseadh bhiodh na ròineagan fada air an gearradh agus cha bhiodh iad cho luachmhor, ach feumar cuid de na leòmainn fhàgail beò airson tuilleadh uighean a bhreith.
(3) Seallamaid an nis air na ròineagan a tha daoine ag ath-chruthachadh bho stuthan nàdurra. Tha canach, agus planndraisean mar sin, de stuth ris an abair sinncellulose, agus tha fiodh craoibhe de ’n aon stuth gun ach beagan eadar-dhealachaidh, agus an déidh móran rannsachadh chaidh aig daoine air fiodh craoibhe ath-chruthachadh gu ròineag ris an abair sinn sìoda innleachdach norayon. Tha am fiodh air a bhriseadh gu meanbh mar min-sàibh agus air a mheasgachadh le sòda agus stuthan eile agus tha e a’ dol ’na uisge dìreach mar tha na duilleagan maol-dhearc ann am broinn na leòmann sìoda. Anns an staid sin thàtar ’ga spùtadh a-mach troimh thuill mheanbh do lochanacidfar an cruadhaich e ’na ròineag dìreach mar a spùtas a’ chnuimh a-mach a sìoda agus an damhan-allaidh a lìon. Tha na ròineagan air an nighe le bùrn agus tha grunnan dhiùbh air an toinneamh ri chéile. Sin mata an stuthrayonno mar a their sinnartificial silk.
Mar a thàtar ag ath-chruthachadhcellulosenan craobh, thàtar ag ath-chruthachadh stuth eile ris an abair sinproteina gheibh sinn ann an gnè chnothan agus ann am bainne ainmhidhean. Tha daoine comasach air an stuth so a chur an cruth ròineig agus aodach a dheanamh dheth, ach chan eil iad so buileach cho buan ris an t-seòrsa eile a gheibhear ocelluloseagus cha chluinnear uiread mu ’n deighinn is a chuala sinn bho chionn beagan bhliadhnaichean air ais.
(4) Seallamaid gu h-aithghearr air aodach nach eil móran a’ caitheamh ach airson obair àraidh. Tha fir-faire anns gach baile a tha ’gar dìon bho chunnart teine agus feumaidh iad air uairean aodachasbestosa chur ùmpa. Tha asbestos ’na chreig a thàtar a’ mèinneadh agus brisear a’ chreag sìos gu cruth ròineig a chàrdar is a dh’ fhighear mar clòimh airson aodach a dheanamh.
(5) Fo ’n cheann mu dheireadh, chì sinn na ròineagan a tha daoine a’ cruthachadh gu buileach bho ghual is ola ischemicalsmar sin. Rinneadhnylon , teryleneis nasynthetic fibresso le daoine a bhith rannsachadh a-mach ciod na h-eileamaidean a bha ann an canach, an clòimh is anns na ròineagan nàdurra, agus an sin a’ feuchainn ri na h-eileamaidean sin a chur ri chéile an tighean-ceàird, mac-samhail oibre nàduir ann am planndraisean is ann an ainmhidhean. Tha iad so ’nan stuthan a ghabhas leaghadh le mór theas, agus, leaghte, thàtar ’gan spùtadh á tuill mheanbh Mun cruadhaich iad thàtar ’gan slaodadh cho caol ’s a ghabhas deanamh is ’gan gearradh gu faid a tha freagarrach airson snìomh is fighe, uairean leotha fhéin, agus uairean air am measgachadh le clòimh no ròineagan nàdurra eile.
Sin mata na ròineagan as cumanta airson aodach, agus mun crìochnaich mi an t-iomradh so seallamaid air na dòighean anns an oibrichear iad anns na muilltean air an rathad gu bhith ’nan còta, ’nan deise, ’nan léine no ’nan stocainn dhutsa na dhòmhsa.
Tha aon ròineag ro lag leatha fhéin agus feumar a toinneamh ri grunnan de a seòrsa. Ma tha an ròineag fada dhith fhéin mar sìoda tha e furasda grunnan a thoinneamh ri chéile, ach ma tha i goirid mar canach agus clòimh ruigeadh i a’ mhuilinn an comh-shìneadh ri chéile ann an roileag. Tha an roileag air a’ tarrainn a-mach ’na faid agus aig an aon àm air a toinneamh ar réir an neart a thatar ag iarraidh anns an t-snàilean.
An déidh an snàilean a dheasachadh feumar fhigheadh agus tha móran agaibh nas eòlaiche air an obair sin na tha mise. Co-dhiùbh abram gum feum sinn dlùth de shnàilean air an sìneadh teann agus inneal leis an sgar sinn bho chéile iad, cuid suas agus cuid sìos a’ toirt dhuinn coram air snàilean cur a leigeil eadarra agus ’ga ghlasadh gu teann. Aig gach buille de ’n spàl tha an clò a’ fàs leathad aon snàilean agus is fàs slìgeach e eadhoin anns na muilltean.
An déidh fhigheadh tha an t-aodach air a nigheadh agus air a dheasachadh airson na bùtha no airson an tàilleir. Faodar a dhath ann am mìle dath. Air uairean theid a dhath an déidh fhigheadh ach le clòimh co-dhiùbh is trice a dhathar i mun teid a càrdadh is a snìomh. Tha cuid eile a theid an dath anns an t-snàilean, mar as trice airson aodach a dh’ fhighear air bioran.
Is annasach gu dearbh an t-aodach a bhios sinn a’ caitheamh an uair a bheachdaicheas sinn air na stuthan a tha dol ann a bhìth ’ga dhèanamh. Ach biodh sinn mar a bhitheas tha mi’n dòchas gum meal sibh uile gach deise ’na torran troimhe-chéile. Feumar na ròineagan a chìreadh ’s a chàrdadh agus an deanamh ’nan roileagan. Tha na roileagan, an-uairsin, air an tarraing a-mach am faid, agus, aig an aon àm, air an toinneamh a réir an neairt a thàtar ag iarraidh anns an t-snàilean.
An déidh an t-snàilean a dheasachadh feumar fhighe, agus bithidh sibh fhéin eòlach gu leòr air an obair sin. An déidh na fighe tha an t-aodach air a nighe agus air a dheasachadh airson na bùtha no airson an tàilleir. Bithidh e air a dhath a réir ’s mar a tha feum. Air uairean théid a dhath an déidh fhighe, ach le clòimh co-dhiùbh, is trice i air a dath mus téid a càrdadh. Tha cuid de aodaichean ann a tha air an dath aig ìre an t-snàilein.
Sin agaibh sin mata. Agus chan eil agaibhse r’ a ràdha ach “Saoil dé a chuireas mi orm?”
title | Ciod A Chuireas Mi Orm? |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Iain A. MacLeòid in Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |