[259]

Balaich An Iasgaich

A dhaindeoin ìnnleachdan ùra agus ealain agus adhartas, tha móran de iasgach an t-saoghail fhathast an crochadh ris na gillean cruaidhe a tha ag obair mu na cladaichean, le eathraichean beaga, agus atoirt dùbhlan do thuinns do thìde . . . . Tha eòlas aghrinneil a thanan claiginn nas cìnntiche naradara rinneadh riamh. Chì an sùilean anns an iarmailt comharran sìde air nach toir an radio, uaireannan, guth. Cha do dhealbhadh fhathast inneal a bhiadhas na linn bheaga cho sgiobalta sgileils a ni am meòirean. Chan eil beairt a chàras toll ann an lìon sgadain cho grinns a iadsan le seann shnàthad lìon.

Air an làimh chlì an so tha AONGHAS MACLEOID á Port Nis ag ullachadh gus a dhol a-mach. Tha e abiadhadh nan lìnn bheaga mum falbh e fhéin agus an triùir a bhios ag obair còmhla ris air tòir na h-adaig no na leòbaig. ’S dòcha nach an tarraing cho troms a bàbhaist, oir tha na bàtaichean sgrìobaidh acur ás don iasgach mu chladaichean Leódhais. Tha ginealaichean de shàl ann am fuil Aonghais. Tha athair ainmeil airson togail bhàtaichean ann an Nis. Tha na gillean eile guineil chun aghuga air Sùlaisgeir.

Ma tha na linn bheaga rim biadhadh tha na linn sgadain rin càradh ma théid biorach no cearban no eadhoin creag chearbachnan luib. An so shuas thàtar ag ullachadh airson an - ’r-na-mhàireachs am bàta adol seachad air Eilean Phabail air an t-slighe gu Steòrnabhagh.


[260]

A dhaindeoin nam bàtaichean sgrìobaidh tha brod nan adagan fhathast a-mach far cladach Phort-nan-Giùran. Thug an dorgh i so am bàrr ach feumaidh an lìon a toirt air bòrd. Dìnneir mhath le buntàta tioram, gun ghuth air sàbhs no ceann gropaich!

Ach saoil càit an stad an chlostar leòbaig so thall? Coimheadaibh amheudachd a thannta taca ri crògan an Nisich. ’S dòcha gun dean iad iomadhsuipeir-éisgann an aon de bhùthan Ghlaschu, air an suaineadh, còmhla ri slisean buntàta, ann an duilleag paipeir-naidheachd.

Fàilte gu fearann air balaich an iasgaich
g iomradh, ’s atarraings agearradh abhiadhaidh.
Coma leam leabaidh no cadal no biadhadh
Gu faigh mi mo lìon an òrdugh . . . .”

An ath turus a thogas sibh am fonn, no a cheannaicheas sìbh gréim éisg a tha tuilleadh is daor leibh, cuimhnichibh air na balaich sin air nach cuireadh cruadal an t-uallach bu lugha nan deanadh Pàrlamaid na dùthcha rud beag gus am beò-shlàint a ghleidheadh tèaruint dhaibh.

titleBalaich an Iasgaich
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Seumas MacGeoch in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page