[205]

An t-eagal ... an t-eudach ...”

Le IAIN MAC A’ PHEARSAIN

CHROM mi gus an iuchair a bha deiseilna mo làimh a chur an toll na glaise. Cha bann idir le smeurach air thuairmeas a dhamais mi oirre. Bha mi cho eòlachs gun cuimsichinn oirre le mo dhà shùil dùinte.

An uair a dhfhosgail mi an dorus bhuail fàileadh an sgadain mi. ’S ann an uair-sin a chuimhnich mi gur e Di-Màirt a bhann. Be sin a a bhiodh Ealasaid atadhal am bùth an éisg air a rathad dhachaidh ás abhaile. “An Diabhal!” mhionnaich mi fo manail. “Cha do chuimhnich mi riamh gur ann a-nochd a gheall sinn a dhol a chéilidh air Calum. ’S ann orm a tha e dhfheitheamh!”

Chroch mi mo chòtas chaidh mi a-steach dhan chidsin. Bha gàire tlachdmhor Ealasaid adeanamh co-fhuireach riùm mar a bàbhaist. “Tha thu dhachaidh tràth a-nochd, mar ìongnadhars ise.

Cha tug mi amheirg bhàrr mfhiacaill gus a freagairt. Bha mi adol fo msmaointinn fiach gu a chanainn rithe.

Tha do bhiadh deiseil. Feumaidh sinn cabhag a dheanamh ma tha dùil againn a bhith aig tigh Chaluim roimh sheachd uairean.”

Dhfhairich mi mfhuil ag éirighnam aodann.

Ealasaid, thoir maitheanas dhomh. Chaidh e glan ás mo chuimhne gun do gheall sinn tadhal air Calum. Chan urrainn dhomh a dhol ann a-nochd. Tha mi uabhasach duilich. Gheall mi gun toirinn am Fear Ruadh a-mach anns an eathar a-nochd a rithist. Chan fhaod mi dhol air ais air mfhacal. Feumaidh sinn céilidh Chaluim fhàgail gu oidhche eile.”

Bha Ealasaidga mo dhùr choimhead. “Mas ann mar sin a tha cha ghabh e leasachadhars ise air a socair. Cha tubhairt in còrr.


[206]

Stad na briathrannam amhaich fhéin cuideachd. Cha be sud freagairt ris an robh dùil agam. Cha bann cho sìobhalta sud a chleachd Ealasaid a briathran a lìobhraigeadh. Bha mi nis cleachdte ri sgoladh a teanga.

Tha mi duilich, Ealasaidthubhairt mi a rithistBheir sinn a-steach an call oidhche eile.”

A dhaithghearr?” Bha frionas atighinn air a guth.

Seadh, a dhaithghearr. Bithidh a h-uile oidhche againn dhuinn fhéin air an t-seachdain so tighinn.”

Ach bha mi ag ullachadhson a dhol a-mach a-nochdthubhairt i.

Tha fiosam, Ealasaid, ach glac beagan foighidinn. An déidh a-nochd bithidh mi còmhla riut a h-uile oidhche.”

Bha fiosam an ath cheist a bha atighinn.

Carson a tha am Fear Ruadhgad iarraidh cho tric?”

Chan urrainn dhomh sin innseadh.” Agus theagamh gun tainig stad annam mus do fhreagair mi. “Tha e acur feum air an eathar, agus thig orm fhéin agus air Dunnchadh tighinnna cois. Chan eil fiosam tha e adol a dheanamh a-nochd. ’S ann fo liùirich a tha eg obair. Mar sin chan aithne dhòmhsa thana bheachd nas motha nas aithne dhuit fhéin.”

Ceart gu leòrars EalasaidChan eil agam air ach a bhithnam bhànntraich airson oidhche eile. Cuiridh mi crìoch air Gairms théid mi chadal tràth. Ach ma bhitheas tu adol a-mach air an oidhche mar so chan fhada gus am bi mi ag eudach riut.”

So an oidhche mu dheireadhgheall mi.

Gun an còrr a ràdha dhéirich mi agus bhaganaich mi fhéin le còta trom mu choinneamh fuachd na gaoithe a dhfhàg aChalluinn.

Ma bhitheas minam shuain an-uair a thig thu steach, dùisg michuala mi an-uair a bha mi adùnadh an doruis.

Cha mhór nach robh an t-aithreachas orm adol a-mach. Smaoinich mi mar a thubhairt iChan fhada gus am bi mi ag eudach riut.” Ach bha e nise ro fhadalach gus tilleadh. Bha soluis na h-acarsaidna mo shealladh.

Bha Dunnchadh air an t-eathar fhaighinn air flod an-uair a ràinig mi.

Greas ort,” dheubh efiach am faigh sinn a-mach ris an t-sruth. Tha cabhag air na tròbhasaich so.”

Chithinn an dhùbhradh an toiseach an eathairam Fear Ruadh agus a chompanach.

Bha AMhaighdean Mhara air bhioran gus an cuan a thoirt fo a ceann. Bha na buill adìosganaich. An-uair a dhfhuasgail mi iad leum mi sìos ri taobh Dhunnchaidh. Bha esan air sròn an eathair a chur ri muir.

Càite bheil iad adol a-nochd?” thubhairt mi fo manail an-uair a bha sinn cuidhteas an acarsaid.

Shaoileam gu robh faileas na coinnle-bianain anns na sùilean aig Dunnchadh an-uair a fhreagair e.

Chan aithne dhòmhsa ach gu bheil am Fear Ruadh adol a dhfhiachainn a-mach innleachd ùr. A réir na treallaich a thug iad air bòrd chanainn gu bheil iad adol a sgrùdadh an aigil. Tha Stein suas ris


[207] an obair sin.”

thann an Stein?”

Companach an Fhir Ruaidh. ’Se bhith adol sìos a ghrùnnd achuain is ceàird dha. Bithidh e alorg bhàtaichean a chaidh a chur fodha ri àm achogaidh.”

is ceàird don Fhear Ruadh fhéin?” dhfhoighnich mi an ceann greise.

Tha e ag obair ann an Colaisde. ’Se am Professor a their iad ris anns an tigh-òsda.”

Chan eil móran adol mun tigh-òsda nach cluinn achluas as buidhrethubhairt mi. Ach cha do fhreagair mo charaid.

Bha soluis abhaile a nis ás ar sealladh. Bha tulgadh an eathair acur an céill gu robh sinn air doimhneachd. Luthaiginn a bhith ri taobh an teine. “ tha sinn adeanamh an so co-dhiùbh?” arsa mise riùm fhéinCarson nach tàinig iad a-mach ri solus an ma tha iad airson acfhuinn ùr fhiachainn. Shaoil mi gun cuala mi an t-ainm Stein roimhe. ’S dòcha gur ann an leabhar a chunnaic mi e.”

Dhùisg briathran Dhunnchaidh mi ás mo smuaintean.

Am bheil fhios agad càiten do dhiarr iad an tabhairt?”

Chan eil, mur ann gu slige na luinge air an robh an t-uisge-beatha.”

Chan ann, ach an iar air Bogha nan Steàll.”

Choimhead mi air mar nach bithinn atoirt móran géill dha. “Chan fhaigh iad móran a sgrùdadh an sin. Tha doimhneachd thar tomhais anns abhad sin. ’Se duine ás a chiall a dheanadh oidhirp air a dhol chun an aigil an sin.”

Thug Dunnchadh sùil air an uaireadair mun do fhreagair e. “ ’Se sin a shaoilinn-sa cuideachdars esan.

Choimhead mi air an dithis a bhanan crùban an toiseach an eathair. “Am bheil Stein afuireach anns an tigh-òsda còmhla ris an Fhear Ruadh?” theann mi air ceasnachadh a rithis.

Tha,” fhreagair Donnchadh. “ ’S e gille gasda tha ann.”

Bha frioghan math air tighinn air achuan a nis. Thug AMhaighdean Mhara gorrochdadh aisde. Leig mise mo làmh an tacsa ris an tigh-chuibhle.

Tha e laghach tachairt ris,” lean Dunnchadh air bruidhinn. “Ach cùm so agad fhéin. Aig acheàird fhéin chan eil duine anns an dùthaich a thig suas ris. Ach, mas fìor an sgeul, tha e cumail ri bean an Fhir Ruaidh. Bithidh e còmhla rithe nuair a gheibh iad am Professor air falbh on tigh.”

Am bheil fhios aige?”

Tha amharus math aige.” Tha eg eudach rithe ach chan eil dearbhadh sam bith aige air aghnothaich, tha iad ag ràdha.”

Cha bu chòir dha a fàgail air a baghaiste fhéin cho tric,” arsa mise.

Thàinig nàdur de phlìneas air.

tha abhean agad fhéin adeanamh a-nochd?”

Cha do fhreagair mi idir e. Cha mhotha na sin a leig mi a bhriathran mu mo chluasan. Dhfhàs mi eu-shocrach.

Bha aghealach a nis ag éirigh, acur soillsair an t-sìorraidheachd


[208] de dhubhar a bha mun cuairt dhuinn. Bha cumadh atighinn air gach duines a bha sabhàta. Bha Steins a chòta fo a leth-cheann. Chan eil fhiosam co-dhiùbh bha e ameòrach nona chadal. Bha am Fear Ruadh acoimhead a-mach air achuan, mar gum bitheadh an fharsaingeachd atoirt a mhothachaidh bhuaithe.

Chithinn an acfhuinn sgaoilte mi-ràbhail aig a chasanpìoban fada, ròpan, clogad mór duaichnidh le aon sùil, agus toic eile air chumadh fuamhair a bhiodh air an anail a thilgeil. Deise daibhidh, ar leam.

Bha mi sìor fhàs an-fhoiseil. Bha dubadaich an eathair atoirt ceann goirt dhomh. “Nach buidhe do Ealasaid aig blàths an teine,” smaoinich mi. “Mur a be gu robh sinn ateannadh ri ar ceann-uidhes beag a shaoilinns tilleadh dhachaidh. Nam burrainn.”

Chluinninn Dunnchadh arothaigeadh an uaireadair.

A bheil sinn faisg air ar ceann-uidhe?” chuala mi, aclisgeadh leis mar a chaidh an t-samhchair a bhriseadh. ’S e am Fear Ruadh a bha bruidhinn.

Dìreach gu bhith aige; beagan mhionaidean eile,” fhreagair Dunnchadh.

Bha aghealach a nis adeanamh soillschuibheasach.

Faodaidh tu an t-astar a ghearradh sìos,” dhéigh am Fear Ruadh.

Fhads a bha e bruidhinn mhothaich mi do Stein agluasad.

Bha e adùr-choimhead an Fhir Ruaidh, a shùilean biorach adol troimhe. Ar leam nach bann le brosgul. An ann atoirt a chreidsinn orm fhéin a bha mi gur ann adreamadh fhiaclan a bha e? Bha soillse mhùgach na gealaich amùchadh lainnir na fuatha a bhanns na sùilean aige.

Saoil ris a tha bean an Fhir Ruaidh coltach?” smaoinich mi.

Cha robh cumhachd a nis agluasad na Maighdinn Mhara ach onfhadh nan tonn.

Thàinig am Fear Ruadh air a shocair a-nuas chun an tigh-chuibhle.

Tha sinn adol a dhfhiachainn ìnnleachd nach do dhfhiachadh riamh roimhe,” ars esan. “Tha mo charaid adol sìos mìle no dhà gu grùnnd achuain. Tha an deise air a deanamh son gu fuiling i cumhachd na doimhneachd.”

Cha bfhuilear dhith,” arsa Dunnchadh, nuair a thionndaidh am Fear Ruadh a chùlaibh. “Dheanadh cumhachd achuain pliasg de rud as treasa na bodhaig duine mhìle shìos.”

nan diùltadh an acfhuinn obrachadh?” smaoinich mi.

Dhfhairich mi mfheòil air chrith air mo chnàmhan.

Ghabh sinn ealla ri na seabhaltaich ag ullachadh na h-uidheam. Cha tuirt duine seach duine smid. Bha am Fear Ruadh afeadaireachd fo anail fhads a bha e acuideachadh an fhir eilena dheise. Cheangail e na brògan troma gu diongmhalta, dùrachdach air a chasan. Shocraich e an clogad ma cheann, ’g a theannachadh le spàirn, mar gun biodh eagal a bheatha air gum fuasgladh e.

Thòisich an daibhear air struchdadh a chasan a dhionnsaigh beul abhàta. Thog e aon ultach coise thar a bheòil. Thog e an téile. Am prioba bha e ás an t-sealladh, gun air fhàgail dhe thòrachd ach na builgeannan a bha astreap gu uachdar an uisge, astrì ri spreadhadh á bith. Bha aitheamh is aitheamh de ròps de phìob rubair adol le sraon ri beul an eathair.


[209]

Sheall mi air faileas na gealaich abriobadaich air bhàrr nan tonn. Mhothaich mi bilean Dhonnchaidh agluasad. Cha deanainn a-mach bha eg ràdha. Bha aodann cho geal ris an anart.

Bha am Fear Ruadh adùr amharc air an inneil a bha air a bheulaibh, solus anns gach oisein dhethfear dearg agus fear uainealasadh suas an ruthaidh a bhana aodann. Bheireadh e sùil air fhiaradh air na ròpan agus na pìoban ataomadh a-mach air cliathaich na Maighdinn Mhara. An sin shealladh e gu dùrachdach air na bearraidean a bhan lùib an inneil.

Ghluais e eadar mi agus an solus uaine. “Tha so air a dhol triullainnars esan, ’s agluasad air ais far an robh e roimhe. Mhothaich mi nach robh air fhàgail ach an solus dearg.

Leum Dunnchadh gu taobh an Fhir Ruaidh.

thachair?” dhéigh e.

Bha am Fear Ruadh asìor choimhead air an t-solus dhearg. Mu dheireadh fhreagair e, gun a shùil a leigeil bhàrr an t-soluis.

Chaidh e triullainn,” ars esan le guth an-iochdmhor. “Tha cumhachd achuain cho làidir aig an doimhneachd ud.”

Ach Stein?” arsa mise. “Am bi e ceart gu leòr?”

Be an gugh fuar puinnseanta a fhreagair a rithist. “Tha e cho marbh ri sgadan,” thubhairt e. “Phronnadh an cuideam ud ena phluisg mar gum pronnadh tu maothag eadar do dhà bhois.”

Dhfhairich mi an dìobhairt atighinn orm.

Chan eil fhiosam ciamar a thachair e,” bha am Fear Ruadh ag ràdh. “Cha ghabh e leasachadh tuilleadh. ’S fheàrr dhuinn a thoirt am bàrr na bhios ann dheth.”

Cha robh na faclan ach gann ás a bhial nuair a bha e tarraing an ultaich air ais don eathar. Thòisich e air fuasgladh achlogaid.

do bheachd air a sud?” chuala mi Donnchadh asainnseagraichnam chluais.

Tha amharus math agam,” fhreagair mi, “nam burrainn dhomh a dhearbhadh.”

Fhads a bha mibruidhinn bha an clogad air fhuasgladh. Cha robh móran ri fhaicinn. Ach bha fàileadh na feòlas na fala làidirna mo chuinnleinnean. Dhfhairich mi mi fhéin afàs fann. Chuala mi Dunnchadh ag éigheach. “A mhortair!”

Bha mo chasan alùbadh fodham. Thainig sgleò air mo fhradharc.

Dhfhairich mi mi fhéin atoirt gothadh gu aon taobh. Bhuail mo cheann le brag air an tobhtaidh. . . . .

An uair a thàinig mi thugam fhéin bha mo bhathais gu sgàineadh. Sheall mi thugam is bhuam agus chunnaic mi Dunnchadh anorradaich ann an cathair mór ri taobh braidseal teine.

Càite bheil mi?” dhfhoighneachd mi.

Thionndaidh e timcheall. “A-stigh againne,” ars esan. “Am bheil thu ceart gu leòr a nis? Bfheàirrd thu cadal. Bfheàrr leam gu faighinn-sa cadal, fiach an caillinn mo chuimhne greiseag.”

“ ’S fheàrr dhomh falbh dhachaidhthubhairt mise.

Sin is iomchuidhe dhuit,” fhreagair esan. “Bidh Ealasaid agabhail fadachd. Tadhail am maireach.”


[210]

Bha i fuar a-muigh ach thug mi mach mo bhlàths acoiseachd cho luaths a bheireadh mo chasan mi. Mu dheireadh, fhuair mi mi fhéin aig dorus an tighe, acur na h-iuchrach air mo loman shocair an toll na glaise.

Bha dorus an t-seòmair chadail sraointe fosgailte. Mhothaich mi cuideachd gu robh an solus laiste. Chaidh mi steach air mo chorra-biod, mar ghadaiche na h-oidhche. Bha Ealasaidna suain chadail, a làmh a-mach air uachdar achuibhrige agus Gairm air tuiteam ás a corragan. Thog mi e agus thug mi sùil gu bha i leughadh. “Am Putan Dearg,” chunnaic mi. Smaoinich mi a rithis air an t-solus dhearg agus air an t-solus uaine, agus an sin air an t-solus dheargna ònrachd. Deargcunnart. Da-rìreadh! Bha an tuaineal atilleadhnam cheann a rithis.

Thionndaidh mi na duilleagan mar gum biodh duine coimhead airson ruds gun fhios aige bhann.

Bàs anns aBhuaile,” chunnaic mi air an duilleig. “Seadh, bàs,” shaoil mi, “nam faiceadh iad am bàs a chunnaic mise nach ann aca bhiodh an aisnis.”

Sheall mi air Ealasaid. Bha ina suain chadail. Bu cheacharra dhomh a dùsgadh.

title“An t-eagal ... an t-eudach ...”
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Iain Mac a’ Phearsain in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page